Aithris Bhliadhnail air Plana Nàiseanta nan Eilean 2023

Gaelic version of the National Islands Plan annual report 2023


Facal-tòiseachaidh Ministreil

Tha mi toilichte Aithisg Bhliadhnail Plana Nàiseanta nan Eilean airson 2023 fhoillseachadh. Tha e a’ toirt sealladh iomlanach air an obair a rinneadh thar Riaghaltas na h-Alba, ar buidhnean-gnìomha agus ar com-pàirtichean lìbhrigidh gus Plana Nàiseanta nan Eilean a chur an gnìomh.

Mar a tha an aithisg seo a’ sealltainn agus mar a bhios mi daonnan a’ daingneachadh, tha na h-eileanan againn a’ cur ri comann-sòisealta, cultar agus eaconamaidh na h-Alba ann an dòigh air leth cudromach. Tha coimhearsnachdan eileanach misneachail agus beothail aig cridhe lèirsinn an riaghaltais againn airson Alba mar dhùthaich air leth soirbheachail airson a bhith a’ fuireach, ag obair, ag ionnsachadh, a’ tadhal no a bhith an sàs ann an gnìomhachas.

Bho fhuasglaidhean lùths uaine agus roinn an fhànais, gu dèanamh bìdh is dighe agus gnìomhachasan na mara, tha na h-eileanan againn air thùs ùr-ghnàthachaidh agus iad fhathast dìleas dhan dualchas is traidiseanan beairteach aca. Tha am measgachadh ùr-ghnàthach seo, cho math ris na cruthan-tìre air leth aca, a’ cur ri cho tarraingeach ’s a tha iad mar chinn-uidhe turasachd aig ìre na cruinne

Ach, mar a chuala mi gu soilleir bho riochdairean òga aig a’ chiad Phàrlamaid Òigridh Dùthchail is Eileanach Albannach san t-Samhain 2023, tha coimhearsnachdan eileanach fhathast a’ toirt aghaidh air grunn dhùbhlain eadar-cheangailte nach beag. Agus ma choimheadas sinn air na bliadhnaichean bho chaidh fhoillseachadh ann an 2019, bha aig Plana Nàiseanta nan Eilean ri dèiligeadh ri sreath de shuidheachaidhean èiginn - galar lèir-sgaoilte COVID-19, na bacaidhean a chaidh a chur an sàs mar thoradh air Brexit nach robhar ag iarraidh, prìsean lùths agus biadh a’ sìor fhàs, agus an cunnart leantainneach bho atharrachadh na gnàth-shìde.

Tha mòran de na dùbhlain sin gu sònraichte dona do dh’eileanaich, ach cumaidh Riaghaltas na h-Alba air ag obair gu cruaidh còmhla riutha gus piseach a thoirt air beatha nan daoine a tha a’ roghnachadh an dachaigh a dhèanamh ann an eileanan na h-Alba.

Tha cuideaman eaconamach mòra fhathast mu choinneamh theaghlaichean agus ghnìomhachasan air feadh nan eilean againn. Tha Riaghaltas na h-Alba a’ dèanamh nas urrainn taobh a-staigh nan cumhachdan cuibhrichte againn, gus dèanamh cinnteach gum faigh eileanaich an taic a tha a dhìth orra. Bhon Dùbhlachd 2022, tha sinn air £2.4 millean a thoirt seachad tro Mhaoin Èiginn Cosgaisean nan Eilean gus taic a thoirt do cheumannan susbainteach leithid eàrlasan dealain, solar bìdh agus iomairtean bìdh ionadail. Ann an 2024-2025, bidh sinn cuideachd a’ tabhann faochadh 100% ùr do ghnìomhachasan aoigheachd a tha suidhichte sna h-eileanan.

Tha cuid de choimhearsnachdan eileanach cuideachd a’ dèiligeadh ri dùbhlain iom-fhillte a thaobh taigheadais. Anns an Dàmhair 2023, dh’fhoillsich sinn Plana Gnìomh Taigheadais Dùthchail is Eileanach ùr a tha ag aithneachadh gun urrainn buaidh chumhachdach agus eadar-ghinealach a bhith aig taigheadas, a’ cumail taic ri daoine gus na dachaighean fhaighinn a tha a dhìth orra agus a’ toirt cothrom do dhaoine òga fuireach anns na coimhearsnachdan anns an do thogadh iad. Tha am plana a’ toirt taic dhan targaid againn 110,000 dachaigh a lìbhrigeadh air prìs ruigsinneach ro 2032, le co-dhiù 10% air an lìbhrigeadh ann an sgìrean dùthchail agus eileanach.

Tha ceanglaichean còmhdhail seasmhach agus air prìs reusanta a cheart cho deatamach ann a bhith a’ cumail taic ri beatha sheasmhach nan eilean. Gus taic a chumail ri daoine agus gnìomhachasan nar coimhearsnachdan eileanach, chaidh faraidhean aiseig a reòthadh air lìonraidhean nan Eilean a Tuath agus Chluaidh is Innse Gall gu deireadh a’ Mhàirt 2024. Na bu thràithe am-bliadhna, chuir sinn co-chomhairleachadh poblach air bhog gus Plana Ceangailteachd nan Eileanan againn a tha ri thighinn fhiosrachadh agus bhrosnaichinn eileanaich am beachdan agus a thoirt dhuinn.

