Aithris Bhliadhnail air Plana Nàiseanta nan Eilean 2023

Gaelic version of the National Islands Plan annual report 2023


Ìrean Sluaigh

Amas Ro-innleachdail 1 – Gus aghaidh a chur air crìonadh-sluaigh agus gus dèanamh cinnteach gu bheil pròifil sluaigh fallain agus cothromach ann.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Cumaidh sinn oirnn a’ cleachdadh agus ag adhartachadh cruinn-eòlas Roinnean Eileanan na h-Alba (2023), cruinneachadh de dh’eileanan na h-Alba ann an naoi roinnean eileanach. Tha an cruinn-eòlas ùr seo stèidhichte air Frèam Roinnean Eileanan na h-Alba (2020) a chaidh a chruthachadh an toiseach le Institiud Sheumais Hutton (JHI) agus a chaidh a chleachdadh mar bhunait airson Suirbhidh Plana Nàiseanta nan Eilean (2020). Tha a bhith a’ cruinneachadh eileanan ann an roinnean gus staitistig iomlan a sholarachadh mu shluagh eileanan na h-Alba na dhòigh math air dèiligeadh ris an dùbhlan gu bheil sluagh gu math beag aig mòran de na h-eileanan. Le bhith a’ cleachdadh na buidhne dàta ùir seo, bidh e comasach do Chlàran Nàiseanta na h-Alba dàta àireamh-sluaigh Eileanan na h-Alba a thoirt seachad gach bliadhna. Le bhith a’ cumail oirnn a’ brosnachadh a’ chruinn-eòlais ùir seo a tha stèidhichte air sònaichean-dàta, thathar an dòchas gum bi seòrsaichean dàta eile leithid prìsean thaighean ri fhaighinn aig ìre nan Eilean cuideachd.
  • Tha a bhith a’ glèidheadh agus a’ tàladh dhaoine òga air aon de na prìomh amasan aig Aonta Fàs nan Eilean. Tha gach cuid Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na RA a’ tasgadh suas ri £50m san Aonta. Chaidh ainm a chur ri Làn Aonta nan Eilean air 20mh Faoilleach 2023, agus thèid an t-Aonta a lìbhrigeadh thairis air an ath 10 bliadhna.
  • Tha Riaghaltas na h-Alba cuideachd a’ cur £25 millean ri Aonta Fàs Earra-Ghàidheal is Bhòid, £135 ri Aonta Cathair-bhaile Inbhir Nis agus na Gàidhealtachd agus £103 millean ri Aonta Fàs Siorrachd Àir, a tha uile a’ gabhail a-steach pròiseactan a chuidicheas le bhith a’ stiùireadh fàs seasmhach agus in-ghabhalach air feadh eileanan na h-Alba. Tha Aonta Fàs Earra-Ghàidheal is Bhòid air a dhèanamh suas de phròiseactan is prògraman a’ gabhail a-steach turasachd sheasmhach, stuthan didseatach, ùr-ghnàthachadh gnìomhachais, taigheadas, sgilean, tuathanachas-uisge, gnothaichean beag carboin agus ath-nuadhachadh.

Gealltanas 1.1 Comharraich eileanan far a bheil crìonadh-sluaigh air fàs fìor dhona gus dèanamh cinnteach gun dèiligear le feumalachdan nan eileanan sin.

Deas-bhòrd dàta Eileanan na h-Alba

Chaidh Aithisg Deas-bhòrd Dàta Eileanan na h-Alba agus an deas-bhòrd eadar-ghnìomhach fhoillseachadh san Dùbhlachd 2023. Tha an deas-bhòrd seo a’ toirt còmhla comharran dàta aig ìre nan eilean Albannach, agus tha an aithisg na chois a’ tarraing a-mach prìomh thoraidhean co-cheangailte ri gach fear de na raointean cuspaireil ro-innleachdail a tha air am mìneachadh anns na h-Eileanan Nàiseanta.

Tha sgaoileadh Cruinn-eòlas Roinnean Eileanach na h-Alba bho chionn ghoirid air tùsan fianais eileanach ùra a chur an comas, a’ gabhail a-steach deas-bhòrd àireamh-sluaigh Roinnean Eileanach na h-Alba aig Clàran Nàiseanta na h-Alba , foillseachadh dàta tuairmsean taigheadais airson àiteachan-fuirich le luchd-còmhnaidh no falamh agus stòr-dàta Staitistigean Eaconamach na h-Alba aig ìre Fo-nàiseanta. Tha clàran mu dhachaighean (a’ gabhail a-steach dàrna dachaighean agus togalaichean falamh) a-nis air an cur ri deas-bhòrd eadar-ghnìomhach roinnean Eilean NRS.

Plana gnìomh Àrdachadh-sluaigh

Dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba Plana Gnìomh Dèiligeadh ri Crìonadh-sluaigh sa Ghearran 2024, a’ mìneachadh dòigh-obrach ro-innleachdail gus taic a thoirt do choimhearsnachdan ionadail a tha a’ fulang le crìonadh-sluaigh, le fòcas sònraichte air crìonadh-sluaigh dùthchail is eileanach agus seasmhachd choimhearsnachdan eileanach. Airson barrachd fiosrachaidh, faic gealltanas 1.3.

Tha Buidheann-gnìomha Ministreil air Àireamh an t-Sluaigh aig Riaghaltas na h-Alba, le Rùnaire a’ Chaibineit airson Co-ionannachd, Imrich is Fògarraich mar chathraiche, ag obair air na 36 gnìomhan uile san Ro-innleachd Sluaigh. Ann an 2023, bha a’ Bhuidheann Gnìomha os cionn a bhith a’ cruthachadh Seirbheis Tarraing Tàlant agus Imrich airson Alba, a thèid a chur air bhog ann an 2024.

Tha Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE) a’ stiùireadh buidheann-obrach sluaigh a tha ceangailte ri Co-chruinneachadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a tha a’ tagradh airson coimhearsnachdan a tha a’ fulang bho chrìonadh-sluaigh le bhith a’ toirt aghaidh air dùbhlain taigheadais, ceangailteachd, còmhdhail, slàinte, cùram-chloinne agus cosnaidh.

Air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba agus ùghdarrasan ionadail le taic bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, ruith a’ bhuidheann pròiseact ‘Oifigearan Suidheachaidh’ ann an Uibhist, Iar-thuath na Gàidhealtachd, agus Earra-Ghàidheal is Bhòid gus cur an-aghaidh crìonadh-sluaigh. Fhuair an t-oifigear ann an Uibhist 310 ceist ro 15 Faoilleach 2024, a’ toirt seachad comhairle mu ghluasad agus cuideachadh do 26 teaghlaichean is daoine fa leth. Ann an Earra-Ghàidheal is Bòd, rinn an t-oifigear measadh agus sgrùdadh coimhearsnachd mionaideach. Dh’obraich gach oifigear suidheachaidh gus lorg-coise nan coimhearsnachdan aca a leasachadh, a’ cumail taic ri iomairtean gus sluagh a thàladh is a chumail.

Aonta Fàs nan Eilean

Tha Aonta Fàs nan Eilean a-nis aig ìre lìbhrigidh, a’ stiùireadh fàs eaconamach seasmhach, in-ghabhalach air feadh Arcaibh, Sealtainn, agus nan Eileanan Siar, agus aig an aon àm a’ tasgadh ann an daoine, pròiseactan agus prìomhachasan gus cothroman àrdachadh do na h-uile.

Tha e air a cho-mhaoineachadh le tasgadh de £50m bho Riaghaltasan na h-Alba agus na RA, leis an Làn-aonta air a shoidhnigeadh air 20 Faoilleach 2023. Is e clach-mhìle chudromach a tha seo far am bi maoineachadh airson pròiseactan agus prògraman fa leth air an toirt seachad nuair a bhios Làn Chùisean Gnìomhachais air an aontachadh.

Cuidichidh an t-Aonta gus feum a dhèanamh de stòrasan nan eilean agus gus cothroman a chruthachadh gus cruth-atharrachadh a thoirt air na h-eaconamaidhean aca agus gus an t-slighe dheamografach aca atharrachadh. Tha e ag amas air suas ri 1,300 cosnadh a lìbhrigeadh ro 2032, a’ tàladh dhaoine do na h-eileanan agus gan cuideachadh gus a bhith am measg nan ciad àiteachan san RA gus cothromachadh carboin a ruigsinn.

Bidh Riaghaltas na h-Alba a’ tasgaidh ann an 13 de na 16 pròiseactan san Aonta, le fòcas air trì prìomh chuspairean:

  • £16 millean airson trì pròiseactan fon tèama beag-carboin, a chuireas ri ar gealltanasan a thaobh cothromachadh carboin le bhith a’ cumail taic ri ghluasad lùths, a’ lìbhrigeadh bun-structair puirt airson dì-choimiseanadh, agus a’ pìleatadh dì-charbonachadh ann an co-theacs eileanach.
  • £15.5 millean airson sia pròiseactan fon tèama Fàs agus Gnìomhachasan san àm ri Teachd, a’ leasachadh turasachd eileanach, stòrasan cultarail, agus ùr-ghnàthachadh ann am prìomh ghnìomhachasan fànais, biadh is deoch agus gnìomhachasan cruthachail.
  • £18.5 millean airson ceithir pròiseactan fon tèama Coimhearsnachdan Seasmhachd Soirbheachail, a’ leudachadh ghoireasan ionnsachaidh, a’ toirt seachad taigheadas seasmhach, agus a’ tasgadh ann am prògram sgilean airson prìomh roinnean a’ gabhail a-steach dì-charbonachadh agus lùths ath-nuadhachail.

Tha dà phròiseact ro-chudromach gan toirt air adhart gus aghaidh a chur air dùbhlain àrainneachdail:

  • An t-Ionad Eileanach airson Cothromachadh Carboin, a tha ag amas air dì-charbonachadh a bhrosnachadh, obraichean seasmhach le deagh thuarastal a chruthachadh agus bochdainn connaidh agus cosgaisean co-cheangailte ri bith-beò eileanach a lùghdachadh.
  • Ath-leasachadh Àrainn Innse Gall, a chuireas ri solar foghlaim is sgilean nan eilean gus daoine òga a thàladh agus a chumail.

Aonta Fàs Earra-Ghàidheal is Bhòid

Brosnaichidh Aonta Fàs Earra-Ghàidheal is Bhòid fàs eaconamach, a’ toirt deagh bhuaidh air daoine, gnìomhachasan is coimhearsnachdan. Cleachdaidh e stòrasan mara nàdarra na sgìre gus gnìomhachas an tuathanachas-uisge a leasachadh, turasachd sheasmhach a chur air adhart, cothroman trèanaidh a thabhann agus obraichean le luach àrd a chruthachadh. Tha trì prìomh chuspairean anns an aonta:

1. A’ ceangal: A’ toirt piseach air bun-structair fiosaigeach is didseatach gus coimhearsnachdan a neartachadh agus gus taic a thoirt do na roinnean àrd luach is fàis aca gus ceangal a dhèanamh ri margaidhean gnìomhachais nàiseanta is eadar-nàiseanta;

2. A’ tàladh: A’ toirt seachad sgilean, trèanadh agus cothroman ionnsachaidh a bharrachd gus tàlant òg a thàladh is a chumail; a’ toirt piseach air tairgse na turasachd.

3. A’ fàs: A’ dèanamh barrachd de na rudan a tha ag obair tro bhith a’ dèanamh barrachd feum de na goireasan aca agus a’ toirt taic do dh’ùr-ghnàthachadh agus fàs.

Gealltanas 1.2. Tuigse fhaighinn air a’ bhuaidh aig Brexit air eileanan agus coimhearsnachdan eileanach.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ leantainn orra a’ cumail sùil gheur air a’ bhuaidh ioma-thaobhach a bheir Brexit air eileanan, an coimhearsnachdan agus air an eaconamaidh.

Tha am Pannal Gnìomhachais as ùire aig Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean a chaidh fhoillseachadh san Fhaoilleach 2024, a’ foillseachadh toraidhean an t-suirbhidh a chaidh a dhèanamh eadar an t-Samhain agus an Dùbhlachd 2023. Tha an aithisg a’ cur cuideam air draghan leantainneach co-cheangailte ri Brexit, leithid cosgaisean nas àirde, dàil lìbhrigidh, agus barrachd teip dhearg do ghnìomhachasan roinneil.

Tha duilgheadasan mu choinneamh roinn a’ bhidhe is na dighe, a tha air a deagh riochdachadh ann an eileanan na h-Alba, mar thoradh air sèineachan-solair a tha air am briseadh, bacaidhean malairt ùra agus prìsean bìdh nas àirde.

Tha call maoineachaidh an AE fhathast a’ cur bacadh air fàs eaconamach seasmhach sna h-eileanan againn agus chan eil maoineachadh dùthchail a tha san amharc bho Riaghaltas na RA cho mòr ris an airgead a chaidh a chall bhon AE. Caillidh Alba mu £93 millean eadar 2021-22 agus 2024-25.

Chan eil taic Levelling Up aig Riaghaltas na RA a’ toirt feart air suidheachadh eaconamach sònraichte na h-Alba, gu sònraichte airson sgìrean dùthchail agus le sluagh gann oir tha seo a’ cleachdadh dòigh-obrach le slatan-tomhais airson prìomhachasadh nach eil a’ gabhail ealla ri feumalachdan sònraichte na h-Alba.

Mar thoradh air Brexit, chan eil cothrom aig coimhearsnachdan eileanach na h-Alba air prògraman cudromach an AE tuilleadh, leithid Sgìre a’ Chuain Siar, Iar-thuath na Roinn Eòrpa, an Cuan a Tuath, URBACT, agus INTERREG Eòrpa. Ach, tha Riaghaltas na h-Alba ag obair gus taic a thoirt do bhuidhnean anns na h-eileanan gus dàimhean luachmhor a chumail ri com-pàirtichean Eòrpach aig a bheil an aon seòrsa de dhùbhlain àrainneachdail is sòisealta.

Is e droch thoradh eile aig Brexit gun deach crìoch a chur air saorsa gluasad, a tha a’ cur ris na dùbhlain sluaigh a tha mu choinneamh cuid de na coimhearsnachdan eileanach.

San t-Sultain 2022, mhol Riaghaltas na h-Alba Pìleat Bhìosa Dùthchail, stèidhichte air moladh Comataidh Comhairleachaidh Imrich aig Riaghaltas na RA gus imrichean a thàladh gu sgìrean dùthchail. Ag obair le ùghdarrasan ionadail agus buidhnean gnìomhachais, tha Buidheann Comhairleachaidh nan Eòlaichean againn air Sluagh agus Imrich aig Riaghaltas na h-Alba air moladh pragtaigeach agus so-lìbhrigidh a dhealbhadh gus imrich a chur an comas gu coimhearsnachdan dùthchail.

Chaidh taic a thoirt dhan Phìleat Bhìosa Dùthchail le mòr-chuid shoilleir ann am Pàrlamaid na h-Alba, a’ sealltainn taic thar-phàrtaidh làidir airson sgeamaichean imrich diofraichte a tha a rèir feumalachdan sònraichte deamografach choimhearsnachdan dùthchail is eileanach.

Às dèidh an aonta seo, sgrìobh Rùnaire a’ Chaibineit airson Chùisean Dùthchail, Ath-leasachadh Fhearainn agus Eileanan gu Rùnaire na Dùthcha, ag iarraidh co-obrachadh eadar Riaghaltasan na RA agus na h-Alba agus com-pàirtichean ionadail air an sgeama imrich. Ged nach eil freagairt fhoirmeil air a bhith ann fhathast, tha ministearan air a bhith a’ dèanamh conaltradh gus taic a thoirt dhan mholadh, a’ gabhail a-steach comataidhean pàrlamaideach na h-Alba agus na RA. Thuirt Aithisg Bhliadhnail Comataidh Comhairleachaidh Imrich gu bheil an sgeama “ciallach agus soilleir an dà chuid a thaobh meud agus comas lìbhrigidh” agus thug e fa-near gum biodh e a chùm leas Riaghaltas na RA a bhith a’ dèanamh deuchainn air.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ cruthachadh Seirbheis Tarraing Tàlant agus Imrich a thèid a chur air bhog ann an 2024. Tha an t-seirbheis seo a’ cumail taic ri ro-innleachd sluaigh Riaghaltas na h-Alba, a tha a’ cur aghaidh air dùbhlain a tha mu choinneamh choimhearsnachdan eileanach. Tha e ag amas air dèiligeadh ri cuideaman deamografach le bhith a’ cur fàilte air luchd-obrach leis na sgilean a tha a dhìth air an eaconamaidh againn.

Bheir an t-seirbheis taic do luchd-fastaidh Albannach agus dhaibhsan a tha airson tighinn a dh’Alba gus dèiligeadh ri siostam in-imrich na RA gus cur ri feumalachdan sgilean is obrach na h-Alba a choileanadh.

Bheir e cuideachd taic-fhàilteachaidh do dhaoine a tha a’ gluasad a dh’Alba, a’ gabhail a-steach an fheadhainn a tha air roghnachadh dachaigh a dhèanamh sna h-eileanan, tro bhith a’ toirt seachad fiosrachadh agus comhairle mu imrich, gluasad agus amalachadh coimhearsnachd.

Gealltanas 1.3 Cruthaich plana gnìomh gus taic a chumail ri àrdachadh-sluaigh ann an coimhearsnachdan dùthchail agus eileanach agus a bhith ag obrachadh le com-pàirtichean gus deuchainnean a dhèanamh a thaobh pìleatan air an sgèile bheag.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

Tha sinn a’ cruthachadh plana ro-innleachdail aig an àm seo a tha ag amas air frèam poileasaidh a thoirt seachad gus an tèid àireamh-sluaigh a ghlèidheadh agus gus am bi àrdachadh-sluaigh ann thar coimhearsnachdan dùthchail is eileanach. Bidh an obair seo a’ gabhail a-steach na leanas:

  • A’ mapachadh nan uidheam-smachd a tha Riaghaltas na h-Alba a’ cleachdadh aig an àm seo (ro-innleachdan, maoineachadh, riaghailtean planaidh) agus crìochan na dòigh-obrach againn an-dràsta;
    • A’ coimiseanadh rannsachadh agus a’ cruthachadh fianais gus àireamhan-sluaigh, crìonadh-sluaigh, agus àrdachadh-sluaigh àbhaisteachadh thairis air poileasaidh an riaghaltais san àm ri teachd.
    • A’ mìneachadh conaltradh làithreach le prìomh chom-pàirteachasan (Co-chruinneachadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, Co-chruinneachadh Alba a Deas, COSLA);
    • Tha sinn ag amas air a’ Phlana Gnìomh gus Dèiligeadh ri Crìonadh-sluaigh fhoillseachadh as t-Fhoghar 2023.

Chaidh an gealltanas seo a choileanadh.

Chruthaich Riaghaltas na h-Alba Plana Gnìomh Dèiligeadh ri Crìonadh-sluaigh gus an tèid an sluagh a ghlèidheadh agus àrdachadh thar choimhearsnachdan dùthchail is eileanach. Chaidh fhoillseachadh air 16 Gearran 2024.

Airson adhbharan a’ Phlana Gnìomh, tha dèiligeadh ri crìonadh-sluaigh air a mhìneachadh mar a leanas:

  • ag aithneachadh na farsaingeachd de dh’fhactaran a tha ag adhbharachadh crìonadh-sluaigh aig ìre coimhearsnachd;
  • a’ soilleireachadh àite nam buidhnean roinneil is ionadail ann a bhith a’ toirt taic do choimhearsnachdan agus eaconamaidhean gus an soirbhich iad;
  • a’ mìneachadh mar a bheir Riaghaltas na h-Alba taic do dh’amasan choimhearsnachdan ionadail.

Tha Riaghaltas na h-Alba air gabhail ri dòigh-obrach a tha com-pàirteachail dha-rìribh a thaobh cruthachadh a’ Phlana Gnìomha gus taic a thoirt do choimhearsnachdan gus soirbheachadh, a’ co-thaobhadh ri amas Aonta Taigh Verity “ionadail mar bhun-roghainn, nàiseanta le aonta”.

Dh’obraich sinn gu dlùth le ùghdarrasan ionadail a tha a’ fulang bho chrìonadh-sluaigh gu dìreach agus tro bhòrd-cruinn poileasaidh sluaigh aig Riaghaltas na h-Alba/COSLA. Rinn sinn conaltradh cuideachd le Co-chruinneachadh na Gàidhealtachd is nan Eilean (CoHI) agus Co-chruinneachadh Ceann a Deas na h-Alba, a’ togail air co-obrachadh a bh’ ann roimhe.

A bharrachd air seo, chaidh cuireadh a thoirt do bhuidhnean bhon taobh a-muigh leithid Bòrd na Gàidhlig, COSLA, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE) agus Institiud Sheumais Hutton pàirt a ghabhail ann am buidheann-obrach.

Tha Riaghaltas na h-Alba soilleir nach eil ann am foillseachadh a’ Phlana Gnìomh ach a’ chiad ìre de phrògram obrach nas fhaide agus stèidhichidh iad Buidheann Lìbhrigidh Dèiligeadh ri Crìonadh-sluaigh gus sùil a chumail air adhartas le lìbhrigeadh a’ Phlana Gnìomh.

Maoin gus Dèiligeadh ri Crìonadh-sluaigh

Mar phàirt den ghealltanas againn a bhith ag aithneachadh an àite a tha aig ceannardan ionadail ann a bhith a’ dèiligeadh ri crìonadh-sluaigh, cuiridh Riaghaltas na h-Alba Maoin gus Dèiligeadh ri Crìonadh-sluaigh air dòigh bhon Ghiblean 2024, gus leigeil le coimhearsnachdan fuasglaidhean treòrach sònraichte fheuchainn a tha ag amas air taic a chumail ri tàladh is glèidheadh sluaigh san sgìre ionadail aca.

Taghaidh a’ Mhaoin trì ùghdarrasan ionadail an toiseach gus £60,000 fhaighinn an urra anns na bliadhnaichean ionmhais 2024-25 agus 2025-26. Thathar an dùil, a bharrachd air a bhith a’ toirt taic do dhùbhlain sònraichte taobh a-staigh choimhearsnachdan, gun cruthaich na h-eadar-theachdan cuideachd ionnsachadh a bhios iomchaidh san fharsaingeachd air feadh na h-Alba.

Oifigearan Suidheachaidh

Tha Riaghaltas na h-Alba air £67,500 a sholarachadh sa bhliadhna ionmhais 2023-24 airson pàirt-mhaoineachadh air leudachadh lìonra Oifigearan Suidheachaidh Coimhearsnachd a th’ ann mar-thà, ann an com-pàirteachas leis na trì ùghdarrasan ionadail anns a bheil iad stèidhichte (Earra-Ghàidheal is Bòd, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle nan Eilean Siar). Bidh na dreuchdan sin a’ toirt taic do dhaoine a tha a’ fuireach no a’ gluasad gu na sgìrean, agus tha seo a’ gabhail a-steach a bhith ag obair le buidhnean-gnìomha agus buidhnean eile gus dèiligeadh ris na dùbhlain a tha mu choinneamh dhaoine nuair a ghluaiseas iad dhan sgìre.

Tha còmhraidhean a’ dol air adhart eadar Riaghaltas na h-Alba agus na h-ùghdarrasan ionadail iomchaidh mu bhith a’ cumail nan dreuchdan a’ dol anns an ath bhliadhna ionmhais.

Gealltanas 1.4 Obraich le eileanaich òga gus gnìomhan a chomharrachadh a dh’fhaodadh am brosnachadh gus cumail orra fuireach anns na h-eileanan no tilleadh do na h-eileanan.

Slighe Buileachaidh 2023

  • Chaidh Lìonra nan Eileanach Òga a chur air bhog gu h-oifigeil le Rùnaire a’ Chaibineit airson Chùisean Dùthchail agus Eileanan ann an Arcaibh san Lùnastal 2022, a’ toirt àrd-ùrlar do chloinn is dhaoine òga gus cur gu brìoghmhor ri lìbhrigeadh Plana Nàiseanta nan Eilean agus do bheatha sna h-eileanan san àm ri teachd. Tha cumhachd aig buill an lìonra gus an clàr-gnothaich aca fhèin a shuidheachadh stèidhichte air mar a tha iad fhèin airson dèiligeadh ris na prìomhachasan ionadail is nàiseanta as cudromaiche dhaibh. Aig an tachartas foillseachaidh, thug Ms Gougeon cuireadh foirmeil dhan Lìonra riochdachadh a bhith aca air Buidheann Lìbhrigidh Plana Nàiseanta nan Eilean. Nì seo cinnteach tron Lìonra, gum bi guthan dhaoine òga air an cluinntinn agus gu bheil iad dha-rìribh a’ cumadh lìbhrigeadh nan gealltanasan taobh a-staigh a’ Phlana, a bhios a’ gabhail a-steach a bhith a’ toirt buaidh air raon farsaing de ghnìomhan a bheir taic agus brosnachadh do dh’eileanaich òga le bhith a’ cumail orra fuireach sna h-eilean no tilleadh do na h-eileanan.
  • Tha obair air pròiseact Glèidheadh Oileanaich a’ leantainn. Tha Glèidheadh Oileanaich ag amas air oileanaich a bhrosnachadh gus fuireach ann an Alba (agus àiteachan dùthchail/gluasad gu eileanan) às dèidh dhaibh crìoch a chur air an cuid ionnsachaidh – tha seo a’ buntainn ri oileanaich sam bith à Alba no bhon chòrr den RA. Chuidicheadh obrachadh le eileanaich òga sinn le bhith a’ faighinn tuigse nas fheàrr air na bheireadh orra fuireach no tilleadh às dèidh colaiste/oilthigh.

Ann an 2023, lean Riaghaltas na h-Alba air adhart a’ toirt taic do Lìonra nan Eileanach Òga (YIN) gus dèanamh cinnteach gun cluinnear beachdan, molaidhean agus miannan dhaoine òga a tha a’ fuireach ann an eileanan na h-Alba mar phàirt de dhealbhadh is lìbhrigeadh iomairtean a bheir taic dhaibh a bhith a’ fuireach ann an, no a’ tilleadh gu, eileanan.

Tha cumhachd aig buill YIN an clàr-gnothaich aca fhèin a shuidheachadh, stèidhichte air mar a tha iad airson dèiligeadh ris na prìomhachasan ionadail is nàiseanta as cudromaiche dhaibh.

Dh’fhoillsich YIN an Aithisg Dùbhlain Còmhdhail aca san Dàmhair 2023 agus tha iad a-nis a’ cumail chòmhraidhean leantainneach le oifigearan Riaghaltas na h-Alba, buidhnean poblach agus luchd-ùidh iomchaidh eile gus na dùbhlain agus na molaidhean a chaidh ainmeachadh san aithisg a mhìneachadh.

Chuir an YIN co-chomhairle air bhog cuideachd a thaobh an Dùbhlain Taigheadais aca, a chaidh a dhealbhadh agus air a chumadh leis a’ bhallrachd. Tha a’ cho-chomhairle seo a tha ag amas air daoine aois 12-25 air còrr is 60 freagairtean fhaighinn. Chùm Prìomh Neach-obrach Leasachaidh YIN seisean taigheadais aig Pàrlamaid Òigridh Dùthchail is Eileanach na h-Alba cuideachd anns a’ Ghearsadan san t-Samhain 2023.

Tha buidhnean poblach agus luchd-co-dhùnaidh ionadail a’ cur luach ann am beachdan bhall YIN, agus bi iad a’ toirt àite dhaibh ann an ath-sgrùdaidhean phrògraman agus leasachaidhean pròiseict ùra. Mar eisimpleir, tha Bòrd Choimhearsnachdan nan Aiseagan agus Urras Leasachaidh Coimhearsnachd Thiriodh air fàilte a chur air eileanaich òga air na bùird aca. Tha buill YIN a’ fàs misneachail mu bhith a’ co-roinn an guthan sna coimhearsnachdan aca, cho math ri oidhirpean leantainneach gus dèanamh cinnteach gu bheil com-pàirteachadh buntainneach dhaibh, gun a bhith a’ cur cus uallach orra.

Tha luchd-obrach òigridh agus buill de choimhearsnachdan eileanach san fharsaingeachd air a’ bhuaidh mhath aig ballrachd YIN air daoine òga a mholadh. Mar eisimpleir, rinn YIN conaltradh le daoine òga a tha a’ faighinn foghlam dachaigh agus a tha a’ fulang bho aonaranachd. Tha seo air barrachd misneachd agus dealas adhbharachadh a bharrachd air sgilean ùra agus faireachdainn nas lugha de dh’aonranachd.

Faic gealltanas 2.2 airson barrachd fiosrachaidh mu iomairtean gus oileanaich a ghlèidheadh.

Gealltanas 1.5 Dèan làn bheachdachadh air leasachaidhean poileasaidh, mar eisimpleir, toraidhean rannsachadh “planadh dùthchail gu 2050”, nuair a thathar a’ dèanamh cinnteach gun tèid feart a thoirt air feumalachdan eileanan na h-Alba le Buidheann-gnìomh a’ Mhinisteir air Àireamh-sluaigh.

Gealltanas air a choileanadh – Chaidh an gealltanas seo a choileanadh ann an 2020. Faic Aithisg Bhliadhnail Plana Nàiseanta nan Eilean 2020 airson barrachd fiosrachaidh.

Gealltanas 1.6 Dèan cinnteach gu bheil poileasaidhean ag amas air luchd-labhairt na Gàidhlig a ghlèidheadh ann an coimhearsnachdan Gàidhlig eileanach no an tàladh ann.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Cumaidh Measaidhean Buaidh Choimhearsnachdan Eileanach leantainneach taic ris a’ phròiseas seo às dèidh ùrachadh 2022 air Stiùireadh agus Seata-innealan Measadh Buaidh Choimhearsnachdan Eileanach.
  • Leanaidh coinneamhan ràitheil eadar Sgioba na Gàidhlig is Albais, Sgioba nan Eilean agus Bòrd na Gàidhlig.

Chaidh Bile nan Cànan Albannach a thoirt a-steach do Phàrlamaid na h-Alba aig deireadh 2023. Tha e na phrìomh ghealltanas sa Bhile a bhith a’ stèidheachadh Sgìrean Cànain Sònraichte airson na Gàidhlig, a bhios ag amas air togail air iomairtean a th’ ann mar-thà gus taic a chumail ris a’ Ghàidhlig agus gus luchd-labhairt na Gàidhlig a chumail agus a thàladh gu bhith a’ fuireach agus ag obair ann an coimhearsnachdan eileanach. Rinneadh Measadh Buaidh Coimhearsnachd Eileanach airson Bile nan Cànan Albannach: Measadh Buaidh Coimhearsnachd Eileanach.

Tha grunn bhuidhnean Gàidhlig stèidhichte ann an eileanan, a’ cumail agus a’ tàladh luchd-labhairt na Gàidhlig. Tha ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach a tha ag obair sna sgìrean sin air planaichean fhoillseachadh gus taic a thoirt do dh’ionnsachadh agus cleachdadh na Gàidhlig.

Tha dealas mòr ann cuideachd a thaobh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns na coimhearsnachdan eileanach seo a tha cuideachd a’ cur ri glèidheadh agus tàladh luchd-labhairt na Gàidhlig.

Bho 2019, tha Riaghaltas na h-Alba air taic a thoirt do bhuidhnean agus iomairtean Gàidhlig ann an coimhearsnachdan eileanach. Tha seo a’ gabhail a-steach taic airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, MG ALBA, Bòrd na Gàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig, Stòrlann, agus eile.

Gealltanas 1.7 Obraich le co-obraichean poileasaidh gus Plana Leasachaidh Nàiseanta a dheasachadh airson Croitearachd a bhios a’ suidheachadh stiùireadh ro-innleachdail fad-ùine airson croitearachd – a’ soilleireachadh nam prìomh eileamaidean a tha riatanach gus dèanamh cinnteach gum bi croitearachd fhathast aig cridhe nan coimhearsnachdan dùthchail agus iomallach againn san àm ri teachd.

Gealltanas air a choileanadh – Chaidh an gealltanas seo a choileanadh ann an 2021. Faic Aithisg Bhliadhnail Plana Nàiseanta nan Eilean 2021 airson barrachd fiosrachaidh.

Gealltanas 1.8 Obraich le Coimisean na Croitearachd gus feuchainn ri dèanamh cinnteach gum biodh gabhaltasan croite a nochdadh gu tric gus cothroman a chruthachadh do dhaoine ùra a dhol an sàs ann an croitearachd.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Leudachaidh an Coimisean cuideachd an sgioba Còmhnaidh agus Cleachdadh Fearainn aca barrachd gus cur ris an obair aige gus aghaidh a chur air neo-làthaireachd agus air croitean a chur gu feum gnìomhach a-rithist, a chruthaicheas cothroman do dhaoine ùra a tha airson a dhol a-steach a chroitearachd.
  • Tha an Coimisean cuideachd air Sgioba Leasachadh Croitearachd a chruthachadh, agus air oifigearan fhastadh anns na h-Eileanan an Iar a tha a’ conaltradh ri coimhearsnachdan croitearachd agus comataidhean ionaltraidh gus cleachdadh gnìomhach nan croitean a bhrosnachadh agus gus cothroman a chomharrachadh do luchd-inntrigidh ùr.

Chuir Coimisean na Croitearachd pìleat leantainneachd croite air bhog air feadh Uibhist, Bharraigh agus Iar-thuath Chataibh gus aghaidh a thoirt air cnapan-starra agus airson a bhith a’ brosnachadh leantainneachd croite – gu sònraichte leantainneachd beò. Tha am pìleat ag amas air cothroman a chomharrachadh do luchd-inntrigidh ùr agus a bhith a’ cuimseachadh air dòighean-obrach ùra co-cheangailte ris a’ Phlana Leasachaidh Nàiseanta airson Croitearachd.

Ann an 2023, cho-obraich an Coimisean le Seirbheis Maidseadh Fearainn na h-Alba (Scottish Land Matching Service - SLMS) gus Goireas Croitearachd SLMS a chruthachadh, a’ leigeil le daoine aig a bheil ùidh ann an croitearachd clàradh airson cothroman leis an stòr-dàta SLMS an-asgaidh.

Tha an Coimisean a’ cur ris an Sgioba Còmhnaidh agus Cleachdadh Fearainn gus oidhirpean buileachaidh a bhrosnachadh, a bhith a’ cuimseachadh air neo-làthaireachd, agus a bhith ag ath-bheothachadh croitean nach eilear a’ cleachdadh. Leudaichidh an Coimisean sgòp an sgioba gu bhith a’ gabhail a-steach sealbhadairean-còmhnaidh chroitean falamh, agus gabhaidh iad gnìomhan an aghaidh an fheadhainn nach eil a’ fuireach air a’ chroit aca agus/no nach eil a’ dèanamh obair àiteachais air. Le bhith a’ dèiligeadh ri neo-làthaireachd bidh barrachd chroitean ann do luchd-inntrigidh ùr, a’ cumail taic ri glèidheadh sluaigh agus ris an eaconamaidh ionadail.

Tha an Coimisean cuideachd air cur ris an sgioba Leasachaidh Croitearachd aige a tha stèidhichte sna h-Eileanan Siar, a tha ag obair le coimhearsnachdan croitearachd eileanach gus sealbhachadh chroitean agus stiùireadh gnìomhach air ionaltradh coitcheann a bhrosnachadh. Tha na h-oifigearan air a bhith air leth cudromach ann am plana pròiseact leantainneachd còir-sheilbh chroit a’ Choimisein agus ann a bhith a’ co-obrachadh leis an SLMS.

Tha an Coimisean air aithris gu bheil mu chòig ceud neach-inntrigidh ùra air tighinn a-steach gu croitearachd gach bliadhna. Eadar an Giblean 2022 agus Am Màrt 2023, bha còrr is 500 neach-inntrigidh ùra ann, le 52% dhiubh nan croitearan eileanach. Bha còrr is 45% den luchd-inntrigidh ùra nam boireannaich, agus bha còrr is 29% 40 bliadhna a dh’aois no nas òige.

Bho 2019, tha Riaghaltas na h-Alba air taic a thoirt do chroitearachd agus do ghnìomhachasan croite ann an coimhearsnachdan eileanach tro thabhartasan leithid Tabhartas Taighean Croitearachd, Sgeama Thabhartasan Àiteachais Croitearachd (CAGS), Sgeama Taic nan Sgìrean Fo-leasaichte (LFASS), Sgeama Pàighidh Bunaiteach agus Uaine, agus an sgeamaichean mairt-fheòil is chaorach.

Bho 2019, chaidh còrr is £9 millean den £15.2 millean ann am maoineachadh CAGS a thoirt do chòrr is 1,400 gnìomhachas croite eileanach, chaidh còrr is £3.3 millean aontachadh fo Thabhartas nan Taighean Croite airson 112 croitear eileanach. Tha seo air taic a thoirt do 60 taigh ùr agus 52 leasachaidhean air thaighean ann an coimhearsnachdan eileanach. Bho 2020, thug Riaghaltas na h-Alba àrdachadh 38% air buidseat Coimisean na Croitearachd, airson barrachd luchd-obrach, obair leasachadh, agus leasachaidhean riaghlaidh.

Gealltanas 1.9 Cùm oirnn a’ toirt taic do chroitearan eileanach gus leasachaidhean a dhèanamh air na croitean aca agus cuideachadh gus na gnìomhachasan aca a chumail suas. Bidh seo a’ gabhail a-steach: Sgeama Grantaichean nan Taighean-croite, Sgeama Leasachaidh an Sprèidh agus modhan taic croitearachd eile.

Gealltanas air a choileanadh – Chaidh an gealltanas seo a choileanadh ann an 2020. Faic Aithisg Bhliadhnail Plana Nàiseanta nan Eilean 2020 airson barrachd fiosrachaidh.

Contact

Email: info@islandsteam.scot

Back to top