Bile Seirbheis Nàiseanta a' Chùraim (Alba) Ceistean is Freagairtean – seiseanan conaltraidh

As t-samhradh 2022, chùm sinn na ceithir seiseanan co-chonaltraidh againn air Bile na Seirbheis Cùraim Nàiseanta. Chaidh grunn cheistean a thogail sna seiseanan sin, mar sin tha sinn air ceistean is freagairtean (C is F) ullachadh airson nan ceistean sin


Riaghladh

Dè a’ bhuaidh a bhios aig an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta air Comhairle Sheirbheisean Sòisealta na h-Alba (Scottish Social Services Council - SSSC)? Am bi atharrachaidhean ann an clàradh agus teisteanasan?

  • Leanaidh an SSSC air mar an riaghlaiche proifeiseanta neo-eisimeileach airson luchd-obrach obair shòisealta agus seirbheisean sòisealta ann an Alba. Suidhidh e taobh a-muigh frèam na Seirbheis Cùraim Nàiseanta.
  • Cha bhi mòran buaidh ann. Tha an SSSC an-dràsta a’ dèanamh prògram obrach le luchd-ùidh gus coimhead air na h-eileamaidean den chlàr agus ìrean teisteanais. Gheibhear làn fhiosrachadh air làrach-lìn SSSC.

Am bi Luchd-sgrùdaidh a’ Chùraim fhathast na riaghladair neo-eisimeileach air seirbheisean cùraim na h-Alba?

  • Bidh Luchd-sgrùdaidh a’ Chùraim fhathast na riaghladair neo-eisimeileach airson seirbheisean cùraim na h-Alba. Suidhidh e taobh a-muigh frèam na Seirbheis Cùraim Nàiseanta (ach obraichidh e ann an co-obrachadh leis a thaobh lìbhrigeadh sheirbheisean cùram sòisealta ann an Alba).

Dè an t-eòlas a th' aig Leasachadh Cùram Slàinte na h-Alba (Healthcare Improvement Scotland - HIS) air dachaighean cùraim?

  • Tha cumhachd ùr anns a' Bhile a leigeadh le HIS dreuchd comhairleachaidh clionaigeach a thoirt seachad còmhla ri Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim a thaobh sgrùdaidhean Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim, mar eisimpleir, gus cleachdadh cùram clionaigeach agus comhairle casg is smachd ghalaran a thoirt seachad.
  • Rè a' ghalair lèir-sgaoilte, chaidh dòigh-obrach "cho-rèiteachaidh" a stèidheachadh eadar Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim agus Leasachadh Cùram Slàinte na h-Alba co-cheangailte ris na gnìomhan a tha an Leasachadh Cùram Slàinte na h-Alba a' coileanadh fo Phàirt 5 de dh'Achd 2010. Dh'obraich luchd-obrach Leasachadh Slàinte na h-Alba (HIS) le Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim leis an amas Luchd-sgrùdaidh a Chùraim a chuideachadh le taobhan clionaigeach de sgrùdaidhean air dachaighean cùraim (m.e. ro-chasg agus smachd ghalaran) fo Phàirt 5 de dh'Achd 2010. Thug seo barrachd comas-lìbhrigidh do Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim rè a' ghalair lèir-sgaoilte.
  • Ged nach eil ceistean co-cheangailte ris a' ghalar lèir-sgaoilte ann an dachaighean cùraim cho èiginneach 's a bha iad, tha e cudromach a dh'aindeoin sin nach bi bacadh sam bith aig Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim agus HIS air co-obrachadh ma dh'èireas feum a-rithist san àm ri teachd.

Contact

Email: NationalCareService@gov.scot

Back to top