Buidheann-obrach Gheàrr-bheatha air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig: Aithisg do Rùnaire a' Chaibineit airson Ionmhas is na h-Eaconamaidh

Aithisg air molaidhean na Buidhne-obrach Gheàrr-bheatha air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig.


1 Geàrr-chunntas

Anns a’ Mhàrt 2022, ghairm Rùnaire a’ Chaibineit airson Ionmhas is na h-Eaconamaidh Buidheann-obrach Gheàrr-bheatha (a’ bhuidheann) le amas Gàidhlig a neartachadh tro fòcas air cothroman eaconamach is an eaconamaidh a neartachadh tro bhith a' deanamh lan-fheum de na cothroman a th' ann a thaobh na Gaidhlig.

Tha an aithisg seo a’ mìneachadh a’ cho-theacsa anns an do dh’obraich a’ bhuidheann, cuid de na dùbhlain mu choinneamh na Gàidhlig is cuideachd na deagh chothroman a th’ ann son toraidhean sòisealta, eaconamach, cultarail, foghlaim is maith.

Tha molaidhean na buidhne, is na raointean sam bu chòir an cur an sàs, a’ tighinn fo na cinn seo:

  • Sluagh is Bun-structar
  • An Roinn Phoblach is Planaichean Gàidhlig
  • Coimhearsnachdan
  • Foghlam
  • Prìomh Roinnean

‘S iad seo na prìomh theachdaireachdan ceangailte ris na molaidhean:

  • Tha taic don Ghàidhlig mu thràth air measgachadh de thoraidhean a lìbhrigeadh, ach tha sàr chothroman ann son piseach nas motha bho bhith a’ cur ionmhas an seilbh airson measgachadh de dh’iomairtean a chuireas taic ri togail is cleachdadh na Gàidhlig.
  • Bu chòir coimhearsnachdan air feadh na h-Alba buannachdan fhaighinn bho thaic do sgilean is gnìomhachasan an ama ri teachd.
  • Feumaidh na treandaichean deamografach mu choinneamh nan coimhearsnachdan Gàidhlig a bhith air an aithneachadh is tha feum air èiginneachd a bharrachd ann a bhith a’ toirt cumhachd do dhaoine gus dèanamh cinnteach gun urrainn do na coimhearsnachdan aca soirbheachadh, is feumar fada a bharrachd aire a thoirt don Ghàidhlig nuair a thathar a’ beachdachadh air mar a ghabhas sin a dhèanamh.
  • Fhad ’s a bu chòir taic a chur ri leasachadh na Gàidhlig ann an àitichean air feadh Alba, feumar aire shònraichte a thoirt do na feumalachdan aig diofar Phrìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig.
  • Feumar làn-aire a thoirt do dh’fheumalachdan na Gàidhlig thairis a h-uile raon de phoileasaidhean poblach is bu chòir a h-uile inneal poileasaidh, a th’ ann an-dràsta is san àm ri teachd, a chur gu feum gus taic nas fheàrr a thoirt don chànan.
  • Bu chòir cothrom air foghlam Gàidhlig a bhith stèidhichte ann an reachdas còmhla ri leudachadh aig a h-uile ìre a chuidicheas, le leasachaidhean, gus dèanamh cinnteach gum bi luchd-labhairt Gàidhlig misneachail ann is gus toraidhean eaconamach a lìbhrigeadh.
  • Bu chòir gum bi gnìomhan a bharrachd anns na Prìomh Roinnean – tràth-bhliadhnaichean & cùram sòisealta, cultar, dualchas, turasachd, spòrs, biadh & deoch is an àrainneachd nàdarrach – is iad nam prìomh raointean adhartais airson cleachdadh sòisealta na Gàidhlig is toraidhean eaconamach.
  • Bidh feum air tuilleadh maoineachaidh gus barrachd obrach a bhrosnachadh ach thig toraidhean sòisealta, eaconamach is maith às an ionmhas a thèid a chosg.
  • Chan eil taic don Ghàidhlig an urra ri Riaghaltas na h-Alba is Bòrd na Gàidhlig a-mhàin is feumaidh measgachadh de bhuidhnean poblach is ùghdarrasan ionadail pàirt nas motha a ghabhail ann an a bhith a’ glèidheadh cor a’ chànain agus a’ gabhail nan cothroman a gheibhear leatha son math eaconamach.
  • Feumaidh Planaichean Gàidhlig nas àrd-amasaiche a bhith ann, a tha ag amas air eadar-dhealachadh susbainteach a dhèanamh don Ghàidhlig is tha feum air dòigh nas fheàrr a bhith cinnteach gun tèid an lìbhrigeadh.

Mu dheireadh, tha a’ bhuidheann a’ sireadh dòigh gus sgrùdadh, gu bliadhnail, a dhèanamh air an ìre gu bheil na molaidhean aice air an lìbhrigeadh.

Tha na leanas na gheàrr-chunntas de mholaidhean na buidhne. Faicibh earrann 3 son co-theacsa is fiosrachadh air na buidhnean a chaidh a mholadh son stiùir a thoirt do gach fear is a bhith an sàs ann a bhith gan lìbhrigeadh. Tha na dathan a’ comharrachadh a’ chlàir-ama bhuileachaidh ris a bheilear an dùil is tha seo air a mhìneachadh ann an earrann 3.

Ceangailte ri Sluagh is Bun-structar, tha a’ bhuidheann a’ moladh:

3.1.1

Mar èiginneachd, thèid dèiligeadh ri dùbhlain bun-structair – taigheadas, còmhdhail is comas-ceangail didseatach – a lagaicheas ‘an cothrom gus tòiseachadh air stèidh cho-ionann’ son amasan NSET.

3.1.2

Beachdaichidh Co-chruinneachadh na Gàidhealtachd is nan Eilean air a’ bhuaidh mhì-chothromach a b’ urrainn gainnead taigheadais aig prìs reusanta toirt air coimhearsnachdan Gàidhlig, gus dèanamh cinnteach gum bi poileasaidhean nas sùbailte ann is gun tèid taigheadas a thoirt seachad nas luaithe.

3.1.3

Bu chòir fòcas Tionnsgainneachd NSET a bhith air a leudachadh gu Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig gus taic a thoirt do luchd-tionnsgain Gàidhlig le brosnachaidhean a bharrachd is taic son ghnothachasan a th’ air ùr-thòiseachadh.

3.1.4

Thèid coimhead air ‘sgeama cothrom ceart’ saor-thoileach son a bhith a’ reic thaighean, far a bheilear a’ toirt cuireadh do bhuidhnean iomchaidh obrachadh le buidhnean-reic thaighean gus an gabh taigheadas a thoirt seachad a-rèir feum.

3.1.5

Thèid sgeama a chruthachadh gus taic a chur ri seasmhachd Phrìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig tro bhith a’ tabhann ghrantaichean a nì e comasach do dhaoine air tuarastal ìosal no meadhanach sealbh fhaighinn air an dachaighean fhèin – an dà chuid sealbh fhaighinn air làrach son togail no àite a cheannach is a leasachadh a th’ ann mu thràth gus a chleachdadh mar an aon àite còmhnaidh aca. ’S dòcha gum b’ urrainnear seo a dhèanamh tro bhith a’ dèanamh feum eadar-dhealaichte de phrògraman a tha mu thràth aig na Maoinean Taigheadais Dhùthchail is Eileanach.

3.1.6

Ann am Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig, bu chòir uachdarain mìneachadh is sealltainn mar a tha iad a’ cur taic ris a’ chànan anns na h-aithrisean aca air Còraichean is Dleastanasan Fearainn, agus iad gu h-àraid a’ toirt fianais air iomairtean is taic do phròiseactan a tha a’ lìbhrigeadh thoraidhean sòisealta is eaconamach don Ghàidhlig.

3.1.7

Bu chòir gum bi gu leòr thaighean rim faighinn aig prìs reusanta. Còmhla ri seo bidh ro-innleachd shoilleir ann a nì cinnteach gu bheil sluagh air a ghlèidheadh agus gu bheil slatan-tomhais ann son taighean a thoirt seachad, ’s e na amas cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh is cothroman air a’ chànan a chruthachadh ann an coimhearsnachdan le àireamh nach beag de luchd-labhairt, is a’ mhòr-chuid dhiubh sin sna Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig.

3.1.8

Le bhith ag aithneachadh neartan cultarail brìgheil na sgìre, Gàidhlig nam measg, bu chòir do Chompàirteachas Eaconamach Sgìreil na Gàidhealtachd is nan Eilean plana sòiseo-eaconamach sònraichte a dhealbh a tha stèidhichte air a bhith a’ toirt taic do is fàs air àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig.

3.1.9

Thèid beachdachadh air ‘sgìrean eaconamach Gàidhlig’, a’ tabhann lasachadh chìsean a bhios a’ gabhail a-steach (ach chan iad seo a-mhàin) lasachadh na cìse luach-leasaichte (VAT) is reataichean do ghnothachasan a tha an sàs ann an gnìomhan ceangailte ri Gàidhlig no a sheallas buaidh Ghàidhlig bhrìgheil. B’ urrainn iad seo a bhith ceangailte ris a’ Ghàidhealtachd oifigeil a thathar am beachd stèidheachadh no pàirt sam bith de dh’Alba le gnothachas freagarrach.

3.1.10

An toiseach, bu chòir beachdachadh air na h-Eileanan Siar is an t-Eilean Sgitheanach airson dòigh-obrach le àrainn thionnsgalach a’ gabhail a-steach Sabhal Mòr Ostaig, UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall, is na gnìomhachasan cruthachail am measg feadhainn eile. B’ urrainn ceannas a bhith aig leithid a dh’àrainn ann a bhith a’ sireadh fhuasglaidhean a thaobh mhion-chànanan a dheigheadh a sgaoileadh air feadh an t-saoghail is a chur an sàs ann an àitichean eile gus barrachd co-obrachaidh a bhrosnachadh.

3.1.11

Ann am Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig, bu chòir cùisean a thaobh taigheadais is so-mhaoinean fo shealbh na coimhearsnachd a th’ air an adhbhrachadh la bàs gun tiomnadh a bhith air an toirt am follais is bu chòir iomairtean leithid comhairle còir-sheilbh Choimisean na Croitearachd a bhith air a sgaoileadh gu fad is farsaing.

3.1.12

Bu chòir beachdachadh a bheil buidheann-ghnìomha a dhìth son tuilleadh measaidh a dhèanamh air a h-uile taobh de phoileasaidhean poblach is a’ bhuaidh a th’ aca air Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig – air an aon sheòrsa stèidhe ri Coimisean nan Coimhearsnachdan Cuimris a chaidh a stèidheachadh o chionn greis.

Ceangailte ris An Roinn Phoblaich is Planaichean Gàidhlig, tha a’ bhuidheann a’ moladh:

3.2.1

Far a bheil dleastanas aig buidheann Plana Gàidhlig ullachadh is raon-ùghdarrais aca anns a bheil cothrom son fàs eaconamach, feumaidh iad beachdachadh air ro-innleachd son Gàidhlig mar stòras is sin a chur an cèill san obair aca a thuilleadh air an toraidhean corporra.

3.2.2

Gun tèid siostam nam planaichean Gàidhlig a sgrùdadh gus a bhith cinnteach gun tèid geallaidhean nas làidire a lìbhrigeadh, siostam anns am bi taic do phlanaichean ullaichte gu saor-thoileach, às aonais iarrtas bho Bhòrd na Gàidhlig, a dh’fhaodadh deagh bhuaidh a thoirt air coimhearsnachdan is cuideachadh le lìbhrigeadh mholaidhean nam planaichean reachdail.

3.2.3

Gun tèid an Stiùireadh Reachdail air Planaichean Gàidhlig a sgrùdadh le sùil air planaichean nas àrd-amasaiche agus a bhith a’ neartachadh sgrùdadh is lìbhrigeadh nam planaichean.

3.2.4

Gum bu chòir reachdas a bhith air a neartachadh gus a bhith cinnteach gun tèid planaichean a lìbhrigeadh is gun tèid beachdachadh air an fheum son Coimiseanair na Gàidhlig aig am biodh cumhachd sgrùdadh a dhèanamh air mar a tha buidhnean poblach a’ cumail ri ullachaidhean an reachdais.

3.2.5

Gum bu chòir gum feum iomairtean ann am prìomh roinnean, a tha a’ faighinn airgead poblach, sealltainn gu bheil iad mothachail air a’ Ghàidhlig ann am bathar/seirbheisean, agus/no margaideachd, no feumaidh iad mìneachadh carson a tha iad ga fàgail às.

3.2.6

Gum bu chòir ùrachadh a dhèanamh air Ar Stòras Gàidhlig gus am faighear an dealbh as ùire de dh’fhàs eaconamach ceangailte ri Gàidhlig bho chaidh a’ chiad sgrùdadh fhoillseachadh ann an 2014.

Ceangailte ri Coimhearsnachdan, tha a’ bhuidheann a’ moladh:

3.3.1

Gum bu chòir lìonra de dh’Oifigearan Gàidhlig a gheibhear taic cheart a chumail suas thairis air ùine mhaireannach gus an urrainn dhaibh measgachadh de dh’iomairtean sòisealta Gàidhlig a bhrosnachadh ann am Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig is àitichean eile. B’ urrainn measgachadh de dhòighean riaghlaidh a bhith an sàs, ach bu chòir cothroman ionnsachaidh a bhith an lùib nan dreuchdan.

3.3.2

Gum bu chòir seirbheisean cùraim-chloinne freagarrach a bhith rim faighinn ann am Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig, le trèanadh iomchaidh tro mheadhan na Gàidhlig do chinn-cròileagain, tro phreantasachdan bun-ìre is dòighean eile, ann an dòighean-obrach bogaidh gus a bhith cinnteach gu bheil uimhir a phàrantan ’s a tha ag iarraidh saor a bhith ag obair. Cuideachd, dh’fhaodadh na seirbheisean sin a bhith mar shlighe a-steach do dh’fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

3.3.3

Gum bu chòir dreuchdan na roinne poblaiche ann am Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig, cho fad ’s as urrainnear, a bhith air an aithneachadh mar fheadhainn anns a bheil Gàidhlig riatanach, gu h-àraid iadsan a tha ann am prìomh roinnean a tha a’ tabhann nan cothroman as motha a thaobh bhuannachdan sòisealta is eaconamach don Ghàidhlig. Bu chòir gun tèid Gàidhlig a chomharrachadh mar rud riatanach ann an dreuchd phoblach eileanach sam bith a tha ga choileanadh aig astar.

3.3.4

Gum bu chòir trèanadh tionnsgainneach is mothachadh de ghnothaichean buntainneach ann am planadh cànain a bhith air an tabhann do bhuidhnean Gàidhlig is buidhnean na treas-roinne leithid urrasan coimhearsnachd is dualchais, a thuilleadh air lìonra nan Oifigearan Leasachaidh Gàidhlig, gus a bhith cinnteach gu bheil taic nas fheàrr is comas nas freagarraiche aca airson cothroman eaconamach is sòisealta a thoirt gu buil aig ìre na coimhearsnachd.

3.3.5

Tha cothroman son bhuannachdan eaconamach cudromach san Roinn Chùraim Shòisealta is Slàinte – a thuilleadh air buannachdan cànain is maith. Mar sin bu chòir gun tèid cothroman a leasachadh anns an roinn son trèanadh agus lìbhrigeadh sheirbheisean tro mheadhan na Gàidhlig – gu h-àraid ann an coimhearsnachdan eileanach is dùthchail. B’ urrainn seo tòiseachadh ann an sgoiltean tro leudachadh ann am Preantasachdan Bun-ìre tron Ghàidhlig, a tha mu thràth rim faighinn ann an cùram-chloinne is sna meadhanan ann an àireamh bheag de sgoiltean.

3.3.6

Bu chòir gu bheil taic ann do choimhearsnachdan a bhith a’ cruthachadh no a’ gabhail sealbh air goireasan far am faighear làraichean anns an nochdadh gnìomhan eaconamach is a chruthaicheadh barrachd chothroman gus Gàidhlig a chleachdadh gu sòisealta – no gum faighear cothrom air làraichean a tha mu thràth ann, leithid sgoiltean sa choimhearsnachd.

3.3.7

Chun na h-ìre as motha as urrainnear ann am pròiseas nan dreuchdan poblach, bu chòir dòigh a bhith ann son trusadh taiceil a dhèanamh airson luchd-còmhnaidh Gàidhlig, ionadail air bùird bhuidhnean poblach is comataidhean eile a tha an sàs ann an gnìomhan a bheir buaidh air Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig.

3.3.8

Gum bu chòir beachdachadh air a’ chomas a bharrachd a dh’fhaodadh a bhith aig Oifigearan Tuineachaidh – a bhios a’ toirt taic do dhaoine gus gluasad gu, is bhith a’ fuireach ann an, coimhearsnachdan eileanach – cudromachd a’ chànain ann am Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig a chur am follais, a thuilleadh air a bhith ag ath-thuineachadh dhaoine aig ìrean eadar-dhealaichte fhad ’s a tha iad a’ gluasad.

3.3.9

Ann an stiùireadh Riaghaltas na h-Alba mu mholaidhean son Planaichean Àite Ionadail a stèidheachadh, bu chòir Sgìrean Cànain Sònraichte a chomharrachadh far am feum eadar-theachd poileasaidh ’s mathaid taic is neart a chur ris a’ Ghàidhlig. Bhiodh leasachadh is neartachadh comas-gnìomh is compàirteachadh coimhearsnachd na phrìomh amas an seo.

3.3.10

Leis an fheum laghail son Measaidhean Buaidh nan Coimhearsnachdan Eileanach, bu chòir dèanamh cinnteach gun tèid beachdachadh ceart a dhèanamh air buaidhean cànain is bu chòir stiùireadh deagh-chleachdaidh a bhith ri fhaighinn son cho-chomhairleachaidhean coimhearsnachd gus an tèid an cur an sàs ann an dòigh a tha mothachail de dh’fheumalachdan na Gàidhlig ann an co-theacsa Phlanaichean Àite Ionadail.

Ceangailte ri Foghlam , tha a’ bhuidheann a’ moladh:

3.4.1

Gus buannachdan eaconamach is foghlaim a làn-bhuileachadh feumar, mar èiginneachd, ro-innleachd a dhealbh a thòisicheas a’ cur às don neo-ionannachd ann am foghlam Gàidhlig aig ìre àrd-sgoile, a tha na bhacadh air togail cànain agus misneachd gus an cànan a chleachdadh, leis an amas dèanamh cinnteach gu bheil measgachadh farsaing de chuspairean ri fhaighinn tro mheadhan na Gàidhlig gu ìre teisteanais.

3.4.2

Mar èiginneachd, gun tèid iomairt ùr a thòiseachadh gus tidsearan ùra a thàladh is aig an aon àm a bhith gu gnìomhach a’ feuchainn ri toirt air tidsearan a tha uidheamaichte gus teagasg ann an Gàidhlig, ach nach eil an-dràsta a’ dèanamh sin, a thighinn a dh’obair ann am foghlam Gàidhlig. Dh’fhaodadh gum biodh gach iomairt a tha seo feumach air brosnachaidhean maoineachaidh, iomairtean taice is togail misneachd gus cur ri tarraingeachd teagasg na Gàidhlig.

3.4.3

Chun na h-ìre as motha as urrainn, gum bu chòir foghlam thidsearan a bhith air a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig le oidhirpean ùra com-pàirteach gus dèanamh cinnteach gu bheil foghlam Gàidhlig (i) air a bhrosnachadh bhon mheadhan agus (ii) air a dhèanamh cho ruigsinneach ’s a ghabhas, a’ gabhail a-steach a bhith a’ cleachdadh ionnsachadh aig astar, cho fad ’s nach eil sin a’ lagachadh togail nan sgilean cànain Gàidhlig a tha a dhìth gus a bhith ag ullachadh thidsearan soirbheachail.

3.4.4

Gum bu chòir taic fhreagarrach, chunbhalach a chur air dòigh do luchd-cleachdaidh nan tràth-bhliadhnaichean is tidsearan Gàidhlig gus piseach a thoirt air cùisean is glèidheadh luchd-obrach, a’ gabhail a-steach dòighean bogaidh, ionnsachadh leantainneach fad-dreuchd ann an sgilean cànain is a bhith a’ solaradh farsaingeachd nas motha de ghoireasan fìor mhath gus cur às don fheum a th’ aig tidsearan a bhith a’ cruthachadh uimhir de na stuthan teagaisg aca fhèin.

3.4.5

Gun cùm measgachadh iomairtean orra a bhith a’ faighinn taic gus ionnsachadh Gàidhlig am measg inbhich a chur air dòigh ann an coimhearsnachdan, sna meadhanan, air-loidhne agus ann an ionadan foghlaim adhartach agus àrd-ìre.

3.4.6

Gum bu chòir foghlam Gàidhlig a thoirt air adhart aig a h-uile ìre, le cothrom air a leasachadh tro chòmhdhail is teicneòlas, far a bheil sin freagarrach, is le aithne air na buannachdan eaconamach, is cuideachd foghlaim, a nochdas bho leasachadh agus leudachadh solair. Gu h-àraid, bu chòir beachdachadh air mar a b’ urrainn còir laghail air foghlam Gàidhlig a stèidheachadh mar dhòigh a bhith cinnteach gun tèid solar a leudachadh is cothroman air a leasachadh.

3.4.7

Gus tòiseachadh air leasachadh a thoirt air na thathar a’ tairgse son foghlam Gàidhlig aig ìre àrd-sgoile, bu chòir ùghdarrasan ionadail co-chomhairleachadh a dhèanamh air na cothroman a th’ ann àrd-sgoiltean sònraichte a chomharrachadh mar sgoiltean Gàidhlig a b’ urrainn dearbhadh, tro sgrùdadh bliadhnail, gu bheil amasan soilleir aca son solar Gàidhlig a leasachadh aig ìre àrd-sgoile, fiù ’s ma tha dùbhlain ann san ùine ghoirid.

3.4.8

Gum bu chòir measgachadh de Phreantasachdan Bun-ìre tro mheadhan na Gàidhlig a bhith ri fhaighinn ann an AS5-6 do sgoilearan a tha airson dreuchdan a thoirt a-mach anns na tràth-bhliadhnaichean is cùram-sòisealta, sna gnìomhachasan cruthachail, cultar, dualchas, turasachd, spòrs, biadh & deoch is an àrainneachd nàdarrach far am biodh cleachdadh na Gàidhlig na bhuannachd no far am bite a’ brosnachadh adhartachadh a’ chànain.

3.4.9

Gum bi teagasg na Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh riatanach son a h-uile sgoilear AS1-3 ann an àrd-sgoiltean anns na h-Eileanan Siar, san Eilean Sgitheanach is Loch Aillse, Loch Abar, Tiriodh is Ìle agus gum bi cothrom ann dhaibhsan a tha airson teisteanas fhaighinn ann an AS4-6. B’ urrainn seo a bhith air a chur an gnìomh cuideachd ann an àitichean eile far a bheil sgoilearan FTMG a’ dol a-steach a dh’àrd-sgoiltean, mar eisimpleir Inbhir Nis, Glaschu agus Dùn Èideann.

3.4.10

Gum bu chòir sgrùdadh is ùrachadh a dhèanamh air an Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig is an inbhe aige a bhith air a chur air adhart gu farsaing ann am foghlam na h-Alba le measgachadh de mhodhan-obrach gan cur an sàs, tro phoileasaidh, aithrisean bliadhnail is luchd-sgrùdaidh sgoiltean, gus a bhith cinnteach gu bheil ùghdarrasan ionadail is luchd-poileasaidh foghlaim a’ cumail gu dlùth ris na prionnsapalan aige.

3.4.11

Gun tèid curraicealam Gàidhlig a leasachadh nach eil dìreach na eadar-theangachadh den churraicealam Bheurla. An lùib seo bidh leantainneachd ann an togail cànain, ionnsachadh mu eachdraidh na h-Alba, beartas cultar na Gàidhlig is dòighean-smaoineachaidh sònraichte ceangailte ris a’ Ghàidhlig, mar an dàimh is dleastanas a thaobh na h-àrainneachd a tha an lùib dùthchas. Dh’fhaodadh gu bheil e comasach ceangal a dhèanamh eadar seo is 3.5.5.

Ceangailte ri Prìomh Roinnean, tha a’ bhuidheann a’ moladh:

3.5.1

Fhad ’s a tha sinn ag aithneachadh comas a’ Phrògraim Àiteachan Com-pàirteach aig Alba Chruthachail, bu chòir gun tèid Ro-innleachd Ealain Ghàidhlig nàiseanta ullachadh a tha a’ mìneachadh dhòighean son a bhith a’ toirt taic is a’ cur ris na cothroman eaconamach a th’ ann dhaibhsan a tha ag obair anns na gnìomhachasan ealain is sgrìn far an i Gàidhlig am meadhan lìbhrigidh no far a bheil i ceangailte ris an obair a thathar a’ dèanamh san t-seòrsa ealain aca.

3.5.2

Mar aithne air cho cudromach ’s a tha craoladh is na meadhanan didseatach gu h-eaconamach, sòisealta is a thaobh foghlaim, bu chòir maoineachadh a bharrachd a bhith ri fhaighinn son MG ALBA, is eile, gus a dhèanamh comasach do dhaoine measgachadh de phrògraman ùra a leasachadh, le barrachd dhiubh air an dèanamh ann am Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig, son an craoladh air telebhisean, radio agus air seirbheisean didseatach le poileasaidh cànain làidir a thogas cleachdadh na Gàidhlig is le fo-thiotalan mar roghainn.

3.5.3

Gum bu chòir leantainn leis a’ chompàirteachas a stèidhich VisitScotland gus taic a thoirt do thurasachd Ghàidhlig le farsaingeachd mhòr de bhuidhnean ag obair gus piseach a thoirt air na cothroman a th’ ann do luchd-tadhail eòlas a chur air a’ Ghàidhlig.

3.5.4

Gum bu chòir measgachadh de chothroman trèanaidh gnìomhachais a chruthachadh son daoine ullachadh a dhol a dh’obair ‘s na meadhanan, chun na h-ìre as motha as urrainnear tro mheadhan na Gàidhlig, gus barrachd chothroman fastaidh a chruthachadh, cur ri cleachdadh na Gàidhlig is gus sgilean ionnsachadh do dhaoine a thèid a chur an sàs ann an iomadh dreuchd.

3.5.5

A’ leantainn air na chaidh iarraidh san aithisg Ecosystem Services and Gaelic a dh’fhoillsich NàdarAlba ann an 2021, gun tèid rannsachadh a bharrachd a dhèanamh air an àite aig cànan is cultar na Gàidhlig, is an ceangal aca ri tìr na Gàidhealtachd, ann a bhith a’ brosnachadh fèin-urram, slàinte is math dhaoine le sùil air piseach a thoirt air eòlas, cothroman is a bhith a’ cruthachadh chothroman sòisealta is eaconamach a bhuineas ris an àrainneachd nàdarrach.

3.5.6

A thuilleadh air na molaidhean sònraichte ann an 3.5.1-3.5.5, gum bu chòir cothroman eaconamach a bhith air an neartachadh tro bhith ag àrdachadh na taice a th’ ann do bhuidhnean is companaidhean Gàidhlig is Gàidheil fa leth a tha ag obair thairis na prìomh roinnean gu lèir gus solar a leudachadh, barrachd dhaoine fhastadh is coimhearsnachdan a neartachadh buileach.

Contact

Email: niall.bartlett@gov.scot

Back to top