Scottish Languages Bill (Gaelic) - Gaelic and Scots commitments: consultation analysis
'S e an sgrìobhann seo mìneachadh bho thaobh muigh an Riaghaltais den cho-chomhairleachadh a chaidh a chumail air Gàidhlig, Albais is Bile nan Cànan Albannach.
Geàrr-iomradh
Ro-ràdh
Tha an aithisg seo a' toirt cunntas air toraidhean a' cho-chomhairleachaidh phoblaich a chaidh a chumail eadar 24 Lùnastal agus 8 Dùbhlachd 2022 tron ghoireas Citizen Space agus tro mhodhan co-chomhairleachaidh eile leithid puist-d, buidhnean-breithneachaidh agus tachartasan co-chomhairleachaidh eile. 'S e amas a' cho-chomhairleachaidh beachdan a' phobaill a shireadh air mar a ghabhas Gàidhlig is Albais a chur air adhart mar phàirt de gheallaidhean Riaghaltas na h-Alba.
Prìomh Thoraidhean a' Cho-chomhairleachaidh
Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig
Am measg nan cuspairean a bu chumanta a thog ceann bha, feum air barrachd maoineachaidh is ghoireasan gus Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a chur air adhart. Am measg nan nithean a bha a' cur bacadh air an obair gus Gàidhlig is Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a chur air adhart bha: an stiogma sòisealta a tha co-cheangailte ri bhith a' cleachdadh Gàidhlig agus cion chothroman air seirbheisean foghlaim Gàidhlig. Sheall an sgrùdadh gun robh na puingean-gnìomh a leanas a dhìth a thaobh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.
A' cur Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FMG) air adhart is mothachadh dha FMG
- Bu chòir còir laghail a bhith aig pàrantan air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.
- Bu chòir fiosrachadh is iomairtean sanasachd a bhith ann a tha ag amas air a' phoball gus cur às dhan stiogma co-cheangailte ri bhith a' cleachdadh Gàidhlig.
- Bu chòir ioma-chànanas a chur air adhart le bhith a' sealltainn nam buannachdan a gheibhear.
- Feumaidh an ro-innleachd ùr cinn-uidhe a stèidheachadh a thaobh foghlam Gàidhlig àrd-sgoile agus aig an treas ìre.
- An àite aonadan Gàidhlig ann an sgoiltean Beurla, bu chòir barrachd chothroman a bhith ann air sgoiltean Gàidhlig fa leth.
- Bu chòir do dh'ùghdarrasan foghlaim iomairtean a dh'aona-ghnothach a stèidheachadh do dh'inbhich gus leasachadh a thoirt air an ionnsachadh a gheibh iad ann an Gàidhlig.
Curraicealam Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig
- Feumar beachdachadh air cothrom a thoirt do dh'eòlaichean foghlaim pàirt nas motha a ghabhail ann a bhith a' cruthachadh curraicealam nàiseanta airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig feuch am bi pròiseas neo-phàirteach agus neo-phoilitigeach ann.
- Bu chòir gach taobh dhen chultar is dhen eachdraidh a bhith sa churraicealam Ghàidhlig gus am bi tuigse iomlan aig sgoilearan/oileanaich air a' chànan.
Poileasaidhean, reachdas agus com-pàirteachasan
- Bu chòir poileasaidhean is reachdas a bhith ann a bheir taic do dh'Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.
- Feumar an stiùireadh reachdail airson foghlam Gàidhlig ùrachadh is a neartachadh. Bu chòir comhairle air Foghlam Gàidhlig bho Fhoghlam Alba a bhith mar phàirt dheth.
- Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba a bhith ag obair gu dlùth còmhla ri roinnean riaghaltais eile, ùghdarrasan ionadail, sgoiltean ionadail, buidhnean coimhearsnachd, pàrantan, agus luchd-ùidhe eile gus dèanamh cinnteach gu bheil na geallaidhean a thaobh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a' coileanadh na tha daoine a' sùileachadh.
- Bu chòir plana ro-innleachdail is clàr-ama aontachadh gus cur às do dh'Fhoghlam tro Mheadhan na Beurla gu tur sna h-Eileanan Siar agus ann am prìomh sgìrean Gàidhealtachd eile. Bu chòir cothrom a bhith aig an luchd-obrach Bheurla a tha air fhàgail sna sgìrean sin sgilean Gàidhlig ionnsachadh mura h-eil iad aca mu thràth agus a bhith ag obair ann an roinn Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.
- Feumaidh cumhachdan a bhith aig Bòrd na Gàidhlig agus neach-dreuchd ùr, Coimiseanair na Gàidhlig, gus sgrùdadh a dhèanamh air mar a tha ùghdarrasan ionadail a' coileanadh nan dleastanasan laghail aca airson taic a thoirt do is leasachadh a thoirt air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus gus rannsachadh a dhèanamh air gearan sam bith mu mar nach eil iad a' coileanadh nan dleastanasan sin. Feumaidh ùghdarrasan ionadail a bhith cunntachail a thaobh mar a thèid ro-innleachd nàiseanta a' chànain agus planaichean cànain ionadail a chur an gnìomh agus mar a thèid maoineachadh a chosg.
Gàidhealtachd
A thaobh a bhith a' stèidheachadh Gàidhealtachd, bha luchd-freagairt dhen bheachd gum bu chòir ealla a ghabhail ri mar a bha Gàidhlig ga bruidhinn tro na linntean ann an sgìre nuair a thathar a' stèidheachadh Gàidhealtachd. Gus taic is brosnachadh a thoirt do luchd-labhairt na Gàidhlig, bu chòir taic phoblach, eaconamach agus a thaobh bun-structair a thoirt seachad gus am bi cothroman ann an cànan a chleachdadh agus gus am bi e na nì àbhaisteach Gàidhlig a chleachdadh. Sheall an sgrùdadh gun robh na puingean-gnìomh a leanas a dhìth a thaobh sgìrean Gàidhealtachd.
A' comharrachadh agus a' gleidheadh Gàidhealtachd
- Bu chòir do Ghàidhealtachd a bhith a' gabhail a-steach sgìrean le àireamh àrd de luchd-labhairt. Bu chòir dhi a bhith air a comharrachadh a rèir chrìochan tìre. Ge-tà, cha bu chòir dha bhith a' ciallachadh le bhith a' stèidheachadh sgìrean Gàidhealtachd nach bi cuid a luchd-labhairt na Gàidhlig an uair sin a' faighinn taic gu leòr air sgàth 's gu bheil iad taobh a-muigh nan
- sgìrean Gàidhealtachd. Bu chòir do dh'ùghdarrasan prìomhachas a chur air oidhirpean gus Gàidhlig a ghleidheadh is a chur air adhart ann an coimhearsnachdan dùthchasach, ri linn cho cugallach 's a tha cor a' chànain an-dràsta.
- Feumar planadh nàiseanta agus planadh ionadail a chur an sàs gus Gàidhealtachd a ghleidheadh. Mar phàirt dhe sin, bu chòir ath-sgrùdaidhean cunbhalach agus slatan-tomhais sgrùdaidh soilleir a bhith ann gus targaidean a choileanadh agus atharrachadh a thoirt air cùisean. Feumaidh buidhnean poblach is prìobhaideach obrachadh còmhla gus sgìrean Gàidhealtachd a chruthachadh agus a chur air adhart, gu h-àraidh ann an sgìrean far nach eil àireamh àrd de luchd-labhairt na Gàidhlig.
Taic-airgid agus taic eile do leasachaidhean ann an Gàidhealtachd
- Feumar taic-airgid agus taic eile a chur gu feum ann an dòigh a tha a' co-fhreagairt gu dlùth air amasan ionadail na sgìre Gàidhealtachd. Ge-tà, feumaidh maoineachadh a bhith ann cuideachd as urrainn do chomhairlean a chleachdadh gus taic a chumail ri cleachdadh na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan nuair nach deach Gàidhealtachd a stèidheachadh agus feumar dèanamh cinnteach nach bi ùghdarrasan ionadail nach eil mar phàirt de Ghàidhealtachd a' faireachdainn gu bheil iad a' faighinn nas lugha taice na bu chòir dhaibh gus targaidean nam Planaichean Gàidhlig aca a choileanadh. Cuideachd, le poileasaidhean co-cheangailte ri sgìrean Gàidhealtachd, feumaidh prìomhachas a chur air ath-bheothachadh na Gàidhlig agus air a bhith a' neartachadh choimhearsnachdan Gàidhlig a th' ann mu thràth.
- Gus Gàidhealtachd a stèidheachadh agus a neartachadh, feumar airgead a chosg air buannachdan eaconamach agus cothroman obrach feuch am fuirich luchd-labhairt na Gàidhlig sna sgìrean far a bheil àireamh nas motha de luchd-labhairt na Gàidhlig. Feumar dèiligeadh ris na cùisean seo uile: cion taigheadais, prìsean taigheadais a tha ro àrd do dhaoine òga, agus taic a thaobh còmhdhail is bun-structair.
- Gus am bi coimhearsnachd ann a tha a' soirbheachadh, bu chòir na leanas a chur air adhart ann an Gàidhealtachd: iomairtean cultarach leithid a' toirt taic do cheòl traidiseanta, a' toirt taic do agus a' dèanamh sanasachd air luchd-ciùil is seinneadairean Gàidhlig ionadail, agus a' stèidheachadh agus a' toirt leasachadh air ionadan cultarach is fèisean cànain.
Ag obair ann an com-pàirt ri coimhearsnachdan
- Nuair a bhithear a' beachdachadh air atharraichean air poileasaidhean agus air mar a thèid goireasan is maoineachadh a chur gu feum, feumaidh teaghlaichean a tha a' bruidhinn Gàidhlig agus a tha ag ionnsachadh Gàidhlig agus na coimhearsnachdan aig a bheil ceangal ris a' chànan a bhith aig cridhe co-chomhairleachadh sam bith a bhios ann agus aig cridhe na h-obrach gus
- cùisean a leasachadh. Mar thoradh air com-pàirteachas agus co-chonaltradh ann an coimhearsnachdan ionadail, gheibhte lèirsinn choitcheann ionadail is amasan ionadail agus aig an aon àm bhite a' neartachadh agus a' cumail taic ri prìomhachasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig. Mar eisimpleir, dh'fhaodadh na h-ùghdarrasan ionadail airson nan Eilean Siar, a' Ghàidhealtachd, agus Earra-Ghàidheal is Bòd obrachadh còmhla ri coimhearsnachdan anns na sgìrean mu dheireadh sa bheil coimhearsnachdan dùthchasach Gàidhlig gus modhan-obrach aontachadh a chuidicheadh le bhith a' cumail taic ris a' chànan agus le bhith ga h-ath-bheothachadh anns na sgìrean aca.
Bòrd na Gàidhlig
Bha measgachadh de bheachdan ann air dleastanasan, obair, agus structair Bhòrd na Gàidhlig. Bha cuid a luchd-freagairt a' moladh gu bheil feum aig Bòrd na Gàidhlig air barrachd maoineachaidh airson na dleastanasan aca a choileanadh. Thuirt cuid a dhaoine gum feumar structair na buidhne atharrachadh. Thuirt feadhainn gun robh e deatamach gun dèanar barrachd co-chonaltraidh ri coimhearsnachdan gus na dòighean as fheàrr a chomharrachadh airson Gàidhlig a chur air adhart. Mu dheireadh, bha cuid a luchd-freagairt ann nach robh riaraichte le obair Bhòrd na Gàidhlig an-dràsta agus mhol iad gum bu chòir cur às dhan bhuidhinn. Le bhith a' gabhail ealla ris na beachdan gu h-àrd, dh'fhaodte beachdachadh air na puingean-gnìomh a leanas.
Dleastanasan is cumhachdan Bhòrd na Gàidhlig.
- Feumaidh cumhachdan reachdail nas làidire a bhith aig Bòrd na Gàidhlig gus an urrainn dhaibh na dleastanasan laghail aca a chur an sàs a thaobh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus a thaobh an stiùiridh reachdail airson ùghdarrasan ionadail.
- Ma tha Bòrd na Gàidhlig agus an obair aca a' dol a dhèanamh feum mar a bu chòir, feumaidh iad modhan-sgrùdaidh buadhmhor agus siostam-aithris làidir a chur an sàs. Feumaidh obair a' Bhùird a bhith cho soilleir is follaiseach 's a ghabhas. Feumaidh Bòrd na Gàidhlig dèanamh cinnteach gum bi tuigse choitcheann aig luchd-compàirt, luchd-ùidhe, agus coimhearsnachdan agus iad ag obair gus cinn-uidhe ro-innleachdail a choileanadh.
- An-dràsta, tha cus dhleastanasan air Bòrd na Gàidhlig agus chan eil gu leòr airgid no stòrasan aca gus an coileanadh. Tha feum air barrachd maoineachaidh is stòrasan gus taic a chumail ri luchd-obrach ILC agus buidhnean coimhearsnachd beaga eile gus Gàidhlig a chur air adhart. Cuideachd, feumar maoineachadh gu leòr is maoineachadh iomchaidh a thoirt seachad gus an gabh Planaichean Gàidhlig ùghdarrasan ionadail, a tha air an dealbh gu cùramach, a chur an sàs gu buadhach is gu h-èifeachdach. Tha diofar dhleastanasan aig BnG, agus tha iad feumach air maoineachadh gus pròiseactan is iomairtean coimhearsnachd a chur air adhart agus gus comhairle
- a thoirt seachad do mhinistearan agus daoine eile air cùisean co-cheangailte ri Gàidhlig, agus tha dleastanasan eile aca.
Com-pàirteachasan agus ag obair ann an com-pàirt ri coimhearsnachdan
- Bu chòir do Bhòrd na Gàidhlig a bhith ag obair ann an com-pàirt is co-bhuinn ri Riaghaltas na h-Alba, buidhnean prìobhaideach is poblach eile leithid MG ALBA agus ri luchd-ùidhe coimhearsnachd. Feumar siostam riochdachaidh a stèidheachadh aig ìre nàiseanta agus sgìreil, gus am bi cothroman nas fheàrr aig coimhearsnachdan pàirt a ghabhail ann an cùisean agus sin a' cuideachadh le bhith a' leigeil le coimhearsnachdan gnothach a ghabhail ri riaghladh is buaidh a thoirt air cùisean agus le cunntachalachd.
- Bu chòir frèam planaidh na Gàidhlig ealla a ghabhail ri suidheachaidhean is prìomhachasan ionadail, agus chan urrainnear sin a dhèanamh ach tro phlanaichean a thèid aontachadh aig ìre ionadail a tha stèidhichte air an t-suidheachadh ionadail. Bu chòir sùbailteachd a bhith ann leis an dòigh-obrach seo, gus an urrainn do gach buidheann phoblach/ùghdarras ionadail beachdachadh air na cinn-uidhe is targaidean aca fhèin agus iad sin a chomharrachadh taobh a-staigh nam prìomhachasan farsaing a chaidh a stèidheachadh airson Alba. San fharsaingeachd, bu chòir dhan fhrèam phlanaidh airson na Gàidhlig a bhith nas sùbailte agus nas pragmataiche.
Cànan na h-Albais
Bha cuid a luchd-freagairt gu làidir dhen bheachd gum bu chòir Bòrd Cànan na h-Albais a stèidheachadh, coltach ri Bòrd na Gàidhlig, gus Cànan na h-Albais a chur air adhart. Cuideachd a rèir luchd-freagairt tha cruaidh fheum air barrachd reachdais is chumhachan reachdail riatanach gus taic a thoirt dhan chànan. Cha robh daoine cho mothachail sin air obair nam buidhnean Albais, agus a rèir an luchd-fhreagairt, bu chòir dhaibh a bhith nas follaisiche agus bu chòir dhaibh barrachd buaidh a thoirt air cùisean. Sheall an sgrùdadh gun robh na puingean-gnìomh a leanas a dhìth.
Albais air a h-aithneachadh mar chànan oifigeil
- Tha cruaidh fheum air aithne laghail is oifigeil do dh'Albais mar mhion-chànan oifigeil ann an Alba tro Bhile nan Cànan Albannach. Seach nach eil daoine air bhith a' gabhail cùram gu leòr a thaobh cànan na h-Albais, bu chòir iomairtean a bhrosnachadh a nì an cànan nas follaisiche. Feumar reachdas is iomairtean fiosrachaidh a chur an sàs gus dèiligeadh ri seòrsa de cholonachadh cànain a tha air tachairt thuige seo a tha a' ciallachadh gu bheilear a' dèanamh dìmeas air a' chànan ann an raointean sòisealta is laghail. Feumar còraichean cànain luchd-labhairt na h-Albais a dhaingneachadh.
- Feumaidh na buidhnean is ùghdarrasan Albannach gnàth-riaghailtean cunbhalach a stèidheachadh airson cànan na h-Albais. Bu chòir litreachadh, gràmar agus faclair coitcheann sam bith cumail ri gnàthasan
- aithnichte is eisimpleirean eachdraidheil fhad 's a tha iad a' gabhail ealla ri dualchainntean. Tha e riatanach gum bi gnàth-riaghailtean litreachaidh ann airson cànan na h-Albais gus cur ri inbhe a' chànain agus gus am bi e nas fhasa conaltradh a dhèanamh agus foghlam a thoirt seachad sa chànan. Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba bòrd planadh cànain le eòlaichean a chur air chois gus rannsachadh a dhèanamh agus bruidhinn air gnàthachas litreachaidh is gràmar coitcheann airson cànan na h-Albais agus gus iad sin a chur an sàs.
- Feumar cànan na h-Albais fhighe a-steach do shiostam foghlaim na h-Alba. An lùib na h-obrach a dh'fhaodar a dhèanamh an-dràsta fhèin a thaobh cànan na h-Albais agus cothroman air tro fhoghlam, tha a' toirt aithne is dearbhadh do luchd-labhairt na h-Albais a tha fileanta agus a' toirt taic do dh'obair gus tidsearan aig a bheil Albais a ghleidheadh ann am bun-sgoiltean is àrd-sgoiltean air feadh Alba, ach gu h-àraidh ann an sgìrean far a bheil barrachd luchd-labhairt na h-Albais. A bharrachd air Albais a bhith mar phàirt de shiostam foghlaim choitchinn, bu chòir prògraman ùra a stèidheachadh a tha ag amas air sluagh nas fharsainge. Bu chòir taic a thoirt do dh'oilthighean ann an Alba airson dèanamh cinnteach gun urrainn do dh'oileanaich cùrsaichean Albais brìoghmhor a dhèanamh aig an treas ìre.
Maoineachadh is taic airson Albais a chur air adhart
- Tha maoineachadh cunbhalach a dhìth gus pròiseactan no poileasaidhean a stèidheachadh, agus gus sanasachd a dhèanamh orra, a tha air an dealbh gus cànan na h-Albais a chur air adhart. Feumaidh taic laghail agus maoineachadh gu leòr a bhith ann airson gealltanas sam bith a thaobh cànan na h-Albais. Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba maoineachadh a thoirt seachad airson diofar phàirtean de chultar na h-Albais, leithid fhilmichean, opara, craoladh, na meadhanan, agus seòrsaichean ealain eile.
- Nuair a thathar a' cur na h-Albais air adhart, feumar dèanamh cinnteach gun dèanar sin ann an dòigh in-ghabhalach agus nach eilear a' cur taic ri droch ghnàth-ìomhaigh airson a' chànain a tha a' toirt air daoine a bhith a' faireachdainn nach eil iad mar phàirt dhen chànan. Feumar coimhead air cor cànan na h-Albais mar nì neo-phoilitigeach.
Ag obair ann an com-pàirt ri coimhearsnachdan
- Bu chòir barrachd chothroman com-pàirt a bhith ann an coimhearsnachdan ionadail airson dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig luchd-ùidhe com-pàirt a ghabhail ann an cùisean. Am measg nan cothroman sin faodar pròiseactan a chur air chois a tha stèidhichte sa choimhearsnachd.
Contact
Email: niall.bartlett@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback