Aithris Bhliadhnail air Plana Nàiseanta nan Eilean 2023
Gaelic version of the National Islands Plan annual report 2023
Geàrr-chunntas de na h-Amasan Ro-innleachdail
Bidh Plana Nàiseanta nan Eilean a’ toirt stiùireadh do Riaghaltas na h-Alba agus tha e na fhrèam airson obair gus cur ri leas nan coimhearsnachdan eileanach gu brìoghmhor. Tha 13 Amasan Ro-innleachdail sa Phlana a stiùireas ar cuid obrach:
Amas Ro-innleachdail 1
Gus aghaidh a chur air crìonadh sluaigh agus gus dèanamh cinnteach gu bheil pròifil sluaigh fallain agus cothromach ann
Amas Ro-innleachdail 2
Gus leasachadh eaconamach seasmhach a chumail a’ dol agus a bhrosnachadh
Amas Ro-innleachdail 3
Gus seirbheisean còmhdhail a leasachadh
Amas Ro-innleachdail 4
Gus taigheadas a leasachadh
Amas Ro-innleachdail 5
Gus ìrean de bhochdainn connaidh a lùghdachadh
Amas Ro-innleachdail 6
Gus Ceangailteachd Dhidseatach a leasachadh
Amas Ro-innleachdail 7
Gus slàinte, cùram sòisealta agus sunnd a leasachadh agus a bhrosnachadh
Amas Ro-innleachdail 8
Gus piseach a thoirt air leas àrainneachdail agus gus dèiligeadh ri bith-thèarainteachd
Amas Ro-innleachdail 9
Gus cur ri cur an aghaidh agus dèiligeadh ri atharrachadh na gnàth-shìde agus gus lùths glan, tèarainte air prìs reusanta a bhrosnachadh
Amas Ro-innleachdail 10
Gus cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan eadar-mheasgte agus àiteachan eadar-dhealaichte
Amas Ro-innleachdail 11
Gus taic a chumail ri ealainean, cultar agus cànan
Amas Ro-innleachdail 12
Gus foghlam fad-bheatha a bhrosnachadh is a leasachadh do na h-uile
Amas Ro-innleachdail 13
Gus taic a chumail ri bhith a’ cur Plana Nàiseanta nan Eilean an gnìomh gu h-èifeachdach
Contact
Email: info@islandsteam.scot
There is a problem
Thanks for your feedback