Aithris Bhliadhnail air Plana Nàiseanta nan Eilean 2023

Gaelic version of the National Islands Plan annual report 2023


Mapa Slighe Buileachaidh

Ann am Plana Nàiseanta nan Eilean, gheall Riaghaltas na h-Alba gum foillseachadh e Mapa Slighe Buileachaidh a tha a’ dèiligeadh ri gach fear de na 13 Amasan Ro-innleachdail agus ris na gealltanasan a tha nan cois a tha air an liostadh sa Phlana.

Às dèidh co-obrachadh le Ùghdarrasan Ionadail, prìomh luchd-ùidh agus coimhearsnachdan eileanach, chaidh a’ chiad Mapa Slighe Buileachaidh Plana Nàiseanta nan Eilean (IRM) fhoillseachadh sa Mhàrt 2021.

Nuair a chaidh an IRM fhoillseachadh, bha gealltanas ann cuideachd gun rachadh ath-sgrùdadh cunbhalach a dhèanamh air agus mar sin chaidh fhoillseachadh mar sgrìobhainn bheò ag aithneachadh gum faod prìomhachasan do choimhearsnachdan eileanach atharrachadh. Chaidh dreachan ath-sgrùdaichte den IRM fhoillseachadh ann an 2022 agus ann an 2023.

Airson soilleireachd agus so-ruigsinneachd airson gach gealltanais san aithisg bhliadhnail seo, tha sinn air na gnìomhan a tha ann an IRM 2023 a chur ann. Le bhith a’ ceangal an dà sgrìobhainn san dòigh seo tha e a’ sealltainn na h-obrach a rinneadh gus an gealltanas iomlan a choileanadh, agus tha e a’ sealltainn mar a tha e a’ buntainn ris na gnìomhan a tha air an liostadh san IRM. Bithear ag ath-sgrùdadh an IRM gu cunbhalach gus na gnìomhan a thathar a’ moladh a chumail làithreach. Thèid dreachd 2024 fhoillseachadh a dh’aithghearr agus obair air gealltanasan Plana Nàiseanta nan Eilean a leantainn air adhart.

Thoir an aire: Tha obair a’ leantainn airson gach gealltanas mura h-eilear a’ cur an caochladh an cèill.

Contact

Email: info@islandsteam.scot

Back to top