Aithris Bhliadhnail air Plana Nàiseanta nan Eilean 2023

Gaelic version of the National Islands Plan annual report 2023


Taigheadas

Amas Ro-innleachdail 4 – Gus taigheadas a leasachadh

Gealltanas 4.1 Dèan cinnteach gum bi Taigheadas gu 2040 a rèir feumalachdan sònraichte nan coimhearsnachdan eileanach.

Gealltanas air a choileanadh – Chaidh an gealltanas seo a choileanadh ann an 2021. Faic Aithisg Bhliadhnail Plana Nàiseanta nan Eilean 2021 airson barrachd fiosrachaidh.

Gealltanas 4.2 Dèan cinnteach gu bheil molaidhean airson riaghailtean air an cur an sàs airson àiteachan còmhnaidh air mhàl airson ùine ghoirid, gus gabhail ri suidheachadh air leth nan coimhearsnachdan eileanach agus gus ullachaidhean sònraichte a chur air dòigh dhaibh far a bheil seo a dhìth.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Tha sinn air riaghladh àiteachan-fuirich air màl geàrr-ùine a thoirt a-steach tro sgeama ceadachd a tha a-nis an sàs. Feumaidh luchd-aoigheachd àiteachan-fuirich air mhàl geàrr-ùine cead fhaighinn mus gabh iad ri clàraidhean agus mus bi aoighean aca. Gus cead fhaighinn, feumaidh luchd-aoigheachd cumail ri cumhachan riatanach (a bhuineas do gach àite-fuirich air màl geàrr-ùine ann an Alba) agus ri cumhachan a bharrachd sam bith a chuireas ùghdarrasan ionadail an sàs mar fhreagairt air feumalachdan agus ceistean ionadail. Tha seo a’ toirt dearbhadh do dh’aoighean gu bheil a h-uile àite-fuirich air mhàl fad ùine-ghoirid a rèir inbhean sàbhailteachd cunbhalach.
  • Cumhachdan do dh’ùghdarrasan ionadail gus sgìrean smachd air àiteachan air màl fad ùine ghoirid a stèidheachadh gus an àireamh de dh’àiteachan air mhàl san sgìre aca a riaghladh. Chomharraich Comhairle Dhùn Èideann sgìre na comhairle gu lèir mar raon smachd air 5 Sultain 2022. Bho àm an t-sònrachaidh tha e a’ ciallachadh gur e atharrachadh susbainteach a th’ ann an atharrachadh cleachdaidh gu màl geàrr-ùine agus gum bidh feum air cead dealbhaidh airson seo an-còmhnaidh.

Dh’fhosgail sgeamaichean ceadachd san Dàmhair 2022 agus feumaidh luchd-aoigheachd ùra a-nis cead fhaighinn mus gabh iad ri clàrachaidhean no mus bi aoighean aca. Fhuair aoighean a chuir na h-àiteachan còmhnaidh aca a-mach air mhàl ron Dàmhair 2022 barrachd tìde gus iarrtas a dhèanamh. Dh’fheumadh tagraidhean cead a bhith air an cur a-steach ro 1 Dàmhair 2023 airson a bhith ion-roghnach air cumail a’ dol mar àiteachan còmhnaidh air mhàl fhad ’s a bha co-dhùnadh air a dhèanamh air an tagradh. Dh’aithnich an leudachadh seo na duilgheadasan a bha aig luchd-aoigheachd, gu sònraichte ann an sgìrean dùthchail agus eileanach, le bhith a’ faighinn cunnradairean gus obair riatanach a dhèanamh.

Sgrìobh Ministear airson Taigheadais gu Comataidh Taigheadas, Planadh agus Riaghaltais Ionadail san Fhaoilleach 2024 gus adhartas gu ruige seo a cho-roinn agus bheir sinn ùrachadh foirmeil dhan Phàrlamaid air buileachadh ceadachd ron t-samhradh 2024.

Gealltanas 4.3 Dèan rannsachadh air mar a ghabhadh Maoin Taigheadais Dùthchail agus Eileanach atharrachadh san àm ri teachd gus cur ris an fharsaingeachd de roghainnean a th’ ann gus taic a chumail ri leasachadh taigheadais ann an sgìrean dùthchail agus iomallach;

Gealltanas air a choileanadh – Chaidh an gealltanas seo a choileanadh ann an 2021. Faic Aithisg Bhliadhnail Plana Nàiseanta nan Eilean 2021 airson barrachd fiosrachaidh.

Gealltanas 4.4 Cùm oirnn a bhith a’ toirt seachad ghrantaichean do chroitearan gus taighean croite a thogail agus a leasachadh

Gealltanas air a choileanadh – Chaidh an gealltanas seo a choileanadh ann an 2020. Faic Aithisg Bhliadhnail Plana Nàiseanta nan Eilean 2020 airson barrachd fiosrachaidh.

