Maoineachadh airson Foghlam Gàidhlig
£2 millean airson bun-sgoil Ghàidhlig ùr.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ dol a thoirt seachad £2 millean de thaic-airgid calpa airson a’ cheathramh bun-sgoil Ghàidhlig ann an Glaschu.
Thèid an sgoil ùr, a tha buailteach a bhith ann an ear-thuath a’ bhaile, a thogail airson iarrtas airson foghlam tron Ghàidhlig a choileanadh.
Dh’ainmich Leas Phrìomh Mhinistear John Swinney an taic-airgid agus e a’ fosgladh an 116mh Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an Glaschu. Canaidh Mgr Swinney:
“Tha foghlam tron Ghàidhlig an teis-mheadhain ar n-oidhirpean airson taic a thoirt dhan chànan agus feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil ceanglaichean làidir ann cuideachd ri Gàidhlig san dachaigh, sa choimhearsnachd agus san àite-obrach.
“Tha sinn airson gum faigh a h-uile duine a tha airson Gàidhlig ionnsachadh agus a chleachadh an cothrom seo a dhèanamh, agus tha mi a’ creidsinn gu bheil sinn aig ceann-rathaid deatamach airson foghlam Gàidhlig ann an Alba a bhrosnachadh.
“Thairis air na 20 bliadhna bhon a dh’fhosgail a’ chiad bun-sgoil Ghàidhlig, tha luach sònraichte air a bhith air foghlam Gàidhlig le clann, pàrantan agus luchd-cùraim. Gun teagamh, leigidh Bun-sgoil Ghàidhlig ùr ann an Glaschu le barrachd chloinne an cothrom fhaighinn air na buannachdan a thig an cois an t-seòrsa foghlaim seo.”
Thuirt Comhairliche Chris Cunningham, Neach-gairm sa Bhaile airson Foghlam, Sgilean agus Tràth-bhliadhnaichean:
“Cha robh ùidh cho mòr riamh ann am Foghlam tron Ghàidhlig sa bhaile agus tha an t-iarrtas seo mar theisteanas air an dealas a th’ aig a’ chomhairle airson cànan agus cultar na Gàidhlig a ghlèidheadh agus a chur air adhart.
“Tha barrachd is barrachd phàrantan – aig a bheil Gàidhlig no aig nach eil – a’ taghadh FtG airson an cuid cloinne agus òigridh agus na buannachdan a tha seo a’ toirt dha ionnsachadh pàiste.
“Tha sinn moiteil gun urrainn dhuinn a-nis – le taic bho Riaghaltas na h-Alba – bruidhinn ri teaghlaich air feadh a’ bhaile mu dheidhinn ar ceathramh bun-sgoil airson na h-iarrtais airson FtG, a tha sìor fhàs, a choileanadh.
Tha còmhraidhean air a bhith againn le buidhnean pàrant airson bliadhna no dhà, agus thèid co-chomhairleachaidh fhoirmeil a chuir air bhog airson luchd-ùidhe air fad am beachdan a chuir thugainn ro dheireadh na bliadhna-sa.”
There is a problem
Thanks for your feedback