Choilean Plana Gnìomh Dèiligeadh ri Crìonadh-sluaigh sa Ghearran am-bliadhna fear de na gealltanasan a rinneadh ann am Plana Nàiseanta nan Eilean. Tha liosta de ghnìomhan susbainteach anns an sgrìobhainn agus stèidhich i maoin ùr gus spionnadh às ùr a thoirt do dh’oidhirpean Riaghaltas na h-Alba gus dèiligeadh ri dùbhlain deamografach. Ged a tha coimhearsnachdan air feadh na h-Alba a’ fulang bho seo, tha iad a’ toirt buaidh gu sònraichte dona air eileanan.

Ag obair còmhla ri ùghdarrasan ionadail, tha Prògram nan Eilean againn a’ cuideachadh le lìbhrigeadh nan amasan ro-innleachdail a tha air an comharrachadh ann am Plana Nàiseanta nan Eilean. Ann an 2023-2024, thasgaich sinn £4 millean a bharrachd gus taic a chumail ri bun-structair eileanach ro-chudromach a tha a rèir feumalachdan agus miannan ionadail. Chaidh maoineachadh a thoirt do 13 pròiseactan uile gu lèir thairis air a’ bhliadhna a dh’fhalbh, a’ gabhail a-steach ionad ath-chuairteachaidh ann an Sealtainn, ùrachadh ghoireasan dachaigh-cùraim ann an Tiriodh, uidheamachd ùr airson àrainn Steòrnabhaigh Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus leasachadh air toglaichean puirt-adhair aig cuid de na h-eileanan a-muigh ann an Arcaibh.

Ged a tha atharrachadh na gnàth-shìde a’ toirt buaidh gu sònraichte dona air coimhearsnachdan eileanach, tha coimhearsnachdan eileanach a’ dearbhadh gu bheil gearradh eimiseanan agus a’ togail ath-leumachd na chothrom. Ann an 2023, lean Riaghaltas na h-Alba air le a thaic do phròiseact nan Eileanan le Cothromachadh Carboin, ag obair le sia eileanan (Yell, Hoy, Ratharsair, Barraigh, Ìle agus Cumaradh Mòr) gus cothromachadh carboin a bhith aca ro 2040. Bha e na thoileachas dhomh san Ògmhios an-uiridh sia Planaichean Gnìomha Coimhearsnachd airson Atharrachadh Gnàth-shìde fhoillseachadh a chaidh a chruthachadh mar thoradh air conaltradh farsaing leis a’ choimhearsnachd anns gach eilean. Sa bhliadhna mu dheireadh, tha na sia eileanan air pròiseactan gnàth-shìde a chur air dòigh, bho ath chur choilltean agus cur ri èifeachdas lùths ann an togalaichean coimhearsnachd, gu tèarainteachd bìdh. Tha sinn a-nis aig ìre chudromach anns a’ phròiseact, far an tòisich sinn air leasanan a chaidh ionnsachadh a cho-roinn le eileanan eile agus, far a bheil e iomchaidh, le coimhearsnachdan air tìr-mòr.

Tha co-lìbhrigeadh agus conaltradh farsaing le coimhearsnachdan ionadail aig cridhe ar dòigh-obrach a thaobh poileasaidh eileanach. Eadar an t-Iuchar agus an t-Samhain 2023, rinn sinn co-chomhairleachadh poblach air Plana Nàiseanta nan Eilean gus beachdan fhaighinn bho luchd-ùidh agus gus ath-sgrùdadh air a bhuileachadh fhiosrachadh. Bha sinn airson ‘s gum biodh a’ cho-chomhairle cho ruigsinneach ’s a ghabhadh do dh’eileanaich. Air an adhbhar seo, a bharrachd air a bhith a’ brosnachadh fhreagairtean tro làrach-lìn shònraichte, chùm sinn sreath de bhùthan-obrach aghaidh ri aghaidh agus air-loidhne, gus am biodh cothrom nas eadar-obrachaile aig daoine gus am beachdan a thoirt seachad. Tha sinn a-nis a’ dèanamh anailis air an fhios air ais a fhuair sinn agus foillsichidh sinn làn aithisg a dh’aithghearr.

San àm ri teachd, cumaidh Riaghaltas na h-Alba air ag èisteachd ri eileanach agus a’ co-obrachadh le coimhearsnachdan gus na poileasaidhean agus na tasgaidhean as èifeachdaiche a lìbhrigeadh. Còmhla, is urrainn dhuinn dèanamh cinnteach gun soirbhich leis na h-eileanan againn agus gun coilean iad na miannan aca, a’ co-roinn an cuid eòlais agus sàr-mhathais le com-pàirtichean aig an taigh agus gu h-eadar-nàiseanta le chèile gus leantainn air adhart a’ brosnachadh atharrachadh adhartach fad is farsaing.

Màiri Gougeon
Rùnaire a’ Chaibineit airson Chùisean Dùthchail, Ath-leasachadh Fearainn agus Eileanan

Contact

Email: info@islandsteam.scot

Back to top