Aithris Bhliadhnail air Plana Nàiseanta nan Eilean 2023
Gaelic version of the National Islands Plan annual report 2023
Bochdain Connaidh
Amas ro-innleachdail 5 – Lùghdaich ìrean bochdainn connaidh
Gealltanas 5.1 Dèan ath-sgrùdadh air mar as urrainn sgeamaichean lìbhrigidh obrachadh nas fheàrr aig an ìre ionadail agus dèan ath-sgrùdadh air maoineachadh do choimhearsnachdan eileanach.
Mapa Slighe Buileachaidh 2023
- Tha an sgeama a thig às dèidh sgeama Dachaighean nas Blàithe Alba ga sholarachadh an-dràsta, agus tha e gu bhith a’ dol beò ann an 2023. Mar phàirt de dhealbhadh an sgeama a thèid an àite sgeama Dachaighean Nas Blàithe Alba, chaidh buidheann-obrach ion-roghnachd a stèidheachadh a rinn ath-sgrùdadh air dhòighean anns an gabhadh ìrean ion-roghnachd agus pròiseasan atharrachadh gus taic a chuimseachadh nas fheàrr air dachaighean a tha a’ fulang bho bhochdainn connaidh. Tha slatan-tomhais ion-roghnachd a-nis air an suidheachadh agus thèid an sgeama a thig às a dhèidh a chur air bhog san Dàmhair 2023
Chaidh sgeama Dachaighean Nas Blàithe Alba a chur air bhog às ùr san Dàmhair 2023, le fòcas làidir air dì-charbonachadh, barrachd cheumannan a ghabhail anns gach taigh agus le luach cùmhnant nas motha. Chaidh slatan-tomhais ion-roghnachd airson an sgeama a shuidheachadh an co-bhonn ri Pannal Comhairleachaidh Bochdainn Connaidh (FPAP).
Tha 9 luchd-stàlaidh eileanach ann an-dràsta a-mach à 35 uile gu lèir gu nàiseanta: 4 anns na h-Eileanan an Iar, 2 ann an Arcaibh agus 3 ann an Sealtainn. Bhon Fhaoilleach 2019, b’ e na cosgaisean stàlaidh/lìbhrigidh iomlan airson nan eilean £12,032,235.14 (gun VAT).
Ann an 2022-2023, mheudaich na sia comhairlean eileanach an àireamh de cheumannan èifeachdas lùths a lìbhrig iad agus an uiread de thabhartas a fhuair iad tro Sgeamaichean Stèidhichte air Sgìre. Fhuair na sia comhairlean £9.6 millean ann an cosgaisean san geama, mu £3 a bharrachd na ann an 2021-22 agus lìbhrig iad cha mhòr 300 leasachaidhean a bharrachd.
Bho 2013, tha na sia sgìrean comhairle air mu 18% de thasgadh iomlan Riaghaltas na h-Alba fhaighinn agus tha iad air 18,000 leasachaidhean a lìbhrigeadh, no mu 18,000 den na leasachaidhean uile aig prògram ABS. Tha am modail riarachaidh stèidhichte air ìrean bochdainn connaidh agus toglaichean a tha “doirbh làimhseachadh” mar a chaidh aontachadh le Ceannardan Comhairle agus Ministearan na h-Alba.
Gealltanas 5.2 Cruthaich Àrdachadh air Slat-tomhais airson na Teachd a-steach as Ìsle airson sgìrean dùthchail iomallach, bailtean beaga iomallach agus airson eileanan, leis an àrdachadh gu bhith air a dhearbhadh air leth bhuaithe.
Gealltanas air a choileanadh – Faic Aithisg Bhliadhnail Plana Nàiseanta nan Eilean 2021 airson barrachd fiosrachaidh.
Gealltanas 5.3 Cruthaich Measadh Buaidh Coimhearsnachd Eileanach air an dreachd deireannach de Ro-innleachd na Bochdainn Connaidh, a’ dèanamh cinnteach gu bheil riochdairean bho ùghdarrasan ionadail nan eilean an sàs gu mòr anns an obair deasachaidh
Gealltanas air a choileanadh – Chaidh an gealltanas seo a choileanadh ann an 2022. Faic Aithisg Bhliadhnail Plana Nàiseanta nan Eilean 2022 airson barrachd fiosrachaidh.
Gealltanas 5.4 Dèan rannsachadh agus mion-sgrùdadh a rèir riatanasan Achd Bochdainn Connaidh (Targaidean, Mìneachadh agus Ro-innleachd) (Alba) 2019 a chuireas ri ar tuigse mu chosgaisean bith-beò a tha mu choinneimh teaghlaichean a tha a’ fuireach ann an coimhearsnachdan eileanach.
Gealltanas air a choileanadh – Chaidh an gealltanas seo a choileanadh ann an 2021. Faic Aithisg Bhliadhnail Plana Nàiseanta nan Eilean 2021 airson barrachd fiosrachaidh.
Contact
Email: info@islandsteam.scot
There is a problem
Thanks for your feedback