Aithris Bhliadhnail air Plana Nàiseanta nan Eilean 2023

Gaelic version of the National Islands Plan annual report 2023


Foghlam

Amas Ro-innleachdail 12 – foghlam fad-bheatha a bhrosnachadh is a leasachadh do na h-uile

Gealltanas 12.1 Obraich le Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, Oilthigh Obar Dheathain, Oilthigh Heriot Watt agus solaraichean foghlaim eile, gus dèanamh cinnteach gu bheil farsaingeachd de roghainnean ann do dh’òigridh

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Tha Riaghaltas na h-Alba mothachail gun deach farsaingeachd de dh’obair mhath a thoirt air adhart anns na bliadhnaichean acadaimigeach mu dheireadh taobh a-staigh an OGI, Oilthigh Obar Dheathain, Oilthigh Heriot-Watt agus Oilthigh Raibeirt Ghòrdain gus dèanamh cinnteach gum bi cothrom aig daoine òga ann an coimhearsnachdan nan Eilean air raon farsaing de chothroman air feadh siostam ionnsachadh fad-beatha agus sgilean. Cumaidh sinn oirnn a’ conaltradh leis na h-institiudan sin gus sùil a chumail air obair leantainneach thar na bliadhna acadaimigeach ri thighinn.

Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (OGE)

Às dèidh tachartas air-loidhne sa Chèitean 2023, chaidh làn thachartas Fòram nan Eilean aig Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean a chumail san t-Sultain 2023 aig àrainn OGI Sealtainn, Lerwick. Bha e na chothrom lèirmheas a dhèanamh air cruthachadh Ro-innleachd nan Eilean aig Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean a bharrachd air sealladh farsaing a thoirt seachad air mar a tha OGE an sàs ann am pròiseactan Aonta Fàs nan Eilean. Bha an tachartas a’ gabhail a-steach conaltradh leis na h-ùghdarrasan ionadail buntainneach, agus luchd-ùidh leithid Leasachadh Sgilean na h-Alba, Riaghaltas na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig air na prìomhachasan ro-innleachdail aca. Chaidh Fòram Eileanach eile aig Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean a chumail san Fhaoilleach 2024.

Oilthigh Obar Dheathain

Bidh Oilthigh Obar Dheathain a’ lìbhrigeadh na h-eileamaid Reach de Phrògram Nàiseanta nan Sgoiltean, a’ toirt taic do sgoilearan bho choimhearsnachdan dùthchail aig a bheil ùidh ann an lagh, leigheas agus (ùr airson 2023-2024) leigheas-sprèidh ann an co-obrachadh le SRUC. Gus dèanamh cinnteach gu bheil co-ionannachd aig dhaoine òga ann an coimhearsnachdan eileanach, thathar a’ tabhann maoineachadh gus an urrainn do dhaoine a bhith an làthair aig a h-uile tachartas pearsanta agus thathar ag obair gus dèanamh cinnteach nach cuir àm nan thachartasan bacadh air daoine a tha a’ fuireach ann an coimhearsnachdan eileanach bho bhith an làthair.

Tha an t-Oilthigh ag obair gus am modail Reach a leudachadh gus am bi e a’ gabhail a-steach cuspairean eile tro phrògram Ruigsinneachd Obar Dheathain, a lìbhrigeas comhairle agus stiùireadh do luchd-ionnsachaidh gus dèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh aca a dh’fheumas iad gus roghainnean fiosraichte a dhèanamh mun na nì iad san àm ri teachd. A rèir rannsachadh a chaidh a dhèanamh le sgoilearan, tha an t-Oilthigh a’ lìbhrigeadh measgachadh de ghnìomhachd air-loidhne agus aghaidh ri aghaidh anns a’ bhliadhna acadaimigeach 2023-2024 gus an urrainn do dhuine sam bith a bhith an làthair ge b’ e càite a bheil iad a’ fuireach. Far is e coinneachadh aghaidh ri aghaidh am meadhan as fheàrr, thèid maoineachadh a thabhainn a-rithist gus taic a thoirt do dhaoine òga bho na h-eileanan a bhith an làthair.

A bharrachd air seo, chaidh dà fhèill dhreuchdan a chumail ann an àiteachan eileanach ann an 2023, aon ann an Sealtainn (SDS) agus aon ann an Leòdhas.

Tha Sgioba Ruigsinneachd is Inntrigidh an Oilthigh air Àrd-sgoiltean sna h-eileanan ainmeachadh mar sgoiltean le prìomhachas. Cho-dhùin an t-Oilthigh cuideachd gun toireadh iad thairgse inntrigidh atharraichte, le cumhachan, dhan mhòr-chuid de na ceuman aca, do sgoilear sam bith bho sgoil le prìomhachas a tha a’ coileanadh na slatan-tomhais inntrigidh as ìsle, mar sin a’ toirt feart air suidheachaidhean sònraichte nan eilean.

Oilthigh Heriot-Watt (HWU)

Thathar ag aithneachadh gu farsaing gu bheil an uiread de dhaoine a rinn Mhaighstireachd aig Àrainn Arcaibh aig Oilthigh Heriot Watt a’ cur gu mòr ri ceannardas Arcaibh ann an cumhachd ath-nuadhachail. Tha oileanaich a tha a’ tighinn a-steach, agus ceumnaichean a tha a’ roghnachadh fuireach agus obair gu h-ionadail san roinn, a’ cuideachadh le bhith a’ cur crìoch air call nan daoine sgileil agus air crìonadh-sluaigh a chithear ann an àiteachan eile air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-eileanan.

Ann an co-obrachadh le Àrainn Rannsachaidh is Ùr-ghnàthachaidh Arcaibh (ORIC) a bharrachd air com-pàirtichean malairteach agus foghlaim àrd-ìre, tha HWU a’ cur ri leasachadh Ro-innleachd Ùr-ghnàthachaidh Arcaibh. Tha an ro-innleachd ag amas air cur ri eag-shiostam ùr-ghnàthachaidh Arcaibh, le barrachd eadar-obrachadh eadar roinnean poblach, prìobhaideach, an treas roinn agus foghlam àrd-ìre a thaobh lùths ath-nuadhachail agus na h-eaconamaidh guirm. Comharraichidh an obair seo ro-innleachdan agus prìomhachasan airson leasachadh ORIC cuideachd.

Oilthigh Raibeirt Ghòrdain (RGU)

Tha RGU a’ stiùireadh dà de na pasganan obrach a tha nam pàirt de phrògram TalEntEd Islands. Tha iad sin a’ cuimseachadh air tionnsgalachd agus in-thionnsgalachd (intrapreurship) agus tha iad air an lìbhrigeadh ann an dlùth cho-obrachadh leis na trì ùghdarrasan ionadail eileanach.

Às dèidh cur air bhog ro-innleachd RGU Arcaibh 2023-2028, chaidh Buidheann Comhairleachaidh RGU Arcaibh a stèidheachadh. Am measg nam ball tha Comhairle Arcaibh, ORIC, HITRANS, Destination Orkney, Serco-Northlink, Geamannan Eileanach Eadar-nàiseanta Arcaibh agus NHS Arcaibh agus Gnìomh Saor-thoileach Arcaibh. Am measg nam prìomh chuspairean san ro-innleachd tha taigheadas, còmhdhail, slàinte is sunnd agus tionnsgalachd.

Mar theanantan aig ORIC, tha RGU air taic a chumail ri leasachadh prògram Aonta Fàs nan Eilean aig ORIC, agus e ag obair còmhla ri teanantan eile gus ro-innleachd ùr-ghnàthach a chruthachadh airson na h-àrainn.

Tha Clionaig Coimhearsnachd Arcaibh, com-pàirteachas eadar Urras Blide agus Sgoil Lagha an RGU, air ruith fad na bliadhna. Bidh a’ chlionaig a’ tabhann comhairle dhìomhair agus neo-eisimeileach dhaibhsan le tuarastalan ìosal ann an Arcaibh air raointean de lagh shochairean sòisealta leithid taigheadas, cosnadh, còraichean chustamairean, lagh teaghlaich agus barrachd.

Gealltanas 12.2 Cùm taic ri Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus e a’ daingneachadh co-obrachadh le com-pàirtichean eileanach, gus slighean luchd-ionnsachaidh, tionnsgalachd agus com-pàirteachadh le gnìomhachas/luchd-fastaidh a bhrosnachadh.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Bidh dreuchd Stiùiriche Ro-innleachd Eileanan Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean fhathast cudromach, agus ag obair ann an dlùth chom-pàirteachas le Sgioba Eileanan Riaghaltas na h-Alba tro dhòigh-obrach cho-obrachail, stèidhichte air fuasglaidhean a tha ag amas air an fheum as fheàrr a dhèanamh de na cothroman as motha a thig am bàrr tro shruthan-obrach a tha an lùib a chèile, leithid pròiseactan Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eileanan co-cheangailte ri Aonta Fàs nan Eilean agus tasgadh ann am Prògram nan Eilean. Tha e cudromach gu bheil an obair seo a’ tighinn ri chèile mar thoradh air prìomhachasan co-roinnte, air an comharrachadh an dà chuid tro Ro-innleachd nan Eilean agus ann am Plana Nàiseanta nan Eilean aig Riaghaltas na h-Alba.
  • Obair leantainneach air prògraman Glèidhidh Oileanach agus Trusadh is Glèidheadh Tàlaint gus taic a thoirt do dh’oileanaich fuireach, a’ gabhail a-steach a bhith a’ dèanamh ceangal ri fastaichean, gu sònraichte an fheadhainn le gainnead sgilean.

Faic gealltanasan 1.2 agus 2.2 airson barrachd fiosrachaidh mu phlanadh sgilean, Seirbheis Tarraing Tàlant agus Imrich airson Alba, agus glèidheadh ceumnaichean.

Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (OGE)

Rinn OGI ath-sgrùdadh air an ro-innleachd Eileanach aca agus chaidh sgrìobhainn ath-sgrùdaichte aontachadh san t-Samhain 2023. Tha com-pàirt an Oilthigh ann am pròiseactan a tha a’ faighinn taic tro Aonta Fàs nan Eilean (faic dealas 1.1) air aon de na prìomh raointean fòcais.

Tha na pròiseactan seo a’ gabhail a-steach TalEntEd Islands, pròiseact co-obrachail air a stiùireadh le OGI le oilthighean Heriot-Watt agus Raibeirt Ghòrdain a tha ag amas air a bhith a’ luathachadh dì-charbonachadh nan eilean le bhith a’ cruthachadh chothroman airson foghlam, tionnsgalachd agus in-tionnsgalach (intrepreneurship) agus gnìomhachd malairteach a bheir taic dhan àrdachadh ann an obraichean ‘uaine’ seasmhach, thar nan trì buidhnean de dh’eileanan.

Prògram nan Eilean – Àrainn OGE ann an Steòrnabhagh

Tro chuairt 2023-2024 de Phrògram nan Eilean, tha Riaghaltas na h-Alba air £250,000 a chuir a dh’ionnsaigh ath-leasachadh air Àrainn Steòrnabhaigh aig Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean gus goireasan ionnsachaidh is trèanaidh a neartachadh agus gus dòighean-obrach ùr-ghnàthach a chomasachadh a thaobh ionnsachadh didseatach agus air astar. Bheir uidheaman is goireasan so-ghluasad taic a bharrachd do cho-ionannachd cothroman agus cuiridh iad obair coimhearsnachd an comas ann an Uibhist is Barraigh. Bheir maoineachadh Prògram nan Eilean taic do dh’Uidheam is Goireasan So-ghluasad agus do Theicneòlas Bogaidh dhan t-Seòmar-teagaisg.

Gealltanas 12.3 Dèan cinnteach gum faigh òigridh na h-aon chothroman air foghlam ’s a gheibh òigridh air tìr-mòr na h-Alba

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

Bidh Foghlam Alba a’ gabhail a-steach luchd-cleachdaidh eileanach ann am buidhnean agus ionnsachadh proifeiseanta a tha a’ dèanamh lèirmheas air slighean curraicealaim agus dealbhadh curraicealaim gus cumail orra a’ meudachadh ruigsinneachd dhan churraicealam dhan chloinn is daoine òga uile.

Bidh am prògram Rural Skills Accelerator a’ gabhail a-steach Acadamaidh STEM Gluasadach a bhios a’ frithealadh choimhearsnachdan eileanach agus dùthchail ann an Earra-Ghàidheal is Bòd.

e-Sgoil

Chaidh e-Sgoil a stèidheachadh anns na h-Eileanan an Iar ann an 2016, a’ toirt seachad cothrom nas fheàrr do luchd-ionnsachaidh air feadh nan eilean an toiseach, mus deach a leudachadh gu luath gus seirbheis e-ionnsachaidh nàiseanta a bheir cothrom do dhaoine òga cothroman ionnsachaidh fhaighinn a dh’fhaodadh a bhith cuingealaichte air sgàth cruinn-eòlas no faotainneachd luchd-obrach. Tha e-Sgoil a-nis air a lìbhrigeadh le lìonra de chòrr is 60 fastaichean agus buidheann com-pàirteachais.

Tha e-Sgoil fhathast cudromach ann a bhith a’ toirt taic do dh’fhoghlam Gàidhlig aig gach ìre, bho theisteanasan foirmeil tro mheadhan na Gàidhlig gu taic nach eil cho foirmeil agus ionnsachadh às dèidh na sgoile. Bidh e-Sgoil cuideachd a’ toirt seachad seiseanan tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig agus seiseanan neo-fhoirmeil do dhaoine òga le Gàidhlig gus fileantachd agus misneachd sa chànan a bhrosnachadh.

Aonta Fàs Earra-Ghàidheal is Bhòid

Gheall Riaghaltasan na h-Alba agus na RA suas ri £25 millean an urra airson Aonta Fàs Earra-Ghàidheal is Bhòid thairis air 10 bliadhna, le Cinn-theirmean air an soidhnigeadh sa Ghearran 2021. Tha an t-Aonta, a chaidh a chumadh le taic ionadail a’ gabhail a-steach co-obrachadh le com-pàirtichean a’ gabhail a-steach Scottish Futures Trust, Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean, Iomairt na h-Alba agus diofar ionadan foghlaim gus na molaidhean aca a leasachadh.

Tha oifigearan Riaghaltas na h-Alba a’ co-obrachadh le Riaghaltas na RA, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, agus com-pàirtichean gus an Làn-aonta aontachadh airson lìbhrigeadh pròiseict. Bidh seo a’ gabhail a-steach leasachadh agus aontachadh air na sgrìobhainnean làn-aonta riatanach (buileachadh, riaghladh, agus planaichean ionmhais) agus cunntas a thoirt air cùisean gnìomhachais airson gach pròiseact a tha air a ghabhail a-steach ann an aonta nan Cinn-teirmean. Tha deagh adhartas ga dhèanamh agus tha co-miann ann an Làn-aonta a dhèanamh cho luath ’s a ghabhas.

Gealltanas 12.4 Obraich le òigridh air feadh nan eilean Albannach gus dèanamh cinnteach gun urrainn dhaibh cur ri buileachadh a’ Phlana a thaobh foghlaim agus gus dèanamh cinnteach gun tèid an guthan a chluinntinn.

Gealltanas air a choileanadh – Chaidh an gealltanas seo a choileanadh ann an 2020. Faic Aithisg Bhliadhnail Plana Nàiseanta nan Eilean 2020 airson barrachd fiosrachaidh.

Gealltanas 12.5 Cùm oirnn le bhith a’ toirt taic ri agus a bhith a’ brosnachadh Foghlam tro Meadhan na Gàidhlig aig a h-uile ìre.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Tha farsaingeachd de phròiseactan agus iomairtean an sàs gus foghlam tro mheadhan na Gàidhlig adhartachadh agus gus taic a chumail ris aig gach ìre. Tha seo a’ gabhail a-steach Riaghaltas na h-Alba, grunn ùghdarrasan ionadail, buidhnean poblach agus buidhnean Gàidhlig. Cumaidh sinn oirnn a’ toirt taic do Bhuidheann-obrach airson na Gàidhlig aig Caidreachas a’ Chinn a Tuath gus taic a chumail ri leasachadh tro cho-obrachadh.
  • Tha dealas aig Riaghaltas na h-Alba gun tèid rannsachadh a dhèanamh mu bhith a’ stèidheachadh dòigh-obrach ro-innleachdail ùr a thaobh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Chaidh co-chomhairle a chumail air seo ann an 2022 agus bidh ullachaidhean iomchaidh air an dèanamh ann am Bile nan Cànanan Albannach a tha gu bhith ann.
  • Cumaidh sinn oirnn a’ cleachdadh fianais agus measadh neo-eisimeileach gus soirbheachas a chomharrachadh, taic a thoirt do leasachadh agus àrdachadh ìrean ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig; a’ toirt air adhart amasan sgrùdaidh Planaichean Corporra is Gàidhlig Luchd-sgrùdaidh an Rìgh a dh’aona-ghnothach do cho-theacsan eileanach.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ cumail air ag obair le ùghdarrasan ionadail le uallach airson a bhith a’ lìbhrigeadh seirbheisean Gàidhlig agus le buidhnean poblach aig a bheil prìomh àite ann a bhith a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig.

