Scottish Languages Bill (Gaelic) - Gaelic and Scots commitments: consultation analysis
'S e an sgrìobhann seo mìneachadh bho thaobh muigh an Riaghaltais den cho-chomhairleachadh a chaidh a chumail air Gàidhlig, Albais is Bile nan Cànan Albannach.
Mar Cho-dhùnadh
San sgrùdadh gu h-àrd gheibhear fios air beachdan a' phobaill air ceithir geallaidhean a stèidhich Riaghaltas na h-Alba gus a' Ghàidhlig agus Albais a chur air adhart. Tha measgachadh de bheachdan ann air diofar chuspairean co-cheangailte ri Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, sgìrean Gàidhealtachd, Bòrd na Gàidhlig, agus Cànan na h-Albais. Am measg nan cuspairean a nochd gu tric bha stiogma sòisealta co-cheangailte ri daoine a bhith a' cleachdadh Gàidhlig is Albais nam beatha làitheil, feum air barrachd maoineachaidh agus ghoireasan gus an dà chànan a chur air adhart, agus cumhachan reachdail is laghan nas làidire, gu h-àraidh airson Albais. Air taobh eile nam beachdan a fhuaras, bha beachdan làidir aig cuid a luchd-freagairt a thaobh mar nach robh feum sam bith ann am poileasaidhean no maoineachadh gus Gàidhlig is Albais a chur air adhart, agus iad ag ràdh ma thèid cuideam poilitigeach a chur air na cànanan seo gun adhbharaich sin sgaraidhean sòisealta san dùthaich. Mar cho-dhùnadh, tha beachdan taiceil agus neo-thaiceil a' nochdadh am measg nam freagairtean mu gheallaidhean Riaghaltas na h-Alba gus Gàidhlig is Albais a chur air adhart, le molaidhean soilleir air na bu chòir tachairt a thaobh nan ceithir geallaidhean mar a chithear gu h-àrd.
Contact
Email: niall.bartlett@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback