Bile Seirbheis Nàiseanta a' Chùraim (Alba) Ceistean is Freagairtean – seiseanan conaltraidh
As t-samhradh 2022, chùm sinn na ceithir seiseanan co-chonaltraidh againn air Bile na Seirbheis Cùraim Nàiseanta. Chaidh grunn cheistean a thogail sna seiseanan sin, mar sin tha sinn air ceistean is freagairtean (C is F) ullachadh airson nan ceistean sin
Structaran Ionadail
Bùird cùraim: dè a th' annta agus am bi iad air am filleadh a-steach?
- Dh’aithris an Lèirmheas Neo-eisimeileach air Cùram Sòisealta nan Inbheach agus Sgrùdadh Alba nach eil na dòighean-obrach a th’ ann an-dràsta air na leasachaidhean a choileanadh ris an robhar an dùil tro amalachadh cùram slàinte is sòisealta a thoirt gu buil agus mhol iad An t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta a chruthachadh.
- Thathar a' moladh gum bi uallach air na bùird cùraim airson dealbhadh agus lìbhrigeadh ghnìomhan slàinte coimhearsnachd, obair shòisealta agus cùram sòisealta aig ìre ionadail.
- Leasaichidh bùird cùraim ionadail taic do dhaoine aig ìre ionadail agus nàiseanta agus iad ag obair còmhla mar phàirt den t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta agus leis an NHS, ùghdarrasan ionadail, an treas roinn agus an roinn neo-eisimeileach.
- Tro cho-dhealbhadh beachdaichidh sinn air an dòigh as fheàrr gus dèanamh cinnteach gum bi co-obrachadh èifeachdach ann le seirbheisean eile leithid taigheadas, foghlam, agus obair poileis leis an fheadhainn aig a bheil eòlas beatha agus le luchd-ùidh.
Dè thachras do na Co-Bhùird Amalaichte (IJBan) agus Com-pàirteachasan Slàinte is Cùram Sòisealta (HSCPan)?
- Bidh uallach air na bùird cùraim airson gnìomhan cùram sòisealta a tha an urra ri ùghdarrasan ionadail aig an àm seo, agus bidh uallach orra cuideachd gus seirbheisean slàinte coimhearsnachd a phlanadh agus a choimiseanadh.
- Tha sinn airson co-dhealbhadh agus co-chomhairleachadh farsaing a dhèanamh le com-pàirtichean agus luchd-ùidh mun dòigh as fheàrr gus an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta a sholarachadh a lìbhrigeas an dà chuid cunbhalachd nàiseanta agus sùbailteachd ionadail.
- Bidh buaidh aig na molaidhean air HSCPan air am bi sinn airson obrachadh troimhe mar phàirt den phròiseas co-dhealbhachaidh agus ann an co-chomhairle le buidhnean com-pàirteachais.
- Bidh bùird cùraim nan eadar-aghaidhean ùra eadar an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta aig ìre nàiseanta, luchd-co-dhùnaidh ionadail agus na sgiobaidhean a lìbhrigeas foincseanan amalaichte. Thèid an dòigh anns a bheilear a’ lìbhrigeadh sheirbheisean san àm ri teachd a chruthachadh tro co-dhealbhachaidh agus co-chomhairleachadh a bharrachd.
- Aig ìre nàiseanta stèidhichidh an t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta cunbhalachd càileachd agus ruigsinneachd air cùram sòisealta air feadh na dùthcha. Suidhichidh e an ro-innleachd agus an stiùireadh a’ gabhail a-steach coimiseanadh beusach agus Obair Chothromach.
- Aig ìre ionadail bidh dleastanas agus sùbailteachd aig bùird-cùraim seirbheisean a phlanadh, a dhealbhadh agus a choimiseanadh gu h-ionadail gus coinneachadh ri feumalachdan na coimhearsnachd aca le taic bho dhaoine le eòlas beatha.
- Bheachdaich Riaghaltas na h-Alba air grunn roghainnean eile a tha air am mìneachadh anns a' mheòrachan poileasaidh. Tha sinn misneachail gun tog bùird cùraim air na h-eileamaidean soirbheachail de dh'amalachadh agus aig an aon àm gum bithear a' gluasad cunntachalachd airson cùram sòisealta do Mhinistearan na h-Alba a rèir iarrtas muinntir na h-Alba.
- Tha e na phrìomhachas a bhith a' faighinn a' chothromachaidh cheart eadar a bhith a' daingneachadh cunbhalachd nàiseanta càileachd seirbheis, agus sùbailteachd ionadail gus dèiligeadh ri diofar shuidheachaidhean.
- Tha riaghaltas ionadail na chom-pàirtiche cudromach ann a bhith a' lìbhrigeadh cùram sòisealta an-dràsta agus leanaidh seo nuair bhios sinn a' cruthachadh dhòighean ùra gus cùram nas fheàrr a lìbhrigeadh air feadh na dùthcha.
Ciamar a bhios daoine air am fastadh le bùird cùraim?
- Is e am moladh gum bi na buidseatan aca fhèin aig bùird cùraim, gum bi comas aca an luchd-obrach aca fhèin fhastadh agus gum bi iad cunntachail gu dìreach do mhinistearan.
- Tha ullachadh ann am Bile na Seirbheis Cùraim Nàiseanta gum bi e comasach do Mhinistearan na h-Alba tuarastal agus cuibhreannan a phàigheadh do bhuill bùird cùraim.
- Bidh sinn a’ co-dhealbhadh mion-fhiosrachadh na Seirbheis Cùraim Nàiseanta gus an sgòp deireannach, dleastanasan, gnìomh, structaran riaghlaidh, àireamhan, sgìre cruinn-eòlasach, nàdar, agus ballrachd bùird cùraim a chur air dòigh a bharrachd air beachdachadh air mar as urrainn dhuinn co-obrachadh a mheudachadh le buidhnean poblach eile.
Ciamar a thèid bùird cùraim a mhaoineachadh?
- Chaidh Meòrachan Ionmhais fhoillseachadh an cois a’ Bhile a tha a’ mìneachadh an raon chosgaisean a dh’fhaodadh a bhith an lùib na Seirbheis Cùraim Nàiseanta.
- Thug Ministearan na h-Alba seachad gealltanas manifesto gun rachadh caiteachas cùram sòisealta àrdachadh 25% thairis air beatha na Pàrlamaid, a’ ciallachadh gum biodh co-dhiù £840 millean de thasgadh a bharrachd ann. Bheir seo taic do dh’fharsaingeachd de thasgadh a’ gabhail a-steach raointean a bhios a’ gluasad a dh’ionnsaigh na Seirbheis Cùraim Nàiseanta. Tha an tasgadh a bharrachd ann an cùram sòisealta co-cheangailte ri farsaingeachd de raointean a’ gabhail a-steach sgioba-obrach, molaidhean an Lèirmheis Neo-eisimeileach, àrdachadh leantainneach air iarrtas agus gluasad a dh’ionnsaigh na Seirbheis Cùraim Nàiseanta.
Ciamar a nìthear cinnteach gun obraich bùird cùraim gu math anns na h-Eileanan?
- Chaidh Measadh Buaidh Co-ionannachd nan Eilean fhoillseachadh san Ògmhios agus tha e ag aithneachadh nan suidheachaidhean sònraichte a tha mu choinneamh nan coimhearsnachdan Eileanach againn.
- Tha Riaghaltas na h-Alba air gealltainn pròiseas co-dhealbhachaidh a chumail le luchd-ùidh a' gabhail a-steach eòlas beatha dhaoine, solaraichean seirbheis agus luchd-obrach slàinte is cùram sòisealta gus dèanamh cinnteach gun tèid bùird-cùraim a dhealbhadh agus a lìbhrigeadh. Bidh seo a' gabhail a-steach co-chomhairleachadh le riochdairean bho Choimhearsnachdan nan Eilean mun dòigh-obrach as fheàrr.
Ciamar a dh'obraicheas ballrachd, raon-ùghdarrais agus riaghladh nam bòrd cùraim?
- Tha beagan ullachaidhean ann am Bile na Seirbheis Cùraim Nàiseanta a tha a’ buntainn ri bùird cùraim, ach tha ullachadh ann gun tèid na bùird cùraim a stèidheachadh tro dàrna reachdas, nach gabh a thoirt air adhart ach gus an tèid am Bile aontachadh.
- Thèid am mion-fhiosrachadh gus an sgòp, na dleastanasan, foincseanan, structaran riaghlaidh, àireamhan, sgìrean cruinn-eòlasach, agus ballrachd bùird cùraim a chruthachadh tro cho-dhealbhadh.
- Thèid seo a neartachadh le còmhraidhean mu mar as urrainn dhuinn co-obrachadh le buidhnean poblach eile a mheudachadh.
- Bidh e na phrìomhachas dèanamh cinnteach gu bheil na bùird air an stèidheachadh ann an dòigh gus an urrainn dhaibh seirbheisean àrd-inbhe a lìbhrigeadh a tha a rèir suidheachaidhean ionadail.
Am bi bùird cùraim a' riaghladh rèiteachaidhean cùmhnant aig Dotairean Teaghlaich?
- Às dèidh co-chomhairle air moladh an Lèirmheas Neo-eisimeileach air Cùram Sòisealta nan Inbheach, tha Riaghaltas na h-Alba air co-dhùnadh gum bi Bùird Slàinte NHS fhathast a' cumail chùmhnantan dotairean teaghlaich.
- Chan eil sinn a' moladh atharrachadh sam bith a dhèanamh air rèiteachaidhean cùmhnant aig luchd-cunnraidh neo-eisimeileach eile (leithid fiaclairean, cungadairean coimhearsnachd is msaa).
Contact
Email: NationalCareService@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback