Aithris Bhliadhnail air Plana Nàiseanta nan Eilean 2023
Gaelic version of the National Islands Plan annual report 2023
Ceangailteachd Dhidseatach
Amas Ro-innleachdail 6 – Gus Ceangailteachd Dhidseatach a leasachadh
Gealltanas 6.1 Thoir cruth atharrachadh air càileachd nan seirbheisean bann-leathann a tha rim faighinn air feadh nan eilean.
Mapa Slighe Buileachaidh 2023
- Tha Riaghaltas na h-Alba a’ tasgadh £384 millean ann an cùmhnant Ruighinn 100% (R100) North a tha a’ gabhail a-steach a’ mhòr-chuid de na h-eileanan Albannach air a bheil sluagh. San Lùnastal 2022, dh’ainmich Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a’ tasgadh £20.2 millean a bharrachd, còmhla ri £9.4 millean de mhaoineachadh bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, gus bann-leathann làn fibre ann an cùmhnant an R100 a Tuath a leudachadh gu 1,488 togalach eile air feadh Earra-Ghàidheal is Bhòid, nan Eileanan Siar, Arcaibh agus Sealtainn.
- Cumaidh Riaghaltas na h-Alba air a’ cur ìmpidh air Riaghaltas na RA gus dèanamh cinnteach gu bheil planaichean an sàs gus ceanglaichean fìor-luath a thabhann do thogalaichean a tha Riaghaltas na RA a’ meas ‘Glè Doirbh a Ruigsinn’ air adhbharan Pròiseact Gigabit.
- Cumaidh sinn oirnn a’ toirt air adhart prògram beàrn-lìonadh 4G (S4GI) Riaghaltas na h-Alba, leis na 55 làraichean gu lèir a tha rin lìbhrigeadh tron phrògram suidhichte ann an sgìrean dùthchail no eileanach na h-Alba.
Tron phrògram Ruighinn 100% againn (R100), tha sinn a’ cur ri ruigsinneachd bun-structair didseatach a bhios freagarrach airson an àm ri teachd air feadh eileanan na h-Alba. Thathar an dùil gum faigh còrr is 12,000 toglaichean eileanach ceangal mar thoradh air an tasgadh de £404 millean aig Riaghaltas na h-Alba ann an cùmhnant R100 a Tuath, cho math ri £17.5 millean de thasgadh bho Riaghaltas na RA. Bidh na ceanglaichean uile a thèid a lìbhrigeadh tro chùmhnant R100 a Tuath freagarrach airson fibre dhan togalach (Fibre to the Premises - FTTP) a bhios comasach air astar luchdaidh a-nuas de ghigabit a lìbhrigeadh, còrr is 30 tursan nas luaithe na an gealltanas tùsail againn airson bann-leathann fìor-luath.
Tha Sgeama Eàrlas Bann-leathann na h-Alba againn cuideachd a’ toirt buaidh air eileanan na h-Alba le 189 ceanglaichean air an lìbhrigeadh ro 1 Dùbhlachd 2023 mar thoradh air an sgeama.
Lean obair lìbhrigidh air prògram In-lìonadh 4G na h-Alba (S4GI) de luach £28.75 millean tro 2023 le 55 crann air an cur an sàs gus 4G a lìbhrigeadh ann an sgìrean dùthchail agus eileanach na h-Alba ro dheireadh na Dùbhlachd 2023, a’ toirt 4G gu àiteachan far nach robh siognail ann roimhe, agus tha lìbhrigeadh a’ phrògraim a-nis deiseil.
Tha seo a’ gabhail a-steach 17 cruinn ann an eileanan (Tìr-mòr Arcaibh, Stromness, Stronsay, Tìr-mòr Shealtainn, Foula, Leòdhas is na Hearadh, Uibhist a Tuath, Muile, an t-Eilean Sgitheanach agus Diùra) air cosgais £10.02 millean, còrr is an treas cuid de thasgadh iomlan prògram S4GI. Tha S4GI a’ cur ri beatha làitheil nan coimhearsnachdan a tha na crainn againn a’ frithealadh, a’ toirt taic dhìreach do phlanaichean nas fharsainge airson turasachd ionadail agus a’ toirt cothrom do mhuinntir an àite air seirbheisean didseatach agus a bhith a’ conaltradh le teaghlaichean is caraidean.
Gealltanas 6.2 Ùghdarraich ceangailteachd le comas gigabit gu àiteachan eileanach air an sònrachadh tro phrògram R100, le barrachd choimhearsnachdan eileanach gu bhith a’ faighinn buannachd às nuair a bhios cùmhnantan air an crìochnachadh nas fhaide dhan bhliadhna seo.
Mapa Slighe Buileachaidh 2023
- Rinn na cùmhnantan R100, còmhla ri Sgeama Eàrlas Bann-leathann na h-Alba againn cinnteach gun urrainn ceangal bann-leathann fìor-luath a bhith aig neach sam bith a dh’fheumadh e ro dheireadh na Dùbhlachd 2021. Tha prògram R100 air 16 càballan fibre optic fon mhuir a lìbhrigeadh, a’ toirt seachad ceangailteachd seasmhach do 15 eileanan Albannach airson an àm ri teachd. Tha seo a bharrachd air 20 càball fon mhuir a chaidh a lìbhrigeadh tron phrògram dìleib againn, DSSB. Bidh a’ mhòr-chuid de dh’obair togail cùmhnant R100 a’ lìbhrigeadh fibre dhan togalach (Fibre to the premises - FTTP), comasach air astar gigabit a lìbhrigeadh - a’ cur choimhearsnachdan eileanach ann an Alba air thoiseach air càch, fiù ’s an taca ri mòran sgìrean bailteil.
- Tro chùmhnant an R100 a Tuath, cumaidh sinn oirnn a’ lìbhrigeadh le còrr is 12,000 togalach ann an coimhearsnachdan eileanach an dùil ceangal comasach air gigabit fhaighinn.
Thòisich obair talmhainn ann an 2023 gus togalaichean a cheangal ri càballan fon mhuir agus chaidh timcheall air 1,400 togalach eileanach a cheangail ro dheireadh na Samhna tro chùmhnantan R100 a Tuath. Bidh na pròiseactan uile fo chùmhnant R100 a Tuath nam pròiseactan fibre dhan togalaich (FTTP) le comas gigabit.
Tha mar a chaidh ceangailteachd didseatach nas fheàrr a thoirt dhan Fair Isle ann an Sealtainn mu dhà bhliadhna na bu luaithe na bha dùil na eisimpleir de cho cruth-atharrachail ’s a tha prògram R100. Gheibhear barrachd fiosrachaidh gu h-ìosal an seo.
Gealltanas 6.3 Iarr air Riaghaltas na RA prìomhachas tràth a chur air tasgadh ann an eileanan na h-Alba mar phàirt de na planaichean aca gus bann-leathann fibre a sgaoileadh a-mach ro 2025.
Mapa Slighe Buileachaidh 2023
- Cumaidh sinn oirnn a’ conaltradh le Ministearan na RA gus dèanamh cinnteach gum faigh Alba cuibhreann cothromach de mhaoineachadh Pròiseact Gigabit, a’ cur iompaidh Riaghaltas na RA ìre maoineachaidh a riarachadh a chuireas an comas tasgadh tràth ann an eileanan na h-Alba
- Tha Riaghaltas na h-Alba a’ tasgadh £20.2 millean a bharrachd, còmhla ri £9.4 millean de mhaoineachadh bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, gus bann-leathann làn fibre ann an cùmhnant an R100 a Tuath a leudachadh gu 1,488 togalach eile air feadh Earra-Ghàidheal is Bhòid, nan Eileanan Siar, Arcaibh agus Sealtainn. Thathar an dùil gun cuir seo crìoch air obair ann an ceithir eileanan – ’s iad sin Westray, Rousay, Hoy agus Eday.
Airson barrachd fiosrachaidh mun phrògram R100, faic gealltanasan 6.1 agus 6.2.
San t-Samhain 2023, dh’fhoillsich sinn co-dhùnaidhean ar Lèirmheis Phoblaich, a chaidh a chleachdadh gus togalaichean a chomharrachadh a tha airidh air eadar-theachd tro Phròiseact Gigabit. Tha sinn air a bhith ag obair le Building Digital UK (BDUK), agus tha sinn air conaltradh a dhèanamh le solaraichean bun-structair bann-leathann, gus grunn sholarachaidhean Pròiseact Gigabit a thoirt air adhart ann an Alba. Tha na toraidhean tùsail a’ sealltainn gur dòcha gu bheil ùidh aig luchd-solarachaidh ann an grunn sgìrean air feadh na h-Alba a’ gabhail a-steach Arcaibh is Sealtainn.
Thathar an dùil gun tèid na ciad sholarachaidhean Pròiseact Gigabit ann an Alba a chuir air bhog ann mean air mhean tro 2024. Tron co-obrachadh seo, leanaidh sinn oirnn a’ cur ìmpidh air Riaghaltas na RA ìre maoineachaidh a ghealltainn a leigeas le Pròiseact Gigabit lìbhrigeadh air feadh na h-Alba air fad, a’ gabhail a-steach a coimhearsnachdan dùthchail agus eileanach.
Gealltanas 6.4 Iarr air Ofcom aghaidh a chur air na duilgheadasan a tha mu choinneamh nan coimhearsnachdan eileanach nuair a thathar a’ dealbhadh riaghladh agus poileasaidhean a thaobh tele-chonaltraidh. Dh’aontaich sinn cuideachd coinneamh a ghairm le Ofcom agus riochdairean eileanach gus coimhead air mar a ghabhadh uidheaman-smachd riaghlaidh (m.e. rùpan speactraim) a chleachdadh gus cur ri còmhdachadh fhòn-làimhe agus bann-leathann) agus gus dèanamh cinnteach gun tèid feumalachdan nan eileanan a thoirt fa-near do Roinn Didseatach, Cultair, Meadhanan agus Spòrs (DCMS) ann an leasachadh poileasaidh aig ìre na RA.
Mapa Slighe Buileachaidh 2023
- Leanaidh sinn oirnn ag obair le com-pàirtichean eileanach a’ gabhail a-steach ùghdarrasan ionadail, coimhearsnachdan agus gnìomhachas gus fianais a chruinneachadh mu fheumalachdan nan eilean a thaobh còmhdach fòn-làimhe is bann-leathann.
- Tha Riaghaltas na h-Alba fhathast ag obair gu dlùth le riochdairean OFCOM gus dèanamh cinnteach gu bheil leas na h-Alba air a riochdachadh agus gu bheil cùisean buntainneach sam bith air an togail. Tha seo cuideachd a’ gabhail a-steach a bhith a’ co-òrdanachadh ceangal cunbhalach eadar OFCOM agus riochdairean DCMS leis an luchd-conaltraidh singilte aithnichte againn aig an ùghdarras ionadail airson ceangal didseatach, a’ gabhail a-steach riochdairean bho choimhearsnachdan eileanach.
Fhuair sinn £17.5 de mhaoineachadh tro Phròiseact Gigabit Riaghaltas na RA gus cùmhnant R100 North a shìneadh is a leudachadh. Thathar a’ cleachdadh seo, cho math ri £404 millean de mhaoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba, gus an cùmhnant R100 a leudachadh gu còrr is 1,400 toglaichean eileanach eile.
Tha sinn a’ leantainn oirnn ag obair le com-pàirtichean eileanach a’ gabhail a-steach ùghdarrasan ionadail, coimhearsnachdan agus gnìomhachas gus cur ri còmhdach fòn-làimh is bann-leathainn.
Bidh sinn cuideachd ag obair gu dlùth le riochdairean OFCOM gus dèanamh cinnteach gu bheil leas na h-Alba air an riochdachadh agus gu bheil ceistean sam bith air an togail gu sgiobalta agus gu for-ghnìomhach. Tha seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ co-òrdanachadh conaltradh cunbhalach eadar OFCOM agus riochdairean bho Roinn Saidheans agus Teicneòlais Riaghaltas aig Riaghaltas na RA (DSIT) leis an luchd-conaltraidh singilte aithnichte aig an ùghdarras ionadail airson ceanglaichean didseatach, a’ gabhail a-steach riochdairean bho choimhearsnachdan eileanach agus Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean.
Chaidh seisean mionaideach mu cheangailteachd dhidseatach a chumail aig coinneamh Co-chruinneachadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean san t-Samhain 2023.
Bidh sinn cuideachd a’ co-chomhairleachadh, agus a’ brosnachadh, Plana Obrach Ofcom agus co-chomhairlean riaghlaidh conaltraidh agus poileasaidh iomchaidh gu cunbhalach do riochdairean eileanach agus a’ cleachdadh nan cothroman sin gus feart a thoirt air draghan sam bith a bhuineas gu sònraichte do dh’eilean.
Gealltanas 6.5 Tro Ionad 5G na h-Alba, tog air na deuchainnean 5G RuralFirst a tha a’ dol air adhart ann an Arcaibh an-dràsta, agus ag obair le com-pàirtichean a’ gabhail a-steach Ofcom, dh’aontaich sinn argamaidean a chur air adhart airson 5G dùthchail gus aghaidh a chur air an sgaradh eadar sgìrean dùthchail is bailteil a’ cleachdadh teicneòlas 5G.
Mapa Slighe Buileachaidh 2023
- Ag obair le Ionad 5G na h-Alba, agus ann an com-pàirteachas le Pròiseact New Thinking 5G, cumaidh sinn oirnn a’ sgrùdadh adhartas air deuchainnean air lìonra leabaidh-deuchainn 5G ioma-eileanach (a’ gabhail a-steach ruigsinneachd stèidhichte gun uèir agus co-roinn speactraim) agus prìomh thagraidhean cùise cleachdaidh 5G agus Eadar-lìon nan Nithean (Internet of Things - IoT) (a’ gabhail a-steach lùths agus biadh is deoch), agus nì sinn sgrùdadh air mar a ghabhas toraidhean na deuchainn agus na leasanan a dh’ionnsaichear àbhaisteachadh agus mar as urrainn dhaibh poileasaidh gus dèiligeadh ris an sgaradh didseatach dùthchail fhiosrachadh.
- Chaidh lìonraidhean prìobhaideach 5G a thogail ann am Westray agus Papa Westray, agus ann am Flotta agus Hoy, ag obair còmhla ri com-pàirtichean ionadail sna h-eileanan: Cloudnet IT Services agus Comhairle Arcaibh. Chaidh seachd ionadan lìonra prìobhaideach 5G dùthchail a stàladh uile gu lèir, a’ toirt ceanglaichean do 68 luchd-deuchainn thar nan diofar choimhearsnachdan eileanach seo. Chaidh prìomh lìonra 5G a stèidheachadh le siostam sgrùdaidh lìonra a chaidh a chruthachadh airson gnìomhachd an lìonraidh. Thàinig gnìomhachd stàlaidh fhiosaigeach gu crìch sa Mhàrt 2022, ach, bhon uair sin, tha sgioba a’ phròiseict air an lìonra a chumail suas agus a ruith, agus tha e air innleadaireachd a bharrachd a dhèanamh gus am bi sgòp ann airson pròiseactan tionnsgalach eile.
Tha obair a’ dol air adhart a thaobh com-pàirteachadh agus cur an gnìomh pròiseict ann an Arcaibh.
Tro phròiseact Wave 1 dùthchail aig Ionad 5G na h-Alba (agus ann an com-pàirteachas le pròiseact 5G New Thinking bho 2019-2022, fhuaradh uidheamachd gus lìonraidhean prìobhaideach 5G a thogail ann an Westray agus Papa Westray, agus ann am Flotta agus Hoy, ag obair le com-pàirtichean sna h-eileanan Cloudnet IT Services agus Comhairle Arcaibh. Chaidh seachd ionadan lìonra prìobhaideach 5G dùthchail a stàladh uile gu lèir, a’ toirt ceanglaichean do luchd-deuchainn thar diofar choimhearsnachdan eileanach.
Bho thàinig gnìomhachd stàlaidh fhiosaigeach gu crìch sa Mhàrt 2022, tha sgioba a’ phròiseict ann an Arcaibh air an lìonra a chumail suas agus a ruith, agus tha e air innleadaireachd a bharrachd a dhèanamh gus barrachd phròiseactan ùr-ghnàthach a thoirt air adhart agus chaidh iarrtasan maoineachaidh a cur gu DSIT, UK Space Agency agus InnovateUK.
Gealltanas 6.6 Obraich còmhla ri com-pàirteachasan ath-leumachd ionadail agus solaraichean tele-chonaltraidh gus am brosnachadh a bhith a’ cuimseachadh air ath-leumachd cheanglaichean dàta gu agus bho na h-eileanan.
Mapa Slighe Buileachaidh 2023
- Cumaidh Riaghaltas na h-Alba air ag obair le com-pàirteachasan ath-leumachd iomchaidh agus, tron cho-obrachadh seo, comharraichidh iad dùbhlan sam bith a thaobh ath-leumachd cheanglaichean dàta gu/bho na h-eileanan.
Tha obair a’ leantainn air a bhith a’ toirt piseach air ceanglaichean dàta gu agus bho na h-eileanan.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ tasgadh £600m an anns na cùmhnantan R100 a tha a’ lìbhrigeadh fibre le comas gigabit gu togalaichean air feadh Alba dhùthchail. Thathar an dùil gun ceangail na trì cùmhnantan R100 co-dhiù 114,000 togalach ann an cuid de na sgìrean as duilghe a ruighinn ann an Alba.
Tha an tasgadh againn de £28.75 millean ann am prògram In-lìonadh 4G na h-Alba (S4GI) air bun-structair fòn-làimh 4G a lìbhrigeadh, a bhios seasmhach san àm ri teachd, do 55 “notspots” fòn-làimh, a’ cur ri còmhdachadh fòn-làimhe 4G ann an sgìrean dùthchail is eileanach.
Gealltanas 6.7 Cruthaich prògram sgilean didseatach, a bhios air a dhealbhadh le coimhearsnachdan eileanach gus na feumalachdan aca a choileanadh.
Mapa Slighe Buileachaidh 2023
- Cumaidh sinn oirnn a’ conaltradh le coimhearsnachdan eileanach gus na feumalachdan aca a thaobh sgilean didseatach a thuigsinn.
- Ionnsaichidh sinn bho phrògraman làithreach a tha gan lìbhrigeadh ann an coimhearsnachdan eileanach agus bheir sinn taic ri bhith gan cur an gnìomh air feadh nan eilean.
- Nì sinn conaltradh le solaraichean agus buidhnean foghlaim agus ùghdarrasan ionadail gus barrachd tuigse fhaighinn air dè na prògraman sgilean a thathar a’ cur an gnìomh air feadh nan eilean.
Faic gealltanas 6.8 airson barrachd fiosrachaidh mu iomairtean a rinneadh a thaobh sgilean didseatach.
Ionad Tionnsgalachd Lab an Dàta
Tha Ionad Tionnsgalachd Deuchainnlann an Dàta (TDL) air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean agus Iomairt na h-Alba. Bidh e a’ faighinn mhaoineachadh bho Chomhairle Maoineachaidh na h-Alba tro phrògram nan Ionadan Tionnsgalachd.
Tha TDL agus Riaghaltas na h-Alba cuideachd air obrachadh còmhla gus Caidreachas AI na h-Alba a stèidheachadh. Tha buidhnean air feadh Sealtainn, Arcaibh, nan Eileanan Siar agus an Eilein Sgitheanaich air cothrom fhaighinn air dàta agus cùrsaichean AI air am brosnachadh le TDL.
Tha TDL air a bhith ag obair còmhla ri Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean gus dèanamh cinnteach gu bheil na pròiseactan aca ann do dhaoine air feadh na sgìre, le buidheann de dh’oileanaich is òraidichean bho OGI a’ faighinn taic airson a bhith an làthair aig an tachartas trusaidh Tàlant Dàta bliadhnail.
Tha Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean cuideachd air taic a thoirt do bhuidhnean poblach is prìobhaideach gus turas ionnsachaidh a ghabhail dhan Cho-labhairt Dàta bhliadhnail ann an Dùn Èideann, taisbeanadh eadar-nàiseanta de dhàta agus ùr-ghnàthachadh AI.
Gealltanas 6.8 Cuir ri faotainneachd clubaichean còdachaidh agus prògraman in-ghabhalach coimhearsnachd a sgaoileadh air feadh nan eilean.
Mapa Slighe Buileachaidh 2023
- Ionnsaichidh sinn bho na prògraman a tha gan lìbhrigeadh mar-thà ann an coimhearsnachdan eileanach agus bheir sinn taic ri bhith gan cur an gnìomh air feadh nan eilean.
Thairis air a’ bhliadhna ionmhais 2022-23, thug sinn taic do Silicon Croft airson conaltradh agus co-obrachadh le luchd-foghlaim air feadh Sealtainn leis an amas a bhith a’ co-roinn ghoireasan, a’ cur ri mothachadh agus a’ leasachadh sgilean didseatach.
Tha am pròiseact seo ag amas air siostam a chruthachadh a tha a’ ceangal ghoireasan a th’ ann mar-thà ri chèile gus lìonra ionnsachaidh a chruthachadh a leigeas le buill Silicon Croft sealbh fhaighinn air a bhith a’ leasachadh nan sgilean didseatach aca. Tha an dòigh-obrach a’ cuimseachadh air conaltradh agus co-obrachadh luchd-foghlaim, agus aig an aon àm a’ co-roinn raon farsaing de ghoireasan gus mothachadh àrdachadh agus sgilean didseatach a leasachadh. Is e an t-amas sgilean didseatach fhilleadh a-steach thar a’ churraicealaim agus taic a chumail ri leasachadh eaconamaidhean dùthchail didseatach.
Tha seo a’ leantainn leis an adhartas a rinneadh ann an 2022, tro bhith a’ cumail Clubaichean Còd agus a’ com-pàirteachadh le sgoiltean ann an leasachadh sgilean air feadh Shealtainn, le amas ri bhith a’ leudachadh a’ mhodail lìbhrigeadh air feadh Arcaibh, an Eilein Sgitheanach agus nan Eileanan Siar. Tha am pròiseact a’ conaltradh gu gnìomhach le solaraichean foghlaim àrd-ìre agus adhartach, agus Leasachadh Sgilean na h-Alba gus coimhead air mar a thèid am pròiseact seo a cho-thaobhadh ri bun-phreantasachdan nua-phreantasachdan, agus dreuchdan didseatach san àm ri teachd.
Contact
Email: info@islandsteam.scot
There is a problem
Thanks for your feedback