Bile Seirbheis Nàiseanta a' Chùraim (Alba) Ceistean is Freagairtean – seiseanan conaltraidh
As t-samhradh 2022, chùm sinn na ceithir seiseanan co-chonaltraidh againn air Bile na Seirbheis Cùraim Nàiseanta. Chaidh grunn cheistean a thogail sna seiseanan sin, mar sin tha sinn air ceistean is freagairtean (C is F) ullachadh airson nan ceistean sin
A' toirt piseach air seirbheisean
Dè thachras do Thaic is Dìon Inbheach fon t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta?
- Tha Taic agus Dìon Inbheach na pàirt deatamach de phròiseasan slàinte, obair shòisealta agus cùram sòisealta. Mas e is gun tèid an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta a chruthachadh, dh’fheumamaid dèanamh cinnteach gun tèid atharraichean a dhèanamh air Achd Taic agus Dìon Inbheach (Alba) gus an urrainn do dh’inbhich a tha ann an cunnart bho chron cumail orra a’ faighinn làn thaic agus dìon taobh a-staigh an fhrèama ùir a rachadh a chruthachadh.
- Bidh lìonraidhean Taic agus Dìon Inbheach agus luchd-ùidh ag obair gu dlùth le chèile gus dèanamh cinnteach gum bi seirbheisean agus modhan-obrach a’ sìor leasachadh, tro fhèin-luachadh; trèanadh; a’ co-roinn deagh chleachdadh is ionnsachadh, agus a’ gabhail pàirt ann am fòraman is lìonraidhean nàiseanta.
Ciamar a nì an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta cinnteach gum faigh a h-uile duine an roghainn solaraiche aca fhèin?
- Tha am feum air dòigh-obrach stèidhichte air an neach dhaibhsan uile a tha a’ sireadh cùram is taic bhon t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta na phrìomh phrionnsapal san obair againn, agus tha roghainnean mu chùram is taic na leudachadh air seo.
- Tha sinn an dùil gum bi seo soilleir san obair cho-dhealbhachaidh againn agus gum bi an conaltradh seo ro-chudromach, tro obair leithid Cairt Chòraichean, ann a bhith a’ stèidheachadh prionnsapalan thar gach suidheachadh a bheir comas do gach neach a tha a’ sireadh cùram is taic gus an cùram agus an taic as iomchaidh dhaibh a thaghadh.
Dè ur beachd a thaobh ro-chasg agus eadar-theachd tràth? An ann mu dheidhinn lìbhrigeadh seirbheis a-mhàin a tha an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta agus a bheil na dòighean a thaobh ro-casg a’ suidhe ann an àiteachan eile?
- Fon t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta, thèid prìomhachas a thoirt do ro-chasg gus dèanamh cinnteach gun urrainn do dhaoine gluasad gu rèidh eadar diofar sheòrsaichean cùraim agus taic mar a bhios na feumalachdan aca ag atharrachadh.
- Bidh pròiseas co-dhealbhachaidh ann gus roghainnean a sgrùdadh gus eadar-theachd thràth agus ro-chasg a bhrosnachadh.
- Tha am meòrachan Poileasaidh a tha an cois a’ Bhile ga dhèanamh soilleir gum feum plana ro-innleachdail a bhith a’ nochdadh phrionnsapalan na Seirbheis Cùraim Nàiseanta agus is e aon dhiubh sin gum bi seirbheisean a tha an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta a’ toirt seachad stèidhichte air eadar-theachdan tràth a chuireas ro-chasg no dàil air leasachadh feumalachdan cùraim agus a lùghdaicheas feumalachdan cùraim a tha ann mar-thà.
Tha gainnead bhuidhnean cùraim is taice agus Luchd-cuideachaidh Pearsanta ann an-dràsta air feadh na h-Alba. A bheil gealltanas ann a bhith a’ cumail taic ri barrachd roghainnean cùraim is taice do choimhearsnachdan?
- Tha rùn aig Riaghaltas na h-Alba piseach a thoirt air cùram agus taic air feadh na h-Alba. Tha am Prògram Taic san t-Slighe cheart (Support in the Right Direction - SiRD) air a lìbhrigeadh tro aontaidhean com-pàirteachais le buidhnean san treas roinn anns gach tè de na 32 sgìrean ùghdarras ionadail ann an Alba. Tha na buidhnean com-pàirteachais a’ toirt tagradh neo-eisimeileach do dhaoine agus an luchd-cùraim mu chùram sòisealta agus Taic Fèin-stiùirichte sna sgìrean ionadail aca.
- Chaidh sgioba ùr le fòcas air Leasachadh Taic Fèin-stiùirichte a stèidheachadh le fòcas bunaiteach air ath-sgrùdadh a dhèanamh air an Stiùireadh Reachdail làithreach.
- Chaidh Bòrd a’ Phrògraim PA (Luchd-taic Pearsanta - Personal Assistants) a stèidheachadh ann an 2021 gus làn thuigse a thoirt air na cùisean nas fharsaingeachd a tha a’ toirt buaidh air PAan a’ gabhail a-steach fastadh agus plana obrach a chruthachadh a tha a’ mìneachadh nan amasan agus builean a tha riatanach gus làn aithneachadh a thoirt dhaibh mar phàirt den fheachd-obrach cùram sòisealta.
- Tha cho-obrachadh a’ dol air adhart a-nis a bheir taic do leasachaidhean airson feachd-obrach nam PA.
Contact
Email: NationalCareService@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback