Scottish Languages Bill (Gaelic) - Gaelic and Scots commitments: consultation analysis
'S e an sgrìobhann seo mìneachadh bho thaobh muigh an Riaghaltais den cho-chomhairleachadh a chaidh a chumail air Gàidhlig, Albais is Bile nan Cànan Albannach.
Ro-ràdh
1.1 Sealladh Farsaing
San aithisg seo gheibhear sgrùdadh air a' cho-chomhairleachadh phoblach a chaidh a chumail le Riaghaltas na h-Alba. Bha an co-chomhairleachadh, a chaidh a chumail tro Citizen Space, a' coimhead air ceithir prìomh gheallaidhean a thug Riaghaltas na h-Alba seachad gus Gàidhlig agus Albais a chur air adhart. 'S iad na geallaidhean:
- Ro-innleachd ùr a stèidheachadh airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig
- coimhead air mar a ghabhadh sgìrean Gàidhealtachd a stèidheachadh
- ath-sgrùdadh a dhèanamh air structair agus dleastanasan Bhòrd na Gàidhlig, agus
- taic a chumail ri cànan na h-Albais
'S e a th' ann am Bile nan Cànan Albannach, meadhan laghail gus na gealltanasan seo a thoirt air adhart far a bheil prìomh reachdas a dhìth gus atharraichean a chur an sàs. Chaidh 13 ceistean fosgailte a chur sa cho-chomhairleachadh. Bha an co-chomhairleachadh fosgailte eadar 24 Lùnastal agus 8 Dùbhlachd 2022. Am measg an luchd-fhreagairt bha: luchd agus luchd-cleachdaidh na Roinne Ro-sgoile, pàrantan sgoilearan, sgoilearan agus tidsearan sgoile (eadar ìre na sgoil'-àraich, na bun-sgoile agus na h-àrd-sgoile), luchd-obrach is oileanaich bho ionadan foghlaim eile a' gabhail a-steach na treas ìre, buidhnean luchd-ùidhe (leithid aonaidhean-ciùird, riaghaltas ionadail, buidhnean phàrantan msaa), buidhnean eòlaichean agus luchd-acadaimigeach a tha an sàs ann an rannsachadh Gàidhlig is Albais, Bòrd na Gàidhlig agus buidhnean a gheibh maoineachadh tro Bhòrd na Gàidhlig, muinntir nan coimhearsnachdan Gàidhlig ann an sgìrean dùthchail agus ann am bailtean aig a bheil beachdan air mar a bu chòir fàs a thoirt air cleachdadh a' chànain agus dìon a chur oirre, buidhnean Albais agus buill eile dhen phoball.
Airson gach ceist sa cho-chomhairleachadh, bha cuid a fhreagairtean nas mionaidiche agus nas fhaide na feadhainn eile. San aithisg seo, thathar a' toirt sùil air toraidhean a rèir brìgh a thaobh nan ceithir geallaidhean agus a thaobh nan trì ceistean deug. Fhuaras 750 freagairt tro Citizen Space. Sa chiad sgrùdadh seo, tha sinn a' toirt seachad: àireamhan airson nan diofar sheòrsaichean luchd-freagairt, an àireamh de fhreagairtean a fhuaras airson gach ceist, na freagairtean a bu chumanta, agus sgrùdadh tuairisgeulach le bhith a' sealltainn bhriathran luchd-freagairt.
1.2 Modhan-sgrùdaidh
Thòisich sinn an sgrùdadh againn le bhith a' sgioblachadh an dàta. Chaidh na freagairtean a chruinneachadh bho Citizen Space agus chaidh an cleachdadh an cois stòr-dàta Excel. Cha do chuir sinn freagairtean bàna, neo-chrìochnaichte, no dùblaichte ris an stòr-dàta againn sa chiad sgrùdadh a rinn sinn air an dàta.
Gus an sgrùdadh a dhèanamh, thug sinn an stòr-dàta a-steach dhan ghoireas sgrùdaidh againn, Dovetail App, agus sheòrsaich sinn an dàta le bhith a' cleachdadh chòdan airson nan diofar fhreagairtean. Chaidh sealltainn gu cùramach air na freagairtean airson gach ceist agus chaidh còd a chur riutha a rèir na cèille a bh' aca. Rinn sinn trusadh air na còdan airson gach ceist agus rinn sinn ath-sgrùdadh air na 750 freagairtean. Chomharraich sinn na cuspairean a bu chumanta agus na cuspairean nach robh cho cumanta mar dhà earrainn fa leth. San earrainn le fios air brìgh nam freagairtean, chleachd sinn briathran an luchd-fhreagairt fhèin gus fiosrachadh nas mionaidiche a thoirt dhan neach-leughaidh.
Gus math na h-obrach a dhearbhadh, rinn dithis luchd-rannsachaidh bhon sgioba againn co-sgrùdadh air na freagairtean airson dèanamh cinnteach gun robh na seòrsaichean freagairt is còdan a' togail air na puingean cudromach a bha rim faicinn sna freagairtean. Mu dheireadh, feumaidh sinn a dhèanamh soilleir gun do dh'fheuch sinn ris an sgrùdadh seo a dhèanamh ann an dòigh chothromach agus mhionaideach. Chan eil gin de na freagairtean air a bheil iomradh gu h-ìosal a' gabhail a-steach beachd sam bith bhon luchd-rannsachaidh. Rinn sinn an sgrùdadh seo gun leth-bhreith agus gun chlaonadh sam bith.
1.3 Structair na h-Aithisge
Tha an sgrùdadh gu h-ìosal a' toirt cunntas air na diofar sheòrsaichean freagairt a fhuaras bho luchd-freagairt airson gach ceist. Bha beachdan ceudna agus dùblachadh ann an cuid a fhreagairtean airson a h-uile ceist. Tha na mìneachaidhean air na toraidhean ann an Earrainn 2 (Toraidhean a' Cho-chomhairleachaidh) a' seòrsachadh nam freagairtean sna dòighean a leanas:
- Na cuspairean a bu chumanta: Tha na cuspairean seo a' nochdadh glè thric, 50 no barrachd thursan sna freagairtean. Faodaidh na cuspairean seo a bhith a' gabhail a-steach measgachadh de fhreagairtean dhan a h-uile ceist a thig fo na cinn fharsaing: Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, Gàidhealtachd, Bòrd na Gàidhlig, agus Cànan na h-Albais.
- Cuspairean nach robh cho cumanta: Chan eil na cuspairean seo a' nochdadh uabhasach tric no cha tugadh iomradh orra ach corra uair. Faodaidh iad seo nochdadh eadar 1 is 50 turas.
Ann an Earrainn 3, chithear fios mu bheachdan a fhuaras air pròiseas a' cho-chomhairleachaidh agus air a' ghoireas Citizen Space. Aig deireadh na h-aithisge, tha clàran ann an eàrr-ràdh a tha a' sealltainn cho tric 's a nochdas cuspairean cudromach a chaidh a chomharrachadh san sgrùdadh. Airson gach ceann farsaing, me, Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, Gàidhealtachd, Bòrd na Gàidhlig, agus Cànan na h-Albais, tha na clàran a' sealltainn cho tric 's a nochd gach cuspair sna freagairtean airson nan ceistean fo gach ceann.
1.4 Mìneachadh air Briathrachas
Tha na faclan 'Gàidhlig' agus 'Albais' a' toirt iomradh air cànanan a thathar a' bruidhinn ann an Alba. Airson na h-Aithisge seo, canar 'Cànan na h-Albais' ri Albais gus am bi soilleireachd ann (mar a bhathar a' moladh ann am foirm/ceistean a' cho-chomhairleachaidh). Mar chithear san ro-ràdh gu h-àrd agus san sgrùdadh gu h-ìosal, tha e na amas do Riaghaltas na h-Alba Gàidhlig is Albais a neartachadh ann an Alba tro Bhile nan Cànan Albannach – agus e mar phrìomh amas an àireamh dhaoine a tha ag ionnsachadh, a' bruidhinn agus a' cleachdadh nan cànan sin ann an Alba a chur am meud.
Contact
Email: niall.bartlett@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback