£700,000 airson foghlam tron Gàidhlig

Maoineachadh airson leasachaidhean sgoile.

Chaidh maoineachadh a bharrachd airson goireasan a leasachadh san dà sgoil Ghàidhlig ann an Glaschu a chur an cèill leis an Leas Phrìomh Mhinistear agus Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean, John Swinney.

Cleachdaidh Bun-sgoil Ghàidhlig Ghleann Dail agus Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu an £700,000 a bharrachd airson na h-àrainneachd ionnsachaidh a leasachadh airson daoine òga sna bun-chuspairean mar Eòlas Corporra, STEM (Saidheans, Teicneòlas, Einnseanaireachd is Matamataig) agus ICT (teicneòlas fiosrachaidh is conaltraidh), a nì cinnteach gu bheil foghlam Gàidhlig a’ toirt seachad eòlas slàn thairis air a’ churraicealaim.

Thèid an t-airgead cuideachd a chleachdadh airson goireasan sgoile a leasachadh gus iarrtas nas motha airson àiteachan-sgoile a choileanadh.

Bhon a chaidh am Maoin Chalpa airson Sgoiltean Gàidhlig a stèidheachadh ann an 2008 tha an àireamh de dhaoine òga ann am foghlam tron Ghàidhlig air fàs 32%.

Thuirt Mgr Swinney:

“’S e fìor dheagh naidheachd a th’ ann gu bheil an àireamh de dhaoine òga ann am foghlam tron Ghàidhlig a’ fàs. Tha mi toilichte am maoineachadh de £700,000 a thoirt seachad dhan dà sgoil Ghàidhlig an Glaschu, chan ann a-mhàin airson goireasan a leasachadh airson luchd-ionnsachaidh a th’ ann an-dràsta, ach airson dèiligeadh ri iarrtas airson àiteachan a tha sìor fhàs.

“Tha a’ Ghàidhlig na pàirt bunaiteach de dhualchas na h-Alba agus tha sinn ag aithneachadh an luach làidir cultarail, eaconomach agus sòisealta a tha an cànan a’ toirt dha ar dùthaich air fad.

“’S ann airson seo a tha dealas aig an Riaghaltas seo gus cleachdadh na Gàidhlig àrdachadh, agus gum bi i ri faicinn nas trice, airson bi i seasmhach san àm ri teachd.”

Thuirt Bàillidh Liz Chamshron, Àrd-bhall airson Clann, Daoine Òga agus Ionnsachadh Fad-bheatha bho Chomhairle Baile Ghlaschu:

“Leis an àireamh as motha ann am Foghlam tron Ghàidhlig taobh a-muigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, tha sinn air leth toilichte maoineachadh fhaighinn airson taic a chur ris an dealas a th’ aig a’ Chomhairle airson na Gàidhlig. Bheir e dhuinn an cothrom goireasan agus co-theacsa ionnsachaidh na Gàidhlig a leasachadh airson ar daoine òga, agus cuideachd an cothrom iarrtas airson foghlam tron Ghàidhlig a tha sìor-fhàs a choileanadh.”

Notes to editors

Tha an àireamh de dhaoine òga ann am foghlam tron Ghàidhlig air èiridh bho 2,766 ann an 2008 gu 3,660 ann an 2015.

Contact

Media enquiries

Back to top