Bile Seirbheis Nàiseanta a' Chùraim (Alba) Ceistean is Freagairtean – seiseanan conaltraidh
As t-samhradh 2022, chùm sinn na ceithir seiseanan co-chonaltraidh againn air Bile na Seirbheis Cùraim Nàiseanta. Chaidh grunn cheistean a thogail sna seiseanan sin, mar sin tha sinn air ceistean is freagairtean (C is F) ullachadh airson nan ceistean sin
Feachd-obrach agus Obair Chothromach
Ciamar a nì thu cinnteach gu bheil obair chothromach mar phàirt den t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta? An atharraich na teirmichean is cumhaichean agam ma tha mi air m’ fhastadh leis an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta?
- Tha dealas fad-ùine aig Riaghaltas na h-Alba do phrionnsabalan Obair Chothromach airson roinn a’ chùraim shòisealta. Tha sinn làn dhealasach mu bhith a’ toirt piseach air obair luchd-obrach cùram sòisealta agus sinn ag aithneachadh agus a’ cur luach air an obair a tha iad a’ dèanamh. Tron t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta, tha sinn gu bhith a’ leantainn air adhart a’ cur ri pàigheadh agus teirmean is cumhaichean do luchd-obrach tro bhith a’ toirt a-steach barganachadh pàighidh nàiseanta airson na roinne. Ach chan fheith sinn gus an tèid an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta a stèidheachadh mus gabh sinn ceuman a dh’ionnsaigh seo.
- Anns a’ Ghiblean am-bliadhna, chaidh a’ bun-ìre san uair airson an fheadhainn a tha a’ toirt seachad cùram sòisealta inbheach dìreach suas gu £10.50 san uair.
Dè na h-ullachaidhean a bhios ann airson Slat-tomhais / Measadh Obrach mar phàirt de phròiseas TUPE no pròiseas sam bith eile, airson luchd-obrach ùghdarrasan ionadail a’ gluasad a-null chun na Seirbheis Cùraim Nàiseanta?
- Chan eil e cinnteach an tèid co-dhùnadh gum feum luchd-obrach cùram sòisealta an cosnadh a ghluasad bho riaghaltas ionadail chun na Seirbheis Cùraim Nàiseanta. A rèir builean bho dheasbad, co-dhealbhadh agus aontaidhean ionadail, faodaidh ùghdarrasan ionadail cumail orra a’ toirt seachad seirbheisean air an coimiseanadh le bùird cùraim ionadail, no faodaidh na seirbheisean agus an luchd-obrach sin gluasad gu bhith air an solarachadh gu dìreach leis a’ bhòrd cùraim ionadail.
Carson nach tèid an fheadhainn a tha air am fastadh leis an NHS a ghluasad chun na Seirbheis Cùraim Nàiseanta, ach gun tèid an fheadhainn a tha air am fastadh le ùghdarrasan ionadail a ghluasad?
- Tha Bùird Slàinte cunntachail do Mhinistearan na h-Alba mar-thà, agus thathar an dùil gun lean iad orra a’ toirt seachad seirbheisean slàinte a tha air an coimiseanadh le bùird cùraim ionadail. Tha seo eadar-dhealaichte bhon t-suidheachadh a thaobh taic cùram sòisealta, far a bheil am Bile a’ moladh cunntachalachd a ghluasad bho ùghdarrasan ionadail gu Ministearan na h-Alba.
Ciamar a dhèiligeas an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta ri ceistean a thaobh stòrasan?
- Chaidh Ro-innleachd Nàiseanta Luchd-obrach Riaghaltas na h-Alba airson Slàinte is Cùram Sòisealta fhoillseachadh air 11 Màrt. Tha an Ro-innleachd a’ coimhead air slighe an luchd-obrach air fad agus mar as urrainn dhuinn a bhith a’ planadh, a’ tàladh, a’ trèanadh, a’ fastadh agus ag àrach an Sgioba-obrach Slàinte is Cùram Sòisealta againn. Tha sinn air a bhith ag obair ann an com-pàirteachas le ar co-luchd-dèanaimh COSLA agus air a dhol an sàs gu mòr le luchd-ùidh bho air feadh Slàinte is Cùram Sòisealta gus an Ro-innleachd a chruthachadh. Tha an Ro-innleachd a’ mìneachadh ar lèirsinn cho-roinnte airson an luchd-obrach – sgioba-obrach seasmhach, sgileil le roghainnean dreuchdail tarraingeach far a bheil spèis agus luach gan toirt dhan a h-uile duine airson na h-obrach a bhios iad a’ dèanamh.
Ciamar a nithear cinnteach gum bi trèanadh agus leasachadh ann airson luchd-obrach cùram sòisealta?
- Chaidh am Frèam Inntrigidh Nàiseanta airson luchd-inntrigidh ùra gu cùram sòisealta a chur air bhog na bu thràithe am-bliadhna, agus tha stuthan rim faighinn air làrach-lìn Comhairle Seirbheisean Sòisealta na h-Alba. Tha barrachd obrach a’ dol air adhart gus na stuthan sin a leasachadh agus a leudachadh gus frèam inntrigidh làidir a thabhann dhan luchd-obrach cùram sòisealta air fad, ag obair ann an diofar àrainneachdan. A bharrachd air seo, bidh sinn ag obair le sgoiltean, colaistean agus ann an com-pàirteachas le Comhairle Seirbheisean Sòisealta na h-Alba agus Foghlam NHS na h-Alba gus slighean dreuchdail a chruthachadh agus ionnsachadh agus leasachadh àrdachadh do cho-obraichean a tha ag obair ann an cùram sòisealta inbheach. Tha sinn a’ gabhail cheumannan gus piseach a thoirt air cumhaichean agus gus tasgadh ann an àrdachadh sgilean agus trèanadh dhan fheachd-obrach cùram sòisealta. Tha seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ cruthachadh bun-phreantasachdan, nua-phreantasachdan agus goireasan dhaibhsan a tha a’ toirt seachad comhairle mu dhreuchdan. Anns a’ mheadhan-ùine ag obair le sgoiltean, colaistean agus com-pàirtichean, cruthaichidh sinn slighean dreuchdail taobh a-staigh seirbheisean sòisealta agus eadar seirbheisean sòisealta agus slàinte, tro theisteanas amalaichte a chuireas ri tarraingeachd na roinne agus a bheir slighean soilleir seachad airson adhartas dreuchdail agus leasachadh sgilean agus cleachdadh adhartach.
Dè a nì an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta gus tarraingeachd, agus ìomhaigh, obair ann an roinn a’ chùraim a leasachadh?
- Tha an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta ag amas air feachd-obrach sheasmhach, sgileil a bhith aice le roghainnean dreuchdail tarraingeach agus obair chothromach far a bheil spèis agus luach ga thoirt dhan a h-uile duine airson na h-obrach a bhios iad a’ dèanamh. Tha obair air tòiseachadh mar-thà gus tasgadh a dhèanamh ann an àrdachadh sgilean agus trèanadh luchd-obrach cùram sòisealta. Tha seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ togail mothachaidh air bun-phreantasachdan agus nua-phreantasachdan.
Contact
Email: NationalCareService@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback