Maoineachadh airson ionad Gàidhlig
40 obair ùr an dùil bhon phròiseact
Chaidh £1 millean a thoirt seachd do dh’ionad airson ceòl, cultar agus dualchas na Gàidhlig a tha air a dhealbh ann an Uibhist a Deas.
Gheibh pròiseact Cnoc Soilleir, a chosgas £7 millean, am maoineachadh bho Phlana Calpa Gàidhlig aig Riaghaltas na h-Alba agus thathar an dùil gun cruthaich e mu 40 obair ùr.
Cuiridh Cnoc Soilleir ri fàs ris a’ ghnìomhachd coimhearsnachd aig Ceòlas Uibhist, stèidhichte air ionnsachadh na Gàidhlig, ceòl agus dannsa, a bharrachd air na cùrsaichean ciùil aig Colaiste a’ Chaisteil OGE. Thèid cùrsaichean a bharrachd san raon cruthachail a thabhairt airson barrachd oileanaich a thoirt a-steach.
Stèidhichte ann an 1996, tha Ceòlas Uibhist air fàs bho sgoil airson ceòl agus dannsa a mhair seachdain, a bhith na fhear de na prìomh bhuidhnean ann an Alba airson cultar, dualchas agus ealan na Gàidhlig.
Thuirt Leas Phrìomh Mhinistear agus Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean, John Swinney:
“Tha a’ Ghàidhlig na pàirt cudromach de dhearbh-aithne na h-Alba agus tha an Riaghaltas seo a’ gealltainn gun toir sinn taic do phròiseactan mar Cnoc Soilleir, airson seasmhachd cànan agus cultar na Gàidhlig a dhìon san àm ri teachd.
“Tha mi fìor thoilichte gun urrainn dhuinn airgead a thoirt don phròiseact seo, airson gun tog sinn na h-àireamhan a tha a’ bruidhinn, ag ionnsachadh agus a’ cleachdadh na Gàidhlig, agus a chuireas luach ri coimhearsnachd beòthail ann an Uibhist le bhith a’ cruthachadh 40 obair agus ag àrdachadh àireamh nan oileanach.”
Thuirt cathraiche Ceòlas, Màiri T NicAonghais:
“Mar phrìomh chom-pàirtiche san ìre seo den phròiseact Cnoc Soilleir, tha Ceòlas a’ cur fàilte chridheil air an tabhartas susbainteach chun na h-Ionad. Ann an Uibhist a Deas, tha a’ Ghàidhlig na pàirt den dòigh-beatha – gu tric na cànan na h-àite-obrach, na dachaigh agus ann an suidheachaidhean sòisealta far a bheil a’ choimhearsnachd a’ tighinn còmhla.
“’S e ceum nàdarra a th’ ann airson Ceòlas a bhith a’ dol air adhart stèidhichte air dualchas cultarail Uibhist. Bidh an dealas a th’ aig Riaghaltas na h-Alba air leth cuideachail airson am maoineachadh eile a tha a dhìth.”
Thuirt àrd-oifigear obrachaidh agus rùnaire Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, Fiona Larg:
“’S e ceum air adhart cudromach a tha seo ann an leasachadh a’ phròiseact, agus tha sinn a’ cur fàilte air an naidheachd seo. Bheir e dhuinn an cothrom planaichean mionaideach a thoirt air adhart agus sinn a’ feitheamh air co-dhùnaidhean mu dheidhinn maoineachadh eile.”
Cùl-fhiosrachaidh
Tha Ceòlas Uibhist agus Colaiste a’ Chaisteil OGE, pàirt de dh’Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, a’ co-obrachadh air a’ phròiseact, a’ chiad com-pàirteachas den t-seòrsa seo eadar ionad foghlaim adhartach agus àrd-ìre agus buidheann coimhearsnachd.
There is a problem
Thanks for your feedback