San t-Samhain 2023, thug Riaghaltas na h-Alba Bile nan Cànan Albannach a-steach do Phàrlamaid na h-Alba. Bidh ullachaidhean anns a’ Bhile seo a’ gabhail a-steach ullachaidhean foghlam Gàidhlig a thathar an dùil a bhrosnaicheas agus a bheir taic do dh’fhoghlam Gàidhlig ann an coimhearsnachdan eileanach.

Faic gealltanas 12.7 airson barrachd fiosrachaidh mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

Gealltanas 12.6 Obraich le ùghdarrasan nan eilean uile gus pròiseactan a lorg a dh’fhaodadh buannachd fhaighinn bho ìrean leantainneach de Phrògram Tasgaidh ùr na h-Oighreachd Ionnsachaidh luach £1 billean a bhios a’ ruith gu 2026.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Tha Prògram Tasgadh Oighreachdan Ionnsachaidh luach £2 billean a’ toirt prìomhachas do sgoiltean a tha ùghdarrasan ionadail air comharrachadh mar sgoiltean a tha feumach air ùrachadh, gus dèanamh cinnteach gu bheil adhartas luath ann far a bheil an t-adhartas as motha a dhìth, agus bidh e na bhuannachd do na deichean de mhìltean de sgoilearan air feadh na h-Alba.
  • Dh’fhosgail Ìre a trì de phrògram Tasgadh Oighreachd Ionnsachaidh do dh’ùghdarrasan ionadail ann an 2022, agus thèid pròiseactan soirbheachail ainmeachadh ron Iuchar 2023. Bithear a’ beachdachadh gu faiceallach air tagradh sam bith bho ùghdarrasan eileanach, tro Ìre trì de Phrògram Tasgadh Oighreachd Ionnsachaidh.

Tha Prògram Tasgadh Oighreachd Ionnsachaidh (LEIP) luach £2 billean a’ toirt prìomhachas do sgoiltean a tha feumach air ùrachadh, a tha air an comharrachadh le ùghdarrasan ionadail, agus bidh e na bhuannachd do na deichean de mhìltean de sgoilearan air feadh na h-Alba.

Chaidh 47 pròiseactan a thaghadh uile gu lèir gus taic fhaighinn tro Ìrean 1, 2 agus 3 den LEIP, a’ gabhail a-steach co-dhiù aon phrìomh phròiseact anns na sia ùghdarrasan eileanach.

Cumaidh Riaghaltas na h-Alba air ag obair le COSLA, ùghdarrasan ionadail agus Scottish Futures Trust gus coimhead air mar as urrainn dhuinn barrachd leasachaidhean a thoirt seachad ann an oighreachd nan sgoiltean.

Gealltanas 12.7 Meudaich na co-oidhirpean againn gus toraidhean foghlaim chloinne a tha beò ann am bochdainn a chur am feabhas le bhith a’ cumail taic ri ùghdarrasan eileanach/planaichean sgoiltean gus coileanadh a thogail tro phrògraman Dùbhlan Coileanaidh na h-Alba leithid Maoineachadh Cothromas Sgoilearan.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Leanaidh Foghlam Alba air adhart a’ co-obrachadh le ùghdarrasan eileanach gus piseach a thoirt air builean foghlaim chloinne ann am bochdainn. Bidh còig Comhairlichean Coileanaidh ag obair le prìomh luchd-obrach aig ùghdarrasan ionadail agus sgoiltean fa leth gus leantainn air adhart a’ leasachadh cleachdadh dàta, a’ comharrachadh feuman agus a’ cruthachadh eadar-theachdan iomchaidh gus a’ bheàrn coileanaidh co-cheangailte ri bochdainn a dhùnadh. Tha co-ionnsachadh proifeiseanta thar-eilean a’ dol air adhart gus sgilean a leasachadh ann an cleachdadh dàta agus mar a ghabhas am feum as fheàrr a dhèanamh de Mhaoineachadh Cothromas Sgoilearan.
  • Cumaidh Luchd-sgrùdaidh an Rìgh orra a’ co-roinn cleachdadh tro iomairtean sna meadhanan sòisealta, earrannan sònraichte ann an cuairt-litrichean Scotland Learns, co-labhairtean lìn agus tro bhith gan cur ann an aithisgean cuspaireil agus foillseachaidhean eile. Mar eisimpleir, tha Luchd-sgrùdaidh an Rìgh air dèanamh cinnteach gun robh eileanan nam pàirt de chruinneachadh fianais airson nan aithisgean cuspaireil a leanas:

Local approaches to recovery: a thematic review

Evaluation of Foundation Apprenticeships - March 2022

Responsive, supportive and resilient communities - September 2022

Approaches to recording and monitoring incidents of bullying in schools

Chaidh cleachdadh èifeachdach bho eileanan a cho-roinn cuideachd ann an goireasan ionnsachaidh proifeiseanta. Tha frèaman fèin-luachaidh agus leasachaidh aig goireasan nan cleachdaichean cho math ri eisimpleirean de chleachdadh èifeachdach:

A’ co-roinn fianais sgrùdaidh air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig – làn bhogadh tràth-ionnsachaidh agus cùram-chloinne

Co-roinn fianais sgrùdadh sgoile: Ceannardas agus Foghlam Meadhan na Gàidhlig agus Luchd-ionnsachaidh - Bun-sgoile

Co-roinn fianais sgrùdaidh air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig - curraicealaim na h-àrd-sgoile

Foghlam Alba– Dùbhlan Coileanaidh na h-Alba (SAC)

Tha Comhairlichean Coileanaidh co-cheangailte ri ùghdarrasan ionadail eileanach air cumail orra a’ toirt taic agus dùbhlan do sgoiltean agus luchd-obrach sa mheadhan. Tha piseach air tighinn air builean ann am Clas 1, 4 agus 7 ann an grunn raointean agus tha e a’ cur ris an leasachadh nàiseanta gus cur às dhan bheàrn coileanaidh co-cheangailte ri bochdainn.

Tha Comhairlichean Coileanaidh co-ceangailte ri Arcaibh, Sealtainn agus CnES air co-obrachadh le ùghdarrasan ionadail agus Riaghaltas na h-Alba gus dòighean a cruthachadh gus coimeas a dhèanamh eadar dàta thar eileanan agus gus sùil a chumail air leasachaidhean ann an ùghdarrasan ionadail far nach eil clann agus daoine òga sam bith ann an còigeamhail clàr-innse ioma-bhochdainn na h-Alba (SIMD) 1 no 5. Cumaidh seo taic ri coimeas agus co-obrachadh nas fheàrr gus builean a leasachadh do chlann agus daoine òga.

Tha Foghlam Alba air a bhith ag obair le ùghdarrasan eileanach tro Chaidreachas a Chinn a Tuath. Tha am fòcas air a bhith air cruthachadh bun-inbhe cho-roinnte thar sgoiltean gus taic a chumail ri ionnsachadh, teagasg agus measadh, mar a tha air a thomhas tro bhuilean sgrùdaidh.

Mar phàirt den iomairt nàiseanta gus piseach a thoirt air ìrean-làthaireachd sgoile, thabhainn Comhairlichean Coileanaidh taic agus comhairle do dh’ùghdarrasan ionadail eileanach agus rinn iad cinnteach gun robh iad an sàs anns an mhion-rannsachaidh às an tàinig aithisg nàiseanta Foghlam Alba air làthaireachd. Tha cothrom fhathast aig ùghdarrasan ionadail eileanach air taic far a bheil sin a dhìth.

Luchd-sgrùdaidh an Rìgh

Choilean Luchd-sgrùdaidh an Rìgh an gealltanas poblach a tha air a mhìneachadh sa phrògram sgrùdaidh bliadhnail ron Lùnastal 2023. Chaidh sgrùdadh a dhèanamh air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann an tràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne, bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean thar choimhearsnachdan eileanach. Anns an t-sampall de sgrùdaidhean bha solar dà-chànanach agus Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh). Aig ìre nan ionadan fa leth, chomharraich Luchd-sgrùdaidh an Rìgh neartan agus raointean airson leasachadh, a’ gabhail a-steach raointean co-cheangailte gu sònraichte ri Gàidhlig.

Bidh an Luchd-sgrùdaidh a’ toirt prìomhachas do Neach-sgrùdaidh an Rìgh a bheil eòlas air an roinn a gus sgrùdaidhean a stiùireadh airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig taobh a-staigh nan roinnean tràth-ionnsachaidh is cùram-chloinne agus sgoile. Tha seo a’ toirt comas do luchd-sgrùdaidh HMI measadh pearsanta sònraichte a thoirt seachad air càileachd an fhoghlaim, a bhith a’ brosnachadh leasachadh ann am Foghlam Gàidhlig, cleachdadh fìor èifeachdach a cho-roinn agus leasachadh poileasaidh agus cleachdadh foghlaim fhiosrachadh. Ann an sgrùdaidhean mar seo, bidh Luchd-sgrùdaidh an Rìgh a’ cleachdadh na Gàidhlig agus tha iad nam modail air ceannardas faicsinneach de dh’àrd-chàileachd sa chànan.

Bidh Luchd-sgrùdaidh an Rìgh a’ togail comas agus a’ cruinneachadh fianais mu farsaingeachd agus càileachd foghlam chloinne agus dhaoine òga ann an ionnsachadh agus bogadh. Ann an 2022, mus do thòisich sgrùdaidhean a-rithist, rinn an Luchd-sgrùdaidh tursan ath-shlànachaidh gu sgoiltean agus suidheachaidhean foghlaim sna h-eileanan gus conaltradh proifeiseanta a dhèanamh le luchd-obrach, luchd-ionnsachaidh agus, far an robh e iomchaidh, pàrantan agus com-pàirtichean. Fhuair an Luchd-sgrùdaidh deagh fhreagairt bho roinn na Gàidhlig a thaobh iarrtasan airson nan tursan sin bho na sgoiltean fhèin.

Tha an Luchd-sgrùdaidh ag amas air dèanamh cinnteach gu bheil daoine a tha ag obair ann an eileanan, agus a tha a’ coileanadh nan slatan againn-tomhais, fhathast air an riochdachadh nuair a thathar a’ fastadh luchd-measaidh co-cheangailte.

Gealltanas 12.8 Beachdaich air feumalachdan luchd-ionnsachaidh inbheach ann an coimhearsnachdan nan eilean mar a bhios sinn a’ leasachadh ar ro-innleachd ionnsachaidh inbheach airson na h-Alba.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Chaidh Measadh Buaidh air Coimhearsnachdan Eileanach a dhèanamh agus fhoillseachadh sa Chèitean 2022. Cumaidh sinn oirnn a’ conaltradh le luchd-ionnsachaidh inbheach nar coimhearsnachdan eileanach airson a bhith a’ comharrachadh mar as urrainn dhuinn bacaidhean air ionnsachadh a thoirt air falbh agus sinn a’ lìbhrigeadh Ro-innleachd Ionnsachadh Inbheach na h-Alba.

Dh’ainmich am Ministear airson Foghlam Àrd-ìre is Adhartach; agus Ministear airson Seann Ghaisgich san Dùbhlachd 2023 gum biodh Lèirmheas Neo-eisimeileach air solar Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd (CLD) air feadh na h-Alba. Nì an lèirmheas sgrùdadh air an ìre is bheil CLD a’ lìbhrigeadh deagh bhuilean do chuid den luchd-ionnsachaidh as so-leònte ann an Alba agus do bhuidhnean air an iomall. Comharraichidh e neartan san dòigh-obrach làithreach againn a thaobh CLD, a’ gabhail a-steach coimhearsnachdan eileanach, agus comharraichidh e far am faodadh leasachaidhean a bhith a dhìth.

Contact

Email: info@islandsteam.scot

Back to top