Scottish Languages Bill (Gaelic) - Gaelic and Scots commitments: consultation analysis

'S e an sgrìobhann seo mìneachadh bho thaobh muigh an Riaghaltais den cho-chomhairleachadh a chaidh a chumail air Gàidhlig, Albais is Bile nan Cànan Albannach.


Toraidhean a' Cho-chomhairleachaidh

2.1 Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

2.1.1 An àireamh de fhreagairtean

Tha freagairtean co-cheangailte ri beachdan air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a' gabhail a-steach freagairtean do na ceistean a leanas. Tha an clàr a' sealltainn an àireamh de fhreagairtean a fhuaras airson gach ceist.

Clàr 1: Freagairtean a thaobh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig
Ceistean mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig An àireamh fhreagairtean
C1 – A' smaoineachadh air cnapan-starra, bacaidhean is fuasglaidhean – Dè na prìomh rudan a tha sibh den bheachd a bu chòir a bhith mar phàirt de dhòigh-obrach ro-innleachdail ùr son foghlam tro mheadhan na Gàidhlig? 612
C2 – Dè na ceumannan a tha sibh a' smaoineachadh a bu chòir gabhail gus taic is brosnachadh a thoirt do dh'fhoghlam Gàidhlig is dèanamh cinnteach gun tèid dòigh-obrach ro-innleachdail ùr sam bith son FMG a chur an sàs? 600
C3 – A bheil puingean sam bith eile ann a bu mhiann leibh dèanamh mu dheidhinn solarachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig is foghlam luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann am foghlam Albannach? 525

2.1.2 Sùil air brìgh nam freagairtean

San earrainn seo chithear na freagairtean a bu chumanta a fhuaras fon cheann, Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, san sgrùdadh.

Na cuspairean a bu chumanta

Bacaidhean, cnapan-starra agus fuasglaidhean a thaobh ro-innleachd ùr airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

1. A' cleachdadh agus a' cur na Gàidhlig air adhart gu fada is farsaing

2. Barrachd sheirbheisean foghlaim Gàidhlig agus barrachd chothroman orra

3. Barrachd maoineachaidh is taice airson luchd-obrach airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

4. Iomairtean agus co-chonaltradh ri coimhearsnachdan gus Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a chur air adhart

Dòighean gus taic a thoirt do dh'Fhoghlam tro Meadhan na Gàidhlig

1. Stiùireadh agus cunntachalachd airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

2. A' cosg airgead air goireasan teagaisg gus piseach a thoirt air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus gus am bi cothrom aig barrachd dhaoine air

3. Iomairtean fiosrachaidh gus Gàidhlig a dhèanamh nas follaisiche

4. A' cur dà-chànanachas air adhart

5. Tachartasan is cur-seachadan cultarach gus daoine a bhrosnachadh gu bhith a' cleachdadh Gàidhlig

Beachdan air mar a thèid Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a thoirt seachad ann am foghlam na h-Alba

1. A' gleidheadh na Gàidhlig mar phàirt de chultar sònraichte na h-Alba

2. A' sgrùdadh mar a thèid Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a thoirt seachad agus cunntachalachd airson FMG

Clàr 2: Na freagairtean a bu chumanta a thaobh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

Ceist 1: A' smaoineachadh air cnapan-starra, bacaidhean is fuasglaidhean – Dè na prìomh rudan a tha sibh den bheachd a bu chòir a bhith mar phàirt de dhòigh-obrach ro-innleachdail ùr son foghlam tro mheadhan na Gàidhlig?

B' iad na cuspairean a leanas a nochd mar na freagairtean a bu chumanta a thaobh bhacaidhean, cnapan-starra agus fuasglaidhean a thaobh ro-innleachd ùr airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig?

A' cleachdadh agus a' cur na Gàidhlig air adhart gu fada is farsaing, mar chothrom. Tha tòrr dhen luchd-fhreagairt a' moladh gun tèid dòighean-obrach ro-innleachdail ùra a chur an sàs airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. A thaobh a bhith a' cur na Gàidhlig air adhart gu fada is farsaing, thug luchd-freagairt iomradh air:

  • a bhith a' cruthachadh shoidhnichean poblach Gàidhlig an lùib ghoireasan poblach,
  • curraicealaman teagaisg nas fheàrr ann am bun- agus àrd-sgoiltean,
  • a' toirt leasachadh air foghlam bogaidh agus e furasta cothrom fhaighinn air an fhoghlam sin, agus
  • mar phrìomhachas gum bi Gàidhlig na cuspair riatanach ann an siostaman foghlaim na h-Alba.

Cuideachd, gus an dèan sgoilearan is oileanaich adhartas nas motha leis na sgilean Gàidhlig aca, mhol luchd-freagairt gum bu choir clasaichean adhartach a bhith ann cho math ri clasaichean airson luchd-tòiseachaidh.

Barrachd maoineachaidh is taice airson luchd-obrach airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. B' iad dà nì eile air an tugadh iomradh a bhios tric a' cur bacadh air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, cion maoineachaidh agus cion luchd-obrach ('s iad tidsearan as motha a tha dhìth). A thaobh thidsearan, thuirt luchd-freagairt gun robh cion chothroman trèanaidh is theisteanasan iomchaidh ann an teagasg Gàidhlig a' cur bacadh air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, agus mar sin a' cur bacadh air an àireimh de luchd-labhairt na Gàidhlig a dh'fhaodadh a bhith ann an Alba. Thuirt aon neach-freagairt, agus iad a' beachdachadh air na th' ann de luchd-labhairt na Gàidhlig an coimeas ri luchd-labhairt na Beurla agus air an amas gus àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig a leudachadh: 'bu chòir ceangal a bhith ann eadar am frèam-obrach airson Gàidhealtachd agus an obair gus Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a neartachadh. Bu chòir plana ro-innleachdail agus clàr-ama a ghabhail os làimh gus cur às do dh'Fhoghlam tro Mheadhan na Beurla uile-gu-lèir sna h-Eileanan Siar agus sna prìomh sgìrean Gàidhealtachd eile. Bu chòir cothrom a bhith aig an luchd-obrach Bheurla a tha air fhàgail sgilean Gàidhlig ionnsachadh, mura h-eil iad aca mu thràth, agus obrachadh ann an roinn foghlam na Gàidhlig' (Neach-freagairt # 428).

Barrachd sheirbheisean foghlaim Gàidhlig agus barrachd chothroman orra. Mhol luchd-freagairt, a bha a' cur taic làidir ri bhith a' cur na Gàidhlig agus seirbheisean foghlaim Gàidhlig air adhart gu fad is farsaing, gum bu chòir barrachd sheirbheisean foghlaim Gàidhlig a thabhann do sgoilearan taobh a-muigh na sgoile. Mar phàirt de sin, dh'fhaodadh clubaichean is tachartasan ionnsachaidh a bhith ann. Bha daoine eile airson gum biodh barrachd chothroman air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig anns a h-uile sgoil no co-dhiù san fheadhainn air a' Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan aig ìre na sgoil'-àraich, na bun-sgoile agus na h-àrd-sgoile.

Bhathar dhen bheachd gun robh e mar uallach air ùghdarrasan ionadail sanasachd a dhèanamh air cothroman air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig san sgìre aca. A rèir nan daoine a bha a' toirt taic do dh'Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, bu chòir Gàidhlig a bhith mar an roghainn ghnàthach (mar chuspair) sna prìomh choimhearsnachdan Gàidhlig. Cuideachd, bha luchd-freagairt airson aire shònraichte a tharraing gu mar nach eil cothroman gu leòr ann air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig gus frithealadh air an iarrtas a th' ann. Mar sin, b' e cion chothroman air agus gainnead de dh'Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aon de na bacaidhean a bu chumanta a dh'ainmich luchd-freagairt.

Iomairtean coimhearsnachd is cultarach gus Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a chur air adhart. Thug cuid a luchd-freagairt iomradh air mar nach eil mòran dhaoine idir air a bhith mothachail air cho cudromach 's a tha a' Ghàidhlig mar chànan dùthchasach na h-Alba. Gus cleachdadh agus adhartachadh a' chànain a bhrosnachadh aig ìre ionadail, bu chòir barrachd a dhèanamh aig ìre na coimhearsnachd le bhith a' cur thachartasan cultarach air dòigh, leithid ceòl, dannsa agus fèisean litreachais, a bheir cothrom do dhaoine a bhith air am bogadh sa Ghàidhlig. Mhol aon neach-freagairt 'barrachd airgid a chur mu choinneimh champaichean spòrs Gàidhlig leithid sgitheadh, oir chan eil luchd-labhairt na Gàidhlig agus clann bho Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air an riochdachadh chun na h-ìre a bhite an dùil aig ìre nàiseanta' (Neach-freagairt # 319). Ma tha tachartasan mar seo ann, bidh a' Ghàidhlig nas follaisiche.

Ceist 2: Dè na ceumannan a tha sibh a' smaoineachadh a bu chòir gabhail gus taic is brosnachadh a thoirt do dh'fhoghlam Gàidhlig is dèanamh cinnteach gun tèid dòigh-obrach ro-innleachdail ùr sam bith son FMG a chur an sàs?

A bharrachd air iomradh air cuid de na cuspairean bho Cheist 1, b' iad na cuspairean a leanas a nochd mar na freagairtean a bu chumanta a thaobh ghnìomhan sònraichte gus foghlam Gàidhlig a chur air adhart.

Stiùireadh nas làidire agus barrachd cunntachalachd airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Bha luchd-freagairt a tha a' toirt taic do dh'Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig dhen bheachd gu bheil feum air barrachd soilleireachd agus cunntachalachd a thaobh mar a thèid Planaichean Gàidhlig a chur an gnìomh. Feumaidh co-òrdanachadh is co-obrachadh a bhith ann eadar ùghdarrasan aig ìre nàiseanta feuch an tig piseach air cùisean a thaobh ionmhas, goireasan agus luchd-obrach. 'S ann 'sgapte is neo-èifeachdach' a tha na h-oidhirpean a tha gan dèanamh an-dràsta agus tha planadh nas fheàrr a dhìth. Thuirt aon neach-freagairt 'gu bheil gealltanasan is ionmhas ceart a dhìth mus tòisichear air ro-innleachd ùr a chur air adhart. Tha an taic is na seirbheisean a th' ann an-dràsta air stèidh ro chugallach airson leudachadh farsaing is luath. Feumar adhartas leantainneach a dhèanamh is a chumail suas gus bun-stèidh làidir a chur air chois air an urrainn dhuinn togail san ùine ri thighinn' (Neach-freagairt # 434). Cuideachd, feumaidh an riaghaltas laghan a neartachadh gus dìon a chur air na còraichean a th' aig daoine air foghlam Gàidhlig.

