Bile Seirbheis Nàiseanta a' Chùraim (Alba) Ceistean is Freagairtean – seiseanan conaltraidh

As t-samhradh 2022, chùm sinn na ceithir seiseanan co-chonaltraidh againn air Bile na Seirbheis Cùraim Nàiseanta. Chaidh grunn cheistean a thogail sna seiseanan sin, mar sin tha sinn air ceistean is freagairtean (C is F) ullachadh airson nan ceistean sin


Cunntachalachd agus Dleastanas Ministearan na h-Alba

An dèan Ministearan na h-Alba cinnteach gu pearsanta gu bheilear a' coinneachadh ri feumalachdan agus a' stiùireadh bùird cùraim, neo an e seirbheisich chatharra a bhios a' dèanamh na h-obrach seo?

  • Le bhith a’ stèidheachadh na Seirbheis Cùraim Nàiseanta, is iad Ministearan na h-Alba a bhios cunntachail aig a’ cheann-thall  airson solar cùram sòisealta agus cumaidh iad sùil air an t-siostam gu lèir.

Tha cùram sòisealta air a' Ghàidhealtachd air a stiùireadh le NHS na Gàidhealtachd mar-thà agus mar sin fo stiùireadh ministreil nas dìriche na tha e le Co-bhùird Amalachaidh. A bheil fianais sam bith ann gu bheil lìbhrigeadh cùram sòisealta nas fheàrr air a' Ghàidhealtachd?

  • Ann a bhith a’ cruthachadh na Seirbheis Cùraim Nàiseanta tha sinn airson dèanamh cinnteach gun tog sinn air agus nach cuir sinn bacadh air deagh chleachdadh/adhartas le amalachadh agus leasachadh càileachd cùraim do dhaoine.
  • Cuidichidh an dòigh co-dhealbhachaidh.
  • Cha ghabh coimeas dìreach a dhèanamh eadar am modail le prìomh bhuidheann a chaidh a chleachdadh air a’ Ghàidhealtachd agus na tha sinn a’ moladh tron t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta. Fo na molaidhean againn, bidh taic agus stiùireadh aig ìre nàiseanta airson nam bòrd cùraim ionadail. Bidh an ìre nàiseanta aig an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta a’ cruthachadh inbhean agus stiùireadh, a’ cuideachadh le bhith a’ stiùireadh leasachadh aig ìre nàiseanta, a’ cumail sùil air coileanadh gu h-ionadail; a’ stèidheachadh agus a’ cumail suas frèam airson coimiseanadh beusach; a’ cur an gnìomh siostam gearainean is dìolaidh; agus a bhith a’ toirt taic gu feachd-obrach obair shòisealta agus cùram sòisealta aig ìre nàiseanta a bharrachd air planadh feachd-obrach aig ìre nàiseanta. Mar thoradh air an taic a bharrachd seo bu chòir cùram sòisealta a tha de chàileachd àrd, a tha cunbhalach agus cothromach ann a choinnicheas ri feumalachdan fa leth aig daoine sna coimhearsnachdan aca.

Ma tha ministearan gu bhith os cionn bùird cùraim, am bi iad a' dol a-mach gu roinn a' chùraim gus sgàileachadh-obrach a dhèanamh air diofar dhleastanasan ann an diofar shuidheachaidhean?

  • Bidh Ministearan na h-Alba gu tric a’ tadhal air agus a’ conaltradh gu dìreach ri daoine a tha a’ cleachdadh cùram is taic agus a’ toirt seachad cùram. Leanaidh tursan mar seo agus sinn a’ stèidheachadh na Seirbheis Cùraim Nàiseanta. Tha iad dealasach a thaobh a bhith a’ toirt a-steach daoine le eòlas beatha ann an dealbhadh agus cruthachadh na Seirbheis Cùraim Nàiseanta.
  • Bidh bùird cùraim ionadail na Seirbheis Cùraim Nàiseanta cuideachd a’ conaltradh gu dìreach ri daoine a bhios a’ cleachdadh sheirbheisean agus gan toirt seachad. Is e an lèirsinn againn airson na Seirbheis Cùraim Nàiseanta gum bi seirbheisean cùraim ionadail air an dealbhadh air stèidh co-dhealbhachaidh, a’ dèanamh cinnteach gu bheil an fheadhainn aig a bheil eòlas air an t-siostam an sàs anns na co-dhùnaidhean gus a lìbhrigeadh.

Ciamar as urrainn dhuinn dèanamh cinnteach gum bi an t-Seirbheis Cùraim Nàiseanta air a ruith nas fheàrr na Seirbheis Nàiseanta na Slàinte, a tha na bùrach an-dràsta?

  • Tha na bliadhnaichean bho ghalar lèir-sgaoilte Covid air a bhith air leth dùbhlanach dhan t-siostam NHS agus cùram sòisealta againn, a tha air cumail orra a' lìbhrigeadh sheirbheisean a dh'aindeoin an dà chuid iarrtas nas motha agus iarrtas a tha air càrnadh suas, agus buaidh diofar thuinn ioma-ghnèitheach de ghalaran Covid agus de dh'fheum air cùram ospadail.
  • Tron àm gun samhail seo, tha Riaghaltas na h-Alba agus luchd-obrach Seirbheis Nàiseanta na Slàinte air a bhith ag obair gu cruaidh gus cumail orra a' lìbhrigeadh sheirbheisean agus gus dèanamh cinnteach gum faigh daoine cothrom air a' chùram a tha a dhìth orra.
  • Tha Plana Ath-shlànachaidh NHS Riaghaltas na h-Alba a' stiùireadh ath-bheothachadh bhon ghalar-lèir sgaoilte agus tha e a' cur an cèill nam planaichean againn airson slàinte is cùram thairis air an ath chòig bliadhna. Le maoineachadh de chòrr is £1bn, tha am plana a' gabhail a-steach cùram euslainteach a-staigh, cùisean-latha, agus cùram euslainteach a-muigh agus buileachadh leasachaidhean seasmhach agus modailean cùraim ùra.
  • Aig an àm seo, tha sinn ag obair air na molaidhean againn air mar a dh’obraicheas an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta. Far an gabh sin dèanamh, tha sinn a’ dèanamh sin air stèidh co-dhealbhachaidh le daoine a bhios a’ cleachdadh sheirbheisean agus gan lìbhrigeadh, agus sinn cuideachd ag obair gu dlùth le com-pàirtichean lìbhrigidh gus feum a dhèanamh air an eòlas aca.
  • Tha sinn a’ cleachdadh na dòigh-obrach seo gus dèanamh cinnteach gu bheil na daoine aig a bheil eòlas beatha air seirbheisean cùraim comasach air am beachdan a thoirt seachad agus air cur ri dealbhadh na Seirbheis Cùraim Nàiseanta, agus mar sin nì sinn cinnteach gu bheil an siostam air a dhealbhadh a rèir am feumalachdan.

Cò a bhios mar sholaraichaichean mur eil roghainn sam bith eile ann ma thèid rudeigin ceàrr ma tha seirbheisean air an gluasad a-mach à smachd an ùghdarrais ionadail?

  • Tha sinn a’ co-dhealbhadh na Seirbheis Cùraim Nàiseanta gus dèanamh cinnteach gu bheil dòighean làidir an sàs gun fhios nach tèid cùisean ceàrr. Ma dh’fhailicheas solaraiche san roinn shaor-thoilich no san roinn phrìobhaidich, bidh cumhachd aig bùird cùraim a dhol a-steach dhan chùis agus ruith na seirbheis a ghabhail thairis, mar as urrainn ùghdarrasan ionadail dèanamh an-dràsta.
  • Tha Bile na Seirbheis Cùraim Nàiseanta a’ toirt chumhachdan do Mhinistearan na h-Alba a dhol an sàs ann an suidheachaidhean èiginneach no far a bheil fàilligeadh ann an seirbheis gus buidheann no ùghdarras poblach eile fhastadh gus an t-seirbheis sin a sholarachadh no a ghluasad gu bòrd cùraim ionadail eile.
  • Tha ullachadh ann am Bile na Seirbheis Cùraim Nàiseanta gum faod Ministearan na h-Alba tagradh a dhèanamh airson òrdugh eadar-theachd èiginneach ma tha iad den bheachd nach eil solaraiche seirbheis a’ coileanadh ìre iomchaidh.

Am bi e comasach do Mhinistearan na h-Alba togalaichean ùghdarrasan ionadail a cheannach gus seirbheisean a chumail a' dol? Carson a tha am Bile a' toirt chumhachd do mhinistearan luchd-obrach, togalaichean is nithean eile a thoirt air falbh bho chomhairlean?

  • Thèid mion-fhiosrachadh air mar a thèid seirbheisean a lìbhrigeadh aig ìre ionadail a cho-dhealbhadh.
  • Tha ullachadh ann am Bile na Seirbheis Cùraim Nàiseanta gus luchd-obrach agus togalaichean a ghluasad chun na Seirbheis Cùraim Nàiseanta, ma bhios sin a dhìth. Rachadh tar-ghluasad sam bith gus sin a dhèanamh gu faiceallach agus gu cothromach gus am biodh an seansa cho beag ’s a ghabhas gum biodh briseadh sam bith ann do na daoine a tha a’ faighinn agus a’ toirt seachad sheirbheisean.
  • Bidh riaghaltas ionadail na phrìomh chom-pàirtiche sa phròiseas co-dhealbhachaidh seo.

Chan eil meadhanachadh air a bhith soirbheachail airson seirbheisean Poileis is Smàlaidh. Am bi am meadhanachadh seo eadar-dhealaichte agus ma bhitheas, ciamar?

  • Chan e meadhanachadh an t-amas.
  • Tha sinn a' dealbhadh siostam far am bi bùird cùraim ionadail, ag obair le daoine le eòlas beatha, gus seirbheisean cùraim a dhealbhadh agus a lìbhrigeadh.
  • Cuiridh stiùireadh agus frèaman-obrach nàiseanta leasachadh air adhart air feadh na h-Alba gus am bi seirbheisean slàinte agus cùram sòisealta coimhearsnachd àrd-inbhe cunbhalach, agus cothromach air feadh na h-Alba a choileanas feumalachdan dhaoine.
  • Aig an ìre nàiseanta, stèidhichidh agus cumaidh seo: frèam airson coimiseanadh beusach; cuiridh seo an gnìomh siostam gearain is dìolaidh; agus bheir e taic dhan sgioba-obrach obair shòisealta agus cùram sòisealta aig ìre nàiseanta. Bidh e na phrìomhachas dhaibh a bhith ag obair le agus a' toirt taic do bhùird cùraim ionadail agus a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil deagh chleachdadh air a chomharrachadh agus air a cho-roinn air feadh na h-Alba ann an dòigh èifeachdach.
  • Tha sinn airson co-dhealbhadh agus co-chomhairleachadh farsaing a dhèanamh le luchd-ùidh mun dòigh as fheàrr gus an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta a sholarachadh a lìbhrigeas an dà chuid cunbhalachd nàiseanta agus sùbailteachd ionadail.
  • Tha riaghaltas ionadail na chom-pàirtiche cudromach ann a bhith a' lìbhrigeadh cùram sòisealta an-dràsta agus leanaidh seo nuair bhios sinn a' cruthachadh dhòighean ùra gus cùram nas fheàrr a lìbhrigeadh air feadh na dùthcha.

Contact

Email: NationalCareService@gov.scot

Back to top