Aithris Bhliadhnail air Plana Nàiseanta nan Eilean 2023
Gaelic version of the National Islands Plan annual report 2023
Coimhearsnachdan Eileanach le Cumhachd agus Com-pàirteachasan Ionadail Làidir
Amas ro-innleachdail 10 – Gus cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan eadar-mheasgte agus àiteachan eadar-dhealaichte
Gealltanas 10.1 Dh’aontaich sinn an t-Ath-sgrùdadh air Riaghaladh Ionadail a thoirt air adhart le COSLA gus siostam de dheamocrasaidh ionadail a chruthachadh a bhios in-ghabhalach agus a bheir deagh bhuaidh air beathannan dhaoine;
Mapa Slighe Buileachaidh 2023
- Tha an dealas fhathast ann a bhith a’ crìochnachadh a’ Cho-Lèirmheas Riaghladh Ionadail (LGR) le COSLA agus gus na co-dhùnaidhean a bhuileachadh tro Bhile taobh a-staigh na pàrlamaid seo. Tha an Lèirmheas air Riaghladh Ionadail na phrìomh phàirt den dòigh-obrach iomlan againn a thaobh Ath-leasachadh Seirbheisean Poblach agus an dàimh ri riaghaltas ionadail san àm ri teachd. Tha sinn a’ dèanamh adhartas le bhith a’ lìbhrigeadh rùintean poileasaidh farsaing an Lèirmheis air Riaghladh Ionadail tro ghrunn diofar shlighean. Tha an Cùmhnant Ùr airson Riaghaltas Ionadail agus gealltanasan ùra air Cìs Luchd-tadhail Ionadail agus cìs comhairle air dàrna dachaighean/seilbh a tha falamh san ùine fhada uile nan atharrachaidhean susbainteach a bheir cumhachd do riaghaltas ionadail. Tha cuid de na h-ath-leasachaidhean sin gan toirt air adhart, mar a tha iomchaidh, tro na dòighean reachdail sònraichte aca fhèin.
- Tha Riaghaltas na h-Alba cuideachd a’ cumail orra ag obair le com-pàirtichean ionadail ann an Arcaibh agus sna Eileanan an Iar gus sgrùdadh a dhèanamh air na buannachdan a dh’fhaodadh a bhith an cois mhodailean Ùghdarrais Shingilte. Tha an obair seo a dh’fhaodadh buaidh fharsaing a thoirt, aig ìre thràth agus tha sinn mothachail gum faodadh ùidh a bhith aig comhairlean eile ann.
Tha am Prògram airson Riaghaltais 2023-2024 a’ mìneachadh na ceumannan a tha sinn an dùil a ghabhail gus an Lèirmheas Riaghlaidh Ionadail a thoirt air adhart. Dhaingnich sinn gun obraich sinn le ùghdarrasan ionadail eileanach le àrd-amas rèiteachaidhean riaghlaidh eile a chruthachadh, a’ gabhail a-steach modailean leithid Ùghdarrasan Singilte, agus gus ath-leasachaidhean sònraichte airson àiteachan a bheir seachad an comas as motha piseach a thoirt air builean do mhuinntir an àite. Dhaingnich sinn cuideachd gun cuir sinn crìoch air a’ chòmhradh nàiseanta Democracy Matters agus gun cleachd sinn na co-dhùnaidhean gus rèiteachaidhean ùra aontachadh gus co-dhùnaidhean in-ghabhalach nar bailtean-mòra, bailtean-beaga agus nàbachdan.
Tha comhairlean Earra-Ghàidheal is Bhòid, Arcaibh agus nan Eilean Siar uile air ùidh a nochdadh ann a bhith a’ cruthachadh mhodailean riaghlaidh gus co-dhùnaidhean mu sheirbheisean poblach deatamach amalachadh barrachd ann an dòighean a fhreagras air suidheachaidhean ionadail. Obraichidh sinn le com-pàirtichean ionadail anns gach suidheachadh gus rèiteachaidhean eile a chruthachadh a sheallas comas làidir airson piseach a thoirt air builean do mhuinntir an àite, neo-ionannachd a lughdachadh agus a bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi seasmhachd ionmhasail ann san fhad-ùine.
Tha an còmhradh Democracy Matters ag iarraidh air daoine air feadh na h-Alba beachdachadh air mar a dh’fhaodadh rèiteachaidhean ùra airson co-dhùnaidhean nar coimhearsnachdan obrachadh anns na h-àiteachan as aithne dhaibh fhèin. Chuir Riaghaltas na h-Alba agus COSLA an dàrna ìre den chòmhradh air bhog san Lùnastal 2023 a mhaireas fad 6 mìosan. Tha maoin thabhartasan beaga air coimhearsnachdan a chuideachadh gus an còmhradh aca fhèin a chumail. A bharrachd air seo, tha Ionad Leasachaidh Coimhearsnachd na h-Alba agus Comann Urrasan Leasachaidh na h-Alba a’ cur chòmhraidhean air dòigh le beagan choimhearsnachdan eadar-mheasgte, nam measg coimhearsnachdan ann am Muile agus san Eilean Sgitheanach. Foillsichidh sinn co-dhùnaidhean nan tagraidhean uile a gheibhear as t-earrach 2024.
Gealltanas 10.2 Thoir taic do phròiseasan com-pàirteachaidh gus guth làidir a thoirt do choimhearsnachdan eileanach ann an cur an gnìomh a’ Phlana.
Mapa Slighe Buileachaidh 2023
- Tha sinn a’ cumail oirnn ag obair leis a’ Bhuidhinn Ro-innleachdail Nàiseanta air Buidseatadh Com-pàirteachail, a tha na buidheann neo-eisimeileach a tha an urra ri fiosrachadh a chruthachadh air Buidseatadh Com-pàirteachail agus a bhith a’ togail comas air feadh na h-Alba gus dèanamh cinnteach gu bheil an cleachdadh as fheàrr ann. Bidh a’ bhuidheann a’ coinneachadh gach ràithe.
- Tha sinn a’ cumail oirnn ag obair leis a’ bhuidhinn ro-innleachdail gus sgrùdadh a dhèanamh air mar a ghabhas buidseatadh com-pàirteachail a chleachdadh mar inneal conaltraidh ùr-ghnàthach gus dèiligeadh ri cùisean co-cheangailte ri slàinte is sunnd, foghlam, taigheadas agus ceartas na gnàth-shìde.
- Cumaidh sinn oirnn ag obair ann an com-pàirteachas le COSLA gus ùghdarrasan ionadail a chuideachadh a’ ruighinn an targaid gum bi co-dhiù 1% den bhuidseat aca gan toirt seachad tro bhuidseatadh com-pàirteach, a’ toirt guth dìreach do dhaoine ionadail air mar a thèid faisg air £100m a chosg.
- Tha Riaghaltas na h-Alba a’ cumail air adhart a’ toirt taic do sgioba com-pàirteachaidh poblach COSLA, aig an robh fòcas sònraichte air a bhith a’ leasachadh agus a’ lìbhrigeadh CONSUL, bathar-bog com-pàirteachaidh saoranach. Chaidh CONSUL eadar-theangachadh dhan Gàidhlig, ga dhèanamh comasach pròiseasan conaltraidh coimhearsnachd air-loidhne a chumail sa Ghàidhlig.
- Tha Riaghaltas na h-Alba ag aithneachadh gum feum cunntachalachd a bhith ann, cho math ri co-obrachadh leantainneach le ar com-pàirtichean ann an ùghdarrasan ionadail, luchd-ùidh agus coimhearsnachdan eileanach fad beatha a’ Phlana gus dèanamh cinnteach gun adhbharaich Plana Nàiseanta nan Eilean atharrachadh brìoghmhor, adhartach agus seasmhach. Leanaidh sinn oirnn le co-chomhairleachadh agus co-obrachadh cunbhalach leis na coimhearsnachdan eileanach againn.
- Tha an dà chuid Buidheann Ro-innleachdail nan Eilean agus Buidheann Lìbhrigidh Plana Nàiseanta nan Eilean a’ cumail taic ri buileachadh Plana Nàiseanta nan Eilean. Chaidh Buidheann Ro-innleachdail nan Eilean a stèidheachadh gus dèanamh cinnteach gum bi barrachd com-pàirt aig na comhairlean buntainneach ann a bhith a’ dealbhadh fhuasglaidhean do na dùbhlain a tha ro eileanaich, agus bidh a’ Bhuidheann Lìbhrigidh a’ dèanamh cinnteach gu bheil obair air a stiùireadh air adhart ann an dòigh cho-obrachail a tha an dha-rìribh a’ gabhail a-steach coimhearsnachdan eileanach. Cumaidh sinn oirnn ag obair gu dlùth leis an dà bhuidhinn seo a thaobh lìbhrigeadh Plana Nàiseanta nan Eilean.
Buidseatadh com-pàirteachail
San Iuchar 2023, dh’ainmich COSLA ann an com-pàirteachas le Riaghaltas na h-Alba gun do ràinig ùghdarrasan ionadail a’ chlach-mhìle gu bheil 1% den prìomh buidseat air a thoirt seachad tro bhuidseatadh com-pàirteachail. Bho 2021, tha còrr air 110,000 neach air pàirt a ghabhail ann am pròiseasan com-pàirteachaidh agus air co-dhùnadh gu dìreach mar a chaidh bhuidseatan comhairle le luach £154 millean a chosg.
Tha sinn a’ cumail oirnn ag obair ann an com-pàirteachas le COSLA air leasachadh agus lìbhrigeadh CONSUL, bathar-bog com-pàirteachaidh saoranach.
Rèiteachadh Riaghaltas Ionadail
Anns an rèiteachadh buidseit a tha fìor dhùbhlanach, tha sinn a’ toirt seachd còrr is £14 billean ann an Rèiteachadh an Riaghaltais Ionadail. Tha sinn ag àrdachadh nan stòrasan a tha rim faotainn do Riaghaltas Ionadail le còrr is £795.7 millean, co-ionann ri àrdachadh de 6% ann an teirmean airgid (4.3% a’ gabhail a-steach na h-atmhorachd).
Tha e na phoileasaidh aig Riaghaltas na h-Alba a thaobh caitheamh ùghdarrasan ionadail a bhith a’ toirt saorsa ionmhais do dh’ùghdarrasan ionadail a bhith ag obair san dòigh a thogras iad fhèin. Mar sin, tha a’ mhòr-chuid den mhaoineachadh air a thoirt seachad tro mheall-grant. Tha e an uair sin an urra ri ùghdarrasan ionadail fa leth na buidseatan aca fhèin a riaghladh agus na goireasan ionmhais iomlan a tha rim faotainn dhaibh a riarachadh, a rèir feumalachdan agus prìomhachasan ionadail, às dèidh dhaibh an dleastanasan reachdail agus an seata de phrìomhachasan nàiseanta is ionadail a chaidh aontachadh a choileanadh an toiseach.
Co-chomhairle air an Lèirmheas air Plana Nàiseanta nan Eilean
Tha a’ chiad Phlana Nàiseanta nan Eilean a-riamh ann an Alba, a chaidh fhoillseachadh ann an 2019, a-nis ga ath-sgrùdadh mar a tha riatanach fo Achd nan Eilean (Alba) 2018 a tha ag ràdh gum feumar ath-sgrùdadh a dhèanamh taobh a-staigh 5 bliadhna bhon chiad fhoillseachadh. Mar sin tha an lèirmheas seo a’ toirt cothrom do Riaghaltas na h-Alba agus an com-pàirtichean meòrachadh air atharrachaidhean ann an suidheachadh nan coimhearsnachdan eileanach bho 2019.
Bheir ath-sgrùdadh air an t-eagran làithreach de Phlana Nàiseanta nan Eilean sealladh farsaing dhuinn air a’ bhuaidh a bh’ aige bho chaidh fhoillseachadh agus fiosrachaidh e eagran ùr de Phlana Nàiseanta ùr nan Eilean (ma dh’innseas an lèirmheas dhuinn gu bheil feum againn air a leithid)
Tha na h-eileanan againn air leth fhèin cudromach agus tha Riaghaltas na h-Alba gu làidir den bheachd gum bu chòir dhan ath-sgrùdadh seo a bhith air a stiùireadh le beachdan nan eileanach chun na h-ìre as motha ’s a ghabhas.
Chaidh Co-chomhairle Lèirmheas Plana Nàiseanta nan Eilean a chumail bho 18 Iuchar 2023 gu 7 Samhain 2023. A’ gabhail a-steach an dà chuid co-chomhairle air-loidhne agus 16 bùithtean-obrach, le 13 air an lìbhrigeadh aghaidh ri aghaidh sna h-eileanan agus 3 air-loidhne, dh’fheuch sinn ri dhèanamh cinnteach gum bi cothrom aig a h-uile duine le ùidh ann an eileanan na h-Alba am beachdan a thoirt seachad.
Bùitean-obrach Eileanach
Eige, 21 Sultain 2023
Griomasaigh, 26 Sultain 2023
Leòdhas, 27 Sultain 2023
Cumaradh, 28 Sultain 2023
An t-Eilean Sgitheanach: 19 Dàmhair 2023
Colbhasa, 24 Dàmhair 2023
Arainn, 25 Dàmhair 2023
Muile, 26 Dàmhair 2023
An Gearasdan, (Pàrlamaid Dhùthchail is Eileanan na h-Alba), 1 Samhain 2023
Bressay, 1 Samhain 2023
Brae, Tìr-mòr Shealtainn, 2 Samhain 2023
Stromness, Tìr-mòr Arcaibh, 6 Samhain 2023
Westray, 7 Samhain 2023
Thathar a’ dèanamh sgrùdadh neo-eisimeileach air toraidhean a’ cho-chomhairleachaidh agus thèid aithisg fhoillseachadh as t-earrach 2024.
Buidheann Ro-innleachdail nan Eilean
Bidh Buidheann Ro-innleachdail nan Eilean, a chaidh a stèidheachadh ann an 2016, a’ beachdachadh air cùisean a tha a’ toirt buaidh air coimhearsnachdan eileanach air a bheil daoine a’ fuireach ann an Alba agus a’ dèanamh cinnteach gum bi barrachd conaltraidh eadar ùghdarrasan ionadail agus eileanan gus cuideachadh le bhith ag aithneachadh agus a’ dealbhadh fhuasglaidhean gus na feumalachdan agus na dùbhlain mu choinneamh na coimhearsnachdan sin a choileanadh.
Tha ballrachd na buidhne air a dhèanamh suas de Rùnaire a’ Chaibineit airson Chùisean Dùthchail, Ath-leasachadh Fearainn agus Eileanan, Ceannardan Chomhairlean agus Àrd-oifgearan bho gach ùghdarras ionadail anns a bheil eileanan.
Choinnich a’ bhuidheann dà uair ann an 2023 agus bheachdaich iad air raon farsaing de chùisean a’ gabhail a-steach Maoin Èiginn Cosgaisean nan Eilean, còmhdhail, taigheadas (a’ gabhail a-steach Plana Gnìomh Taigheadais Iomallach, Dùthchail is Eileanach), atharrachadh na gnàth-shìde, bochdainn cloinne, èiginn nan cosgaisean bith-beò, imrich. agus gainnead luchd-obrach sgileil.
Buidheann Lìbhrigidh Plana Nàiseanta nan Eilean
Dh’aontaich Riaghaltas na h-Alba buidheann a stèidheachadh gus sùil gheur a chumail air lìbhrigeadh Plana Nàiseanta nan Eilean agus air a’ Mhapa Slighe Buileachaidh na chois. Air a stèidheachadh ann an 2021, agus a’ tighinn bho Amas Ro-innleachdail 13 den Phlana, tha Buidheann Lìbhrigidh Plana Nàiseanta nan Eilean a’ cumail taic ri buileachadh a’ phlana, a’ dèanamh cinnteach gu bheil coimhearsnachdan eileanach leabaichte san lìbhrigeadh.
Tha feum air co-obrachadh agus com-pàirteachas làidir gus plana cothromach, amalaichte, uaine agus in-ghabhalach a lìbhrigeadh. Bidh a’ Bhuidheann-lìbhrigidh a’ coinneachadh gu cunbhalach airson a bhith na spàs obrachaidh co-obrachail, gus adhartas a sgrùdadh agus gus cuideachadh le bhith a’ comharrachadh phrìomhachasan gus gealltanasan Plana Nàiseanta nan Eilean a choileanadh.
Tha ballrachd na buidhne a’ gabhail a-steach Riaghaltas na h-Alba, ùghdarras ionadail, com-pàirtichean san treas roinn, buidhnean coimhearsnachd, Bòrd na Gàidhlig, COSLA, Comataidh Gluasadachd agus Ruigsinneachd na h-Alba, sgoilearan agus eòlaichean cuspair iomchaidh.
Choinnich a’ Bhuidheann dà thuras ann an 2023 gus beachdachadh air cùisean a’ gabhail a-steach, am measg rudan eile, lùths agus eadar-ghluasad cothromach, togail beartas coimhearsnachd agus co-chomhairle air an ath-sgrùdadh air Plana Nàiseanta nan eilean.
Gealltanas 10.3 Coimhead air dòighean gus guth nan coimhearsnachdan eileanach a neartachadh ach a ghabhas cuideachd ris na diofaran eadar eileanan ann an dèanamh cho-dhùnaidhean aig an ìre ionadail is nàiseanta.
Mapa Slighe Buileachaidh 2023
- Tha obair air tòiseachadh gus ath-sgrùdadh a dhèanamh air Achd Cumhachdachadh Choimhearsnachdan (Alba) 2015 – gealltanas ann am Prògram Riaghlaidh 2021 – far am beachdaich sinn air mar as urrainn dhuinn barrachd guth a thoirt do choimhearsnachdan ionadail air mar a thathar a’ cleachdadh stòrasan poblach ionadail – co-dhiù a tha sin a’ gabhail ri sealbh no riaghladh fearainn no thogalaichean, lìbhrigeadh sheirbheisean do bhuill den choimhearsnachd aca, no barrachd conaltraidh leis an roinn phoblaich gus barrachd guth a bhith aca air mar a tha seirbheisean air an lìbhrigeadh, maoin air an cleachdadh agus goireasan air an riarachadh. Chaidh an lèirmheas a chuir air bhog le Tom Artair, a bha aig an àm na Mhinistear airson Ionmhas Poblach, Planadh, agus Beartas Coimhearsnachd aig Co-ionad Coimhearsnachd Loch Nis air 21 Iuchar 2022. Nì Riaghaltas na h-Alba cinnteach gum bi e fhathast iomchaidh agus beachdaichidh sinn air mar as urrainn dhuinn barrachd guth a thoirt do mhuinntir an àite anns na rudan a tha cudromach dhaibh sa choimhearsnachd aca. Tha an t-ath-sgrùdadh air Achd Cumhachdachadh Choimhearsnachdan a’ togail air an t-soirbheachas a chaidh a choileanadh bho thug Riaghaltas na h-Alba an reachdas eachdraidheil seo a-steach, le barrachd is barrachd dhaoine ionadail a’ togail an guthan mu bhuilean seirbheisean poblach, agus le barrachd is barrachd den fhearann is de na togalaichean poblach againn a’ gluasad a-null gu smachd coimhearsnachd. Tha sinn a’ toirt an ath-sgrùdaidh air adhart ann an co-obrachadh leis an roinn phoblaich, an treas roinn agus coimhearsnachdan le fòcas sònraichte air a’ bhuaidh a bheir an reachdas air coimhearsnachdan fo anacothrom.
- Tha Riaghaltas na h-Alba ag aithneachadh gum feum cunntachalachd a bhith ann, cho math ri co-obrachadh leantainneach le ar com-pàirtichean ann an ùghdarrasan ionadail, luchd-ùidh agus coimhearsnachdan eileanach fad beatha a’ Phlana gus dèanamh cinnteach gun adhbharaich Plana Nàiseanta nan Eilean atharrachadh brìoghmhor, adhartach agus seasmhach. Leanaidh sinn oirnn le co-chomhairleachadh agus co-obrachadh cunbhalach leis na coimhearsnachdan eileanach againn.
- Tha an dà chuid Buidheann Ro-innleachdail nan Eilean agus Buidheann Lìbhrigidh Plana Nàiseanta nan Eilean a’ cumail taic ri buileachadh Plana Nàiseanta nan Eilean. Chaidh Buidheann Ro-innleachdail nan Eilean a stèidheachadh gus dèanamh cinnteach gum bi barrachd com-pàirt aig na comhairlean buntainneach ann a bhith a’ dealbhadh fhuasglaidhean do na dùbhlain a tha ro eileanaich, agus bidh a’ Bhuidheann Lìbhrigidh a’ dèanamh cinnteach gu bheil obair air a stiùireadh air adhart ann an dòigh cho-obrachail a tha an dha-rìribh a’ gabhail a-steach coimhearsnachdan eileanach. Cumaidh sinn oirnn ag obair gu dlùth leis an dà bhuidhinn seo a thaobh lìbhrigeadh Plana Nàiseanta nan Eilean.
Thug Riaghaltas na h-Alba a-steach Iarrtasan Com-pàirt (Participation Requests), a chuidicheas daoine gus conaltradh a thòiseachadh mu na rudan a tha cudromach dhan choimhearsnachd aca le sùil an guth a bhith air a chluinntinn ann an leasachadh poileasaidh agus seirbheis. Tha Iarrtasan Com-pàirt air cothrom a thoirt seachad airson com-pàirteachadh coimhearsnachd airson cùisean leithid sàbhailteachd cidheachan, leasachadh rathaidean ionadail, oifisean poileis ionadail san àm ri teachd agus leasachaidhean air tallaichean coimhearsnachd.
Ann an 2023, dh’iarr sinn air ar buidhnean com-pàirteachais coimhead air na chaidh ionnsachadh bho Iarrtasan Com-pàirt agus a bhith ag obair leis na lìonraidhean aca air feadh na h-Alba – a’ gabhail a-steach coimhearsnachdan eileanach – gus cùisean a rannsachadh. Tha seo a’ co-thaobhadh leis an ath-sgrùdadh againn air Achd Cumhachdachadh Coimhearsnachd a tha a’ dol air adhart an-dràsta. Tha dùil ri co-dhùnaidhean am-bliadhna fhathast agus cuidichidh iad sin gus fiosrachadh mar a ghabhas cumhachdachadh choimhearsnachdan a neartachadh gus dèanamh cinnteach gun toir sinn barrachd cumhachdan do choimhearsnachdan agus buidhnean ionadail a thaobh na thachras dhaibh san am ri teachd.
Gealltanas 10.4 Obraich le coimhearsnachdan eileanach agus ùghdarrasan ionadail com-pàirteach ann a bhith ag ullachadh agus a’ toirt a-steach Bile Cìs Luchd-tadhail Sealach.
Mapa Slighe Buileachaidh 2023
- Chaidh Bile Cìs an Luchd-tadhail (Alba) a thoirt a-steach dhan Phàrlamaid air 24 Cèitean 2023 a’ togail air an obair leasachadh poileasaidh mòr a rinneadh ron ghalar lèir-sgaoilte. Ann a bhith a’ dèanamh seo, tha sinn air conaltradh le raon de luchd-ùidh, a’ gabhail a-steach buidhnean riochdachaidh gnìomhachais agus tha sinn air obrachadh gu dlùth le Riaghaltas Ionadail tro bhuidheann-obrach air a ghairm le COSLA anns an robh oifigearan bho raon de dh’ùghdarrasan ionadail an sàs.
Chaidh an gealltanas seo a choileanadh
Chaidh Bile Cìs Luchd-tadhail Sealach a thoirt a-steach dhan Phàrlamaid sa Chèitean 2023. Chaidh cruthachadh a’ Bhile fhiosrachadh le com-pàirteachadh nach beag le coimhearsnachdan eileanach, ùghdarrasan ionadail agus com-pàirteachasan ann an gnìomhachas. Bha seo a’ gabhail a-steach seiseanan conaltraidh pearsanta le coimhearsnachdan agus gnìomhachasan ann am Muile, san Eilein Sgitheanaich, ann an Tìr-mòr Arcaibh agus Tìr Mòr Shealtainn. Chaidh Measadh Buaidh air Coimhearsnachdan Eileanach a dhèanamh agus fhoillseachadh leis a’ Bhile.
Mar thoradh air conaltradh le coimhearsnachdan eileanach, tha am Bile a’ toirt sùbailteachd do dh’ùghdarrasan ionadail ann an diofar raointean gus an urrainn dhaibh cìs luchd-tadhail sam bith a dhèanamh freagarrach do shuidheachadh nan eileanan aca. Tha seo a’ gabhail a-steach comas eileanan a thoirt a-steach no a fhàgail a-mach à sgeama, an ìre sa cheud atharrachadh a rèir sgìre, agus daoine no seòrsaichean àite-fuirich ainmeachadh a thèid a shaoradh bhon chìs. Tha am Bile cuideachd a’ toirt air ùghdarrasan ionadail co-chomhairle a chumail le coimhearsnachdan ionadail, gnìomhachasan agus buidhnean turasachd mus stèidhich iad cìs, a’ toirt cothrom do chomhairlean a bhith a’ conaltradh le coimhearsnachdan eileanach agus sùbailteachd iomchaidh sam bith a chomharrachadh.
Ann a bhith a’ beachdachadh air cleachdadh nan cumhachdan ùra seo, fo Achd nan Eilean (Alba) 2018, feumaidh ùghdarras ionadail cumail ris an dleastanas aca feart a thoirt air coimhearsnachdan eileanach agus far a bheil e iomchaidh Measadh Buaidh Coimhearsnachdan Eileanach a dhèanamh ma thèid a’ chìs a thathar a’ moladh a chomharrachadh mar nì a bheireadh buaidh gu math eadar-dhealaichte air coimhearsnachd eileanach an taca ri coimhearsnachdan eile.
Gealltanas 10.5 Coimhead air dòighean gus cumhachd agus taic a thoirt do choimhearsnachdan eileanach gus cur ris an ath-leumachd aca le bhith a’ cruthachadh iomairtean agus phlanaichean ionadail ann an com-pàirteachadh le Seirbheisean Èiginn na h-Alba;
Mapa Slighe Buileachaidh 2023
- Tha sgioba nan Coimhearsnachdan Ath-leumach a’ beachdachadh air pròiseact an-dràsta gus bun-loidhne de ghnìomhachd ath-leumachd coimhearsnachd a stèidheachadh agus tha iad ag obair le luchd-ùidh eileanach gus dèanamh cinnteach gu bheil sealladh nan coimhearsnachdan eileanach mar phàirt de dhealbhadh a’ phròiseict.
Lìbhrig sinn sreath de cheithir bùithtean-obrach nàiseanta air-loidhne air Ath-leumachd Coimhearsnachd ann an Suidheachaidhean Èiginn eadar an Giblean agus an t-Ògmhios 2023. Bha com-pàirtichean a’ gabhail a-steach daoine bho choimhearsnachdan dùthchail agus eileanach agus fhuair iad àite gus beachdachadh air dè bha ath-leumachd coimhearsnachd a thaobh suidheachaidhean èiginn a’ ciallachadh sa cho-theacsa aca, agus dè na ceuman a b’ urrainn dhaibh a ghabhail gus na coimhearsnachdan aca a dhèanamh nas seasmhaiche. Bha na bùithtean obrach a’ gabhail a-steach seiseanan:
- Na bunaitean do choimhearsnachdan air ath-leumachd coimhearsnachd ann an suidheachaidhean èiginneach;
- Airson luchd-obrach ath-leumachd, air a bhith a’ co-roinn deagh chleachdadh agus lèirsinn mu bhith a’ toirt taic do agus ag obair le coimhearsnachdan ionadail;
- Air togail cheanglaichean agus com-pàirteachasan thairis air freagairtean ri suidheachaidhean èiginn, air a stiùireadh leis a’ choimhearsnachd agus freagarrachadh san fhad-ùine; agus
- Air in-ghabhaltachd ann an ath-leumachd coimhearsnachd.
Ged nach robh na bùithtean-obrach do dh’eileanan gu sònraichte, chaidh am fòrmat air-loidhne a thaghadh gus am b’ urrainn do dhaoine air feadh na h-Alba, a’ gabhail a-steach eileanaich, pàirt a ghabhail ann. Chaidh aithisg shlàn a cho-roinn leis a h-uile com-pàirtiche.
Ann an 2024-2025, tha sinn an dùil prìomhachas a thoirt do cho-obrachadh le luchd-ùidh sna h-eileanan gus coimhead air mar a ghabhas an obair seo a thoirt air adhart ann an co-theacs nan eilean.
Gealltanas 10.6 Thoir a-steach Riaghailtean a bheir comas do dh’ùghdarrasan ionadail eileanach, ann an co-chomhairleachadh leis na coimhearsnachdan aca, iarraidh air Ministearan na h-Alba reachdas a thoirt a-steach a tha a’ tiomnadh foincsean dhaibh, no gun toir Ministearan na h-Alba foincsean, dleastanas no uallach a bharrachd dhaibh. Tha na riaghailtean seo ag aithneachadh gu bheil suidheachadh gach coimhearsnachd eileanach air leth agus nach eil an aon rud daonnan iomchaidh airson a h-uile eilean.
Gealltanas air a choileanadh – Chaidh an gealltanas seo a choileanadh ann an 2020. Faic Aithisg Bhliadhnail Plana Nàiseanta nan Eilean 2020 airson barrachd fiosrachaidh.
Gealltanas 10.7 Dèan cinnteach gun tèid ‘dìon-eileanach’ a dhèanamh air poileasaidhean agus planaichean a thaobh Oighreachd a’ Chrùin Alba agus gu bheil manaidsear sam bith de stòras aig Oighreachd a’ Chrùin Alba a’ cumail taic ri cur an gnìomh Plana Nàiseanta nan Eilean mar a bhios iomchaidh.
Mapa Slighe Buileachaidh 2023
- Obraichidh sgioba Aonad Oighreachd a’ Chrùin Alba le Oighreachd a’ Chrùin Alba agus le daoine a dh’fhaodadh a bhith nam manaidsearan ùra, air stèidh cùis fa leth, gus dèanamh cinnteach gu bheil poileasaidhean nas fharsainge a thaobh Oighreachd a’ Chrùin Alba agus na molaidhean eadar-ghluasaid agus/no tiomnaidh aca air Measadh Buaidh nan Eilean a dhèanamh agus gun toir iad aire do Phlana Nàiseanta nan Eilean mar a bhios iomchaidh.
Aig an àm seo, is e Oighreachd a’ Chrùin Alba an aon mhanaidsear air Stòrasan Oighreachd a’ Chrùin ann an Alba agus ’s e pàirt den dleastanas seo dèanamh cinnteach gu bheil ’dìon eileanach’ air a dhèanamh air poileasaidhean agus pròiseactan eileanach le bhith a’ cumail taic ri Plana Nàiseanta nan Eilean agus a’ dèanamh cinnteach gu bheilear a’ dèanamh Measaidhean Buaidh Eileanach far a bheil sin iomchaidh.
Tha Oighreachd a’ Chrùin Alba a’ cruthachadh a’ Phlana Chorporra ùr aca airson 2025-2030 agus tha iad a’ leantainn orra a’ gabhail feart air Plana Nàiseanta nan Eilean mar phàirt den leasachadh.
Gealltanas 10.8 Dèan cinnteach gum bi luchd-labhairt na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan eileanach air am brosnachadh agus a’ faighinn taic gus iad fhèin a chur an cèill tro mheadhan na Gàidhlig.
Mapa Slighe Buileachaidh 2023
- Dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba am Plana Gàidhlig ùr aca airson 2022-2027 san Dàmhair 2022. Tha tairgse fhosgailte sa Phlana a bhith a’ conaltradh tro mheadhan na Gàidhlig. A bharrachd air sin, tha Riaghaltas na h-Alba toilichte gabhail ri iarrtasan sgrìobhte sa Ghàidhlig. Tha Riaghaltas na h-Alba air gealltainn barrachd sheirbheisean a thoirt seachad tron Ghàidhlig agus a’ bhith a’ leudachadh chothroman gus Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachaidhean làitheil agus suidheachaidhean foirmeil. Mar phàirt den phròiseas gus an ath eagrain de Phlana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba a sgrìobhadh, cho-obraich sgioba na Gàidhlig agus na h-Albais le diofar oifisean aig Riaghaltas na h-Alba sna h-eileanan gus beachdachadh air dè an t-ullachadh a bharrachd as urrainn dhaibh dèanamh airson na Gàidhlig. Tha planaichean Gàidhlig an gnìomh aig na trì ùghdarrasan ionadail Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd agus Earra-Ghàidheal is Bhòid, tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aca agus tha oifigearan leasachaidh Gàidhlig aca gus cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig a bhrosnachadh agus a chuideachadh.
- Tha Foghlam Alba air Plana Gàidhlig ath-sgrùdaichte fhoillseachadh airson 2022 – 2027. Tha seo mar phàirt den ro-innleachd còig-bliadhna aig Luchd-sgrùdaidh an Rìgh airson Foghlam Gàidhlig, a bheir buaidh cuideachd air eileanan. Mar phàirt de seo, cumaidh Luchd-sgrùdaidh an Rìgh orra a’ toirt seachad measaidhean sònraichte air dè cho math ’s a tha ionadan agus suidheachaidhean a’ coileanadh ann an grunn phrìomh raointean. Bheir sinn seachad am measadh speisealach seo airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus airson co-theacsan eileanach. Bheir sinn air adhart amasan àrd-ìre ùra cuideachd gus taic a thoirt dhan Ghàidhlig.
Tha Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba a ’ cur dleastanas air a’ bhuidheann gabhail ri conaltradh Gàidhlig agus an uair sin freagairt a thoirt seachad sa Ghàidhlig. Is e gealltanas a tha seo a th’ air a bhith ann bho chionn fhada agus a thèid a chumail. Mar an ceudna, tha pròiseas stèidhichte ann airson a bhith a’ cur a-mach sgrìobhainnean riaghaltais dà-chànanach, le cùisean co-cheangailte ris na h-eileanan am measg an fheadhainn a tha a’ faighinn prìomhachas airson eadar-theangachadh Gàidhlig.
Thug co-chomhairleachadh Bile nan Cànan Albannach cothrom do luchd-freagairt pàirt a ghabhail gu tur sa Ghàidhlig, nan robh iad airson sin a dhèanamh. Chùm Roinn na Gàidhlig is na h-Albais aig Riaghaltas na h-Alba tachartasan Gàidhlig aghaidh ri aghaidh ann an Leòdhas is Uibhist a bharrachd air seiseanan air-loidhne le coimhearsnachdan eileanach. Bha an àireamh de fhreagairtean Gàidhlig a fhuaireadh brosnachail agus – tro cho-obrachadh le co-oibrichean ann am Pàrlamaid na h-Alba – bidh ìrean eile de leasachadh a’ Bhile cuideachd a’ brosnachadh com-pàirt sa Ghàidhlig.
Chuir Riaghaltas na h-Alba taic ri Co-chruinneachadh Gnàth-shìde na Gàidhlig a chaidh a chumail ann an Cnoc Soilleir san t-Samhain 2023. Chaidh an co-chruinneachadh a chuir air dòigh le Climate Hebrides agus tha e na phàirt de phròiseact leantainneach gus dèanamh cinnteach gun urrainn do luchd-còmhnaidh nan Eilean Siar a dhol an sàs ann am poileasaidhean gnàth-shìde Riaghaltas na h-Alba tro mheadhan na Gàidhlig. Tha e na fhòcas cudromach san obair aige cothrom a thoirt do choimhearsnachdan a bhith a’ dèanamh stuthan a thaobh gnàth-shìde sa Ghàidhlig – a’ dèanamh cinnteach gu bheil briathrachas gnàth-shìde bhon phoball a’ fiosrachadh foillseachaidhean oifigeil. Bidh fòcas mar seo cuideachd a’ cuideachadh gus cuideam a chur air na cunnartan sònraichte bho atharrachadh na gnàth-shìde do choimhearsnachdan Gàidhlig a tha sna h-eileanan.
Bha pròiseact Cosgais Latha na Sgoile ri fhaighinn sa Ghàidhlig gus com-pàirt sgoilearan tro mheadhan na Gàidhlig a bhrosnachadh. Nithear barrachd obair den t-seòrsa seo agus thèid beachdachadh air barrachd chothroman gus dèanamh cinnteach gun urrainn do roinn FtG a dhol an sàs ann am prògraman nàiseanta tro mheadhan na Gàidhlig.
Contact
Email: info@islandsteam.scot
There is a problem
Thanks for your feedback