A' cosg airgead air goireasan teagaisg is luchd-teagaisg gus piseach a thoirt air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus gus am bi cothrom aig barrachd dhaoine air. Chuir tòrr luchd-freagairt cuideam air ciad thrèanadh do thidsearan, taic bhrosnachaidh dhaibh, agus cothroman do thidsearan Gàidhlig ionnsachadh. A rèir nan daoine sin, faodaidh e cuideachadh le bhith a' toirt piseach air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ma tha measgachadh de thidsearan ann agus ma tha tidsearan matha ann. Dh'fhaodadh taic bhrosnachaidh a bhith ann airson dèanamh cinnteach gum fuirich na tidsearan a th' ann an-dràsta ann am foghlam Gàidhlig agus gun tèid tidsearan ùra fhastadh. Bu chòir cuideachd beachdachadh as ùr air uairean teagaisg agus tuarastalan gus barrachd dhaoine a bhrosnachadh gu bhith a' gabhail dreuchd ann an teagasg Gàidhlig agus gus pàigheadh airson chosgaisean bith-beò ann an diofar sgìrean de dh'Alba. Cuideachd, mhol luchd-freagairt gum bu chòir luchd-taice cànain a thrusadh is gum bu chòir trèanadh a thoirt dhaibh gus leasachadh a thoirt air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus taic a chumail ri sgoilearan.

Iomairtean fiosrachaidh gus Gàidhlig a dhèanamh nas follaisiche. Mar dhòigh gus taic a thoirt do dh'Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, thuirt luchd-freagairt gum faodadh iomairtean fiosrachaidh, a thèid a chur air dòigh gu h-ionadail, a bhith nam meadhan glè mhath gus cleachdadh na Gàidhlig a dhèanamh na nì àbhaisteach ann am beatha dhaoine. Faodaidh na h-iomairtean seo dèiligeadh ris 'na beachdan neo-thaiceil agus am fiosrachadh meallta, ceàrr a gheibhear gu tric mun Ghàidhlig agus teagasg a' chànain' (Neach-freagairt # 495). Le bhith a' sgaoileadh fiosrachadh, bheir sin cothrom dhan phoball barrachd eòlais fhaighinn air carson a tha a' Ghàidhlig cho cudromach dha na h-oidhirpean gus cultar traidiseanta na h-Alba a ghleidheadh.

A' cur dà-chànanachas air adhart. Thuirt luchd-freagairt nam bite a' dèanamh barrachd a thaobh dà-chànanachas math dh'fhaodte gum biodh barrachd dhaoine na bu chofhurtaile le Gàidhlig mar an cànan ionadail aca. Bu chòir soidhnichean-rathaid dà-chànanach a bhith anns a h-uile àite. Cuideachd, thuirt aon neach-freagairt 'nam biodh a h-uile pàiste ag ionnsachadh ann an Gàidhlig, Albais agus Beurla bho thoiseach an fhoghlaim aca gum falbhadh, mu dheireadh thall, an stiogma a th' ann a thaobh nan cànan seo' (Neach-freagairt # 181).

Tachartasan is cur-seachadan cultarach gus daoine a bhrosnachadh gu bhith a' cleachdadh Gàidhlig. Ma bhios tachartasan cultarach ann leithid chothroman ionnsachaidh coimhearsnachd do dh'inbhich cuideachd, faodaidh sin taic a chur ri ionnsachadh na Gàidhlig. Am measg nan tachartasan is nan iomairtean a dh'fhaodadh a bhith ann tha: cothroman gus gàirdeachas a dhèanamh ri fèisean mhion-chànanan is ri luchd-ealain is luchd-ciùil Gàidhlig tàlantach, agus gus goireasan cultarach ioma-chànanach a chruthachadh.

Ceist 3: A bheil puingean sam bith eile ann a bu mhiann leibh dèanamh mu dheidhinn solarachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig is foghlam luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann am foghlam Albannach?

Fo Cheist 3, chuir luchd-freagairt cuideam a-rithist air puingean a chaidh a thogail fo Cheistean 1 is 2. Mar a chithear gu h-ìosal, thug luchd-freagairt freagairtean ùra seachad a thaobh mar a thèid Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus ionnsachadh na Gàidhlig a thoirt seachad ann am foghlam na h-Alba.

A' gleidheadh na Gàidhlig mar phàirt de chultar sònraichte na h-Alba. Thuirt cuid a luchd-freagairt gun robh e cudromach gu bheil Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig mar phàirt de shiostam foghlaim na h-Alba gus cultar agus eachdraidh na dùthcha a ghleidheadh. A rèir nan daoine sin, san t-siostam fhoghlaim a th' ann an-dràsta, 'tha mar a thathar a' cur cuideam air cuspairean STEM, rud a tha gu math iomchaidh, agus mar a tha roghainn nas lugha de chuspairean ann an sgoiltean a' ciallachadh gu bheil nas lugha sgoilearan a' roghnachadh Gàidhlig (agus cuspairean eile taobh a-muigh STEM) aig na h-ìrean nas àirde' (Neach-freagairt # 62). Cuideachd, thug cuid a luchd-freagairt iomradh air mar nach eil sgoiltean neo-eisimeileach ann an Alba a' tabhann Gàidhlig mar chuspair ann an Alba. Bu chòir do dh'ùghdarrasan Albannach aithne a thoirt do Ghàidhlig aig ìre Nàiseanta 5 no nas àirde agus an uair sin bhiodh barrachd shlighean obrach ann do luchd-labhairt na Gàidhlig san àm ri teachd.

A' cumail sùil air agus a' sgrùdadh mar a thèid Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a thoirt seachad. A rèir an luchd-fhreagairt, bu chòir do Bhòrd na Gàidhlig a bhith cunntachail airson foghlam luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Feumaidh ro-innleachd nas fheàrr agus nas sìmplidh a bhith ann gus luchd-ionnsachaidh a chomharrachadh, a chuideachadh agus a leantainn air an turas ionnsachaidh aca. Cuideachd, mhol luchd-freagairt gun gabhadh an sgrùdadh seo a dhèanamh le bhith a' steidheachadh na dreuchd, 'Coimiseanair na Gàidhlig'. A rèir an luchd-fhreagairt sin, chumadh Coimiseanair na Gàidhlig sùil air mar a dheigheadh poileasaidhean nàiseanta a chur an sàs aig an ìre ionadail, agus iad mar ombudsman. Bhiodh iad a' dèanamh rèiteachadh eadar poileasaidhean nàiseanta agus mar a thèid an cur an gnìomh le ùghdarrasan ionadail.

Cuspairean nach robh cho cumanta

Chithear gu h-ìosal puingean eile air an tugadh iomradh fo na trì ceistean a thaobh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

Stiogma sòisealta a thaobh na Gàidhlig. Thug stiogma sòisealta, co-cheangailte ri bhith a' cleachdadh na Gàidhlig, buaidh air cuid a luchd-freagairt a thaobh mar nach robh iad deònach uaireannan gnothach a ghabhail ris a' chànan no Gàidhlig a chleachdadh. Thuirt iad gun robh cion misneachd aig daoine gus an cànan a bhruidhinn, gu h-àraidh am measg na h-òigridh.

Frèam reachdais ùr. Thuirt luchd-freagairt gu bheil feum air poileasaidh Gàidhlig nàiseanta a tha a' toirt aithne do cho cudromach 's a tha a' Ghàidhlig agus a stèidhicheas frèam-obrach gus am poileasaidh sin fhighe a-steach do phoileasaidhean nan ùghdarrasan ionadail. San fhrèam-obrach ùr seo, bu chòir cuideam a chur air 1) ionnsachadh na Gàidhlig aig ìre ro-sgoile agus an ìre thràth, 2) Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig ìre na bun-sgoile is na h-àrd-sgoile, 3) Foghlam Gàidhlig aig an treas ìre a' gabhail a-steach foghlam colaiste, dreuchdail agus oilthighe, agus 4) Gàidhlig mar dàrna cànan.

Ceannas làidir gus stiùir nas fheàrr a thoirt do dh'ùghdarrasan ionadail. Mhol luchd-freagairt cuideam a chur air ceannas is stiùireadh nas làidire a bhios a' ciallachadh gum bithear 1) a' dèanamh cinnteach gu bheil ùghdarrasan ionadail a' coileanadh nam Planaichean Gàidhlig aca, 2) a' fastadh oifigearan aig a bheil eòlas air agus a tha taiceil dhan Ghàidhlig, agus 3) a' cumail cheanglaichean suas ri ùghdarrasan ionadail gus taic a chumail riutha ann an dòigh cho-òrdanaichte, aonaichte.

Iomairtean fiosrachaidh gus sanasachd a dhèanamh air a' Ghàidhlig. Iomairt shoilleir gus fiosrachadh a sgaoileadh mun Ghàidhlig, mu na buannachdan agus mu na cothroman a th' ann dhan a h-uile duine.

Ioma-chànanachas. A rèir luchd-freagairt, bu chòir ioma-chànanachas a chur air adhart aig ìre oifigeil agus phoblach. Bu chòir na buannachdan a thig bho dhà-chànanachas a shanasachd agus ceangal a dhèanamh eadar sin is Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air a chuingealachadh. Thuirt beagan luchd-freagairt nach bu chòir Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a bhith air a thoirt seachad air feadh Alba.

Atharraichean sa churraicealam. Bu chòir sgrùdadh iomlan a dhèanamh air na goireasan a tha rim faotainn mar phàirt de churraicealam na Gàidhlig. Bu chòir curraicealam fa leth a bhith ann airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

Foghlam àrd-sgoile. Tha feum air leudachadh air foghlam Gàidhlig aig ìre na h-àrd-sgoile. Thathar a' faicinn curraicealam na h-àrd-sgoile mar phàirt riatanach de dh'Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

Foghlam na treas ìre. Bu chòir do dh'ùghdarrasan airgead a chosg air foghlam Gàidhlig aig an treas ìre. Nan tachradh sin, ghabhadh dòighean-obrach nas co-òrdanaichte a chur an sàs eadar sgoiltean is oilthighean gus daoine a bhrosnachadh gu bhith a' toirt dreuchd Ghàidhlig a-mach no a' cleachdadh na Gàidhlig.

Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bha luchd-freagairt dhen bheachd gum biodh adhartas is leasachaidhean a thaobh Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig cudromach do na h-oidhirpean gus Gàidhlig a chur air adhart. Ged a thathar ag amas air adhartas sònraichte le Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, chan eil sin a' ciallachadh gum bu chòir nas lugha a chosg air Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. A rèir luchd-freagairt, dh'fhaodadh cothroman is goireasan a leigeas le daoine a dhol an sàs ann am Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ùidh is dealas a thogail am measg dhaoine nach eil a' sireadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig far a bheil iad air am bogadh gu tur sa chànan.

