Aithris Bhliadhnail air Plana Nàiseanta nan Eilean 2023

Gaelic version of the National Islands Plan annual report 2023


Slàinte is Cùram Sòisealta agus Sunnd

Amas ro-innleachdail 7 – thoir piseach air agus brosnaich slàinte agus sunnd

Gealltanas 7.1 Obraich le Bùird Seirbheis na Slàinte, Ùghdarrasan Ionadail agus Com-pàirteachasan Slàinte is Cùram Sòisealta gus dèanamh cinnteach gu bheil seirbheisean slàinte agus cùram sòisealta ann dhaibhsan sna h-eileanan

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

Tha eileanan uile na h-Alba ceangailte ri Ùghdarrasan Amalachaidh a tha a’ frithealadh feumalachdan sònraichte nan coimhearsnachdan eileanach sin. Cumaidh Co-bhùird Amalachaidh orra ag obair gu dlùth le Com-pàirteachasan Slàinte is Cùram Sòisealta gus dèanamh cinnteach gun tèid an suidheachadh sònraichte aig gach eilean aithneachadh. Tha Riaghaltas na h-Alba cuideachd air plana lìbhrigidh Còmhdhail gu Slàinte a chruthachadh.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag aithneachadh nan dùbhlan sònraichte a tha mu choinneamh choimhearsnachdan eileanach agus thar na bliadhna mu dheireadh de lìbhrigeadh Plana Nàiseanta nan Eilean tha sinn air a bhith dealasach a thaobh a bhith a’ toirt taic do, agus a’ leasachadh Bun-chùram dùthchail.

Tràth ann an 2023, dh’ullaich Riaghaltas na h-Alba Plana Lìbhrigidh Còmhdhail gu Slàinte a tha a’ mìneachadh nan gnìomhan àrd-ìre le fòcas air ruigsinneachd air cùram-slàinte, le gealltanasan tarsainn air obair Slàinte is Cùram Sòisealta agus Còmhdhail Alba. Tha gnìomhan maoineachaidh a’ gabhail a-steach dealas leantainneach a thaobh Barantas Teachd-a-steach is Cosgaisean airson Dotairean Teaghlaich. Thaisgich sinn £23 millean a bharrachd gus dèanamh cinnteach nach bhiodh lùghdachadh sam bith aig gin de na h-ionadan slàinte air an teachd a-steach aca.

Chùm sinn oirnn cuideachd a’ maoineachadh Bùird Eileanach gus taic a chumail ri buileachadh Planaichean Leasachaidh Bun-chùram a bharrachd air maoineachadh dhan charthannas BASICS (British Association of Immediate Care) gus trèanadh agus taic cùram èiginneach ro-ospadal a lìbhrigeadh, goireas ro-chudromach do luchd-obrach meidigeach a tha ag obair ann an sgìrean dùthchail. Chaidh maoineachadh a thoirt do NHS na Gàidhealtachd gus taic a chumail ri lìbhrigeadh cùram èiginneach ro-ospadal ann an Earra-Ghàidheal is Bòd.

Tha sinn cuideachd air taic a thoirt do dh’ionadan slàinte a bhios a’ toirt a-mach chungaidhean leighis, goireas fìor chudromach ann an sgìrean dùthchail. Chaidh Mion-rannsachaidh air Toirt a-mach Cungaidhean Leighis a chur air dòigh ann an 2022 agus chaidh buidheann-obrach a stèidheachadh gus na molaidhean a thoirt air adhart. Tha a’ chiad mholadh a bhith a’ cruthachadh ghoireasan teagaisg dhan fheadhainn a bhios a’ toirt a-mach chungaidhean leighis na dheagh eisimpleir de dh’obair an Ionaid Nàiseanta.

Misean Nàiseanta nan Drogaichean

Ann an 2023, bha sinn lethach slighe tron Mhisean Nàiseanta còig-bliadhna air Drogaichean a tha ag amas air bàsan a lùghdachadh agus air piseach a thoirt air beatha le bhith a’ lùghdachadh cron, a’ brosnachadh ath-shlànachadh, agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil a t-seòrsa leigheas agus ath-shlànachadh ann aig an àm cheart. cho fad ’s a tha feum air seo air feadh na h-Alba.

Am-bliadhna tha gluasad air a bhith ann an lìbhrigeadh a’ mhisein bho bhith a’ suidheachadh bhunaitean a dh’ionnsaigh buileachadh seasmhach agus lìbhrigeadh cuid de phrìomh phrògraman mar a chaidh aithris ann am Misean Nàiseanta air Drogaichean: aithisg bhliadhnail 2022-2023.

Tha suirbhidh bliadhnail Com-pàirteachas Deoch Làidir is Drogaichean na h-Alba (ADP) a’ toirt seachad fiosrachadh mun ghnìomhachd a tha gach Com-pàirteachas Deoch Làidir is Drogaichean (ADP) a’ dèanamh agus a’ toirt fianais air adhartas a’ Mhisean Nàiseanta. Tha an gealltanas gus £250 millean de mhaoineachadh a bharrachd a thoirt seachad tro bheatha na Pàrlamaid seo gus an àireamh de bhàsan co-cheangailte ri drogaichean ann an Alba a lùghdachadh, agus gus piseach a thoirt air beatha dhaoine air leantainn agus tha seo air a dhol gu dìreach gu sgìrean ionadail tro Chom-pàirteachasan Deoch Làidir is Dhrogaichean ionadail.

Tro bhliadhna a’ mhìosachain 2023, tha Bùird Eileanach air mu £1.7 millean de thasgadh fhaighinn eatorra, gus taic a chumail ri seirbheisean deoch-làidir is dhrogaichean a’ gabhail a-steach buileachadh nan Inbhean Làimhseachaidh le Cuideachadh bho Chungaidh-leigheis (MAT), Ath-ghnàthachadh Còmhnaidh agus Pannalan Eòlas Beatha. Bidh Bunait Corra a’ rianachd airgead às leth Riaghaltas na h-Alba gus taic a thoirt do Mhisean Nàiseanta nan Drogaichean, tha Aithisg Maoinean Misean Nàiseanta Dhrogaichean 2021-2023 a’ soilleireachadh builean, adhartas, dùbhlain agus soirbheachas nam pròiseactan. Fhuair còig pròiseactan anns na h-eileanan taic-airgid luach £324,000 ann an 2023-2024.

Gealltanas 7.2 Comharraich agus brosnaich deagh chleachdadh, gu sònraichte a thaobh leasachadh sheirbheisean ann an eileanan agus sgìrean iomallach eile.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

Bho 2018, tha sinn air a bhith a’ lìbhrigeadh prògram ùr-ghnàthach ScotGem – a’ chiad prògram bhun-ìre Ceumnaiche ann an Leigheas - ann an com-pàirteachas le Oilthighean Chill Rìmhinn agus Dhùn Dè. Tha fòcas aig ScotGem air dotairean teaghlaich agus obair dhùthchail. Tha sinn cuideachd air ar Bursaraidh Trèanadh Speisealachaidh do Dhotairean Teaghlaich luach £20,000 a lìbhrigeadh (ris an canar uaireannan Sgeama Fastadh Leasaichte Targaidte - Targeted Enhanced Recruitment Scheme ‘TERS’), a bhios a’ brosnachadh trèanadh ann an àiteachan far a bheil e doirbh dotairean fhaighinn, gu tric ann an àiteachan dùthchail. A bharrachd air sin, tha sinn a’ cumail oirnn a’ lìbhrigeadh ar caidreachas dùthchail àbhaisteach do Dhotairean Teaghlaich, a’ toirt seachad trèanadh agus taic a bharrachd do dhotairean teaghlaich a tha ag iarraidh barrachd eòlais air a bhith ag obair ann an suidheachadh dùthchail.

Chaidh teisteanas ann an slàinte dhùthchail (cùram neo-sgeidealaichte agus èiginneach) a chruthachadh le Foghlam NHS na h-Alba agus chaidh e an uair sin aontachadh leis a’ Chomhairle Mheidigeach Choitcheann (GMC). Chaidh an teisteanas seo a chur ri làrach-lìn an GMC a-nis agus tha obair a’ dol air adhart gus gluasad dhan ìre lìbhrigidh.

A’ neartachadh comas-lìbhrigidh an luchd-obrach

Tha grunn cheumannan an gnìomh gus taic a chumail ri bhith a’ fastadh agus a’ cumail luchd-obrach taobh a-staigh nan sgìrean eileanach againn. Tha Cuibhreann Eileanan Iomallach na h-Alba na phàigheadh neo-pheinnseanachaidh pàighte do Luchd-obrach NHS a tha ag obair ann an eileanan. Thèid a phàigheadh gus cuideachadh le cosgaisean siubhail gu tìr-mòr agus air ais agus tha e na dhòigh gus daoine a bhrosnachadh gus obair a ghabhail anns na coimhearsnachdan sin. Tha an cuibhreann air àrdachadh a rèir àrdachadh pàighidh AfC gach bliadhna. Èifeachdach bhon Ghiblean 2023, is e a luach (gach bliadhna):

  • £2,256 airson Sealtainn
  • £1,504 airson Arcaibh
  • £1,279 do na h-Eileanan Siar, Tiriodh, Diùra, Ìle, Colla agus Colbhasa.

Tha comas aig bùird NHS (a rèir riaghailt HMRC) gus cosgaisean imrich a phàigheadh air ais. Seo ceum as urrainn do Bhùird cleachdadh gus daoine a bhrosnachadh gus imrich bho àiteachan eile san RA. ’S ann a tha e an urra ri Bùird fa leth co-dhùnadh a bheil iad airson cosgaisean gluasad a thairgsinn.

Tha am pàigheadh Suim Fàilte de £10,000 a’ brosnachadh Dotairean Teaghlaich gu bhith a’ gabhail dreuchdan ion-roghnach ann an ionadan slàinte dùthchail, agus tha sgeama Rediscover the Joy do Dhotairean Teaghlaich – a tha a’ ruith an-dràsta ann an Sealtainn, Arcaibh, na h-Eileanan Siar agus sgìre Comhairle na Gàidhealtachd – a’ toirt taic do dhotairean teaghlaich ann an ionadan le trioblaidean a thaobh seasmhachd.

Tha a’ Bhuidheann-obrach Glèidhidh Dotairean Teaghlaich againn an-dràsta a’ beachdachadh air cùisean glèidhidh agus dh’fhaodadh iad atharraichean a mholadh san dòigh-obrach nàiseanta. Tha sinn an dùil gum bi seo a’ gabhail a-steach iomairtean glèidhidh sònraichte airson dotairean teaghlaich ann an sgìrean dùthchail.

Tha sinn a’ cumail oirnn a’ tasgadh ann an slighean foghlaim is trèanaidh do dhaoine fa leth a tha airson fuireach agus obair ann an sgìrean dùthchail.

Tha an t-Oilthigh Fhosgailte a’ toirt slighe do luchd-obrach taic cùram slàinte na h-Alba gus trèanadh fhaighinn mar nursaichean clàraichte agus iad fhathast san sgioba-obrach ann an sgìre a’ Bhùird ionadail aca.

Anns an Fhaoilleach 2024, tòisichidh an treas buidheann de dh’oileanaich bho air feadh na h-Alba air prògram ionnsachaidh banas-glùine nas giorra air astar aig Oilthigh Napier Dhùn Èideann. Tha am prògram seo a’ toirt cothrom do dhaoine a tha nam banaltraman inbheach mar-thà làn theisteanas fhaighinn mar mhnathan-glùine ann an dìreach 20 mìosan. Cumaidh iad orra ag obair sna sgìrean dachaigheil aca tro àm seo, a’ gabhail a-steach Bùird Slàinte ann an ceann a tuath na h-Alba.

Anns an Ro-innleachd Sgioba-obrach Nàiseanta airson Slàinte is Cùram Sòisealta, a chaidh fhoillseachadh sa Mhàrt 2022, gheall sinn Ro-innleachd Trusaidh Luchd-obrach Dùthchail a chruthachadh ro dheireadh 2024. Bidh an ro-innleachd seo na fhrèam a bheir taic do luchd-fastaidh gus dèanamh cinnteach gu bheilear a’ coileanadh feumalachdan slàinte is cùram sòisealta nan daoine a tha a’ fuireach sna coimhearsnachdan dùthchail againn le bhith a’ toirt taic do bhùird slàinte agus fastaichean cùram sòisealta anns na coimhearsnachdan sin gus luchd-obrach fhastadh agus a chumail.

Faic gealltanas 7.4 airson fiosrachadh mun Ionad Nàiseanta airson Slàinte is Cùram Iomallach is Dùthchail,

Gealltanas 7.3 Cùm taic ri leudachadh NHS Near Me agus iomairtean slàinte didseatach eile, gus siubhal nach eil a dhìth a lùghdachadh, agus gus an tèid barrachd cùraim a thoirt seachad anns na h-eileanan.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Thèid NHS Near Me a chleachdadh fhathast gus barrachd sùbailteachd a thoirt seachad, agus cuideachd gus taic a thoirt do dh’obair air astar, a’ lùghdachadh an fheum air siubhal agus a’ brosnachadh barrachd ruigsinneachd air seirbheisean sònraichte.
  • Tha obair solarachaidh air fuasgladh didseatach ‘Aon Turas a-mhàin do dh’Alba’ airson foghlam agus rianachd tinneas an t-siùcair seòrsa 2 leantainneach agus tha e na phàirt de dh’obair cruth-atharrachadh didseatach nas fharsainge air a stiùireadh le ANIA, a bhios a’ coimhead air cùis gnìomhachais airson Fuasgladh Didseatach airson Tinneas an t-Siùcair Seòrsa 2 agus airson a bhith a’ cur bacadh air.

Cumaidh sinn oirnn a’ brosnachadh gum bu chòir roghainn agus guth a bhith aig a’ phoball a thaobh a’ chùraim a gheibh iad. Tha sin a’ ciallachadh gum bi measgachadh de roghainnean ann dhaibh.

Tha buannachdan an lùib agallamhan bhidio Near Me tro bhith a’ sàbhaladh ùine agus airgead le bhith a’ lùghdachadh feum air siubhal. Tha iad rim faighinn dhan a h-uile Bòrd Slàinte. Tha iomairtean eile gus suidheachaidhean slàinte a riaghladh a’ gabhail a-steach Connect Me airson sùil a chumail air suidheachaidhean bhon dachaigh agus tha leigheasan didseatach fhathast gan sgaoileadh air sgèile mhòr gus taic a thoirt do bharrachd dhaoine gus smachd a ghabhail air an cuid sunnd aig an taigh.

Tha cruthachadh Ionad Sàr-mhathais Dùthchail airson Slàinte is Cùram Didseatach ann am Moireibh cudromach airson a bhith a’ cur aghaidh ri cùisean slàinte is cùraim thar sgìrean dùthchail a’ gabhail a-steach a bhith a’ dèiligeadh ri feumalachdan dàta saoranaich agus a’ toirt taic do chùram stèidhichte air àite sa choimhearsnachd. Tha cothrom ann do sgìrean eileanach agus sgìrean dùthchail eile dèanamh cinnteach gun coilean seo a chomas agus gun tarraing e tasgadh agus fàs eaconamach san àm ri teachd.

Tha Plana Ro-innleachd Lìbhrigidh Slàinte is Cùram Didseatach na h-Alba) a’ cur air adhart àrd-mhiann airson seirbheisean didseatach air feadh na h-Alba le dùil ri plana ùr ann an 2024.

Gealltanas 7.4 Obraich le luchd-ùidh gus molaidhean a chur ri chèile airson ionad nàiseanta a stèidheachadh airson sàr-mhathas ann an slàinte agus cùram sòisealta ann an àiteachan dùthchail agus iomallach.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Ann am Prògram Riaghlaidh 2022 tha sinn air gealltainn gun dèan sinn cinnteach nach bi na h-eileanan agus na sgìrean dùthchail againn air dheireadh air càch agus tha sinn ag obair gus seirbheisean slàinte a leasachadh le bhith a’ cruthachadh ionad sàr-mhathais airson seirbheisean slàinte agus cùram sòisealta ann an sgìrean dùthchail agus iomallach, le obair sgòpaidh a’ tòiseachadh am-bliadhna. Thathar air a’ chùis ghnìomhachais mu dheireadh a chruthachadh.

Chaidh an t-Ionad Nàiseanta airson Slàinte is Cùram Iomallach is Dùthchail a chur air bhog san Dàmhair 2023, agus tha e ga lìbhrigeadh le Foghlam NHS na h-Alba (NES). Tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt seachad maoineachadh de £3m gu 2026.

Bha a bhith a’ cruthachadh Ionad Nàiseanta na mholadh san aithisg A’ Cumadh an Àm ri Teachd Còmhla, a chaidh fhoillseachadh le Buidheann-obrach nan Dotairean Teaghlaich Iomallach is Dùthchail san Fhaoilleach 2020. Chaidh a’ Bhuidheann, le Sir Lewis Ritchie sa chathair, a stèidheachadh gus taic a thoirt do bhuileachadh cùmhnant dotairean teaghlaich 2018 ann an sgìrean dùthchail agus eileanach. Chaidh an Aithisg fhiosrachadh le conaltradh farsaing luchd-obrach agus luchd-cleachdaidh thar choimhearsnachdan dùthchail.

Rinn an dà chuid Riaghaltas na h-Alba agus NES obair com-pàirteachadh le luchd-ùidh rè obair sgòpaidh is leasachaidh air an Ionaid agus cumaidh NES air leis an obair com-pàirteachais sin fhad ‘s a bhios an t-Ionad a’ lìbhrigeadh a chuid obrach.

Chaidh an t-Ionad a stèidheachadh mar Dhearbhadh air a’ Bhun-bheachd le fòcas tùsail air bun-chùram. Thathar an dùil fuasglaidhean innleachdach dùthchail is eileanach agus modailean lìbhrigidh a chruthachadh tro cheithir sruthan-obrach le fòcas dùthchail is eileanach sònraichte. Is iad sin Foghlam is Trèanadh, Fastadh is Glèidheadh, Rannsachadh is Luachadh, agus Ceannardas is Cleachdadh as Fheàrr.

Bidh an t-Ionad na ghoireas a chumas taic ri Bùird Slàinte agus Com-pàirteachasan Slàinte is Cùram Sòisealta leis na dleastanasan aca agus a nì leasachaidhean ann an seasmhachd, agus a bhios cuideachd a’ cur ris a’ chomas airson lìbhrigeadh seirbheisean bun-chùram agus cùram coimhearsnachd.

Gealltanas 7.5 Obraich le luchd-ùidh gus dèanamh cinnteach gun ullaich sinn plana gus taic iomchaidh a thoirt dhan t-sluagh a tha a’ fàs nas sine ann an coimhearsnachdan eileanach, gus am bi iad fhathast gnìomhach, ceangailte, a’ gabhail pàirt ann an cùisean, agus gum bi deagh chothroman aca;

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Bidh Ùghdarrasan Amalachaidh a’ leantainn orra ag obair gu dlùth leis na coimhearsnachdan aca gus planaichean ro-innleachdail ullachadh airson nan seirbheisean slàinte is cùram-sòisealta as fhreagarraiche do dh’fheumalachdan sònraichte nan coimhearsnachdan a lìbhrigeadh.

Tha Ùghdarrasan Amalachaidh air leantainn orra ag obair gu dlùth leis na coimhearsnachdan aca gus planaichean ro-innleachdail ullachadh airson nan seirbheisean slàinte is cùram-sòisealta as freagarraiche do dh’fheumalachdan sònraichte nan coimhearsnachdan a lìbhrigeadh.

Prògram nan Eilean – Ionad Cùram Coimhearsnachd Thiriodh

Thug sinn suas ri £450,000 do Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid tro Phrògram nan Eilean 2023-2024 airson pròiseact Co-ionad Cùram Coimhearsnachd Thiriodh, le fòcas air ùrachadh agus ath-dhealbhadh Dachaigh-chùraim Tigh a Rudha. Tha am pròiseact seo ag amas air dèiligeadh nas fheàrr ri feumalachdan cùraim san latha an-diugh agus san àm ri teachd, a’ cumail taic ri planaichean fàs sluaigh. Nithear co-ionad sùbailte ùr-nodha de Thigh a Rudha le àiteachan-fuirich do phrìomh luchd-obrach, goireasan cùraim, agus leapannan aig dotairean teaghlaich.

Gealltanas 7.6 Cùm taic ri ùghdarrasan ionadail iomchaidh gus goireasan spòrs a dhealbhadh agus a leasachadh anns na h-eileanan a tha a rèir feumalachdan nan coimhearsnachdan.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Cumaidh spòrsalba air le conaltradh ro-innleachdail le ùghdarrasan ionadail (tro na pròiseasan planaidh calpa aca) agus le coimhearsnachdan nan Eilean a thaobh cothroman gus solar ghoireasan ionadail nas fheàrr a lìbhrigeadh airson spòrs is gnìomhachd chorporra.
  • Tha spòrsalba agus Sgioba nan Eilean aig Riaghaltas na h-Alba a’ leantainn air adhart a’ còmhradh ri Comhairle Arcaibh a thaobh tasgadh ann an goireasan ro-innleachdail a lìbhrigeas goireasan ionadail nas fheàrr mar phàirt den ullachadh airson Geamannan nan Eilean ann an Arcaibh 2025 agus nas fhaide air adhart.

Tha spòrsalba, a’ bhuidheann nàiseanta againn airson spòrs, a’ cumail air a’ conaltradh gu ro-innleachdail le ùghdarrasan ionadail agus coimhearsnachdan eileanach gus cothroman a chomharrachadh gus solar ghoireasan ionadail nas fheàrr a lìbhrigeadh airson spòrs is gnìomhachd chorporra.

San Ògmhios 2023, thug spòrsalba £55,000 do dh’Urras Dualchais Eilean Ghiogha gus ghoireas raon-cluiche ioma-chleachdaidh a-muigh le solais (multi-use games area - MUGA) a chruthachadh. Tha a’ choimhearsnachd ag obair gu dlùth le sgioba leasachaidh Spòrs agus Sgoiltean Gnìomhach Earra-Ghàidheal is Bhòid gus prògram gnìomhachd a dhealbhadh bhon sgoil gu inbhich agus gus cothroman oideachadh choidsean a leasachadh. Bheir am MUGA ùr buaidh mhòr air ìrean gnìomhachd sna h-eilean. Airson a dhol dhan ghoireas eile as fhaisge, feumar a dhol air turas dà uair a thìde tro chòmhdhail phoblach, air aiseag agus bus dhan Tairbeart no Ceann Loch Chille Chiarain.

San t-Samhain 2023, thug spòrsalba £50,000 do dh’Urras Ronaldsay a Tuath ann an Arcaibh tron Mhaoin Goireasan Spòrs aca. Bidh an goireas seo, ann an co-obrachadh le Comhairle Arcaibh a’ cur ris a’ chothrom a th’ aig a’ choimhearsnachd eileanach air farsaingeachd de gnìomhan agus tachartasan corporra gus ceangailteachd agus sunnd a bhrosnachadh.

Tha spòrsalba cuideachd air £29,138 a bharrachd a thasgadh tro Mhaoin Goireas Rothaireachd airson Goireas Baidhsagal-beinne Àrd-sgoil Arainn a chaidh a mhaoineachadh roimhe seo. Cuidichidh an duais leasachail seo le bhith a’ lughdachadh nan cosgaisean a bharrachd a tha an lùib a bhith a’ cruthachadh pròiseact calpa ann an eilean. Nì e cinnteach cuideachd gun urrainn dhan phròiseact a làn chomas a thoirt gu buil gus goireas rothaireachd seasmhach a chruthachadh, air am faigh sgoilearan agus a’ choimhearsnachd san fharsaingeachd agus luchd-tadhail cothrom, a bharrachd air luchd-tadhail gu Arainn.

Gealltanas 7.7 Brosnaich com-pàirteachadh ann an spòrs agus gnìomhachd chorporra le bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil prògraman nàiseanta leithid Sgoiltean Gnìomhach agus Co-ionadan Spòrs Coimhearsnachd a’ frithealadh choimhearsnachdan eileanach, agus a’ leantainn Sgeama Duais Siubhail Lùth-chleasaichean nan Eilean.

Gealltanas air a choileanadh – Chaidh an gealltanas seo a choileanadh ann an 2020. Faic Aithisg Bhliadhnail Plana Nàiseanta nan Eilean 2020 airson barrachd fiosrachaidh.

Gealltanas 7.8 Obraich le Comhairle Arcaibh agus com-pàirtichean eile gus na Geamaichean Eileanach ann an Arcaibh ann an 2023 a chleachdadh gus leasachadh spòrs adhartachadh anns an eilean.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Cumaidh spòrsalba air a’ toirt taic do Chomhairle Arcaibh, Comataidh Eagrachaidh Arcaibh agus comainn spòrs ionadail gus luach a chur ri Geamannan Eadar-nàiseanta nan Eilean ann an 2025 a bhith ann an Arcaibh tro bhith a’ cruthachadh bun-structair ionadail de dhaoine, àiteachan agus chothroman adhartachaidh.
  • Cumaidh spòrsalba air ag obair leis an Oifigear Co-ionad Spòrs Coimhearsnachd agus le Comataidh Co-òrdanachaidh Gheamannan Arcaibh gus prògram foghlaim is leasachadh oidean a lìbhrigeadh stèidhichte air feumalachdan airson oidean agus oifigearan.

Ann an 2025, thèid 25mh Geamaichean Eadar-nàiseanta nan Eilean a chumail ann an Arcaibh. Tha ceangal soilleir ann eadar lìbhrigeadh soirbheachail nan Geamannan agus gealltanasan spòrsalba a thaobh Bhuilean Frèam Alba Ghnìomhach agus Plana Nàiseanta nan Eilean.

Bidh spòrsalba a’ lìbhrigeadh eòlas teicnigeach agus taic luchd-obrach, agus a’ cumail thachartasan planaidh do Buidhnean Riaghlaidh Spòrs na h-Alba gus com-pàirteachasan a neartachadh a dh’fheumar gus planaichean gnìomh thachartasan spòrs a lìbhrigeadh. San t-Samhain 2023, thug iad cuireadh do na 13 spòrsan uile a tha air an riaghladh le Buidhnean Riaghlaidh Spòrs na h-Alba agus a tha gu bhith a’ farpais, gu Arcaibh airson turas dà latha a thug cothrom do riochdairean coinneachadh ri clubaichean eagrachaidh agus Manaidsearan Farpais Spòrs. Thadhail riochdairean Buidhnean Riaghlaidh Spòrs na h-Alba air làraichean gus tuigse nas fheàrr fhaighinn air an taic a tha a dhìth airson Geamannan Arcaibh. Tha spòrsalba a-nis air an riochdachadh air Comataidh Arcaibh 2025, rud a tha deatamach a thaobh an dà chuid a bhith a’ cur luach ris agus a bhith a’ cumail sùil air tasgadh sam bith a chaidh a dhearbhadh a bheir taic do lìbhrigeadh agus dìleab nan Geamannan Eileanach.

Tha Comhairle Arcaibh, Buidhnean Riaghlaidh Spòrs na h-Alba agus clubaichean spòrs agus spòrsalba air pasgan tasgaidh is stòras suas ri £850,000 a dhearbhadh thairis air ceithir raointean cuspaireil:

  • Com-pàirteachasan - Riaghladh, taic poilitigeach agus ro-innleachdail;
  • Daoine – subsadaidh airson trèanadh agus leasachadh nan saor-thoileach, coidsichean agus oifigearan;
  • Àiteachan – Àrdachadh mòr air goireasan, uidheamachd agus taic theicnigeach; agus
  • Coileanadh – Taic do lùth-chleasaichean agus coidseachan.

Bidh an comas-lìbhrigidh agus na goireasan a bharrachd seo agus neartachadh a’ bhunstructair a’ cur ris soirbheas nan geamannan, cruthachaidh iad deagh bhuaidh san fhad-ùine, agus brosnachaidh iad barrachd com-pàirteachadh ann an spòrs agus gnìomhachd chorporra.

Gealltanas 7.9 Obraich leis na com-pàirtichean againn gus cur às do leth-bhreith, sàrachadh agus fòirneart mì-laghail agus gus ceumannan a ghabhail gus cuideachadh le bhith a’ brosnachadh co-ionannachd agus a’ coileanadh nan diofar fheumalachdan aig daoine.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Bheir Bairns’ Hoose - stèidhichte air modail “Barnahus” ann an Innis Tìle - seirbheisean còmhla ann an dòigh-obrach ‘ceithir seòmraichean’ le seirbheisean dìon chloinne, slàinte, ceartas agus seirbheisean ath-bheothachaidh uile rim faighinn tro dhòigh-obrach co-òrdanaichte a chaidh a dhealbhadh gus an àireamh de thursan a bhios aig clann gus na dh’fhiosraich iad innse do dhiofar phroifeiseantaich a lùghdachadh. Tha Bairns’ Hoose a’ toirt cothrom do dh’Alba dòigh-obrach a tha dha-rìribh stèidhichte air leanabh a thoirt seachad a thaobh a bhith a’ lìbhrigeadh ceartas, cùram agus slànachadh do chloinn a tha air eòlas fhaighinn air trauma, a’ gabhail a-steach, ach chan e a-mhàin, droch dhìol feiseil chloinne. Bidh cothrom aig clann fo aois uallach eucoireach, a dh’adhbharaich cron leis an dol-a-mach aca, air na seirbheisean a bheir e seachad cuideachd. Tha buileachadh nam Bairns’ Hoose na phrìomh ghnìomh a chaidh a chomharrachadh ann am Plana Buileachaidh Cumail a’ Ghealltanais. Chaidh Inbhean Bairns’ Hoose Nàiseanta fhoillseachadh 31 Cèitean 2023. Tha Inbhe 3.4 ag ràdh “gum faod clann ann an coimhearsnachdan dùthchail agus eileanach cothrom fhaighinn air Bairns’ Hoose ann an dòigh a tha ceart dhaibh.” Bhon t-Sultain 2023, bidh na h-Inbhean Nàiseanta seo air an cur an gnìomh air feadh na h-Alba le grunn chom-pàirteachasan Treòrach. Mar a chaidh a mhìneachadh nar n-aithisg Bairns’ Hoose Project Plan Progress Report and Pathfinder Delivery Plan (2023 – 25, bidh na pròiseactan Treòrach mar dhearbhadh air a’ bhun-bheachd agus mar phàirt de phròiseas leasachadh càileachd agus dealbhadh seirbheis. Comharraichidh na pròiseactan Treòrach mar a ghabhas na h-Inbhean a chur an sàs ann an diofar cho-theacsan, a’ gabhail a-steach ann an sgìrean iomallach no eileanach. Thèid an ìre Threòrach a leantainn le ìre pìleit, agus an uair sin bidh sgaoileadh nàiseanta ann.
  • Tha am Modail Agallamh Cloinne Albannach ùr airson Co-agallamhan Rannsachaidh (Child Interview Model of Joint Investigative interviews), ga thoirt a-steach gu nàiseanta bho 2021 gu 2024 agus bidh e air fhaicinn mar ‘sheòmar ceartais’ a’ Bhairns’ Hoose. Bha Fo-bhuidheann Iomallach is Eileanan a’ coinneachadh tro 2021 agus bha e feumail ann a bhith a’ toirt còmhla an fheadhainn ann an coimhearsnachdan eileanach gus beachdachadh air cuid de na prìomh dhùbhlain a bh’ ann a bhith a’ buileachadh Modail Agallamh Cloinne na h-Alba. Dh’aithnich an Sgioba JII nàiseanta gun robh na fuasglaidhean airson dùbhlain buileachaidh eadar-dhealaichte anns gach ùghdarras ionadail agus mar sin, bho thràth ann an 2022, tha iad air a bhith ag obair le gach sgìre fa leth a tha air a riochdachadh air an Fho-bhuidhinn Iomallach is Eileanan (Comhairle na Gàidhealtachd, Earra-Ghàidheal is Bòd, Na h-Eileanan an Iar, Arcaibh agus Sealtainn) agus chan eil iad air an fho-bhuidheann ath-ghairm. Tha sgioba nàiseanta nan Co-agallamhan Rannsachaidh a’ cumail orra a’ conaltradh le gach tè de na sgìrean sin, agus le Arcaibh is Sealtainn, mar chomhairlean fa leth, a’ toirt taic dhaibh gus beachdachadh air mar a nì iad cinnteach gum faigh clann a tha a’ fuireach ann an coimhearsnachdan iomallach agus eileanach cothrom air Modail Agallamh Cloinne na h-Alba.
  • Is e prògram atharrachadh giùlain a th’ anns an t-Siostam Chailleanach a tha aithnichte gu h-eadar-nàiseanta airson atharrachadh giùlain airson daoine a nì droch dhìol san dachaigh a tha a’ gabhail a-steach a bhith ag obair leis an teaghlach gu lèir gus cunnart croin a lùghdachadh do bhoireannaich is do chloinn. Thathar a’ beachdachadh air na leasanan a chaidh ionnsachadh aig àm COVID-19 agus mu fheumalachdan choimhearsnachdan eileanach. Bidh sinn fhathast a’ tasgadh ann an eadar-theachdan a bheir seachad fianais gun urrainn dhuinn beachdan eucoirich atharrachadh. Cumaidh sinn oirnn a’ dèanamh rannsachadh le Ceartas Coimhearsnachd na h-Alba air an dòigh as sàbhailte agus as èifeachdaiche san urrainn dhuinn gus cur ri ruigsinneachd an t-Siostaim Chailleanaich air feadh na h-Alba.

Dìon Chloinne

Tha sinn air gealltainn dèanamh cinnteach gu bheil ceumannan dìon chloinne làidir an sàs air feadh na h-Alba, agus gu bheilear gan leantainn fad na h-ùine. Dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba Stiùireadh Nàiseanta ath-sgrùdaichte airson Dìon Chloinne ann an Alba san Lùnastal 2023. Tha an stiùireadh a’ toirt cunntas air dleastanasan agus dùilean gach neach a tha ag obair còmhla ri clann, daoine òga agus an teaghlaichean ann an Alba. Chaidh ath-sgrùdadh gus dèanamh cinnteach gu bheil e co-chòrdail ris an fhrèam reachdail agus poileasaidh agus leasachaidhean cleachdaidh làithreach. Tha e a’ gabhail a-steach ùrachaidhean a thàinig bho na chaidh ionnsachadh bho bhuileachadh Stiùireadh 2021.

Bairns’ Hoose

Chaidh Inbhean Bairns’ Hoose Nàiseanta fhoillseachadh 31 Cèitean 2023. Tha Inbhe 3.4 ag ràdh “Faodaidh clann ann an coimhearsnachdan dùthchail agus eileanach faighinn gu Bairns’ Hoose ann an dòigh a tha ceart dhaibh”.

A’ lìbhrigeadh aon de na gealltanasan a rinneadh nar Prògram Riaghlaidh, chuir sinn air bhog Bairns’ Hoose Pathfinders san Dàmhair 2023, a thèid a bhuileachadh air feadh Alba le grunn chom-pàirteachasan Pathfinder. Tha seo a’ gabhail a-steach Baile Obar Dheathain, Siorrachd Obar Dheathain, Fìobha, Srath Chluaidh a Tuath, na h-Eileanan Siar, agus Taobh Tatha.

Tha Siorrachd Àir, Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh, Sycamore Partnership (Dùn Èideann, Lodainn an Ear agus Lodainn Mheadhanach), agus a’ Ghàidhealtachd air dhol nan Com-pàirteachasan Co-cheangailte.

Comharraichidh na pròiseactan mar a ghabhas na h-Inbhean a chur an sàs ann an diofar cho-theacsan, a’ gabhail a-steach ann an sgìrean eileanach.

Gealltanas 7.10 Cuir aghaidh air beàrn dàta sam bith co-cheangailte ri co-ionannachd, slàinte is sunnd a thaobh, mar eisimpleir, boireannaich is nigheanan, torrachas agus màthaireachd, ath-shònrachadh gnè agus taobhadh feise.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Dh’fhoillsich Cobhair nam Ban Alba toraidhean na co-chomhairle aca Participating in Equally Safe in the Highlands and Islands. Thèid beachdachadh air an aithisg seo mar phàirt den ath eagran de Shàbhailte gu Co-ionann (Equally Safe). Bidh sinn a’ co-obrachadh le com-pàirtichean air a bhith a’ beachdachadh air molaidhean na h-aithisg.
  • Tha a bhith ag obair còmhla ri daoine ann an coimhearsnachdan iomallach no eileanach na phrìomhachas aig maoin Lìbhrigeadh Sàbhailte gu Co-ionann. Ruithidh a’ mhaoin bhon Dàmhair 2021 dhan Mhàirt 2025.
  • A bharrachd air seo, tha Riaghaltas na h-Alba air gealltainn ath-sgrùdadh maoineachaidh ro-innleachdail neo-eisimeileach a dhèanamh gus coimhead air mar a tha seirbheisean speisealach nàiseanta is ionadail do bhoireannaich is clann a tha a’ fulang bho fhòirneart stèidhichte air gnè air an coimiseanadh agus air am maoineachadh air feadh na h-Alba. Chaidh co-dhùnaidhean an ath-sgrùdaidh seo fhoillseachadh air 6 Ògmhios 2023 agus beachdaichidh sinn a-nis, còmhla ri COSLA, com-pàirtichean ùghdarrasan ionadail agus luchd-ùidh nas fharsainge, gus dèanamh cinnteach gu bheil bunait sheasmhach airson maoineachadh air a chruthachadh airson an àm ri teachd.

Chaidh Ro-innleachd Sàbhailte gu Co-ionann na h-Alba ùrachadh san Dùbhlachd 2023 agus tha i a’ mìneachadh ar lèirsinn airson Alba shoirbheachail far a bheil boireannaich is nigheanan saor bho gach seòrsa fòirneart, droch dhìol agus mì-ghnàthachadh - agus bho na beachdan a chuidicheas gus na rudan sin a chumail suas.

Tha Sàbhailte gu Co-ionnan a’ gabhail ris gur dòcha gum bi dùbhlain eadar-dhealaichte mu choinneamh bhoireannaich a tha a’ fuireach ann an diofar choimhearsnachdan cruinn-eòlach – a’ gabhail a-steach coimhearsnachdan eileanach. Mar eisimpleir, tha an t-astar eadar taighean ann an sgìrean dùthchail gu tric nas motha na e ann an sgìrean bailteil, a’ fàgail gum faodadh luchd-fulaing droch dhìol a bhith ann an suidheachadh nas iomallaiche agus gum bi an cron nas fhalaichte. Dh’fhaodte gum bi e doirbh taic fhaighinn no seirbheisean eadar-theachd a ruigsinn a chionn ’s gur dòcha gum bi seirbheisean suidhichte mìltean air falbh. Dh’fhaodte gum bi barrachd chunnartan mu choinneamh bhoireannaich ann an coimhearsnachdan dùthchail no eileanach beaga nuair a tha iad a’ sireadh taic, no a’ fàgail suidheachadh le droch-dhìol, leis nach eil prìobhaideachd ann, no comas a bhith gun urra. Chan eil mòran slighean gu sàbhailteachd ann agus tha iad gu math poblach, a’ fàgail gu bheil teansa nas motha ann gun tèid sùil a chumail orra no gun tèid bacadh a chur orra leis na daoine a tha a’ dèanamh droch-dhìol orra, Dh’fhaodte nach bi àiteachan far am faigh boireannaich fasgadh no taic nuair a tha iad ann an cunnart.

Foillsichidh sinn Plana Lìbhrigeadh Sàbhailte gu Co-ionann as t-earrach 2024.

Tha maoin Lìbhrigeadh Sàbhailte gu Co-ionann a’ toirt seachad £19 millean sa bhliadhna gu 121 buidhnean gus cuideachadh le cur an gnìomh pròiseact Sàbhailte gu Co-ionann. Tha sinn a’ maoineachadh deich buidhnean agus com-pàirtichean a bhios a’ toirt seachad seirbheisean do choimhearsnachdan eileanach, le luach faisg air £3m. Tha na buidhnean seo a’ gabhail a-steach Cobhair nam Ban Arcaibh, Rape Crisis Centre nan Eilean Siar, Rape Crisis Shealtainn agus Com-pàirteachas Earra-Ghàidheal is Bhòid mu Fhòirneart an-aghaidh Bhoireannaich is Chaileagan.

Tha e ro-chudromach gun dèan sinn am feum as fheàrr againn de ghoireasan gus cumail oirnn a’ cur aghaidh ris a’ chuspair seo. Tha Bòrd Pròiseact Maoineachadh Seasmhach air Fòirneart an-aghaidh Bhoireannaich is Nighnean (VAWG) gu bhith air stèidheachadh gus ar gealltanas a chur an gnìomh gus modail maoineachaidh sùbailte is seasmhach a chruthachadh a nì cinnteach gum bi fòcas air casg agus air seirbheisean àrd-inbhe, ruigsinneach a thaobh fòirneart an aghaidh bhoireannaich is nigheanan.

Gealltanas 7.11 Beachdaich air a’ cho-chomhairle againn air cùram taobh a-muigh na sgoile tro bheil sinn air beachdan a chruinneachadh bho phàrantan mu na dùbhlain a tha ann le bhith a’ faighinn cothrom air cùram-chloinne agus air raon de ghnìomhachdan airson clann aig aois sgoile ann an coimhearsnachdan eileanach. Bidh freagairtean dhan cho-chomhairle againn, cho math ri conaltradh leantainneach, a’ fiosrachadh obair leasachaidh air frèam ro-innleachdail san àm ri teachd a thèid fhoillseachadh ro dheireadh na teirm pàrlamaidich seo.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Tha sinn ag ullachadh pròiseactan cùram-chloinne dùthchail a dh’fhaodadh a bhith ann an coimhearsnachdan eileanach a tha ag amas air modalan lìbhrigidh a sgrùdadh a ghabhas lìbhrigeadh agus as urrainn an t-sùbailteachd a thoirt seachad a dh’fheumas an luchd-obrach, a’ gabhail a-steach boireannaich ann an àiteachas.

Clann aig Aois na Sgoile

Anns an Dàmhair 2023, dh’fhoillsich sinn Frèam Lìbhrigeadh Cùram Cloinne aig Aois Sgoile a tha a’ mìneachadh ar gealltanas gus cùram-chloinne aig aois sgoile a tha ruigsinneach agus air prìs ruigsinneach a lìbhrigeadh, a bhios air a mhaoineachadh do na teaghlaichean as motha a tha feumach air. 

Tha am Frèam Lìbhrigidh againn a’ mìneachadh nan raointean gnìomh againn airson an ath dhà gu trì bliadhna agus a’ mìneachadh a’ mhodh-obrach againn, a tha stèidhichte air daoine agus air àite, a thèid a chleachdadh airson a bhith a’ dealbhadh agus a’ togail siostam ùr de chùram-chloinne aig aois sgoile. Tha seo a’ ciallachadh gun tèid an siostam agus na seirbheisean anns an tairgse cùram-chloinne aig aois sgoile airson an àm ri teachd a cho-dhealbhadh le luchd-cleachdaidh agus solaraichean.

Tha earrann anns an Fhrèam air coimhearsnachdan dùthchail agus eileanach, a tha a’ toirt geàrr-chunntas air an fhianais a tha sinn air cruinneachadh mu na dùbhlain a tha romhpa ann a bhith lìbhrigeadh siostaman cùram-chloinne fad na bliadhna. Tha e a’ cur air adhart an dleastanais againn a bhith a’ feuchainn fhuasglaidhean a tha a’ cumail taic ri seasmhachd seirbheisean cùram-chloinne aig aois na sgoile ann an coimhearsnachdan dùthchail agus eileanach.

Mar phàirt den obair dealbhaidh againn a tha stèidhichte air daoine agus stèidhichte air àite, tha sinn air dà phròiseact co-dhealbhte a dhèanamh a tha a’ taisbeanadh cur an gnìomh na dòigh-obrach againn. 

Bha a’ chiad fhear a’ gabhail a-steach pàrantan agus luchd-cùraim a tha, no a dh’fhaodadh a bhith, a’ cleachdadh, siostam cùram-chloinne aois sgoile. Chaidh am pròiseact seo a lìbhrigeadh ann an 2022 ann an Earra-Ghàidheal is Bòd, Sealtainn, Dùn Dè, Peairt, Fìobha agus Glaschu far an robh 100 pàrant is neach-cùraim agus 30 solaraiche a’ co-roinn fiosrachaidh mu bhith a’ dèanamh cho-dhùnaidhean toinnte mu obair, teaghlach, cùram-chloinne agus ionmhas. Thug e sealladh dhuinn air mar as urrainn cùram-chloinne taic a thoirt do theaghlaichean gus obair a ghabhail no a bhith a’ fuireach ann an obair. 

Anns an dàrna fear bha clann an sàs bho sgoiltean ann an coimhearsnachdan bailteil, dùthchail agus eileanach, agus le diofar bheathannan air feadh na h-Alba. Thug e cothrom dhuinn Cairt Nàiseanta do Chloinn airson Cùram-chloinne Aois Sgoile ann an Alba a cho-dhealbhadh gus tuigse nas fheàrr fhaighinn air feumalachdan agus beachdan chloinne mu chùram-chloinne aig aois sgoile. Tha Cairt Nàiseanta na Cloinne a’ cur an cèill beachdan na cloinne air carson a tha feum againn air cùram-chloinne aig aois sgoile, mar a ghabhas e ruith agus cò bhios ga ruith, càite am bu chòir a chumail, agus dè na gnìomhan a bu chòir a bhith air an tabhann. Tha e cuideachd a’ mìneachadh sia prionnsapalan a dh’aontaich clann a bu chòir a bhith air an leantainn ann an suidheachaidhean cùram-chloinne aois sgoile. Is iad sin caoimhneas, coimhearsnachd, cothromachd, sonas, spòrs agus roghainn. Chaidh cùmhnantan ionadail a cho-chruthachadh ann an grunn sgìrean air feadh na h-Alba – Sealtainn nam measg – gus an dòigh-obrach againn a tha stèidhichte air àite fhiosrachadh agus gus taic a chumail ris.

Tro na Coimhearsnachdan a Ghabh ris gu Tràth, tha sinn a’ dèanamh deuchainn air modailean ùra de sholarachadh cùram-chloinne cuimsichte mar phàirt den mhisean nàiseanta againn gus aghaidh a chur air bochdainn cloinne. Tha sinn air gealltainn obair ann an coimhearsnachdan sònraichte ann an sia sgìrean ùghdarras ionadail gus am bun-structair ionadail agus na seirbheisean a tha a dhìth a chruthachadh gus cùram-chloinne a sholarachadh do na teaghlaichean as motha a tha feumach air.

Ann am Prògram Riaghlaidh 2023, dh’ainmich sinn gun deach Coimhearsnachd a Ghabh Ris a’ Phrògram gu Tràth a stèidheachadh ann an Sealtainn, ag aithneachadh nan dùbhlan sònraichte a tha an lùib stèidheachadh agus cumail suas solar cùram-chloinne ann an coimhearsnachdan dùthchail agus eileanach. Taobh a-staigh a’ phròiseict seo, obraichidh sinn le coimhearsnachdan comharraichte ann an Sealtainn far nach eil seirbheisean cùram-chloinne aois sgoile ann aig an àm seo. Chaidh co-òrdanaiche ionadail sònraichte fhastadh gus gnìomhan com-pàirteachaidh agus sgòpaidh a dhèanamh gus feumalachdan gach coimhearsnachd a rannsachadh agus a thuigsinn. Bidh seo a’ gabhail a-steach feumalachdan cùram-chloinne aig teaghlaichean fa leth, bun-structair ionadail sònraichte, agus an raon de sheirbheisean a dh’fheumar gus cùram-chloinne do theaghlaichean a chumail suas – a’ gabhail a-steach dùbhlain co-cheangailte ri còmhdhail agus luchd-obrach.

Tha sinn cuideachd air airgead a chuir a-steach dhan Mhaoin Calpa airson Àiteachan Cùram-chloinne Tionnsgalach do Chlann Aois Sgoile, a tha a’ lìbhrigeadh leasachaidhean air an oighreachd ionnsachaidh a bheir taic do sholar Cùram-chloinne aig Aois Sgoile. Tha pròiseactan soirbheachail agus ùghdarrasan ionadail a’ coimhead air dòighean ùr-ghnàthach gus an oighreachd ionnsachaidh a leasachadh (an dà chuid air an taobh a-staigh agus an taobh a-muigh) gus clubaichean às dèidh na sgoile a dhèanamh nas fheàrr, gu sònraichte a’ chlann aig aois bun-sgoile bho dhachaighean le teachd-a-steach ìosal air a bheilear a’ cuimseachadh. Tha Sealtainn air taic-airgid a thoirt seachad gus piseach a thoirt air na goireasan agus na h-àiteachan-fuirich airson trì seirbheisean air feadh nan eilean a bheir comas cùram-chloinne àrd-inbhe do chloinn agus do dhaoine òga anns na coimhearsnachdan sin timcheall air an latha sgoile agus tro na saor-làithean.

Thairis air 2023-2024, tha sinn cuideachd air cumail oirnn le taic do naoi pròiseactan Cothrom air Cùram-chloinne. Chaidh a’ Mhaoin Ruigsinneachd air Cùram-chloinne a stèidheachadh ann an 2020 gus modalan ùr-ghnàthach de chùram-chloinne aois sgoile a dhearbhadh do na teaghlaichean as motha a tha ann an cunnart bochdainn, a’ toirt seachad àiteachan cùram-chloinne air prìs ìosal no an-asgaidh. Tha na pròiseactan a’ coimhead air modalan ùra de Chùram-chloinne aig Aois Sgoile, a’ gabhail a-steach solar saor-làithean, lìbhrigeadh sùbailte, seirbheisean sònraichte do chloinn le feumalachdan taic a bharrachd, taic dhan teaghlaich air fad agus solar air a’ bhlàr a-muigh.

Tha fear de na pròiseactan sin air a stiùireadh le Hame Fae Hame, solaraiche cùram-chloinne dùthchail a tha stèidhichte ann an Sealtainn. Tha am maoineachadh air taic a thoirt dhaibh gus an raon a-muigh aca a leasachadh, àiteachan sùbailte a thabhann le subsadaidh agus seirbheis fàgail is togail a thoirt seachad aig Bun-sgoil Scalloway. Tha an t-seirbheis seo air buannachd mhòr a thoirt do theaghlaichean ionadail mar thoradh air poileasaidh clàraidh sùbailte, nach eil feumach ach air rabhadh goirid. Tha seo a’ toirt na buaidh as dìriche air seasmhachd agus sunnd teaghlaich, a’ toirt cothrom do theaghlaichean am feumalachdan cùram-chloinne a dhealbhadh a rèir am pàtrain obrach agus mar sin gus smachd nas fheàrr a chumail air an ionmhas. A bharrachd air sin, thuirt 100% de theaghlaichean a chuir suirbhidh crìochnaichte air ais, gun robh e comasach dhaibh obair fhaighinn no na h-uairean obrach aca àrdachadh, cuir ri sunnd an teaghlaich agus an teachd-a-steach dachaigh mìosail àrdachadh mar thoradh air cùram-chloinne Hame Fae Hame.

Tha an clàr gu h-ìosal a’ mìneachadh maoineachadh a chaidh a sholarachadh do phròiseactan stèidhichte ann an eileanan na h-Alba bho chaidh Plana Nàiseanta nan Eilean fhoillseachadh san Dùbhlachd 2019,

Pròiseact 2020-2022 (Ìre a h-aon den phròiseact) 2022-2023 2023-2024
Hame Fae Hame £88,400.00 £58,399.63 £63,352.00
Urras Coimhearsnachd Mhuile is Ìdhe £174,440.83
Maoin calpa ISACS Sandwich Junior HS £131,000.00
Maoin calpa ISACS Sgoil Scalloway £34,550.00
Coimhearsnachdan a Ghabh ris gu Tràth, Sealtainn £12,956.50
IOMLAN BLIADHNAIL £262,840.83 £58,399.63 £241,858.50
IOMLAN £563,098.96

Gealltanas 7.12 Dèan cinnteach gu bheil seirbheisean slàinte, cùram sòisealta agus sunnd rim faighinn tro mheadhan na Gàidhlig gus taic a thoirt do choimhearsnachdan Gàidhlig eileanach.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Thèid na gealltanasan aig NHS na Gàidhealtachd a thaobh na Gàidhlig a mhìneachadh sa Phlana Ghàidhlig ùraichte aca airson 2023-2028.
  • Tha NHS nan Eilean Siar ag ath-sgrùdadh a’ Phlana Ghàidhlig aige agus cuiridh iad a-steach do Bòrd na Gàidhlig e a dh’aithghearr. Bidh gealltanasan NHS nan Eilean Siar a thaobh na Gàidhlig cuideachd air am mìneachadh sa Phlana Ghàidhlig aige nuair a thèid seo aontachadh. Tha BnG cuideachd air sgrùdadh a choimiseanadh a thaobh Gàidhlig agus sunnd. Bidh seo ri fhaighinn nas fhaide air adhart am-bliadhna le molaidhean.

Tha slàinte agus foghlam nan raointean far an gabh Gàidhlig a bhrosnachadh agus tha na gealltanasan a tha air am mìneachadh ann am planaichean Gàidhlig a’ sealltainn mar as urrainn do dh’ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach taic a thoirt dhan Ghàidhlig.

Mar thoradh air an adhartas a rinneadh gu ruige seo, tha bùird slàinte ionadail comasach air seirbheisean leithid teicneòlas taic cainnte a thabhann tron Ghàidhlig. Tha Bòrd na Gàidhlig, tron sgeama thabhartasan coimhearsnachd – Taic Freumhan Coimhearsnachd – air maoineachadh a thoirt do phròiseactan mar Chòmhraidhean Gàidhlig agus Fàs na Gàidhlig aig Alzheimer’s Alba. Chleachd na pròiseactan seo a’ Ghàidhlig gus ceangal a dhèanamh eadar daoine san Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Taobh Siar Rois air a bheil seargadh-inntinn agus bun-sgoiltean Gàidhlig na sgìre. Bha a’ Ghàidhlig na mheadhan gus an iomallachd sòisealta aig buidheann sònraichte a lùghdachadh agus chaidh ceanglaichean eadar ginealaich a bhrosnachadh taobh a-staigh na coimhearsnachd. Tha na h-eisimpleirean seo nam bunait airson obair a bharrachd air fianais air buannachdan sòisealta is slàinte na Gàidhlig.

A bharrachd air na seirbheisean a th’ ann mar-thà, tha molaidhean san Aithisg air Cothroman Eaconamach is Sòisealta dhan Ghàidhlig, a chaidh fhoillseachadh san Ògmhios 2023, airson barrachd feum a dhèanamh den Ghàidhlig ann an roinnean slàinte is cùram sòisealta. Tha comas aig Bile nan Cànan Albannach, a chaidh a thoirt a-steach bho chionn ghoirid cuideachd gus piseach a thoirt air solar ann an sgìrean eileanach.

Gealltanas 7.13 Co-thaobhaich ar n-amas cur às do bhochdainn cloinne leis a’ Phlana le bhith a’ leantainn air adhart ag obair le ùghdarrasan ionadail eileanach agus bùird slàinte gus togail air an tuigse a bh’ aca air bochdainn cloinne nan sgìrean - a’ cuideachadh le bhith a’ cuimseachadh oidhirpean air teaghlaichean a thogail a-mach à bochdainn agus cur an aghaidh na buaidh milltich a th’ aig a’ bhochdainn orra.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

Dh’fhoillsich sinn an dàrna Plana Lìbhrigidh gus Dèiligeadh ri Bochdainn Cloinne sa Mhàrt 2022. Tha am Plana a’ toirt cunntas air na gnìomhan cruth-atharrachail a nì sinn còmhla ris na com-pàirtichean lìbhrigidh againn – a’ gabhail a-steach ùghdarrasan ionadail eileanach agus bùird slàinte – gus am misean nàiseanta againn gus aghaidh a chur air bochdainn cloinne a lìbhrigeadh.

Bidh riatanas fhathast air ùghdarrasan ionadail agus bùird-slàinte eileanach ri Aithisgean Gnìomh Bochdainn Cloinne Ionadail ullachadh fo chumhachan Achd Bochdainn na Cloinne (Alba) 2017, agus leanaidh an obair le com-pàirtichean nàiseanta a tha air a mhìneachadh gu h-ìosal gus obair ionadail fhiosrachadh.

A’ Cur an Aghaidh Bochdainn Cloinne – Gnìomhan Dùthchail is Eileanach

Ann an 2023, lean Riaghaltas na h-Alba air ag obair ann an com-pàirteachas leis an t-Seirbheis Leasachaidh gus taic a thoirt do dh’ùghdarrasan ionadail agus bùird-slàinte eileanach gus togail air an tuigse air bochdainn cloinne anns na sgìrean aca. A’ leantainn air an Dòigh-obrach Stèidhichte air dealbhadh airson a bhith a’ tuigsinn agus a’ toirt aghaidh air Bochdainn Cloinne Dùthchail ann an 2022, tha obair air leantainn gus taic a chumail ri deagh chleachdadh a thaobh roinneadh dàta agus gus a cho-roinn agus cleachdadh dàta gus seirbheisean fhiosrachadh. Tha seo air a bhith a’ gabhail a-steach obair le beagan ùghdarrasan ionadail agus iomairt Scalable Approach to Vulnerability through Interoperability (SAVVI) gus coimhead air mar a dh’fhaodadh ùghdarrasan dùthchail agus eileanach a bhith a’ co-roinn dàta.

Chùm Lìonra Bochdainn Cloinne Dùthchail is Eileanach air a’ coinneachadh ann an 2023 gus bruidhinn air cuspairean anns a bheil ùidh aig na h-ùghdarrasan agus bùird slàinte sin agus gus cleachdadh agus ionnsachadh inntinneach a cho-roinn. Tha a’ bhuidheann air cuideam làidir a chumail air co-roinn dàta agus iad cuideachd a’ leudachadh an fhòcais gus còmhraidhean a chur an comas air cuspairean leithid còmhdhail agus gus dèanamh cinnteach gun cluinnear guth an fheadhainn le eòlas beatha agus gun tèid feart a ghabhail air seo ann an co-theacsan dùthchail.

Tro Mhaoin Luathachaidh Cleachdadh Bochdainn Cloinne (Child Poverty Practice Accelerator Fund - CPAF), tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt taic do raointean gus deuchainn a dhèanamh air cuid de na fuasglaidhean a thig bhon lìonra. Tha seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ toirt taic do dh’Earra-Ghàidheal is Bòd gus deuchainn a dhèanamh air dè cho feumail ‘s a tha seataichean-dàta treas-phàrtaidh airson a bhith a’ comharrachadh coimhearsnachdan a tha feumach air taic ionmhais.

Maoin Èiginn Cosgaisean nan Eilean

Ann an 2023-24, tha Riaghaltas na h-Alba air £1 millean a bharrachd a sholarachadh do Mhaoin Èiginn Cosgaisean nan Eilean gus taic a thoirt do dh’eileanaich aig a bheil cosgaisean connaidh, bìdh is lùths àrda gus cuideachadh le bhith a’ dèiligeadh ri cuideaman cosgais bith-beò. Bha seo a’ togail air an £1.4 millean a chaidh a thoirt seachad ann an 2022-23.

Gealltanas 7.14 Obraich còmhla ri com-pàirtichean nàiseanta, a’ leantainn air adhart a’ co-roinn deagh chleachdadh a chaidh a chomharrachadh air feadh Alba a dh’fhaodadh buntainn ri bochdainn cloinne ann an coimhearsnachdan nan eilean againn.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Cumaidh sinn oirnn ag obair le com-pàirtichean nàiseanta gus dèanamh cinnteach gu bheil eòlas agus deagh chleachdadh air a cho-roinn agus gus taic a thoirt do, agus piseach a thoirt air, freagairtean ionadail gus dèiligeadh ri bochdainn cloinne, a’ gabhail a-steach sna coimhearsnachdan eileanach againn.
  • Gheall Sgioba Eileanan Riaghaltas na h-Alba a bhith ag obair gu dlùth le co-oibrichean Bochdainn Cloinne gus am frèam tomhais nas fharsainge airson lìbhrigeadh poileasaidh eileanach atharrachadh – a’ dèanamh cinnteach gu bheil fianais làidir ann agus gu bheil e a’ co-thaobhadh ri agus mar phàirt den obair agus aithris a tha air a stiùireadh le Aonad Cur An-aghaidh Bochdainn Cloinne agus air a stiùireadh leis a’ Phlana Leasachaidh ùr airson Cur An-aghaidh Bochdainn Cloinne.

Tha Riaghaltas na h-Alba air cumail air ag obair le com-pàirtichean nàiseanta – a’ gabhail a-steach na Seirbheis Leasachaidh, Slàinte Poblach na h-Alba, COSLA, Aonad Rannsachaidh Bochdainn is Neo-ionannachd na h-Alba, Buidheann Gnìomh Bochdainn Cloinne agus Caidreachas na Bochdainn – gus taic a thoirt do dh’ùghdarrasan ionadail agus bùird slàinte gus an dòigh-obrach aca a thaobh a bhith a’ cruthachadh Aithisgean Gnìomh Bochdainn Cloinne Ionadail.

San t-Sultain 2023, chùm Rùnaire a’ Chaibineit airson Chùisean Dùthchail, Ath-leasachadh Fearainn agus Eileanan deasbad bòrd-cruinn air bochdainn cloinne ann an coimhearsnachdan dùthchail agus eileanach gus deagh chleachdaidhean, beàrnan agus cothroman airson barrachd co-obrachaidh eadar com-pàirtichean lìbhrigidh a chomharrachadh gus am bi builean nas fheàrr ann do theaghlaichean.

Ann an 2022-23, thug Riaghaltas na h-Alba £29,000 seachad gus taic a thoirt do mheasadh pròiseact Shetland Anchor. Mar thoradh air soirbheas a’ mhodail seo a bha stèidhichte sa choimhearsnachd, chaidh Anchor for Families a sgaoileadh air feadh Shealtainn gu lèir. Thàinig an treas measadh, an luachadh mu dheireadh, gu crìch san Fhaoilleach 2024. Bha seo gus tuigse fhaighinn air buaidh a’ phròiseict, dè cho seasmhach ’s a tha a’ bhuaidh sin agus mar a ghabhas ionnsachadh a cho-roinn nas fharsainge. Thèid plana gus ionnsachadh a sgaoileadh le sgìrean dùthchail agus eileanach fhoillseachadh às dèidh ath-sgrùdadh bhon taobh a-staigh tràth ann an 2024.

Gealltanas 7.15 Obraich le eileanaich gus cur, far an urrainn dhuinn, ri cruthachadh nàisein nas cothromaiche, nas fhallaine agus nas toilichte airson na h-Alba air fad le bhith a’ toirt taic do obair na buidhne de Riaghaltasan Eaconamaidh Sunnd (WEGo).

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Tha sinn a’ cumail oirnn ag ionnsachadh bho agus a’ co-obrachadh le dùthchannan agus buidhnean eile tro WEGo, agus nas fharsainge, gus gluasad gu eaconamaidh cothromach, uaine, a tha na h-eaconamaidh sunnd a tha a’ cur daoine air thoiseach, agus tha a’ frithealadh nan ginealaichean làithreach agus ri teachd. Tha sin a’ ciallachadh a bhith a’ toirt cumhachd do ar coimhearsnachdan eileanach gus barrachd com-pàirt a ghabhail san eaconamaidh, a’ dèiligeadh ri neo-ionannachdan, agus ag amas air dèanamh cinnteach gun urrainn dhaibh na cothroman a ghlacadh bhon eadar-ghluasad chothromach gu cothromachadh carboin gus barrachd beartas agus barrachd sunnd a lìbhrigeadh.

Tha eaconamaidh a tha cothromach, uaine agus a tha a’ fàs, a tha buannachdail do choimhearsnachdan is sluagh na h-Alba air fad, deatamach do na trì miseanan eadar-cheangailte aig Riaghaltas na h-Alba, Co-ionannachd, Cothrom agus Coimhearsnachd. Tha soirbheachas eaconamach a’ ciallachadh a bhith a’ dèanamh an fheum as fheàrr de na goireasan air leth beairteach a th’ againn agus gan cleachdadh gus eaconamaidh a thogail a bhios ag obair do dhaoine, seach an caochladh. Agus sinn a’ cruthachadh Eaconamaidh Sunnd, bidh sinn a’ conaltradh gu dìreach le coimhearsnachdan agus a’ leantainn air adhart ag ionnsachadh bho, agus a’ co-obrachadh le, buidhnean eile gus taic a thoirt do ar coimhearsnachdan eileanach agus gus cothroman a chruthachadh do na h-uile.

Gealltanas 7.16 Obraich le ar com-pàirtichean gus beachdachadh air raon de roghainnean airson dèanamh cinnteach gu bheil cùram slàinte inntinn iomchaidh ri fhaighinn, agus aig an aon àm a’ toirt aire do cho sònraichte ’s a tha coimhearsnachdan nan eilean againn.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Tha sinn air gealltainn gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air Ro-innleachd Slàinte Inntinn 2012-2027. Tha ath-sgrùdadh na Ro-innleachd a’ toirt dhuinn cothrom gus ath-sgrùdadh a dhèanamh air na gealltanasan eile a th’ againn an-dràsta agus gus dèanamh cinnteach gu bheil na poileasaidhean againn a thaobh slàinte inntinn dhùthchail fhathast iomchaidh dhaibhsan a tha a’ fuireach ann an sgìrean dùthchail agus eileanach ann an Alba.
  • Cumaidh sinn oirnn ag obair le Fòram Nàiseanta na Slàinte Inntinn Dùthchail gus dèanamh cinnteach gun tuig sinn na feumalachdan a tha a’ tighinn am bàrr aig coimhearsnachdan eileanach agus dùthchail a thaobh ath-bheothachadh Covid-19 agus gu sònraichte gus fuasglaidhean stèidhichte sa choimhearsnachd a sgaoileadh gus taic a chumail do dheagh shunnd. Coimheadaidh seo air an ròl aig àite agus air cothroman leasachaidh air an stiùireadh leis a’ choimhearsnachd san àm ri teachd gus taic a thoirt do dh’ath-leumachd sna Coimhearsnachdan againn ann an com-pàirteachas le càch.

Ro-innleachd Slàinte is Sunnd Inntinn

Dh’fhoillsich sinn ar Ro-innleachd Slàinte Inntinn is Sunnd ùr, a chaidh a chruthachadh ann an co-bhonn le COSLA, san Ògmhios 2023. Chaidh seo a leantainn, san t-Samhain 2023, le Plana Lìbhrigidh agus Plana Gnìomh Sgioba-obrach. Tha an Ro-innleachd a’ cur air adhart lèirsinn de dh’Alba a tha saor bho stiogma agus neo-ionannachd, far am bi a h-uile duine a’ coileanadh na còrach aca gus an t-slàinte inntinn is an sunnd as fheàrr ’s a ghabhas a bhith aca. Tha na planaichean a tha na cois a’ mìneachadh ghnìomhan a tha air an dealbh gus adhartas a dhèanamh a dh’ionnsaigh na lèirsinn seo agus gus dèiligeadh ri neo-ionannachd slàinte inntinn.

Dh’obraich sinn gu dlùth le luchd-ùidh gus fianais a chruinneachadh agus gus aontachadh air gnìomhan le co-ionannachdan agus còraichean daonna aig an cridhe, ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha dòigh-obrach a tha fiosraichte le trauma agus a tha air a stiùireadh le eòlas beatha. Tha seo air gabhail a-steach a bhith ag obair gu dlùth leis an Fhòram Co-ionannachd is Còraichean Daonna againn, le buill a’ gabhail a-steach Fòram Nàiseanta na Slàinte Inntinn Dùthchail.

Tha fios againn gu bheil feum againn air taic, seirbheisean, cùram agus leigheas leis an neach aig a’ chridhe, a tha mothachail gu cultarail, a tha iomchaidh airson aois, làn in-ghabhalach agus ri fhaighinn ann an diofar chruthan. Sin as adhbhar gun do chuir sinn Clàr Gnìomh Neo-ionannachd anns a’ Phlana Lìbhrigidh againn, ag aithneachadh gu bheil feumalachdan eadar-dhealaichte aig diofar dhaoine. Tha an clàr a’ sealltainn trì prìomh raointean a tha fios a bheir buaidh air slàinte inntinn agus sunnd dhaoine a tha a’ fuireach ann an sgìrean dùthchail: aonaranachd, stiogma agus neo-ionannachdan cruinn-eòlasach. Tha grunn ghnìomhan anns a’ Phlana Lìbhrigidh gus aghaidh a thoirt air na dùbhlain sin, leithid leudachadh air solar slàinte inntinn coimhearsnachd, a’ toirt piseach air taic slàinte inntinn ann am bun-chùram agus leudachadh air na dòighean anns am faigh daoine cothrom air taic nuair a tha feum aca air.

Tha Creating Hope Together, ar ro-innleachd 10-bliadhna gus casg a chur air daoine bho bhith a’ cur làmh nam beatha fhèin, ag amas air an àireimh de dhaoine a’ cur làmh nam beatha fhèin ann an Alba, agus aig an aon àm a bhith a’ dèiligeadh ris na neo-ionannachdan a tha a’ cur ri fèin-mharbhadh. Is e fear de na prionnsapalan treòrachaidh san ro-innleachd ar dealas gus dèanamh cinnteach gu bheil ar n-obair iomchaidh do choimhearsnachdan bailteil, dùthchail agus eileanach.

Tha sinn a’ toirt air adhart obair dian le Samaritans Alba ann an taobh siar na Gàidhealtachd agus san Eilean Sgitheanach gus ar tuigse mu bhith a’ sireadh cuideachaidh am measg luchd-obrach iomallach ann an sgìrean dùthchail agus eileanach a leasachadh, agus a bhith a’ cleachdadh sin gus modalan taic san àm ri teachd a dhealbhadh. A bharrachd air sin, tha pìleatan ann airson seirbheisean do dhaoine a chall cuideigin a chuir làmh air am beatha fhèin ann an sgìrean Comhairle na Gàidhealtachd, Siorrachd Àir agus Arainn, sgìrean anns a bheil ìrean àirde de dhaoine a tha a’ cur làmh air am beatha fhèin. Bheir an obair seo sealladh dhuinn air mar as urrainn dhuinn ar dòigh-obrach gus casg a chur air daoine a bhith a’ cur làmh nam bheatha fhèin a dhèanamh freagarrach do choimhearsnachdan eileanach..

Mind to Mind

Air a chur air bhog sa Chèitean 2022, tha Mind to Mind na ghoireas didseatach a tha ag amas air taic a chumail ri sunnd inntinn an t-sluaigh san fharsaingeachd ann an Alba, a’ gabhail a-steach coimhearsnachdan dùthchail agus eileanach.

Tha e a’ taisbeanadh deagh chomhairle bho dhaoine le eòlas beatha air dùbhlain slàinte is sunnd inntinn agus a’ soilleireachadh nan rudan practaigeach as urrainn do dhaoine dèanamh gus iad fhèin a chuideachadh ge b’ e far a bheil iad a’ fuireach no ag obair. Tha e air a dhealbh gus cur ri seirbheisean slàinte inntinn is sunnd pearsanta air feadh Alba. Chan eilear an dùil gun tèid e nan àite.

Tha Mind to Mind air a chumail air NHS Inform a tha na làrach air a’ gheal-liosta. Cha bhi luchd-tadhail a’ cleachdadh an cuid dàta fòn-làimhe no eadar-lìn nuair a thadhlas iad air an làraich. Tha oifigearan ann an Riaghaltas na h-Alba agus NHS 24 air a bhith ag obair le buidhnean air feadh na h-Alba, a’ gabhail a-steach sgìrean eileanach, gus susbaint a chruthachadh agus barrachd ghoireasan a chomharrachadh airson in-ghabhail.

Maoin Coimhearsnachdan Slàinte Inntinn is Sunnd do dh’Inbheach

Bho 2021, tha sinn air £51m a thasgadh anns a’ Mhaoin Slàinte Inntinn is Sunnd Coimhearsnachd do dh’inbhich, le timcheall air 3,300 tabhartas air an toirt do phròiseactan ionadail air feadh na h-Alba anns a’ chiad dà bhliadhna a-mhàin gus cuideachadh le bhith a’ dèiligeadh ri buaidh iomallachas sòisealta, aonaranachd agus neo-ionannachd slàinte inntinn. air a dhèanamh nas miosa leis a’ ghalair lèir-sgaoilte agus an èiginn nan cosgaisean bith-beò.

Tha fòcas làidir aig a’ Mhaoin air casg agus eadar-theachd thràth, a’ toirt prìomhachas do raon de bhuidhnean ‘ann an cunnart’ a’ gabhail a-steach na daoine sin a tha fo anacothrom a thaobh suidheachadh cruinn-eòlasach (gu sònraichte ann an eileanan agus sgìrean dùthchail). Tha fòcas aice air an fheadhainn a tha fo ana-cothrom sòisio-eaconamach a tha air an dèanamh nas miosa le èiginn nan cosgaisean bith-beò.

Tha a’ Mhaoin a’ cumail taic ri buidhnean aig ìre na coimhearsnachd gus ath-leumachd a thogail, agus tha e ag amas air an fheum air eadar-theachdan clionaigeach a lùghdachadh le bhith a’ cumail taic ri iomairtean air an stiùireadh leis a’ choimhearsnachd agus tro sheirbheisean taic ionadail.

Tha Aithisg Sgrùdaidh Bliadhna 2 a’ sealltainn gun robh daoine a bha fo ana-cothrom a thaobh suidheachadh cruinn-eòlasach am measg nam buidhnean targaid as cumanta, le 1,239 pròiseact a’ gabhail a-steach fòcas air aonaranachd shòisealta.

Chaidh còrr is £4.8 millean a riarachadh gus taic a thoirt do phròiseactan ann an raointean a tha còmhdaichte le Plana Nàiseanta nan Eilean, bho chaidh a’ Mhaoin a stèidheachadh. ann an 2021.

Chaidh còrr is 700 duais a thoirt do phròiseactan coimhearsnachd a tha a’ cumail taic ri daoine fo ana-cothrom mar thoradh air an suidheachadh cruinn-eòlasach (a’ gabhail a-steach ann an sgìrean dùthchail). Mar eisimpleir, tha Pròiseact Assist, a tha stèidhichte ann am Beàrnaraigh anns na h-Eileanan an Iar, ag amas air aonaranachd sòisealta a lùghdachadh.

Fòram Nàiseanta airson Slàinte Inntinn Dùthchail

Bho 2016, tha Riaghaltas na h-Alba air tabhartasan bliadhnail de £50,000 a thairgsinn airson Change Mental Health gus taic a thoirt do dh’obair Fòram Nàiseanta na Slàinte Inntinn Dùthchail. Bidh seo a’ cur fòcas air a bhith ag iomlaid eòlas, air gnàth-eòlas agus ionnsachadh mu shlàinte inntinn agus sunnd ann an sgìrean dùthchail, a’ toirt cothrom do chom-pàirtichean tuigse nas fheàrr fhaighinn air, agus taic a thoirt do, choimhearsnachdan dùthchail. Bidh am Fòram a’ co-roinn bheachdan agus deagh chleachdadh gu fosgailte, a’ togail bunait fianais a bhios a’ fiosrachadh poileasaidh.

Ann an com-pàirteachas leis an Fhòram, tha sinn ag obair gus dèanamh cinnteach gu bheil cothrom co-ionann agus ann an deagh àm aig coimhearsnachdan dùthchail air seirbheis slàinte inntinn agus tha sinn a’ toirt taic do dh’oidhirpean Bùird NHS gus cleachdadh ruigsinneachd didseatach air seirbheisean do choimhearsnachdan dùthchail a bhrosnachadh.

Tha am Fòram a’ toirt taic do chleachdadh ùr-ghnàthach tro, mar eisimpleir, am Pròiseact Com-pàirteachaidh Coimhearsnachd Dùthchail, a bhrosnaicheas ath-shlànachadh slàinte inntinn do dhaoine aig a bheil neo-ionannachd a bharrachd, a’ gabhail a-steach fògarraich agus luchd-siridh comraich, luchd-cùraim òga agus a’ choimhearsnachd LGBTI+.

Taic Slàinte Inntinn coimhearsnachd do Chloinn is Òigridh

Thug Riaghaltas na h-Alba £15 millean a bharrachd do dh’ùghdarrasan ionadail am-bliadhna gus am b’ urrainn dhaibh cumail orra a’ lìbhrigeadh taic is seirbheisean slàinte inntinn stèidhichte sa choimhearsnachd do chloinn, daoine òga agus an teaghlaichean. Tha na seirbheisean sin ag amas air casg agus eadar-theachd thràth agus tha iad a’ gabhail a-steach taic airson deagh shlàinte inntinn agus sunnd a bharrachd air suidheachaidhean èiginn a thaobh droch shlàinte inntinn. Tha am maoineachadh a’ toirt comas do chomhairlean taicean agus seirbheisean a chur an gnìomh a rèir phrìomhachasan ionadail, a’ fàgail gun urrainnear dèiligeadh nas fheàrr ri feumalachdan sònraichte nan coimhearsnachdan eileanach.

Am measg nan eisimpleirean de thaicean agus seirbheisean a tha an sàs, tha leigheas ealain anns na h-Eileanan an Iar gus clann agus daoine òga aois 5-18 a chuideachadh le bhith ag obair tro dhuilgheadasan agus cuideachd a’ toirt àite sàbhailte dhaibh gus rudan a chur an cèill tro ealain nach urrainn dhaibh tro bhith a’ bruidhinn, agus trèanadh slàinte-inntinn do luchd-obrach agus saor-thoilich aig Camanachd an Eilein Sgitheanaich gus misneachd agus fèin-spèis a thogail tro spòrs.

Seirbheisean Slàinte Inntinn agus Coileanadh

Tha Riaghaltas na h-Alba fhathast dealasach a thaobh taic do sheirbheisean slàinte inntinn aig Bùird Eileanach gus an luchd-obrach aca a leasachadh, solar seirbheis àrdachadh agus gus dèanamh cinnteach gum faigh an fheadhainn a tha feumach air cùram an cùram sin aig an àm cheart agus san àite cheart.

Bidh oifigich Riaghaltas na h-Alba a’ coinneachadh ri Ceannardan Slàinte Inntinn ann am Bùird Slàinte nan Eilean gus ath-sgrùdadh a dhèanamh air coileanadh a rèir inbhean amannan feitheimh slàinte-inntinn. Tha sinn ag aithneachadh ged a tha coileanadh ionadail eadar-dhealaichte, gu bheil dùbhlain choitcheann ann airson bùird dhùthchail. Bidh oifigearan a’ toirt cothrom air comhairle phroifeiseanta, agus a’ toirt taic do cho-obraichean slàinte inntinn eileanach gus obrachadh còmhla gus deagh chleachdadh a chur an gnìomh.

Ann an 2022-23, riaraich sinn maoineachadh de £46 millean air feadh na h-Alba tro Fhrèam Toraidhean Slàinte Inntinn 2022-23 gus càileachd agus lìbhrigeadh sheirbheisean slàinte inntinn a leasachadh do na h-uile. Bha seo a’ gabhail a-steach bun-ìre riatanach de ghoireasan airson Bùird Eileanach gus an urrainn dhaibh cumail orra a’ fastadh agus a’ cumail suas seirbheisean le deagh luchd-obrach.

A’ toirt taic do dhaoine ann an èiginn

Tha ar modail taic ùr-ghnàthach Distress Brief Intervention (DBI) a’ tabhann taic fuasgladh-dhuilgheadasan stèidhichte sa choimhearsnachd do dhaoine ann an èiginn. Tha e ri fhaighinn gu nàiseanta tro NHS24 (do dhuine sam bith nas sine na aois 16) agus tha sinn a’ cumail oirnn le taic do bhùird NHS gus am modail DBI a leabachadh ann an seirbheisean ionadail, a’ gabhail a-steach ann an coimhearsnachdan eileanach.

Tha modail DBI an sàs mar-thà ann an Arainn, Arcaibh agus Sealtainn, agus thèid a thabhann a dh’aithghearr anns na h-Eileanan an Iar. Faodar modail taic DBI atharrachadh gus freagairt air feumalachdan choimhearsnachdan ionadail, mar a chithear leis a’ chom-pàirteachas ùr-ghnàthach eadar Blide Trust agus Penumbra gus seirbheis DBI Arcaibh a lìbhrigeadh.

Contact

Email: info@islandsteam.scot

Back to top