Aithris Bhliadhnail air Plana Nàiseanta nan Eilean 2023

Gaelic version of the National Islands Plan annual report 2023


Ealainean, Cultar agus Cànan

Amas ro-innleachdail 11 – Gus taic a chumail ri ealainean, cultar agus cànan

Gealltanas 11.1 Dèan tasgadh anns na stòrasan cultarach agus eachdraidheil againn, gus dèanamh cinnteach gun tèid eileanaich a bhrosnachadh gus com-pàirteachadh ann an cultar agus na h-ealainean.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Bidh mòran phròiseactan leantainneach leithid Ceòlas, Fèisean nan Gàidheal, An Comann Gàidhealach, am Fòram Dualchais agus ionadan mar An Lanntair, Taigh-tasgaidh Chill Donnain, Taigh Chearsabhagh, Sabhal Mòr Ostaig agus Urras Oighreachd Gabhsainn a’ cur ris an amas seo.
  • Ag obair còmhla ri com-pàirtichean, cumaidh EventScotland air a’ togail cliù na h-Alba mar an t-àite as fheàrr do thachartasan le bhith a’ cumail taic ri agus a’ glèidheadh portfolio de thachartasan agus a’ leasachadh gnìomhachas nan tachartasan. Cumaidh EventScotland air a bhith mothachail air/a’ co-thaobhadh ri iomairtean nas fharsainge aig Riaghaltas na h-Alba agus VisitScotland a tha ag amas air na h-eileanan.
  • Tha ‘Bliadhnaichean Cuspaireil’ a’ toirt dhuinn àrd-ùrlar co-obrachail gun samhail gus an urrainn grunn chom-pàirtichean co-obrachadh nas dlùithe gus amasan coitcheann a choileanadh agus gus obair com-pàirteachais nas treasa a thogail gus leasachadh eaconamach seasmhach a lìbhrigeadh anns na roinnean ceangailte de thurasachd, cultair agus tachartasan. Tha a bhith a’ cruthachadh prògram de thachartasan matha agus iom-fhillte na phrìomh phàirt de dhòigh-obrach nam Bliadhnaichean Cuspaireil.

A’ brosnachadh ealainean is cultar na Gàidhlig

Tha Roinn na Gàidhlig is na h-Albais aig Riaghaltas na h-Alba a’ cur air adhart diofar iomairtean cultarail is foghlaim a bheir cothrom do dhaoine air na h-ealainean agus cultar. Tha an taic a bheir sinn do dh’ionadan cultarail eileanach, leithid Cnoc Soilleir ann an Uibhist a Deas agus Ionad Chaluim Chille Ìle, a’ lìbhrigeadh goireasan ùr-nodha gus dualchas Gàidhlig nan sgìrean a chomharrachadh. Bidh an Roinn cuideachd a’ maoineachadh pròiseact Dìleab aig Comhairle nan Eilean Siar a tha a’ taisbeanadh eachdraidh chultarail nan Eilean Siar agus a’ cruthachadh chothroman airson ionnsachadh eadar-ghinealaich. Tha an tasglann air-loidhne Tobar an Dualchais na ghoireas deatamach airson cothrom faighinn air òrain agus traidiseanan Gàidhlig a chruinnich Sgoil Eòlais na h-Alba bho mheadhan an 20mh linn air adhart. Chithear na buannachdan aige, am measg àiteachan eile, tron bhrosnachadh a bheir e do luchd-ciùil Albannach an latha an-diugh gus ceòl traidiseanta Gàidhlig atharrachadh do luchd-èisteachd an latha an-diugh. Tro iomairtean mar seo, agus tro ar maoineachadh airson na h-obrach a nì buidhnean leithid Sabhal Mòr Ostaig, MG Alba agus Stòrlann, tha Riaghaltas na h-Alba ag obair gus dèanamh cinnteach gu bheilear a’ brosnachadh ealainean is cultar nan coimhearsnachdan eileanach. Togaidh an obair leantainneach againn air Bile nan Cànan Albannach agus freagairt Riaghaltas na h-Alba dhan Aithisg air Cothroman Eaconamach is Sòisealta dhan Ghàidhlig air seo.

EventScotland

Ann an 2023, thug EventScotland seachad faisg air £200,000 de mhaoineachadh bho na prògraman nàiseanta is eadar-nàiseanta aca gus taic a thoirt do naoi tachartasan ann an coimhearsnachdan eileanach. Nam measg bha: Hoy on Hoy, Fèis Ciùil Arcaibh, Fèis Ciùil Thiriodh (air a chur dheth ri linn droch shìde), HebCelt, Tall Ships Lerwick, Taisbeanadh Fàgail na Dachaigh agus Tatù Metagama nan Eilean Siar, Fèis Saidheans Eadar-nàiseanta Arcaibh, Ralaidh Mhuile aig Beatson’s Building Supplies, agus BWA Tiree Wave Classic.

Às dèidh do Shealtainn an tachartas seo a chumail gu soirbheachail ann an 2005, cruthachaidh Geamannan Arcaibh 2025 cothrom aire a thoirt do ìomhaigh Arcaibh agus, san fharsaingeachd, do choimhearsnachdan eileanach na h-Alba mar dhachaigh do thachartasan spòrs eadar-nàiseanta. Faic gealltanas 7.8 airson barrachd fiosrachaidh mun na Geamaichean Gàidhealach.

Tha an Ro-innleachd Tachartasan Nàiseanta ùraichte a’ cur an cèill cho cudromach ’s a tha com-pàirteachasan èifeachdach thar buidhnean poblach is prìobhaideach nàiseanta is ionadail gus làn fheum a dhèanamh de chomas eileanan na h-Alba mar cheann-uidhe do thachartasan.

Ag obair le com-pàirtichean, leanaidh EventScotland air adhart a’ togail cliù na h-Alba mar an t-àite as fheàrr do thachartasan tro leasachadh seasmhach air gnìomhachas nan tachartasan agus le bhith a’ cumail taic ri, agus a’ daingneachadh pasgan de thachartasan. Cumaidh EventScotland air a bhith mothachail air/a’ co-thaobhadh ri iomairtean nas fharsainge aig Riaghaltas na h-Alba agus VisitScotland a tha ag amas air na h-eileanan.

Alba Chruthachail

Ann an 2023, thug Alba Chruthachail còrr is £500,000 do thagraichean, an dà chuid daoine fa leth agus buidhnean, stèidhichte ann an coimhearsnachdan eileanach tro phrògraman maoineachaidh fosgailte agus cuimsichte.

Tro phrògram nam Buidhnean le Maoineachadh Cunbhalach, thug Alba Chruthachail taic do dh’ochd buidhnean stèidhichte ann an coimhearsnachdan eileanach le tasgadh sa bhliadhna ionmhais 2022-2023 le luach de chòrr is £2.2 millean. Fhuair Lìonra nan Cuairtean (Gàidhealtachd is na h-Eileanan), a tha a’ toirt taic do bhuidhnean ann an coimhearsnachdan eileanach, £120,000. Cuideachd, lìbhrig Alba Chruthachail maoineachadh tro Mhaoin Foirmle Iomairt Ciùil na h-Òigridh do gach sgìre ùghdarras ionadail ann an Alba, a’ gabhail a-steach nan eileanan.

Thig taic a bharrachd do ghnìomhachdan ann an coimhearsnachdan eileanach bho bhuidhnean nàiseanta leithid Comhairle nan Leabhraichean, Urras Leabhraichean na h-Alba agus Hands Up for Trad.

Tha Alba Chruthachail cuideachd a’ toirt pàirt-mhaoineachadh do Bhuidheann Leasachaidh Ealain Shealtainn, a chùm Fèis Fhilmichean Shealtainn 2023. Bha «Home Made» na roinn-seòrsa sònraichte aig an fhèis, a’ taisbeanadh fhilmean a tha a’ cleachdadh dualchainnt Shealtainn. Chaidh tagraidhean a mheasadh le Shetland ForWirds, buidheann de shaor-thoilich a tha dìoghrasach mu dualchainnt Shealtainn na Scots agus a bhios a’ cumail measgachadh de thachartasan is ghnìomhachdan ann an Sealtainn gus an cànan ionadail a chur air adhart.

Companaidhean Cleasachd Nàiseanta

Gus an inbhe mar Chompanaidh Cleasachd Nàiseanta (NPC) a chumail feumaidh na còig NPCan dèanamh cinnteach gu bheil farsaingeachd de thaisbeanaidhean àrd-inbhe a’ tachairt air feadh na dùthcha.

Ann an 2023 thug Ballet na h-Alba, Opera na h-Alba agus Tèatar Nàiseanta na h-Alba riochdachaidhean gu coimhearsnachdan eileanach. A bharrachd air sin, bidh Ballet na h-Alba a’ ruith prògram sònraichte airson daoine le ioma-sglearòisis a tha a’ fuireach ann an Arcaibh.

Gealltanas 11.2 Cùm taic ri, leasaich agus brosnaich na tàlantan cruthachail aig na h-eileanaich agus dèan cinnteach gum bi luchd-èisteachd/amhairc nach beag aig cultar nan eileanan Albannach an dà chuid gu nàiseanta agus thall thairis.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Bidh mòran phròiseactan leantainneach leithid Ceòlas, Fèisean nan Gàidheal, An Comann Gàidhealach, am Fòram Dualchais agus ionadan mar An Lanntair, Taigh-tasgaidh Chill Donnain, Taigh Chearsabhagh, Sabhal Mòr Ostaig agus Urras Oighreachd Gabhsainn a’ cur ris an amas seo.
  • Ag obair còmhla ri com-pàirtichean, cumaidh EventScotland air a’ togail cliù na h-Alba mar an t-àite as fheàrr do thachartasan le bhith a’ cumail taic ri agus a’ glèidheadh portfolio de thachartasan agus a’ leasachadh gnìomhachas nan tachartasan. Cumaidh EventScotland air a bhith mothachail air/a’ co-thaobhadh ri iomairtean nas fharsainge aig Riaghaltas na h-Alba agus VisitScotland a tha ag amas air na h-eileanan.

Tha Roinn Gàidhlig is Albais Riaghaltas na h-Alba a’ cumail taic ri raon de dh’iomairtean chultarail agus foghlaim a tha a’ leasachadh agus a’ brosnachadh tàlantan cruthachail nan eileanach. Bidh luchd-ùidh leithid MG Alba, Fèisean nan Gàidheal agus Ceòlas Uibhist a’ toirt trèanadh agus slighean dreuchdail do dh’eileanaich ann an craoladh, ceòl agus cleasachd. Tha An Comunn Gàidhealach agus am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ cumail orra a’ brosnachadh com-pàirt ann an dualchas ciùil is litreachais nan coimhearsnachdan Gàidhlig. Tha ceangal nam buidhnean agus nam prògraman sin le foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus foghlam luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a’ dèanamh cinnteach gu bheil an cultar agus a’ cruthachalachd a tha iad ag brosnachadh aig cridhe na sgoile anns na coimhearsnachdan sin. A bharrachd air seo, bheir iad cothrom do luchd-amais air feadh na h-Alba agus nas fhaide air falbh pàirt a ghabhail anns na taobhan seo de chultar eileanach na h-Alba. Tha mar a chaidh FilmG, co-fharpais fhilmichean goirid na Gàidhlig a thoirt gu Canada mar phàirt de mhìos Gàidhlig Alba Nuaidh na fhìor dheagh eisimpleir de seo.

Alba Chruthachail

Tha ùghdarrasan ionadail eileanach nan com-pàirtichean ann am prògram Duaisean Luchd-dèanaidh Ealain is Ceàird a tha a’ toirt taic do luchd-ealain lèirsinneach agus luchd-ciùird leis an leasachadh chruthachail aca.

Tha Alba Chruthachail na com-pàirtiche ann an Co-chomann a’ Chultair, air a stiùireadh le Shetland Arts gus taic a chumail ri luchd-ealain agus co-obrachadh air feadh nan eileanan a tuath agus an iar.

Is urrainn maoineachadh eile bho Alba Chruthachail taic a thoirt do chultar eileanach cuideachd, ged nach eil e ag amas gu sònraichte air tagraichean aig a bheil còd-puist ann an eilean. Mar eisimpleir, tha Com-pàirteachas Àite Comhairle Siorrachd Àir a Tuath le Alba Chruthachail a’ gabhail a-steach taic do Cho-òrdanaiche Ealainean nan Eilean a tha ag obair gus taic a chumail ri leasachadh ann an Arainn agus Cumaradh Mòr.

Pròiseact Dualchas is Cultar nan Eilean

Air a bhrosnachadh le Sgioba Eileanan Riaghaltas na h-Alba, lean Pròiseact Dualchas is Cultar nan Eilean ann an 2023-2024 agus chaidh £210,000 a roinn gu co-ionann eadar na sia ùghdarrasan ionadail eileanach gus taic a chumail ri iomairtean a tha a’ dìon agus a’ brosnachadh dualchas is cultar ionadail gu gnìomhach. Anns gach eisimpleir, tha an t-ùghdarras ionadail, no buidheann charthannach ionadail ainmichte, a’ lìbhrigeadh iomairtean a tha ceangailte ri prìomhachasan leasachaidh ionadail agus a’ cleachdadh tàlant cruthachail ionadail gus cur ris na buannachdan sòisio-eaconamach a thig bho bhith a’ comharrachadh nan ealan, cànanan agus dualchainntean ann an coimhearsnachdan eileanach

Am measg nan gnothaichean leantainneach, tha:

Pròiseact Didseatachadh Arcaibh

Tha pròiseact Didseatachadh Arcaibh air obrachadh gus cur ri ceangailteachd is ruigsinneachd didseatach agus air mothachadh mu chruinneachaidhean, taighean-tasgaidh agus cinn-ùidhe turasachd aig Comhairle Arcaibh. Is e am prìomh amas a bhith a’ stèidheachadh catalog air-loidhne a tha a’ taisbeanadh cruinneachadh didseatach leis na mìltean de buill-taisbeanaidh eachdraidheil. Aig cridhe seo, tha làrach-lìn ùr a chaidh a chruthachadh, a tha air cuideachadh gus dualchas, ealainean agus cultar Arcaibh a bhrosnachadh. Bidh an catalog didseatach air-loidhne de chruinneachaidhean Taighean-tasgaidh Arcaibh agus Tasglann Arcaibh (eisimpleir) ruigsinneach air feadh an t-saoghail.

Chaidh còrr is 1,000 nì san taigh-tasgaidh a dhidseatachadh san obair didseatach leantainneach. Rinneadh modalan 3D air am faigh daoine cothrom an-asgaidh. Leanaidh am fàs sa chatalog air-loidhne tro 2024.

Pròiseact Angus Og - Tasglannan an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse

Tha Pròiseact Angus Òg, air a lìbhrigeadh ann an Com-pàirteachas le High Life na Gàidhealtachd, a’ taisbeanadh nan dealbhan tùsail aig an neach-cartùn Eòghainn Bain. Chaidh an obair a dhèanamh le Oifigear Pròiseict Tasglann sònraichte, le taic bho eòlaichean ionadail, gus an cruinneachadh a ghlèidheadh, a chatalogadh agus a chur ann an cruth didseatach. Thèid taisbeanadh “Cruinneachadh Angus Òg” a chumail ann an Tasglann an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse gus an Cèitean 2024. Tha e air a bhith air chuairt air taobh siar na Gàidhealtachd agus nan Eilean, far an deach bùithtean-obrach cruthachail agus gnìomhan foghlaim a chumail gus beatha eileanach a rannsachadh tro ealain ghrafaigeach.

Mar phàirt den Phròiseact, chaidh grunn thachartasan foghlaim a chumail a’ gabhail a-steach; seiseanan sgeulachdan, bùithtean-obrach àireamhachd, cèilidh chartùinichean, Club Comic Schools Out, agus prògram ùr-ghnàthach às dèidh na sgoile Tìr nan Òg a bhios a’ brosnachadh litearrachd, àireamhachd agus cruthachalachd le fòcas air a’ choimhearsnachd.

Ionad Cultar is Dualchais Shealtainn Ceanglaichean Coimhearsnachd

Às dèidh Fòram Cultarach is Dualchais a bhith air a chruthachadh a tha a’ ceangal taighean-tasgaidh ionadail agus buidhnean dualchais air feadh Shealtainn, chaidh a’ chiad Cho-labhairt Dualchais a-riamh a chumail as t-Earrach 2023. Mar thoradh air conaltradh nas fheàrr leis a’ choimhearsnachd dualchais is chultarail, chaidh lìonra ùr ‘Ceanglaichean Coimhearsnachd’ a chur air bhog ann an Sealtainn gus prògram leasachadh sgilean a lìbhrigeadh ann an com-pàirteachas le Comann Dualchas Shealtainn.

Tha planadh air tòiseachadh air taisbeanadh ùr airson a dhol air cuairt ann an 2024 leis an ainm ’Island Connections’, a tha ag amas air dearbh-aithne shònraichte Shealtainn a chomharrachadh le bhith a’ dol air chuairt le nithean bho chruinneachaidhean thaighean-tasgaidh ionadail anns a h-uile taigh-tasgaidh barrantaichte ann an Sealtainn.

Slighean Dualchais nan Eilean Siar

Tha pròiseact Slighe Dualchais Innse Gall, a chaidh a chruthachadh le Sgioba Seirbheis Dualchais Comhairle nan Eilean Siar, ag amas air co-obrachadh a thogail eadar na diofar bhuidhnean coimhearsnachd agus dualchais anns na h-Eileanan an Iar, gus slighean a cruthachadh a bhios gan ceangal uile, agus mar sin a’ toirt taic do dh’fhàs san roinn dualchais san àm ri teachd, a’ toirt aghaidh air ceistean seasmhachd agus a’ sgaoileadh buannachdan eaconamach na turasachd.

Tha Oifigear Leasachaidh Slighean Dualchais air siubhal air feadh nan eilean a’ co-chomhairleachadh le buidhnean coimhearsnachd agus luchd-ùidh iomchaidh eile gus faighinn a-mach dè na cothroman a th’ ann gus slighean a chruthachadh. Chaidh suirbhidhean luchd-ùidh a chuir a-mach às dèidh còmhraidhean agus dhùin iad aig deireadh 2023. Thèid toraidhean an t-suirbhidh a chleachdadh gus cuspairean san àm ri teachd airson slighean dualchais fhiosrachadh.

Cultar agus Dualchas Arainn is Chumaraidh Geo-phàirc Arainn

’S e prìomh amas a’ phròiseict inbhe Geo-phàirc na Cruinne aig UNESCO fhaighinn airson na sgìre a tha a’ gabhail a-steach Eilean Arainn, Eilean MoLaise, Pladaidh, agus grunnd na mara timcheall orra. Chaidh iarrtas a chur a-steach gu UNESCO san t-Samhain 2023. Tha cruthachadh Geo-phàirc Arainn air a bhith ceangailte ri bhith a’ cruthachadh Plana Eileanach Ionadail Arainn. Tha prìomh chuspairean a’ Phlana - àrainneachd, coimhearsnachd agus eaconamaidh a’ co-thaobhadh ri amasan Lìonra nan Geo-phàircean Cruinneil.

Am measg nan tachartasan cultarail is dualchais a chaidh a chumail ann an 2023 bha cothroman ionnsachaidh “geo-dhualchas” agus eadar-mhìneachadh Gàidhlig, cuairtean treòraichte, òraidean, agus cothroman coinneachaidh do luchd-obrach shaor-thoileach. Tha lìonra Buidheann-stiùiridh agus Urrasairean na Geo-pàirc a’ riochdachadh cultar agus dualchas beairteach an eilein gu math. Ann an 2023, chaidh a’ bhuidheann a leudachadh gus am biodh i a’ gabhail a-steach luchd-ealain, luchd-saidheans, luchd-cleachdaidh foghlaim, gnìomhachasan, buidhnean dualchais, agus manaidsearan fearainn.

Cothroman do dh’Eileanan Earra-Ghàidheal agus Meudachadh àireamh an Luchd-tadhail

Ann an 2023, chuir Seanadh Cultair, Dualchais agus Ealain, Earra-Ghàidheal is nan Eilean (CHARTS), Ràmh an gnìomh, frèam leasachaidh a chaidh a dhealbh gus cuideachadh le bhith a’ cur aghaidh air feumalachdan cultarail air feadh eileanan Earra-Ghàidheal is Bhòid. Ag obair còmhla ri cleachdaichean agus buidhnean sna h-eileanan gus taic a thoirt do leasachadh lìonraidhean, phròiseactan agus chothroman airson barrachd luchd-tadhail, bha Ràmh cuideachd ag obair gu ro-innleachdail gus maoineachadh pròiseict a bharrachd a thàladh agus ghabh luchd-còmhnaidh agus luchd-tadhail ann am bùithtean-obrach agus tachartasan mar thoradh air seo.

Ann an 2023, ghabh 829 neach pàirt ann am pròiseactan ealain is dualchais co-cheangailte ri Ràmh, bùithtean-obrach agus tachartasan lìonrachaidh, a’ gabhail a-steach trì deug chleachdaichean a fhuair taic meantoradh gnìomhachais cruthachail aghaidh ri aghaidh. Chaidh inneal co-chomhairleachaidh Ràmh a chruthachadh airson conaltradh le luchd-còmhnaidh fo dheich bliadhna air fhichead a dh’aois agus chaidh trì lìonraidhean ball CHARTS ùra a chruthachadh ann am Bòd agus Muile le taic Ràmh, ceangailte ri Buidheann-stiùiridh CHARTS, a’ cur ri leasachadh ro-innleachdail na buidhne.

Ann an 2024, bheir CHARTS taic a bharrachd do bhun-structar cultarach le dòigh-obrach cho-obrachail, a’ meudachadh taic leasachaidh lìonra a fhreagras air feumalachdan a dh’ainmich luchd-cleachdaidh fa leth, buidhnean ealain is dualchais/fèisean, agus bidh prìomh phlanaichean a’ gabhail a-steach cruthachadh agus leasachadh slighean luchd-tadhail agus barrachd cothroman sgilean a thogail do mhuinntir òga nan eilean.

Gealltanas 11.3 Thoirt taic do chànanan is dualchainntean dùthchasach na h-Alba uile ann an dòighean a tha iomchaidh do na coimhearsnachdan far a bheil iad sin gam bruidhinn.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Cumaidh Measaidhean Buaidh Choimhearsnachdan Eileanach taic ris a’ phròiseas seo às dèidh ùrachadh 2022 air Stiùireadh agus Seata-Innealan.
  • Tha coinneamhan ràitheil gan stèidheachadh eadar Sgioba na Gàidhlig is Albais, Sgioba nan Eilean agus Bòrd na Gàidhlig gus taic a chumail ris a’ phròiseas seo.

Tha taic Riaghaltas na h-Alba do dh’fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh a’ cuideachadh choimhearsnachdan Gàidhlig gus dèanamh cinnteach gun tèid an cànan a sgaoileadh gu h-ionadail cho math ri bhith a’ tarraing luchd-labhairt ùr thuige. Am measg eisimpleirean den taic seo, tha ar maoineachadh airson an fhoillsicheir foghlaim Stòrlann a bhios a’ dèanamh stuthan ionnsachaidh Gàidhlig airson co-theacsan coimhearsnachd a’ chànain. Tha maoineachadh Roinn na Gàidhlig is na h-Albais airson pròiseactan calpa leithid ionad Cnoc Soilleir ann an Uibhist a Deas agus Ionad Chaluim Chille Ìle ann an Ìle a’ solarachadh ionadan ùr-nodha far am faighear eòlas air dualchas na Gàidhlig ann an dòigh ùr-ghnàthach.

Tha taic Riaghaltas na h-Alba do chraoladh Gàidhlig, tro mhaoineachadh MG Alba, a’ comasachadh riochdachaidhean telebhisean, rèidio agus air-loidhne a tha a rèir feumalachdan agus ùidhean coimhearsnachdan Gàidhlig sna h-eileanan.

Tha taic do Bhòrd na Gàidhlig am measg nam prìomh ghnìomhan aig Roinn na Gàidhlig is na h-Albais ’S e pàirt chudromach den obair sin a bhith a’ deasachadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus an siostam nas fharsainge de Phlanaichean Gàidhlig aig buidhnean poblach a tha air an cruthachadh às a leth – a’ gabhail a-steach Plana Riaghaltas na h-Alba fhèin. Tha an siostam seo a’ dèanamh cinnteach gum bi buidhnean poblach a tha stèidhichte ann an coimhearsnachdan Gàidhlig a’ toirt taic dhan chànan, a’ toirt seachad seirbheisean innte agus a’ beachdachadh air dòighean gus Gàidhlig a thoirt a-steach dhan obair làitheil aca. Tha e cuideachd a’ cur uallach air buidhnean poblach beachdachadh ro-làimh air a’ bhuaidh a bheir am poileasaidhean air a’ chànan agus na coimhearsnachdan aige. A bharrachd air obair planadh cànain Gàidhlig, tha Bòrd na Gàidhlig cuideachd a’ maoineachadh raon farsaing de dh’iomairtean fa leth agus iomairtean coimhearsnachd air feadh nan eilean a tha a’ cur ri beothalachd a’ chànain anns na suidheachaidhean ionadail aige.

Prògram nan Eilean – pròiseact An Taigh Mòr

Tro chuairt 2023-2024 de Phrògram nan Eilean, thabhainn sinn tabhartas suas ri £78,350 do Chomhairle nan Eilean Siar gus dealbhadh An Taigh Mhòir, togalach clàraichte Ìre 2, a thoirt air adhart. Aig a’ cheann thall cruthachaidh an obair glèidhidh is ath-leasachaidh àite dhan choimhearsnachd a tha nas motha agus eadar-dhealaichte ri àite sam bith eile san sgìre agus cuiridh seo ri cothroman dhan choimhearsnachd a dhol an sàs ann an eachdraidh, cànan is cultar ann an suidheachadh iomchaidh.

Gealltanas 11.4 Dèan cinnteach gu bheil na gealltanasan sa phlana seo air an stiùireadh le agus a rèir prìomhachasan a’ Phlana Nàiseanta Gàidhlig, ag obair gu dlùth le Bòrd na Gàidhlig.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Tha Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba a’ mìneachadh mar a tha e a’ co-thaobhadh ri Plana Nàiseanta na Gàidhlig. Tha Sgioba nan Eilean aig Riaghaltas na h-Alba air a riochdachadh air Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig aig Riaghaltas na h-Alba. Bidh seo a’ coinneachadh dà uair sa bhliadhna agus ’s e fòram a th’ ann airson dèanamh cinnteach gu bheil ar raon poileasaidh a’ coileanadh nan gealltanasan ann am Plana Gàidhlig an Riaghaltais agus ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig.
  • Cumaidh sinn oirnn ag obair gu dlùth le Bòrd na Gàidhlig mar bhuill de Bhuidheann Lìbhrigeadh Plana Nàiseanta nan Eilean a chaidh a stèidheachadh gus sùil a chumail air buileachadh Plana Nàiseanta nan Eilean.

Chaidh Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba a chruthachadh taobh a-staigh frèam Plana Nàiseanta na Gàidhlig. Tha rùn aig Riaghaltas na h-Alba dèanamh cinnteach gu bheil amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig air an cur an cèill ann an obair poileasaidh nas fharsainge, a’ gabhail a-steach lìbhrigeadh Plana Nàiseanta nan Eilean.

Gealltanas 11.5 Dèan cinnteach gu bheilear a’ beachdachadh air a’ bhuaidh air leasachadh na Gàidhlig bhon chiad dol a-mach ann am poileasaidhean agus iomairtean sònraichte nan eilean agus gu bheil iad sin a’ ceangal ri planaichean Gàidhlig reachdail.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Bheir Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan Eileanach taic dhan phròiseas seo às dèidh ùrachadh 2022 air an Stiùireadh agus an Seata-innealan a tha a-nis a’ gabhail a-steach beachdachadh air a’ bhuaidh air coimhearsnachdan Gàidhlig.
  • Tha amasan seirbheis chorporra sa Phlana Ghàidhlig as ùire aig Riaghaltas na h-Alba a’ dèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig cho follaiseach ris a’ Bheurla agus a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig ann an conaltradh.
  • Bidh riochdairean air Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig aig Riaghaltas na h-Alba a’ dèanamh cinnteach gu bheil na raointean poileasaidh aca mothachail air a’ chànan agus, far an gabh sin dèanamh, gu bheil poileasaidhean a’ toirt na Gàidhlig air adhart.

Tha Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba a’ cur gealltanas air gach pàirt den riaghaltas beachdachadh air a’ bhuaidh a bheir an cuid phoileasaidhean air a’ Ghàidhlig agus air coimhearsnachdan Gàidhlig. Tha an gealltanas seo air a thoirt air adhart tro Bhuidheann Buileachaidh na Gàidhlig aig Riaghaltas na h-Alba. Tha riochdairean san iomairt seo bho gach buidheann-stiùiridh, a nì cinnteach gu bheil obair a thèid a dhèanamh taobh a-staigh nan raointean poileasaidh aca air a mheasadh airson na buaidh a dh’fhaodadh a bhith aige air a’ Ghàidhlig. Tha riochdachadh fa leth aig Sgioba Eileanan Riaghaltas na h-Alba air a’ bhuidhinn a bharrachd air an riochdachadh nas fharsainge aig Buidheann-stiùiridh an Àiteachais is na h-Eaconamaidh Dùthchail.

Faic gealltanasan 10.8 agus 11.6 airson barrachd fiosrachaidh mu phoileasaidhean corporra a thaobh cleachdadh na Gàidhlig ann an conaltradh oifigeil.

Gealltanas 11.6 Obraich le ùghdarrasan poblach agus buidhnean coimhearsnachd gus cleachdadh agus faicsinneachd na Gàidhlig a mheudachadh ann an coimhearsnachdan Gàidhlig nan eilean.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Tha sgioba Gàidhlig is Albais air Plana Gàidhlig ùr Riaghaltas na h-Alba ullachadh. Tha seo a’ gabhail a-steach amasan seirbheis chorporra a tha ag amas air dèanamh cinnteach gum bi follaiseachd cho-ionnan aig a’ Ghàidhlig ann an suaicheantas is branndadh Riaghaltas na h-Alba, gu bheil soidhnichean Gàidhlig follaiseach ann an oifisean Riaghaltas na h-Alba, agus tha gealltanasan ann mu chleachdadh na Gàidhlig sa chonaltradh phoblach againn agus sna foillseachaidhean corporra againn. Bidh buidhnean eile aig Riaghaltas na h-Alba, leithid Tèarainteachd Shòisealta Alba, a’ toirt seachad stuthan dà-chànanach co-cheangailte ris na seirbheisean aca agus tha còmhraidhean a’ dol air adhart le oifisean Riaghaltas na h-Alba sna h-eileanan gus an solar Gàidhlig aca a mheudachadh.
  • Tha Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig a chaidh a stèidheachadh fon phlana na chothrom leantainneach do cho-obraichean air feadh Riaghaltas na h-Alba taic a thoirt dhan Ghàidhlig tron obair aca agus tha Sgioba nan Eilean, còmhla ri pàirtean eile de Bhuidheann-stiùiridh Àiteachais is Eaconamaidh Dùthchail, air an riochdachadh oirre.
  • Tha grunn oifigearan leasachaidh Gàidhlig aig diofar bhuidhnean stèidhichte ann an coimhearsnachdan eileanach leis an amas a bhith a’ cur ri cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig. Gus an cuideachadh gus an obair aca a cho-òrdanachadh, chaidh Lìonra Oifigearan Leasachaidh Gàidhlig a stèidheachadh bho chionn ghoirid le taic bho Bhòrd na Gàidhlig.

Tha gealltanas ann am Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba gus barrachd shoidhnichean Gàidhlig a bhith ann an oifisean agus co-ionadan. Mar eisimpleir, tha dreachan de bhranndadh agus shoidhnichean Riaghaltas na h-Alba rim faighinn leis a’ Ghàidhlig an toiseach airson cleachdadh ann an oifisean eileanach, agus stiùireadh mu bhith gan cleachdadh.

Chaidh Aithisg air Cothroman Eaconamach is Sòisealta dhan Ghàidhlig fhoillseachadh san Ògmhios 2023 mar thoradh air buidheann-obrach beatha ghoirid a chaidh a stèidheachadh le raon-ùghdarrais a bhith a’ beachdachadh air mar a ghabhadh Gàidhlig fhighe a-steach nas fheàrr anns gach taobh de bheatha shòisealta agus eaconamach ann an coimhearsnachdan Gàidhlig eileanach. Tha buidheann-stiùiridh ann an-dràsta gus beachdachadh air molaidhean na h-aithisg agus foillsichidh iad freagairt sa chiad leth de 2024.

Tha Bile nan Cànan Albannach ag amas air togail air an obair a th’ ann mar-thà gus cleachdadh agus faicsinneachd na Gàidhlig àrdachadh ann an coimhearsnachdan eileanach. Tha seo gu sònraichte cudromach ann an ullachaidhean a’ Bhile gus sgìrean cànain sònraichte a chruthachadh. Bidh iad sin a’ togail air iarrtas a tha a’ fàs anns na bliadhnachan mu dheireadh airson fòcas coimhearsnachd nas motha taobh a-staigh poileasaidh cànain agus tha e ag amas air cothrom a thoirt do bhuidhnean coimhearsnachd pàirt nas motha a bhith aca ann an leasachadh na Gàidhlig aig an ìre ionadail.

Gealltanas 11.7 Obraich le ùghdarrasan iomchaidh gus solar Gàidhlig a leasachadh do choimhearsnachdan Gàidhlig nan eilean ann a bhith a’ lìbhrigeadh an gnìomhan agus an seirbheisean.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Tha sgioba Gàidhlig is Albais air Plana Gàidhlig ùr Riaghaltas na h-Alba ullachadh. Tha seo a’ gabhail a-steach amasan seirbheis chorporra a tha ag amas air dèanamh cinnteach gum bi follaiseachd cho-ionnan aig a’ Ghàidhlig ann an suaicheantas is branndadh Riaghaltas na h-Alba, gu bheil soidhnichean Gàidhlig follaiseach ann an oifisean Riaghaltas na h-Alba, agus tha gealltanasan ann mu chleachdadh na Gàidhlig sa chonaltradh phoblach againn agus sna foillseachaidhean corporra againn. Bidh buidhnean eile aig Riaghaltas na h-Alba, leithid Tèarainteachd Shòisealta Alba, a’ toirt seachad stuthan dà-chànanach co-cheangailte ris na seirbheisean aca agus tha còmhraidhean a’ dol air adhart le oifisean Riaghaltas na h-Alba sna h-eileanan gus an solar Gàidhlig aca a mheudachadh.
  • Tha Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig a chaidh a stèidheachadh fon phlana na chothrom leantainneach do cho-obraichean air feadh Riaghaltas na h-Alba taic a thoirt dhan Ghàidhlig tron obair aca agus tha Sgioba nan Eilean, còmhla ri pàirtean eile de Bhuidheann-stiùiridh Àiteachais is Eaconamaidh Dùthchail, air an riochdachadh oirre. Tha àite aig an Iomairt Adhartas nas Luaithe agus CoHI an seo cuideachd agus thathar a’ cur cuideam air a’ Ghàidhlig anns na cruinneachaidhean seo.

Tron iomairt Adhartas nas Luaithe, tha Roinn na Gàidhlig agus na h-Albais aig Riaghaltas na h-Alba a’ toirt nam prìomh ùghdarrasan poblach còmhla air a bheil uallach airson na Gàidhlig gus beachdachadh air mar a ghabhas leasachadh a thoirt air solar a’ chànain. Ged a tha an iomairt nàiseanta na fòcas, mar a tha fìor le poileasaidh na Gàidhlig san fharsaingeachd, tha e dlùth-cheangailte ri buaidhean a tha a’ toirt buaidh air coimhearsnachdan eileanach. Tha seo ri fhaicinn anns na còig sruthan obrach aice, far a bheil Comhairle nan Eilean Siar ag obair (còmhla ri Bòrd na Gàidhlig) mar phrìomh bhuidheann airson Com-pàirteachadh Coimhearsnachd le Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean ag obair mar phrìomh bhuidheann (le Leasachadh Sgilean na h-Alba) airson na h-Eaconamaidh agus a’ Mhargaidh Obrach.

Gealltanas 11.8 Cùm taic ri dòighean-obrach a bhrosnaicheas stiùireadh seasmhach na h-àrainneachd eachdraidheil.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • ’S e Ar n-Àm a dh’Fhalbh, Ar n-Àm ri Teachd an ro-innleachd còig bliadhna ùraichte againn airson àrainneachd eachdraidheil na h-Alba a tha a’ bruidhinn mun dualchas cho-roinnte againn, agus a’ nochdadh na deagh bhuaidh a tha aig an àrainneachd eachdraidheil air daoine agus air coimhearsnachdan air feadh na dùthcha agus na phàirt buannachdail a bhios aice nar beatha san àm ri teachd.
  • Is iad seo na 3 prìomh phrìomhachasan ann: A’ lìbhrigeadh eadar-ghluasad gu cothromachadh carboin, a’ toirt cumhachd do choimhearsnachdan agus àiteachan a tha tapaidh agus in-ghabhalach agus a’ cruthachadh eaconamaidh sunnd.

Tha tasgadh Riaghaltas na h-Alba ann an cultar agus dualchas a’ cumail taic ri sàr-chruthachalachd na h-Alba, àrainneachd eachdraidheil gun samhail, agus cruinneachaidhean aig ìre na cruinne, a’ dèanamh cinnteach gu bheilear a’ coimhead às an dèidh agus gu bheil luchd-amais ùr is eadar-mheasgte à faighinn teachd bhuapa a bharrachd air ginealaichean ri teachd air feadh na h-Alba.

Cumaidh Àrainneachd Eachdraidheil Alba (ÀEA) air a’ brosnachadh ruigsinneachd dhan àrainneachd eachdraidheil againn agus do dh’àiteachan agus togalaichean de dh’àrd-chàileachd

Tha ÀEA air tùs chùisean a thaobh rannsachadh air an àrainneachd eachdraidheil agus a bhith a’ dèiligeadh ri buaidh atharrachadh na gnàth-shìde oirre san àm ri teachd. Tha ÀEA a’ cumail air adhart a’ dìon àiteachan eachdraidheil tro shònrachadh agus ceadan, a’ brosnachadh leasachadh seasmhach, agus a’ toirt seachad timcheall air £14 millean gach bliadhna do choimhearsnachdan ionadail gus an àrainneachd eachdraidheil a chàradh agus ath-bheothachadh.

A bharrachd air seo, tha ÀEA a’ toirt seachad comhairle agus stiùireadh mun àrainneachd eachdraidheil, agus e a’ tabhann raon farsaing de chothroman trèanaidh is ionnsachaidh.

Contact

Email: info@islandsteam.scot

Back to top