Dòighean smaoineachaidh neo-phoilitigeach a thaobh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. A rèir neach-freagairt, cha bu chòir gnothach a bhith aig luchd-poilitigs ri co-dhùnaidhean mun churraicealam nàiseanta. Feumaidh eòlaichean foghlaim làn-phàirt a ghabhail sna co-dhùnaidhean sin.

2.2 Sgìrean Gàidhealtachd

2.2.1 An àireamh de fhreagairtean

Tha freagairtean co-cheangailte ri beachdan air sgìrean Gàidhealtachd a' gabhail a-steach freagairtean do na ceistean a leanas. Tha an clàr a' sealltainn an àireamh de fhreagairtean a fhuaras airson gach ceist.

Clàr 3: An àireamh de fhreagairtean a thaobh sgìrean Gàidhealtachd
Ceistean mu sgìrean Gàidhealtachd An àireamh fhreagairtean
C4 – A bheil beachdan sam bith agaibh air na ceumannan a bu chòir a bhith an sàs gus taic a thoirt do luchd-labhairt na Gàidhlig ann an sgìrean le àireamh shusbainteach de luchd-labhairt? 556
C5 – A bheil beachdan agaibh air mar a bu chòir leithid sgìrean a bhith air am mìneachadh? 476
C6 – Ciamar a chothromaicheadh sibh an gealladh ceumannan a chur an sàs ann an sgìrean far a bheil àireamh shusbainteach de luchd-labhairt na Gàidhlig leis a' phrionnsabal gum bu chòir Gàidhlig a bhith na cànan nàiseanta do dh'Alba gu lèir? 526
C7 – A bheil puingean sam bith eile ann a bu mhiann leibh dèanamh mun ghealladh rannsachadh a dhèanamh air sgìrean Gàidhealtachd oifigeil a chruthachadh is na geallaidhean ceangailte a bhuineas ri cleachdadh na Gàidhlig anns an teaghlach is coimhearsnachd? 396

2.2.2 Sùil air brìgh nam freagairtean

Na cuspairean a bu chumanta

Gnìomhan gus taic a chumail ri luchd-labhairt na Gàidhlig ann an sgìrean le àireamh àrd de luchd-labhairt

1. Leasachaidhean ann an Gàidhealtachd

2. Bu chòir gnìomhan sam bith a chur an sàs ann an sgìrean Gàidhealtachd a-mhàin

A' comharrachadh sgìrean le luchd-labhairt na Gàidhlig

1. Gan comharrachadh a rèir sgìrean far a bheil an cànan/far an robh i gu h-eachdraidheil

2. Chan fheumar an comharrachadh seach gu bheil luchd-labhairt na Gàidhlig a' fuireach air feadh na h-Alba

3. Feumar a bhith sùbailte nuair a thathar a' comharrachadh Gàidhealtachd

4. Chan eil feum air sgìrean Gàidhealtachd a chomharrachadh

5. Tha co-chomhairleachaidhean coimhearsnachd a dhìth

A' dèanamh cothromachadh eadar gnìomhan sònraichte airson sgìrean le àireamh àrd de luchd-labhairt na Gàidhlig agus am prionnsapal gum bu chòir Gàidhlig a bhith na cànan nàiseanta dhan a h-uile duine ann an Alba

1. Taic phoblach, eaconamach agus a thaobh bun-structair airson Gàidhealtachd aig ìre ionadail

2. Bu chòir do dh'Alba air fad a bhith na Gàidhealtachd le Gàidhlig mar chànan nàiseanta

3. 'S e dùthaich dhà-chànanach a th' ann an Alba le Beurla is Gàidhlig mar chànanan oifigeil

4. Cha bu chòir do Ghàidhlig a bhith na cànan nàiseanta aig Alba

Beachdan mun ghealladh gus coimhead air a bhith a' cruthachadh sgìrean Gàidhealtachd agus air na geallaidhean co-cheangailte ri sin a thaobh cleachdadh na Gàidhlig ann an teaghlaichean is coimhearsnachdan

1. Iomairtean innleachdach leithid dhèideagan, leabhraichean, agus a' cleachdadh teicneòlas didseatach (Alexa) gus Gàidhlig a chur air adhart

2. Ma thèid sgìrean Gàidhealtachd a stèidheachadh, dh'fhaodadh gun adhbhraich sin sgaraidhean eadar daoine.

Clàr 4: Na freagairtean a bu chumanta a thaobh sgìrean Gàidhealtachd

Ceist 4: A bheil beachdan sam bith agaibh air na ceumannan a bu chòir a bhith an sàs gus taic a thoirt do luchd-labhairt na Gàidhlig ann an sgìrean le àireamh shusbainteach de luchd-labhairt?

Leasachaidhean ann an Gàidhealtachd. Thuirt luchd-freagairt gum bu chòir dhan riaghaltas barrachd maoineachaidh a thoirt seachad mar thaic do luchd-labhairt na Gàidhlig, gu h-àraidh sna sgìrean far a bheil àireamh àrd de luchd-labhairt. Bu chòir gnìomhan a chur an sàs a thaobh na h-eaconamaidh agus bun-structair mar thaic do luchd-labhairt na Gàidhlig ann an sgìrean Gàidhealtachd. Thuirt luchd-freagairt gun robh poileasaidhean cànain agus sòiseo-eaconamach a' buntainn ri chèile. A rèir an luchd-fhreagairt, mura bi taic shòiseo-eaconamach ann airson choimhearsnachdan lag, leanaidh an suidheachadh far a bheil ginealaich ùra de luchd-labhairt na Gàidhlig air an call agus sin a' toirt buaidh air mar a thèid an cànan a thoirt seachad bho ghinealach gu ginealach. Mar a thuirt aon neach-freagairt, dh'fhaodadh ceumannan eaconamach cuideachadh gus stad a chur air daoine òga le Gàidhlig bho bhith a' fàgail sgìrean Gàidhlig, agus sin a' tachairt tric. Am measg nan rudan a dhèanadh feum tha taigheadas aig prìs reusanta agus cothroman obrach. Bu chòir leasachadh a thoirt air turasachd ionadail cuideachd, feuch am bi cothrom nas fheàrr aig luchd-labhairt ionadail na Gàidhlig no aig daoine le teisteanasan Gàidhlig (Nàis5 is Àrd-ìre) air obraichean.

Cuideachd, mhol cuid a luchd-freagairt gum bu chòir feum a dhèanamh de dh'iomairtean cultarach leithid chlubaichean Gàidhlig, far am bi cothrom aig daoine, sean is òg, bhon choimhearsnachd coinneachadh is rudan a dhèanamh còmhla. A thuilleadh air sin, ma tha Gàidhlig air a fighe a-steach do bheatha làitheil dhaoine, bidh sin na thaic do luchd-labhairt na Gàidhlig. Mhol luchd-freagairt gum faodadh Gàidhlig a bhith mar roghainn sna h-innealan fèin-fhrithealaidh a gheibhear ann am mòr-bhùithtean agus gum faodar clubaichean is tachartasan a chur air dòigh sa Ghàidhlig leithid buidhnean fighe Gàidhlig no iomairtean eile. A thaobh nam meadhanan, chuidicheadh prògraman rèidio is TBh agus stuthan sgrìobhte le bhith a' brosnachadh dhaoine gus Gàidhlig a chleachdadh ann an coimhearsnachdan ionadail agus bheireadh iad misneachd do luchd-labhairt ionadail. Cuideachd, bu chòir do chomhairlean, an NHS, agus an roinn phoblach ceumannan a ghabhail gus na seirbheisean uile aca a thabhann ann an Gàidhlig.

Bu chòir gnìomhan sam bith a chur an sàs ann an sgìrean Gàidhealtachd a-mhàin. A rèir luchd-freagairt, am measg nan sgìrean le àireamh àrd de luchd-labhairt na Gàidhlig tha a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan agus Na h-Eileanan Siar. Ann an sgìrean Gàidhealtachd, bu chòir a' Ghàidhlig a bhith mar phrìomh chànan anns gach pìos reachdais is an lùib lìbhrigeadh sheirbheisean poblach sam bith. Mhol aon neach-freagairt, 'gum bu chòir na gnìomhan a chur an sàs agus a chur air adhart dìreach ann an sgìrean far robh Gàidhlig ga bruidhinn gu h-eachdraidheil, ach cha bu chòir sna h-Eileanan mu Thuath far am bu chòir an dualchainnt aca fhèin a ghleidheadh' (Neach-freagairt # 172). Thuirt neach-freagairt eile gum bu chòir prìomhachas a thoirt do sgìrean Gàidhealtachd, far a bheil e deatamach gum bithear ag amas gu h-àraidh air coimhearsnachdan Gàidhlig agus mar a nithear cinnteach gum mair iad air stèidh leantalach. Ma thathar a' cosg airgead air Gàidhealtachd bu chòir an t-airgead a chosg gu cùramach, oir mar a thuirt aon neach-freagairt, 'tha an àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig a' crìonadh, agus tha a' mhòr-chuid de theaghlaichean is daoine a tha a' tighinn a-steach a' bruidhinn Beurla gun adhbhar aca Gàidhlig a bhruidhinn' (Neach-freagairt # 511). Bha cuid a luchd-freagairt dhen bheachd gur e mearachd a bhiodh ann agus caitheamh airgid phoblaich nan deigheadh gnìomhan a chur an sàs ann am meadhan na dùthcha.

Ceist 5: A bheil beachdan agaibh air mar a bu chòir leithid sgìrean a bhith air am mìneachadh?

Gan comharrachadh a rèir sgìrean far a bheil an cànan/far an robh i gu h-eachdraidheil. Bha a' mhòr-chuid dhen luchd-fhreagairt a' moladh gum bu chòir sgìrean le luchd-labhairt na Gàidhlig a bhith a' ciallachadh an fheadhainn sa bheil tòrr luchd-labhairt. Tha na sgìrean sin a' gabhail a-steach sgìrean far an robh Gàidhlig ann anns na linntean a dh'fhalbh ach, mar a thuirt aon neach-freagairt, 'far an tàinig crìonadh oirre ri linn bhuidhnean poilitigeach/nan daoine aig an robh cumhachd' (Neach-freagairt # 431). Cha bu chòir dhan mhìneachadh a bhith ro chumhang, ge-tà, agus bu chòir dha a bhith ag amas air sgìrean far am faodadh fàs a bhith ann san ùine ri thighinn.

Chan fheumar an comharrachadh seach gu bheil luchd-labhairt na Gàidhlig a' fuireach air feadh na h-Alba. B' e beachd cumanta eile a chualas am measg luchd-freagairt a thaobh a bhith a' comharrachadh sgìrean le luchd-labhairt na Gàidhlig nach bu chòir an comharrachadh a rèir cheàrnaidhean sònraichte dhen dùthaich. Thuirt aon neach-freagairt 'gu bheil dìlseachd dhan chànan sna bailtean-mòra fìor chudromach do neart a' chànain is na cothroman gus tlachd a ghabhail innte' (Neach-freagairt # 296). Feumaidh cothrom a bhith air a' chànan anns a h-uile àite. Tha na meadhanan agus teicneòlas didseatach air cuideachadh le bhith a' toirt chothroman do dhaoine air a' chànan ann an diofar sgìrean de dh'Alba. Bha beachd ceudna aig neach-freagairt, a thuirt 'ri linn mar as urrainnear goireasan didseatach fhaighinn ann an àite sam bith, ma thèid sgìre Gàidhealtachd a stèidheachadh, 's e ceum air ais a bhios ann' (Neach-freagairt # 471).

Feumar a bhith sùbailte nuair a thathar a' comharrachadh Gàidhealtachd. Bha beagan luchd-freagairt dhen bheachd nam bite sùbailte ann a bhith a' comharrachadh Gàidhealtachd (no a' mìneachadh dè th' innte) gun dèanadh sin cinnteach nach biodh taic dhan chànan ann an Gàidhealtachd a' ciallachadh gun deigheadh lùghdachadh a thoirt air an taic a gheibheadh coimhearsnachdan taobh a-muigh sgìrean Gàidhealtachd. Le dòigh-smaoineachaidh shùbailte mar sin, gabhaidh Gàidhlig a chur air adhart gu fad is farsaing taobh a-muigh nan sgìrean Gàidhealtachd, agus bidh cothroman ann leudachadh air na sgìrean Gàidhealtachd. Bhiodh e cuideachd a' gabhail a-steach choimhearsnachdan air-loidhne mar phàirt de Ghàidhealtachd.

Chan eil feum air sgìrean le luchd-labhairt na Gàidhlig a chomharrachadh. Bha cuid mhath dhen luchd-fhreagairt dhen bheachd nach robh feum sam bith air sgìrean le luchd-labhairt na Gàidhlig a chomharrachadh. B' e a bha air cùl a' bheachd sin cho neo-chudromach 's a tha a' Ghàidhlig an coimeas ri Beurla no gu bheil cùisean poileasaidh/leasachaidh eile ann a tha nas cudromaiche do dhaoine ann an Alba. Bha luchd-freagairt dhen bheachd gun robh oidhirpean gus Gàidhlig a chur air adhart mar chànan nàiseanta mar phàirt de lèirsinn phoilitigeach.

Tha tuilleadh cho-chomhairleachaidhean coimhearsnachd a dhìth. Bha beagan luchd-freagairt dhen bheachd gum bu chòir mar a thèid sgìrean le luchd-labhairt na Gàidhlig a chomharrachadh airson phoileasaidhean a bhith stèidhichte air co-chomhairleachaidhean le coimhearsnachdan ionadail. Bha luchd-freagairt dhen bheachd gum feum mìneachadh no dòigh chomharrachaidh sam bith a bhith stèidhichte air rannsachadh, gu h-àraidh a thaobh an t-siostaim fhoghlaim airson Cuimris sa Chuimrigh.

Ceist 6: Ciamar a chothromaicheadh sibh an gealladh ceumannan a chur an sàs ann an sgìrean far a bheil àireamh shusbainteach de luchd-labhairt na Gàidhlig leis a' phrionnsabal gum bu chòir Gàidhlig a bhith na cànan nàiseanta do dh'Alba gu lèir?

Inbhe na Gàidhlig mar chànan nàiseanta ann an Alba. Bha cuid a luchd-freagairt – son adhbharan eadar-dhealaichte – teagmhach mu inbhe na Gàidhlig mar chànan nàiseanta ann an Alba. Am measg iadsan a bha air fad taiceil do dh'oidhirpean an cànan a ghlèidheadh, bha aig amannan beachd ann nach bu chòir do phoileasaidhean nàiseanta prìomhachas fhaighinn thairis ceuman a b' urrainn dèiligeadh ri feumalachdan a' chànain aig ìre ionadail. Air an làimh eile, bha feadhainn a luchd-fhreagairt cuideachd den bheachd nach bu chòir don Ghàidhlig prìomhachas fhaighinn air sgàth an t-suidheachaidh eaconamaich nas fharsainge is prìomhachasan nàiseanta eile, is iad ag ràdh nach robh a' mhòr-chuid de dhaoine ann an Alba a' gabhail ùidh sa Ghàidhlig.

Bu chòir do dh'Alba air fad a bhith na Gàidhealtachd le Gàidhlig mar chànan nàiseanta. Bhruidhinn cuid a luchd-freagairt mun bheachd a bh' aca air Gàidhlig mar chànan nàiseanta ann an Alba. Mhol iad nach bu chòir crìochan cruinn-eòlach a bhith air Gàidhealtachd, bha iad dhen bheachd gum bu chòir cleachdadh a' chànain a bhrosnachadh a cheart uiread ann an sgìrean le àireamh bheag de luchd-labhairt 's a tha ann an sgìrean eile. Nochd aon neach-freagairt an cuid dìoghrais mun chùis leis a' bheachd dheimhinne seo: 'Tha mise a' smaoineachadh gu bheil Gàidhlig na pàirt cudromach dhen bhun-aithne nàiseanta, ged nach robhar ga bruidhinn ach air a' Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan sna beagan linntean a dh'fhalbh. Faodaidh ath-bheothachadh a' chànain agus a bhith a' cruthachadh bun-aithne nàiseanta fa leth bho Bheurla (mas e sin a thathar ag iarraidh) a bhith na mheadhan mìorbhaileach air co-aonachadh a thoirt gu buil' (Neach-freagairt # 430).

Taic phoblach, eaconamach agus a thaobh bun-structair airson Gàidhealtachd aig ìre ionadail. A rèir na feadhna a bha a' toirt taic dhan mholadh gus sgìrean Gàidhealtachd a chruthachadh agus a chur air adhart, tha feum aig luchd-labhairt na Gàidhlig air sochairean is taic bhrosnachaidh, agus feumaidh aithne fharsaing a bhith ann dhan chànan ma tha i gu bhith beò air bilean an luchd-labhairt. Mar phàirt dhen taic sin bhiodh an cànan na bu fhollaisiche air soidhnichean agus an lùib sheirbheisean poblach.

'S e dùthaich dhà-chànanach a th' ann an Alba le Beurla is Gàidhlig mar chànanan oifigeil. Bha cuid a luchd-freagairt a' moladh dòigh-smaoineachaidh nas cothromaiche nuair a thig e gu bhith a' cleachdadh barrachd air aon chànan ann an Alba. Dhaibhsan, bu chòir cothroman co-ionann a bhith ann airson gach neach-labhairt na Beurla, na h-Albais agus na Gàidhlig. Nam biodh Alba air a h-ath-stèidheachadh mar dhùthaich dhà-chànanach, dh'fheumadh gach pàiste Gàidhlig, Albais, agus Beurla ionnsachadh bho thoiseach an fhoghlaim aca. Chuidicheadh sin le bhith a' cur às do stiogma sam bith co-cheangailte ri bhith a' cleachdadh cànan sam bith agus chuidicheadh e daoine gu bhith a' gabhail ris agus a' cur fàilte air a h-uile cànan.

Ceist 7: A bheil puingean sam bith eile ann a bu mhiann leibh dèanamh mun ghealladh rannsachadh a dhèanamh air sgìrean Gàidhealtachd oifigeil a chruthachadh is na geallaidhean ceangailte a bhuineas ri cleachdadh na Gàidhlig anns an teaghlach is coimhearsnachd?

Iomairtean innleachdach gus Gàidhlig a chur air adhart. Mhol luchd-freagairt dòighean innleachdach a chur an sàs gus Gàidhlig a chur air adhart. Nam measg bha a' cruthachadh no ag atharrachadh dhèideagan agus teicneòlas didseatach leithid Alexa agus bhiodh Gàidhlig air a cleachdadh annta. Ma tha cothrom air 'ionnsachadh tro chluich' ann, bidh clann nas buailtiche am bogadh fhèin sa chànan nuair a tha iad nas òige.

Ma thèid sgìrean Gàidhealtachd a stèidheachadh, dh'fhaodadh gun adhbhraich sin sgaraidhean eadar daoine. Tha a' phuing mu sgaraidhean air nochdadh grunn thursan ann an cuid de na freagairtean a fhuaras gu h-àrd. Bha cuid a luchd-freagairt dhen bheachd gu bheil e mar uallach air an riaghaltas Gàidhlig a chur air adhart ann an dòighean nach adhbharaich sgaraidhean. Thuirt iad, ma thèid loidhnichean a tharraing agus cuid a sgìrean ann an Alba a chomharrachadh mar Ghàidhealtachd oifigeil, gum bithear, le sin, ag ràdh gu bheil luchd-labhairt na Gàidhlig a tha a' fuireach sna sgìrean sin nan luchd-labhairt nas cearta agus nas cudromaiche na luchd-labhairt eile ann an Alba. A rèir luchd-freagairt, ma thèid Gàidhealtachd sam bith a stèidheachadh tro phoileasaidhean, feumar sin a dhèanamh a rèir fianais dhearbhte agus ann an co-bhuinn ri coimhearsnachdan Gàidhlig traidiseanta. Mura dèanar sin, dh'fhaodadh gun tèid dearbh-aithne a bhuileachadh air daoine ris nach bi luchd-labhairt na Gàidhlig, ma dh'fhaodte, airson gabhail.

Cuspairean nach robh cho cumanta

Chithear gu h-ìosal puingean eile air an tugadh iomradh fo na ceithir ceistean a thaobh sgìrean Gàidhealtachd.

Iomairtean coimhearsnachd. Bha luchd-freagairt gu mòr dhen bheachd gum faodadh tachartasan coimhearsnachd no cultarach a bhith nam meadhan math airson cothrom a thoirt do dhaoine Gàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh shuidheachaidhean oifigeil. Bu chòir barrachd maoineachaidh is ghoireasan a chur gu feum airson iomairtean fo stiùir choimhearsnachdan gus cleachdadh na Gàidhlig agus adhartas dhan chànan a bhrosnachadh.

A' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan mar Ghàidhealtachd. Chaidh a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan a chomharrachadh mar na prìomh sgìrean Gàidhealtachd. A rèir an luchd-fhreagairt, bu chòir Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a bhith mar an roghainn ghnàthach sna sgìrean sin.