Gealltanas 4.5 Dèan am feum as fheàrr air an stoc taigheadais uile, a’ gabhail a-steach toglaichean trèigte agus roghainnean airson ceannachd èigneachail.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Tro Housing to 2040 tha sinn air gealltainn raon de cheuman a ghabhail gus am bi dachaighean falamh air an cleachdadh a-rithist. Is e a’ chiad fhear dhiubh sin sgrùdadh a dhèanamh gus fiosrachadh mar a lìbhrigeas sinn na gnìomhan eile. Mar sin tha sinn air rannsachadh neo-eisimeileach a bharantachadh mu sgèile, feartan agus suidheachadh thaighean falamh, agus air èifeachdas eadar-theachdan gus an toirt air ais gu feum. Tha sinn an dùil toraidhean na h-aithisg fhoillseachadh nas fhaide air adhart am-bliadhna agus ar freagairt a thoirt seachad, a’ gabhail a-steach gnìomhan. Tha sinn a’ leantainn air adhart cuideachd a’ maoineachadh obair Com-pàirteachas Dachaighean Falamh na h-Alba a tha air cuideachadh le bhith a’ toirt còrr is 8,000 dachaigh air ais gu bhith air an cleachdadh mar dhachaighean bho 2010.
  • Anns a’ Ghiblean 2023 chuir sinn co-chomhairle air bhog air molaidhean gus a’ chìs chomhairle àrdachadh air dàrna dachaighean agus dachaighean falamh san ùine fhada. Bidh a’ cho-chomhairle a’ ruith gu 11 Iuchar 2023 agus a’ moladh gun tèid cumhachdan ùra a thoirt a-steach gus leigeil le comhairlean suas ri 100% de chìs chomhairle a bharrachd a chur air dàrna dachaighean bhon Ghiblean 2024.

Dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba a Phlana Gnìomh Taigheadais Dùthchail is Eileanach san Dàmhair 2023. Tha am plana a’ comharrachadh gum feumar am feum as fheàrr a dhèanamh de dhachaighean a th’ ann mar-thà agus air modhan gus an t-amas seo a choileanadh. Tha ceumannan a’ gabhail a-steach a bhith a’ toirt a-staigh fo-reachdas gus leigeil le comhairlean suas ri 100% a bharrachd a chur air reataichean cìs comhairle airson dàrna dachaighean bhon Ghiblean 2024, agus ag obair le ùghdarrasan ionadail gus sùil a chumail air a bhith a’ sònrachadh raointean smachd àiteachan air màil airson ùine ghoirid agus ag obair còmhla ri Com-pàirteachas Dachaighean Falamh na h-Alba, ùghdarrasan ionadail, agus luchd-seilbh gus barrachd thaighean falamh ann an sgìrean dùthchail agus eileanach a chur gu feum a-rithist.

Tha cumhachdan ceannach èigneachail farsaing aig ùghdarrasan ionadail mar-thà a ghabhas cleachdadh airson iomadh diofar adhbhair, a’ gabhail a-steach a bhith a’ cur thogalaichean trèigte gu feum a-rithist. Anns a’ Phrògram Riaghlaidh againn, tha sinn air gealltainn reachdas ceannach èigneachail ath-leasachadh agus ùrachadh gus an siostam a dhèanamh nas cothromaiche, nas luaithe agus nas èifeachdaiche. Tòisichidh obair ann an 2024 le stèidheachadh buidheann comhairleachaidh eòlaichean gus cuideachadh le bhith a’ cruthachadh roghainnean airson ath-leasachadh.

Gealltanas 4.6 Thoir piseach air ruigsinneachd nas fheàrr air dachaighean do dhaoine a tha ag iarraidh a dhol a dh’fhuireach ann an coimhearsnachdan eileanach, no a bhith a’ tilleadh do choimhearsnachdan eileanach. Beachdaichidh sinn air na dòighean as fheàrr gus cothrom nas fheàrr a thoirt do dhaoine air dachaighean airson daoine a tha ag iarraidh fuireach no tilleadh gu coimhearsnachdan eileanach, ag obrachadh le ùghdarrasan ionadail agus luchd-ùidh iomchaidh; nì sinn sgrùdadh air na roghainnean seo uile gus seo a dhèanamh, a’ dèanamh deagh fheum air na dachaighean a th’ ann mar-thà agus air dachannan ùra.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Tha sinn air gealltainn 110,000 dachaigh air prìs ruigsinneach a lìbhrigeadh ro 2032, le 70% dhiubh sin airson màl sòisealta, agus 10% ann an coimhearsnachdan iomallach, dùthchail agus eileanach.
  • Gus na dùbhlain a tha an lùib a bhith a’ fastadh agus a’ cumail luchd-obrach ann an coimhearsnachdan iomallach, dùthchail agus eileanach aithneachadh, nì sinn cinnteach gum bi suas ri £25 millean ri fhaighinn bhon bhuidseit againn airson solar taigheadais air prìs reusanta thar na h-ùine 2023-2028. Bheir am maoineachadh taic do dh’ùghdarrasan ionadail agus do dh’uachdarain shòisealta clàraichte gus togalaichean iomchaidh a th’ ann mar-thà a cheannach a dh’fhaodar a chur air màl gu dìreach no air màl do luchd-fastaidh gus dachaighean a sholarachadh do luchd-fastaidh airson phrìomh luchd-obrach.
  • Foillsichidh sinn Plana Gnìomh Taigheadais Iomallach, Dùthchail is Eileanach anns an Ògmhios 2023 gus feumalachdan taigheadais nan coimhearsnachdan sin a choileanadh, agus gus daoine a ghlèidheadh sna coimhearsnachdan sin agus gus daoine a tharraing annta.

Tha taigheadas ro-chudromach do choimhearsnachdan eileanach, gan cuideachadh gus soirbheachadh, a’ glèidheadh dhaoine òga, agus a’ toirt taic do ghnothachasan is sheirbheisean gus luchd-obrach a thàladh. Tha Riaghaltas na h-Alba fhathast a’ cuimseachadh air an targaid againn gus 110,000 dachaigh a lìbhrigeadh air prìs ruigsinneach, le 10% dhiubh sin ann an sgìrean dùthchail agus eileanach.

Tha Plana Gnìomh Taigheadais Dùthchail is Eileanach ag aithneachadh gum feum luchd-fastaidh a bhith comasach air am prìomh luchd-obrach a tha a dhìth orra a thàladh, chan ann a-mhàin gus taic a chumail ri lìbhrigeadh seirbheis ach cuideachd gus taic a thoirt do dh’fhàs eaconamach agus beartas.

Tha gealltanas anns a’ Phlana Gnìomha gun tèid suas ri £25 millean a thoirt seachad, bho bhuidseit Phrògram Solarachaidh Taigheadais air Prìs Ruigsinneach, a rèir iarrtas bho 2023-2028. Thèid seo a lìbhrigeadh ann an cruth Maoin Dachaighean Dùthchail air Prìs Ruigsinneach do Phrìomh Luchd-obrach agus leigidh e le ùghdarrasan ionadail agus uachdarain sòisealta clàraichte togalaichean freagarrach a cheannach, a’ gabhail a-steach dachaighean falamh, do phrìomh luchd-obrach a tha feumach air taighean air prìs reusanta far an deach a chomharrachadh gu bheil feum air seo.

Eadar 2016-2017 agus 2022-2023, tron Phrògram Solarachaidh Taigheadais air Prìs Ruigsinneach nas fharsainge, chaidh taic a thoirt do chòrr is 10,000 dachaigh air prìs ruigsinneach thar sgìrean dùthchail agus eileanach, còrr is 1,100 dhiubh sin ann an coimhearsnachdan eileanach.

Prògram nan Eilean – Pròiseact Àite-fuirich Luchd-obrach Tobar Mhoire

Ann an cuairt Prògram nan Eilean 2023-2024, thug sinn £700,000 do Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid airson bun-structair ann am Muile airson àiteachan-fuirich a thogail do luchd-obrach. Cuiridh am pròiseact gu mòr ri bhith a’ coileanadh phrìomhachasan stèidhichte air àite sa choimhearsnachd ionadail, a chuireas fàs ionadail agus ath-leumachd air dòigh nas luaithe.

Gealltanas 4.7 Dèan cinnteach gun tèid beachdachadh air a’ bhuaidh air coimhearsnachdan Gàidhlig nuair a thathar a’ cruthachadh poileasaidhean taigheadais.

Mapa Slighe Buileachaidh 2023

  • Thathar an dùil gum bi Ro-innleachdan Taigheadais Ionadail a’ toirt seachad fianais air mar a thug conaltradh agus co-chomhairle coimhearsnachd buaidh air bhuilean, gus prìomhachasan, planaichean agus targaidean nàiseanta a lìbhrigeadh, agus mar a tha Prionnsapal an Àite ga chleachdadh gus atharrachadh a lìbhrigeadh taobh a-staigh choimhearsnachdan agus gus na builean a thathar ag iarraidh a choileanadh.

Tha an stiùireadh air Ro-innleachd Taigheadais Ionadail a’ gabhail a-steach fòcas làidir air co-ionannachdan agus feumaidh gach ùghdarras ionadail Measadh Buaidh Co-ionannachd ullachadh gus taic a chumail ri cruthachadh ro-innleachdan taigheadais ionadail gus prìomhachasan agus builean fhiosrachadh.

Bheir Bile nan Cànan Albannach cothrom do dh’ùghdarrasan ionadail Sgìrean Cànain Sònraichte ainmeachadh taobh a-staigh sgìre an ùghdarrais. Thathar an dùil gun obraich na Sgìrean Cànain Sònraichte seo gu dlùth leis an Ro-innleachd Ghàidhlig agus na h-Inbhean Gàidhlig nuair a bhios iad air an cruthachadh. Tha comas ann dhaibhsan a bhios a’ cruthachadh phoileasaidhean taigheadais beachdachadh air ceumannan a tha ag amas air taic a thoirt do luchd-labhairt na Gàidhlig agus adhartachadh na Gàidhlig san sgìre aca.

Contact

Email: info@islandsteam.scot

Back to top