Bile Seirbheis Nàiseanta a' Chùraim (Alba) Ceistean is Freagairtean – seiseanan conaltraidh

As t-samhradh 2022, chùm sinn na ceithir seiseanan co-chonaltraidh againn air Bile na Seirbheis Cùraim Nàiseanta. Chaidh grunn cheistean a thogail sna seiseanan sin, mar sin tha sinn air ceistean is freagairtean (C is F) ullachadh airson nan ceistean sin


Còraichean air foisean airson luchd-cùraim

Ciamar a nì sinn cinnteach gum faigh a h-uile neach-cùraim fois? Dè mu dheidhinn luchd-cùraim òga?

  • Tha e mar dhleastanas air ùghdarrasan ionadail aig an àm seo measgachadh de sholarachadh saor-làithean a bhrosnachadh anns na sgìrean aca agus tha sinn a’ maoineachadh Cùram Co-roinnte na h-Alba agus Leasachadh Cùram Slàinte na h-Alba gus an cuideachadh agus deagh chleachdadh a cho-roinn. Tha sinn cuideachd air Maoin nan Saor-làithean Goirid dhan roinn shaor-thoileach a leudachadh bho £3m gu £5m ann an 2022-23. Tha sinn a’ bruidhinn ris an luchd-ùidh sin agus le luchd-ùidh eile mu dè a bharrachd a ghabhas dèanamh gus cur ri comas-lìbhrigidh. Bheir Bile na Seirbheis Cùraim Nàiseanta comas don t-Seirbheis Chùraim Nàiseanta seirbheisean a phlanadh agus a choimiseanadh. Tha Meòrachan Ionmhais a’ Bhile a’ mìneachadh tuairmsean air na cosgaisean a bharrachd a tha Riaghaltas na h-Alba a’ sùileachadh bhon taic a bharrachd gus a’ chòir air foisean a choileanadh.
  • Taobh a-muigh a' Bhile seo, tha obair nàiseanta is ionadail a' dol air adhart gus cuideachadh le bhith ag aithneachadh an fheadhainn a tha ann an dreuchdan cùraim agus a' dèanamh cinnteach gum bi iad mothachail air an taic a tha ri fhaotainn dhaibh. Tha seo a' gabhail a-steach iomairt conaltraidh nàiseanta a chaidh a ruith aig deireadh 2020 agus a-rithist sa Mhàrt 2022.
  • Tha còir aig a h-uile neach-cùraim òg (agus neach-cùraim inbheach) air plana taic, fiosrachadh agus comhairle, is msaa. Tha obair ionadail is nàiseanta nas fharsainge ann, gus mothachadh àrdachadh air taic do luchd-cùraim òga am measg dhaoine òga agus luchd-obrach foghlaim ach thathar ag aontachadh gum feumar barrachd a dhèanamh fhathast air seo.

Dè tha an t-atharrachadh ann an ion-roghnachd ionadail a' ciallachadh?

  • Le bhith a’ toirt air falbh slatan-tomhais ion-roghnachd ionadail bho cho-dhùnaidhean mu thaic airson fois bho chùram, lùghdaichidh sin an seansa gum bi eadar-dhealachaidhean eadar diofar sgìrean. Cuiridh a bhith a’ stèidheachadh na Seirbheis Cùraim Nàiseanta cuideachd ri cunbhalachd ann an lìbhrigeadh taic.

Contact

Email: NationalCareService@gov.scot

Back to top