Siostam le ìrean. Thuirt beagan luchd-freagairt gum faodadh gum biodh siostam le ìrean taice feumail gus Gàidhlig a chur air adhart, agus na h-ìrean sin stèidhichte air an àireimh de luchd-labhairt san sgìre. Bhiodh diofar iomairtean a dhìth airson diofar ìrean de luchd-labhairt sna sgìrean. Mar eisimpleir, bhiodh Ìre 1 airson sgìrean far a bheil Gàidhlig ga bruidhinn an-dràsta (Na h-Eileanan Siar, An t-Eilean Sgitheanach), agus bhiodh Ìre 2 airson sgìrean far an robh Gàidhlig ga bruidhinn gu dùthchasach ach far nach eil i a-nis cho cumanta (Earra-Ghàidheal, a' Ghàidhealtachd, agus na h-Eileanan). Bhiodh Ìre 3 airson sgìrean far nach eil mòran a' bruidhinn a' chànain (Meadhan na h-Alba, Siorrachd Obar Dheathain, Lodainn, agus Am Monadh a Deas.

Tha Gàidhealtachd ann mu thràth. Bha beachdan eadar-dhealaichte ann a thaobh stèidheachadh Gàidhealtachd oifigeil. Mhìnich luchd-freagairt gu bheil Gàidhealtachd mu thràth ann an Alba – air sgàth mar a bhuineas am facal ud ann an Gàidhlig na h-Alba gu sònraichte ri sgìre cheann a tuath na dùthcha. Bha cuid eile den bheachd gun robh Gàidhealtachd ri lorg ge be far a bheil luchd-labhairt na Gàidhlig ri lorg. Bha luchd-freagairt eile nàimhdeil ris a' bheachd gun deigheadh Gàidhealtachd a stèidheachadh taobh muigh sgìrean tradaiseanta a' chànain san latha an-diugh – na h-Eileanan Siar, mar eisimpleir. Bha feadhainn eile den bheachd nan deigheadh Gàidhealtachd a chomharrachadh gu h-oifigeil gun lagaicheadh seo inbhe nàiseanta na Gàidhlig is gun dèanadh e sgaradh le luchd-labhairt ann am pàirtean eile de dh'Alba.

Tha am maoineachadh mar a tha e gu leòr. Thuirt luchd-freagairt gun robh pailteas airgid ga chosg air a' Ghàidhlig mu thràth.

2.3 Bòrd na Gàidhlig

2.3.1 An àireamh de fhreagairtean

Tha freagairtean co-cheangailte ri beachdan air Bòrd na Gàidhlig a' gabhail a-steach freagairtean do na ceistean a leanas. Tha an clàr a' sealltainn an àireamh de fhreagairtean a fhuaras airson gach ceist.

Clàr 5: An àireamh de fhreagairtean a thaobh Bhòrd na Gàidhlig
Ceistean mu Bhòrd na Gàidhlig An àireamh fhreagairtean
C8 – A bheil beachdan sam bith agaibh air dleastanasan làithreach Bhòrd na Gàidhlig is molaidhean sam bith air mar a b' urrainn dhaibh seo obrachadh nas èifeachdaiche no buadhmhoire? 451
C9 – A bheil beachdan sam bith agaibh mu atharrachaidhean structair aig Bòrd na Gàidhlig a b' urrainn brosnachadh is taic na Gàidhlig a neartachadh ann an Alba? 390
C10 – A bheil puingean sam bith a bharrachd a bu mhiann leibh dèanamh mun ath-sgrùdadh de ghnìomhan is structar Bhòrd na Gàidhlig a tha airson dèanamh cinnteach gu bheil a' bhuidheann ceannardais is lìonra bhuidhnean as èifeachdaiche aig Alba airson brosnachadh na Gàidhlig? 343

2.3.2 Sùil air brìgh nam freagairtean

Na cuspairean a bu chumanta

Beachdan air na dleastanasan a th' aig Bòrd na Gàidhlig an-dràsta agus molaidhean

1. Tha Bòrd na Gàidhlig feumach air barrachd maoineachaidh gus an obair aca a choileanadh gu buadhach

2. Bu chòir do Bhòrd na Gàidhlig a bhith nas follaisiche agus nas èifeachdaiche nan obair gus a' Ghàidhlig a chur air adhart

3. Bu chòir structair Bhòrd na Gàidhlig mar bhuidhinn ùrachadh le barrachd chumhachdan laghail

4. Bu chòir do Bhòrd na Gàidhlig barrachd co-chonaltraidh a dhèanamh ri coimhearsnachdan

Beachdan air atharraichean air structair Bhòrd na Gàidhlig

1. Bu chòir gun urrainn do Bhòrd na Gàidhlig barrachd buaidhe a thoirt air cùisean a thaobh cho-dhùnaidhean co-cheangailte ri bhith a' cur na Gàidhlig air adhart

2. Bu chòir cunntachalachd a thaobh phlanaichean Gàidhlig a bhith mar aon de na bunaitean do dh'obair na buidhne

Beachdan air an ath-sgrùdadh air dleastanasan agus structair Bhòrd na Gàidhlig

1. Ag obair le buidhnean cudromach, leithid chomhairlean, oilthighean, agus buidhnean-carthannais, gus Planaichean Gàidhlig ùrachadh

2. Barrachd rannsachaidh a choimiseanadh air cho èifeachdach 's a tha buidhnean planadh cànain eile gus sàr dhòighean-obrach a chomharrachadh

Clàr 6: Na freagairtean a bu chumanta a thaobh Bhòrd na Gàidhlig

Ceist 8: A bheil beachdan sam bith agaibh air dleastanasan làithreach Bhòrd na Gàidhlig is molaidhean sam bith air mar a b' urrainn dhaibh seo obrachadh nas èifeachdaiche no buadhmhoire?

Tha Bòrd na Gàidhlig feumach air barrachd maoineachaidh gus an obair aca a choileanadh gu buadhach. Thuirt luchd-freagairt gun robh Bòrd na Gàidhlig feumach air barrachd maoineachaidh is luchd-obrach gus na leanas a chur air adhart gu buadhach: foghlam na Gàidhlig, tachartasan coimhearsnachd, tachartasan is gnìomhachd taobh a-muigh na sgoile, agus seirbheisean poblach le Gàidhlig mar phàirt dhiubh. Thuirt cuid a dhaoine gun robh am buidseat a tha Bòrd na Gàidhlig a' faighinn a' ciallachadh gu bheil e doirbh dhaibh na builean a thathar a' sùileachadh bhuapa agus na dleastanasan aca a choileanadh.

Bu chòir do Bhòrd na Gàidhlig a bhith nas follaisiche agus nas èifeachdaiche nan obair gus a' Ghàidhlig a chur air adhart. Thuirt cuid a luchd-freagairt nach robh fios aca air Bòrd na Gàidhlig agus 'gu bheil mìneachadh nas fharsainge a dhìth air a' bhuidhinn is an obair aca do dhaoine aig nach eil Gàidhlig' (Neach-freagairt # 493). Bha iad a' togail air eisimpleir bhon Chuimrigh; bhruidhinn aon neach-freagairt air mar a dh'fhaodadh Coimiseanair Cànain a bhith ann ris am biodh e an urra dèiligeadh ris an fhiosrachadh cheàrr is mheallta a bhios ga sgaoileadh mu chànanan. Cuideachd, nì iad cinnteach gun cùm daoine ri reachdas a thaobh a bhith a' cleachdadh agus a' cur na Gàidhlig air adhart. Tha an siostam planadh cànain a th' ann an-dràsta, gun chumhachdan co-èigneachaidh èifeachdach, ro 'lag'.

Bu chòir structair Bhòrd na Gàidhlig mar bhuidhinn ùrachadh le barrachd chumhachdan laghail. A bharrachd air cion maoineachaidh agus a bhith neo-fhaicsinneach, dà rud a tha nan cnapan-starra do dh'obair Bhòrd na Gàidhlig, tha mar nach eil cumhachdan laghail a tha làidir gu leòr aig Bòrd na Gàidhlig agus mar nach urrainn dhaibh buaidh gu leòr a thoirt air cùisean a' toirt droch bhuaidh air cliù na buidhne, a rèir luchd-freagairt. Bha luchd-freagairt dhen bheachd gur e aon de na cùisean bu mhotha a bha a' toirt buaidh air planadh na Gàidhlig, nach robh cumhachdan laghail gu leòr aig Bòrd na Gàidhlig airson dèanamh cinnteach gum bi buidhnean is ùghdarrasan ionadail cunntachail a thaobh cleachdadh na Gàidhlig agus a bhith a' cur a' chànain air adhart. Cuideachd, bu chòir dhan riaghaltas na cumhachdan co-èigneachaidh aig Bòrd na Gàidhlig a neartachadh airson phlanaichean Gàidhlig. Bha luchd-freagairt a' smaoineachadh air Bòrd na Gàidhlig mar bhuidhinn chomhairleachaidh aig nach eil cumhachdan ceart gus cùisean atharrachadh.

Thuirt luchd-freagairt eile gun robh iad riaraichte le structair agus dleastanasan Bhòrd na Gàidhlig mar a tha iad. Thuirt iad gum bi a' bhuidheann a' toirt comhairle is taic phroifeiseanta, a thaobh gach cùis co-cheangailte ri Gàidhlig, do Mhinistearan na h-Alba, Riaghaltas na h-Alba, buidhnean nàiseanta is sgìreil, agus taic do choimhearsnachdan Gàidhlig.

Bu chòir do Bhòrd na Gàidhlig barrachd co-chonaltraidh a dhèanamh ri coimhearsnachdan. B' e mar a bu chòir do Bhòrd na Gàidhlig barrachd co-chonaltraidh a dhèanamh ri coimhearsnachdan aon de na cuspairean a bu chudromaiche do dhaoine fon cheist seo. Thuirt luchd-freagairt ged a bha iad mothachail air obair Bhòrd na Gàidhlig, cha robh iad riaraichte leis cho beag co-chonaltraidh a bh' ann ri coimhearsnachdan Gàidhlig. Thuirt aon neach-freagairt 'gu bheil e cudromach gun dèanar cinnteach gum bi Bòrd na Gàidhlig faisg air na coimhearsnachdan far a bheil àireamh nas àirde de luchd-labhairt' (Neach-freagairt # 184). A rèir luchd-freagairt, tha an t-eòlas is fèin-fhiosrachadh a th' aig daoine agus na diofar ghinealaich a thaobh a' chànain agus a' chultair, san fharsaingeachd, fìor phrìseil agus dh'fhaodadh molaidhean feumail a bhith aca air mar a ghabhas Gàidhlig a chur air adhart. Cuideachd, thuirt luchd-freagairt gun robh e cudromach gun deigheadh barrachd oidhirpean a dhèanamh gus beachdan nan coimhearsnachdan Gàidhlig a shireadh feuch am faigheadh iad èisteachd cheart.

Ceist 9: A bheil beachdan sam bith agaibh mu atharrachaidhean structair aig Bòrd na Gàidhlig a b' urrainn brosnachadh is taic na Gàidhlig a neartachadh ann an Alba?

Bu chòir gun urrainn do Bhòrd na Gàidhlig barrachd buaidhe a thoirt air cùisean a thaobh cho-dhùnaidhean co-cheangailte ri bhith a' cur na Gàidhlig air adhart. Bu chòir cumhachdan a bharrachd a bhith aig Bòrd na Gàidhlig gus buaidh a thoirt air cùisean foghlaim. Bu chòir do dh'ùghdarrasan ionadail beachd Bhòrd na Gàidhlig a shireadh nuair a tha iad a' beachdachadh air atharraichean air structairean no atharraichean bunaiteach a thaobh mar a thèid Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a thoirt seachad san sgìre aca. A rèir luchd-freagairt, tha Bòrd na Gàidhlig ag obair gu math taobh a-staigh nan crìochan ùghdarrais aca ach chan eil iad a' dèanamh cinnteach gun tèid Planaichean Gàidhlig is poileasaidhean a chur an sàs. Dh'fhaodadh barrachd cumhachd is buaidhe a bhith ann le bhith a' fastadh oifigearan leasachaidh coimhearsnachd gus sùil a chumail air ìrean coileanaidh.

Bu chòir cunntachalachd a thaobh phlanaichean Gàidhlig a bhith mar aon de na bunaitean do dh'obair na buidhne. Mar phàirt dhen chunntachalachd seo faodar iarraidh air an àireimh as motha as urrainnear de dhiofar bhuidhnean pàirt a ghabhail ann a bhith a' toirt taic do agus leasachadh air cor na Gàidhlig. Air sàillibh mar a bhathar dhen bheachd gu bheil cion cunntachalachd ann agus nach eil planadh no coileanadh èifeachdach ann, bha cuid a luchd-freagairt dhen bheachd gun deach 'milleadh mòr a dhèanamh air cliù' Bhòrd na Gàidhlig, agus ri linn sin gun robh iad air earbsa nan coimhearsnachdan Gàidhlig a chall. Gus dèanamh cinnteach gun tèid Planaichean Gàidhlig is obair co-cheangailte riutha a choileanadh, mhol luchd-freagairt dleastanasan Bhòrd na Gàidhlig a roinn eadar co-dhiù dà bhuidhinn le uallach airson an cànan a chur air adhart, riaghladh, agus co-èigneachadh. Thuirt luchd-freagairt gum biodh e na bu ghlice, 's dòcha, daoine sa choimhearsnachd a chomharrachadh a bheireadh taic do dh'obair Bhòrd na Gàidhlig. Bhruidhinn iad air, mar eisimpleir, Bòrd na Doraig ann an Ear-thuath na h-Alba, a tha ag obair mar bhuidhinn ionadail, agus iad a' sgaoileadh maoineachadh bho thobraichean nàiseanta am measg choimhearsnachdan. Nam biodh leithid a dhòigh-obrach ionadail ann, dh'fhaodadh e dèanamh cinnteach gum biodh iomairtean Gàidhlig fo shealbh nan coimhearsnachdan.

San fharsaingeachd, dh'aontaich luchd-freagairt gun robh barrachd soilleireachd a dhìth airson Bòrd na Gàidhlig, rud a tha fìor chudromach do bhith a' gleidheadh earbsa nan coimhearsnachdan Gàidhlig. Feumaidh Bòrd na Gàidhlig fiosrachadh a sgaoileadh bho chòmhraidhean oifigeil, ceanglaichean a thogail le ùghdarrasan eile, agus maoineachadh a thabhann airson iomairtean coimhearsnachd.

Ceist 10: A bheil puingean sam bith a bharrachd a bu mhiann leibh dèanamh mun ath-sgrùdadh de ghnìomhan is structar Bhòrd na Gàidhlig a tha airson dèanamh cinnteach gu bheil a' bhuidheann ceannardais is lìonra bhuidhnean as èifeachdaiche aig Alba airson brosnachadh na Gàidhlig?

Ag obair le buidhnean cudromach, leithid chomhairlean, oilthighean, agus buidhnean-carthannais, gus Planaichean Gàidhlig ùrachadh. Chuir beagan luchd-freagairt cuideam air mar a dh'fheumas Bòrd na Gàidhlig obrachadh còmhla ri buidhnean eile gus an tèid Gàidhlig a chur air adhart agus Planaichean Gàidhlig a chur an gnìomh ann an dòigh nas èifeachdaiche. Bhathar dhen bheachd gun robh iad ag obair air an ceann fhèin, agus sin a' cur bacadh air mar a choileanadh iad na dleastanasan aca gu ceart. Sgrìobh aon neach-freagairt, 'gum biodh e freagarrach aig an ìre seo barrachd cuideim a chur air co-obrachadh agus sinn ag iarraidh air tòrr a bharrachd bhuidhnean poblach [agus fiù 's buidhnean prìobhaideach] pàirt a ghabhail ann an cùisean agus iad ag obair còmhla ri buidheann leasachaidh Gàidhlig sam bith' (Neach-freagairt # 380).

Barrachd rannsachaidh a choimiseanadh air cho èifeachdach 's a tha buidhnean planadh cànain eile gus sàr dhòighean-obrach a chomharrachadh. Mhol luchd-freagairt gum bu chòir sgrùdaidhean a choimiseanadh gus coimhead air obair agus buaidh bhuidhnean planadh cànain bho air feadh an t-saoghail. Bidh na toraidhean rannsachaidh sin glè fheumail airson poileasaidhean cànain a dhealbh a dh'obraicheadh gu math dhan Ghàidhlig. Gu h-inntinneach, thuirt aon neach-freagairt gum faodadh nach e an cànan as fhaisge air a' Ghàidhlig, Gaeilge ann an Èirinn is mar a tha i ga cleachdadh, an eisimpleir as fheàrr. A rèir an neach sin, tha rannsachadh a' sealltainn gu bheil na h-ìrean coileanaidh, a thaobh sgilean Gaeilge ann am foghlam tro mheadhan na Gaeilge, nas ìsle ann an sgìrean Gaeltacht na tha iad ann an sgìrean eile ann an Èirinn.

Cuspairean nach robh cho cumanta

Chithear gu h-ìosal puingean eile air an tugadh iomradh fo na trì ceistean a thaobh Bhòrd na Gàidhlig.

Cion fios air dleastanasan is structair Bhòrd na Gàidhlig. Thuirt luchd-freagairt gun robh barrachd soilleireachd a dhìth air dleastanasan is obair Bhòrd na Gàidhlig.

Riaraichte le Bòrd na Gàidhlig. Thuirt cuid a luchd-freagairt gun robh iad riaraichte leis an obair dha robh Bòrd na Gàidhlig a' toirt stiùir is taic. A rèir aon neach-freagairt, tha Bòrd na Gàidhlig air a bhith nas fhosgailte dhan phoball, nas fhosgarra agus air barrachd co-chonaltraidh a dhèanamh a thaobh na h-obrach a nì iad airson Gàidhlig.

Mì-riaraichte le Bòrd na Gàidhlig. Thuirt beagan luchd-freagairt nach robh muinntir na Gàidhlig a' cur mòran earbsa ann am Bòrd na Gàidhlig. Bha iad dhen bheachd nach bu chòir dha a bhith mar dhleastanas air Bòrd na Gàidhlig tuilleadh Foghlam Gàidhlig a chur air adhart, thoradh cha tàinig dad susbainteach gu bith ri linn nam planaichean aca airson Gàidhlig a chur air adhart.

Luchd-obrach aig Bòrd na Gàidhlig. A rèir dithis luchd-freagairt, bu chòir luchd-obrach Bhòrd na Gàidhlig a bhith nan luchd-labhairt Gàidhlig òga as urrainn cuideachadh le bhith a' coileanadh nam Planaichean Gàidhlig le lèirsinn agus buaidh.

Beachdan neo-thaiceil a thaobh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, sgìrean Gàidhealtachd agus Bòrd na Gàidhlig

Thug cuid a luchd-freagairt beachdan seachad a bha a' cur sìos air adhartachadh na Gàidhlig agus air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, sgìrean Gàidhealtachd agus Bòrd na Gàidhlig. Chithear gu h-ìosal na cuspairean a chaidh a chomharrachadh san sgrùdadh a rinneadh.

Chan eil Gàidhlig cudromach idir dhan a' mhòr-chuid de dhaoine ann an Alba. Thuirt luchd-freagairt nach eil e gu feum sam bith maoineachadh a chosg air a bhith a' cur na Gàidhlig air adhart oir chan eil daoine ann an Alba a' cleachdadh a' chànain mòran. Bu chòir ceumannan sam bith a chur an sàs ann an sgìrean far a bheil àireamh nas àirde de luchd-labhairt na Gàidhlig. Bhruidhinn aon neach-freagairt mu na draghan aca agus thuirt iad 'cuir prìomhachas air ionnsachadh sna h-àiteachan far a bheil an cànan fhathast ga bruidhinn – Na h-Eileanan Siar, a' Ghàidhealtachd, Glaschu, Dùn Èideann. 'S e strì a th' ann dhuinne ionmhas fhaighinn airson seirbheisean bunaiteach, agus chan eil feum sam bith ann, nam beachd-sa, Gàidhlig a theagasg ann an [ainm ùghdarras ionadail] mar eisimpleir' (Neach-freagairt # 281).

Chan eil taic do luchd-labhairt na Gàidhlig gu feum sam bith. Bha beachdan làidir aig tòrr luchd-freagairt a thaobh mar nach robh an obair gus Gàidhlig a chur air adhart gu feum sam bith. Bha iad dhen bheachd gum biodh e na b' fheàrr an t-airgead a chosg air roinnean eile ann an siostam an fhoghlaim air a bheil barrachd prìomhachais.

Chan eil feum air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. B' e aon de na freagairtean a cumanta nach robh daoine a' cur sùim ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. A rèir luchd-freagairt, ma thathar a' moladh gum bi Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig na roghainn ionnsachaidh ghnàthach, tha sin a' cuideachadh le bhith a' cruthachadh sgaraidhean san dùthaich. Cuideachd, bha iad dhen bheachd gum bu chòir dhan riaghaltas an t-airgead airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a chosg air prìomhachasan nàiseanta eile leithid Foghlam tro mheadhan na Beurla agus cùram slàinte. Thuirt aon neach-freagairt gum faodadh nach eil e na chuideachadh do dhaoine òga a bhith a' cur na Gàidhlig air adhart, oir 'tha e na phrìomhachas ann am foghlam sgilean obrach a thoirt do dhaoine òga, eadar teisteanasan acadaimigeach a bhios a dhìth airson foghlam adhartach no àrd-ìre no sgilean beatha is obrach, chan eil mi a' faicinn mar a chuidicheas Gàidhlig le sin' (Neach-freagairt # 20).

Bu chòir cur às do Bhòrd na Gàidhlig oir chan eil ann ach dòigh airgead poblach a chaitheamh gun fheum. Thuirt àireamh nach beag den luchd-fhreagairt nach bu chòir Gàidhlig a bhith air a sparradh air muinntir na h-Alba mar chànan. Bha iad dhen bheachd gum bu chòir airgead a chosg, an àite air a' Ghàidhlig, air obair gus na sgilean Beurla aig clann is òigridh a leasachadh. Thuirt aon neach-freagairt, 'tha clann a' call chothroman nam beatha air sàillibh nach eilear a' dèanamh cinnteach gu bheil sgilean bunaiteach mar leughadh is sgrìobhadh ann am Beurla aca' (Neach-freagairt # 57).

2.4 Cànan na h-Albais

2.4.1 An àireamh de fhreagairtean

Tha freagairtean co-cheangailte ri beachdan air cànan na h-Albais a' gabhail a-steach freagairtean do na ceistean a leanas. Tha an clàr a' sealltainn an àireamh de fhreagairtean a fhuaras airson gach ceist.

Clàr 7: An àireamh de fhreagairtean a thaobh Cànan na h-Albais
Ceistean mu chànan na h-Albais An àireamh fhreagairtean
C11 – A' smaoineachadh air obair nam prìomh bhuidhnean Albais ainmichte sa phàipear seo – Dè ur beachd air obair nam buidhnean Albais? Ciamar a neartaicheadh is a chuireadh sibh ri obair nam buidhnean seo? 445
C12 – Dè ur beachdan air na h-ath-cheumannan a bu chòir a ghabhail gus taic a thoirt do dh'Albais? 489
C13 – A bheil puingean sam bith a bharrachd ann a bu mhiann leibh a dhèanamh mun ghealladh taic a thoirt do dh'Albais? 424

2.4.2 Sùil air brìgh nam freagairtean

Na cuspairean a bu chumanta

Beachdan air obair nam buidhnean Albais

1. Bu chòir cur às dhan stiogma shòisealta co-cheangailte ri bhith a' cleachdadh Albais.

2. Cion sheirbheisean foghlaim Albais.

3. Barrachd maoineachaidh is chumhachdan laghail mar thaic do dh'Albais.

Na h-ath cheumannan gus taic a thoirt do chànan na h-Albais

1. Bu chòir cànan na h-Albais a bhith air a cleachdadh sna meadhanan àbhaisteach agus ann am beatha làitheil dhaoine.

2. Bu chòir Albais a bhith nas follaisiche agus bu chòir barrachd ghoireasan a bhith ann.

Beachdan air gealladh gus taic a thoirt do chànan na h-Albais

1. Tha barrachd laghan is chumhachan reachdail a dhìth mar thaic fhìor chudromach do chànan na h-Albais.

2. Chan eil geallaidhean gu leòr a thaobh Cànan na h-Albais sa Bhile.

Clàr 8: Na freagairtean a bu chumanta a thaobh Cànan na h-Albais

Ceist 11: A' smaoineachadh air obair nam prìomh bhuidhnean Albais ainmichte sa phàipear seo – Dè ur beachd air obair nam buidhnean Albais? Ciamar a neartaicheadh is a chuireadh sibh ri obair nam buidhnean seo?

Bu chòir cur às dhan stiogma shòisealta co-cheangailte ri bhith a' cleachdadh Albais. Bu chòir an cànan a chur air adhart san aon dòigh sa bheilear a' cur na Gàidhlig air adhart, gus an soirbhich leis a' chànan. Bha luchd-freagairt dhen bheachd gu bheil cànan na h-Albais fhathast a' buntainn ri eachdraidh is dìleab nan sinnsirean aca. Bu chòir cur às do stiogma no beachdan sam bith far a bheil daoine a' cur Albais ann an suarachas an coimeas ris a' Bheurla. Thuirt luchd-freagairt gun robhar riamh a' coimhead air luchd-labhairt na h-Albais mar dhaoine nach robh cho foghlamaichte no cho fiùghail ri luchd-labhairt na Beurla. Thuirt iad gum feumar moladh gun tèid gnàth-riaghailtean cunbhalach a stèidheachadh airson Albais, nì a dh'fhaodadh cur ri dligheachd a' chànain agus cuideachadh le bhith ga dhèanamh nas fhasa an cànan ionnsachadh, fhad 's a thathar a' gleidheadh nòsan is ghnàthasan nan diofar dhualchainntean is dhualchasan Albais.

Cion sheirbheisean foghlaim Albais. Chaidh a ràdh gun deach brìgh is creideas a' chànain a lùghdachadh seach nach eil seirbheisean foghlaim gu leòr ann ann an Albais. Mhol luchd-freagairt gum bu chòir do dh'ùghdarrasan foghlaim taghadh de churraicealaman, an-asgaidh agus le cosgais, a thoirt a-steach le diofar theisteanasan is sheòrsaichean barantais. Thuirt luchd-freagairt cuideachd gun robh feum air Bile nan Cànan Albannach.

Barrachd maoineachaidh is ghoireasan mar thaic do Chànan na h-Albais. Mar a chaidh a ràdh fon chuspair mu dheireadh, bha tòrr luchd-freagairt dhen bheachd gum bu chòir barrachd maoineachaidh a thoirt seachad mar thaic do chànan na h-Albais. Am measg nam molaidhean a bh' aig luchd-freagairt bha luchd-comhairleachaidh airson chànanan dùthchasach fhastadh do dh'Ùghdarrasan Foghlaim Ionadail airson dèanamh cinnteach gun tèid poileasaidhean airson an cànan a chur air adhart a chur an sàs, trèanadh le fiosrachadh mun chànan airson gach tidsear ann an Alba, àrd-bhuidheann a stèidheachadh mar Bhòrd na h-Albais a dh'fhaodadh a bhith mar mheadhan gus fiosrachadh a ghleidheadh is a sgaoileadh, ceangal a dhèanamh ri eòlaichean agus molaidhean, agus buidheann-choileanaidh gus laghan no poileasaidhean Albais sam bith a chur an gnìomh.

Ceist 12: Dè ur beachdan air na h-ath-cheumannan a bu chòir a ghabhail gus taic a thoirt do dh'Albais?

Bu chòir cànan na h-Albais a bhith air a cleachdadh sna meadhanan àbhaisteach agus ann am beatha làitheil dhaoine. Mhol luchd-freagairt gum bu chòir do sgrìobhainnean is stuthan foillsichte oifigeil a bhith rim faotainn ann an Albais. A thaobh foghlam ann an Albais, bu chòir prìomhachas a chur air a bhith a' fighe a' chànain a-steach do churraicealman sgoile is oilthighe agus a bhith a' stèidheachadh dheuchainnean nàiseanta agus seirbheisean foghlaim/cùrsaichean ann an Albais. Feumaidh Albais a bhith na nì gnàthach ann an suidheachaidhean poblach, rianachd, agus proifeiseanta. Cuideachd, bha luchd-freagairt gu làidir dhen bheachd gum bu chòir Albais a chur air adhart sna meadhanan, sna meadhanan sòisealta, agus an lùib naidheachdan a thèid a chraoladh le bhith ga cleachdadh mar chànan gu gnàthach agus tro iomairtean fiosrachaidh airson dèiligeadh ri beachdan ceàrr no meallta a th' ann a thaobh cleachdadh na h-Albais. A thuilleadh air sin, thuirt neach-freagairt gum faodar ionadan roinneil airson Cànan na h-Albais a stèidheachadh, a bhios mar bhun-stèidh do lìonra de cho-òrdanaichean Albais a bhios ag obair còmhla ri sgoiltean is gnothachasan anns gach sgìre, agus iad a' cuideachadh gus adhartas a dhèanamh aig ìre ionadail.

Bu chòir buidhnean Albais a bhith nas follaisiche agus bu chòir barrachd ghoireasan a bhith ann. 'S e aon de na dòighean gus buidhnean Albais agus an cuid obrach a dhèanamh nas follaisiche maoineachadh a thoirt seachad airson ceanglaichean a thogail, agus seiseanan gus fiosrachadh a cho-roinn a chur air dòigh far am bi diofar bhuidhnean a' cruinneachadh airson sàr dhòighean-obrach ionnsachadh bho chèile agus airson feum a dhèanamh dhen eòlas a th' aig luchd-proifeiseanta Cànan na h-Albais. Thuirt luchd-freagairt gu bheil buidhnean Albais buailteach a bhith ag obair air an ceann fhèin agus ann an raointean air nach eil cothrom aig mòran dhaoine taobh a-muigh saoghal acadaimigeach is cultarach a' chànain. Gus cur às do na crìochan sin, tha e deatamach gun tèid dòighean-obrach com-pàirteach a chur an sàs le coimhearsnachdan aig cridhe ghnothaichean.

Ceist 13: A bheil puingean sam bith a bharrachd ann a bu mhiann leibh a dhèanamh mun ghealladh taic a thoirt do dh'Albais?

Tha barrachd laghan is chumhachan reachdail a dhìth mar thaic fhìor chudromach do chànan na h-Albais. Thuirt luchd-freagairt gum feum gnìomhan sam bith a thèid a dhèanamh a thaobh Albais ann am Bile nan Cànan Albannach a bhith ag amas air an ùine fhada, sùbailte, agus freagarrach mar thaic do Chànan na h-Albais. Gus taic a chumail ris na gnìomhan seo, bu chòir dhan Bhile buidheann reachdail a stèidheachadh, mar Bhòrd na h-Albais, ris am bi e an urra ro-innleachd no lèirsinn a dhealbh airson na h-ùine fhada airson phoileasaidhean cànan na h-Albais. Thuirt neach-freagairt gum biodh e buailteach le leithid a bhuidheann 'gun deigheadh na buidhnean Albais a th' ann an-dràsta a thoirt fo a sgèith agus iad ag obair a dh'ionnsaigh amasan coitcheann, bhrosnaicheadh sin co-obrachadh thar roinnean agus barrachd co-chonaltraidh ris a' phoball' (Neach-freagairt # 170).

Chan eil geallaidhean gu leòr a thaobh Cànan na h-Albais sa Bhile. Bu chòir na h-amasan airson Albais a chur air adhart a bhith freagarrach a thaobh nan gnìomhan a tha dhìth. Bu chòir do Bhile nan Cànan Albannach a bhith mar mheadhan air ceumannan practaigeach a ghabhail gus adhartas a dhèanamh airson cor na h-Albais agus na Gàidhlig, agus e a' stèidheachadh àrainneachd rianail, sheasmhach agus phractaigeach gus Albais a thoirt air adhart thar gach raon. Feumaidh amasan nas àirde a bhith ann airson na h-Albais. A rèir luchd-freagairt, feumar tòiseachadh le bhith ga dhèanamh mì-laghail leth-bhreith a dhèanamh air daoine air sàillibh gu bheil iad a' bruidhinn Albais. Tha ceangal ann eadar a bhith a' cur sìos air Albais mar 'mhith-chainnt' agus na h-àireamhan àrda de dhaoine ann an sgìrean Albais a tha gun obair no a tha ann an obair anns nach eilear a' dèanamh làn-fheum de na comasan is sgilean aca. Gus dèiligeadh ri seo, feumaidh an riaghaltas oidhirpean a dhèanamh mar a chithear airson na Gàidhlig. Feumaidh an obair seo a bhith co-òrdanaichte agus feumar barrachd stòrasan a chur gu feum.

Cuspairean nach robh cho cumanta

Chithear gu h-ìosal puingean eile air an tugadh iomradh fo na trì ceistean a thaobh Cànan na h-Albais.

Cho follaiseach 's a tha na buidhnean Albais. Gabhaidh obair nam buidhnean Albais a neartachadh le bhith gan dèanamh nas follaisiche am measg a' mhòr-shluaigh. Cuideachd, gabhaidh cur ri follaiseachd a' chànain is nam buidhnean le bhith a' stèidheachadh Bòrd na h-Albais a bhios air an aon stèidh laghail ri Bòrd na Gàidhlig.

A' toirt aithne do bhuidhnean Albais. Thuirt luchd-freagairt gun robh iad riaraichte le obair nam buidhnean Albais, a tha na buannachd do dhaoine as urrainn, no a tha airson, conaltradh ann an Albais. Tha obair nam buidhnean Albais riatanach do na h-oidhirpean gus cleachdadh, cultar agus foghlam na h-Albais a chur air adhart agus gus aire dhaoine a tharraing thuca.

Co-chonaltradh ri coimhearsnachdan. Thuirt luchd-freagairt gum feum na buidhnean Albais barrachd co-chonaltraidh a dhèanamh ri coimhearsnachdan a tha a' bruidhinn Albais tro cho-chomhairleachaidhean no a bhith a' maoineachadh phròiseactan coimhearsnachd ionadail do theaghlaichean, sgoiltean agus daoine òga.

Com-pàirteachas is co-obrachadh. Thuirt buidhnean a fhreagair gu bheil iad a' cur fàilte air a' chothrom airson obrachadh gu dlùth còmhla ri buidhnean Albais gus planaichean a chur an sàs airson an cànan a chur air adhart. Leis an obair chom-pàirteach seo, ruigear air barrachd dhaoine agus bidh cuibhreannan ùra dhen t-sluagh a' cur barrachd eòlais air Albais.

Tha e riatanach airson adhartachadh na h-Albais gum bi mìneachadh ann air litreachadh coitcheann a' chànain. Coltach ri Gàidhlig, tha feum aig Albais air gnàthachas litreachaidh[1] coitcheann. Feumaidh dòighean-litreachaidh is riaghailtean gràmair aontaichte a bhith ann air adhbharan oifigeil.

Ro-innleachd airson na h-Albais. Feumaidh lèirsinn, le co-aonadh aig a cridhe, agus cinn-uidhe thar ùine-fhada a bhith mar phàirt de ro-innleachd gus Albais a chur air adhart. Bu chòir barrachd chothroman a bhith ann airson co-obrachadh agus airson ruigsinneachd a' chànain a leudachadh, agus le sin thig tuilleadh adhartais. Bu chòir ionnsachadh bho na tha Bòrd na Gàidhlig air a dhèanamh agus bho leasachaidhean reachdail sa Chuimrigh agus ann an Èirinn.

Cion fios aig daoine mu na buidhnean Albais. Cha robh fios aig cuid a luchd-freagairt mu gin de na buidhnean Albais, agus thug sin buaidh air na b' urrainn dhaibh a ràdh mun obair aca.

Beachdan neo-thaiceil a thaobh Cànan na h-Albais

Thug cuid a luchd-freagairt beachdan làidir seachad a thaobh mar nach biodh oidhirpean sam bith a dhèanadh an riaghaltas gus Albais a chur air adhart gu feum sam bith. Chithear na freagairtean aig luchd-freagairt gu h-ìosal.

Cha bu chòir prìomhachas a chur air obair gus Cànan na h-Albais a chur air adhart. Bha tòrr luchd-freagairt a' cur sìos air obair nam buidhnean Albais agus iad ag ràdh gur e 'iomairt phoilitigeach' a bh' ann no 'ceum neo-ghlic air nach eil feum'. Thuirt aon neach-freagairt: 'tha coimhearsnachd bheothail Albais ann mu thràth a tha a' gleidheadh a' chànain agus a' chultair gun feum air taic bhon riaghaltas. Ma nithear oidhirpean gus sin a 'shònrachadh' agus a riaghladh, thèid a thachdadh agus chan fhaigh ach beagan dhaoine aig a bheil com-pàirt phearsanta sa chùis buannachd às' (Neach-freagairt # 358). Bhruidhinn luchd-freagairt air mar a bha cànan na h-Alba a' dol na chùis phoilitigeach.

Cuideachd, bha luchd-freagairt a' moladh am maoineachadh is stòrasan a thathar a' toirt seachad, mu choinneimh amasan an riaghaltais gus Albais a chur air adhart, a thoirt air ais. Bha an dòigh-smaoineachaidh sin stèidhichte air a' bheachd nach eil inbhe bhrìgheil mar chànan oifigeil ann an Alba aig Albais, mar a th' aig Beurla agus Gàidhlig. Thathar ga faicinn mar dhualchainnt de Bheurla seach cànan fa leth.

2.5 Beachdan co-cheangailte ri barrachd air aon chuspair

Sàr dhòighean-obrach gus cànanan a chur adhart. Thuirt beagan luchd-freagairt nan deigheadh sgrùdadh a dhèanamh air sàr dhòighean-obrach gus cànanan a chur air adhart gum faodadh sin cuideachadh le bhith a' dealbh ro-innleachd a dh'fhaodadh a bhith na buannachd do na coimhearsnachdan air a bheil i ag amas. Thug luchd-freagairt iomradh air Èirinn agus mar a tha Gaeltacht aca. Tha sin na eisimpleir sgoinneil de mar a chaidh an fheallsanachd seo a thoirt air adhart agus a chur an sàs gu soirbheachail sa cho-theacsa aca fhèin. Mhol neach-freagairt A' Chuimrigh mar dheagh eisimpleir. Rinn A' Chuimrigh an gnothach air an cànan aca a ghleidheadh gun bhuaidh air 'malairt is ceanglaichean ris an t-saoghal'. Chruthaich Riaghaltas na Cuimrigh Plana Luchd-obrach 10-Bliadhna airson Cuimris ann am Foghlam a tha a' brosnachadh luchd-solair foghlaim gus cùrsaichean is clasaichean a theagasg tro Mheadhan na Cuimris. Tha cumhachan reachdail làidir a dhìth gus Gàidhlig is Albais a chur adhart mar a rinn a' Chuimrigh airson Cuimris. B' e eisimpleir eile a thugadh seachad Coimhearsnachd Fèin-ùghdarrais nam Basgach (CFB). Thuirt aon neach-freagairt, gur ann air sàillibh nan còraichean laghail a fhuair pàrantan, agus an cumhachd a fhuair iad agus na cothroman a bh' aca pàirt a ghabhail sa phròiseas, a tha a' mhòr-chuid de sgoilearan ann an CFB a' dèanamh diofar sheòrsaichean de dh'fhoghlam tro mheadhan na Basgais a-nis.

Cho cudromach 's a tha a' Ghàidhlig is Albais an taca ri chèile. Bha dà fhreagairt ann air cho cudromach 's a tha a' Ghàidhlig is Albais an taca ri chèile. Bha cuid a luchd-freagairt dhen bheachd gun robh an dà chànan a cheart cho cudromach ri chèile. Ma bhios cumhachan reachdail is laghan ann airson na Gàidhlig, feumaidh iad a bhith ann airson na h-Albais cuideachd. Dh'aithnich luchd-freagairt gun deach cor na h-Albais a lagachadh agus gun deach dèiligeadh rithe ann an dòigh fiù 's na bu mhiosa na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan Albannach. 'S ann mu dheidhinn stiogma sòisealta co-cheangailte ri cànanan a tha seo, stiogma far a bheilear a' cur sìos orra an coimeas ri Beurla agus far a bheilear a' cur bacadh air oidhirpean gus an aithneachadh mar chànanan oifigeil ann an Alba. Bha beagan luchd-freagairt dhen bheachd nach bu chòir dìochuimhneachadh buileach mu dheidhinn Albais ann an sgìrean dùthchail na Gàidhlig. Bha an cuibhreann eile de luchd-freagairt ag ràdh, seach nach eil cus ionmhais is stòrasan ann, nam bite a' moladh na stòrasan a roinn eadar an dà chànan gur dòcha nach fhaigheadh fear seach fear dhiubh buannachd às an uair sin. Bha iad dhen bheachd, nam bite a' dèanamh coimeas eadar na dhà gum bu chòir barrachd cuideim a chur air Gàidhlig mar chànan oifigeil ann an Alba.

Barrachd rannsachaidh is cho-chomhairleachaidhean. B' e cuspair cudromach eile a thàinig am bàrr sna freagairtean do bharrachd air aon cheist, gu bheil feum air barrachd rannsachaidh is cho-chomhairleachaidhean coimhearsnachd. Mhol luchd-freagairt gum bu chòir do na h-ùghdarrasan freagarrach barrachd rannsachaidh a choimiseanadh gus coimhead air beachdan phàrantan air FMG gus measadh a dhèanamh air na cothroman a dh'fhaodadh a bhith ann sa gheàrr-ùine is sa mheadhan-ùine gus Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a thoirt seachad.

Thuirt iad cuideachd gu bheil pàirt glè chudromach aig coimhearsnachdan sa phròiseas seo. Feumar èisteachd ris na planaichean aca. A thaobh obair nam buidhnean, bu chòir barrachd co-chomhairleachaidh a dhèanamh gus faicinn dè na goireasan is stòrasan as freagarraiche a th' ann agus as motha a bheir buaidh air seirbheisean is obair adhartachaidh na Gàidhlig is na h-Albais. A thaobh Albais, mhol luchd-freagairt cuideachd seiseanan a chumail gus fiosrachadh a cho-roinn airson cuideachadh le bhith a' togail air deagh chleachdaidhean is eòlas nan coimhearsnachdan ann an dòigh òrdail.

Contact

Email: niall.bartlett@gov.scot

Back to top