Buidheann-obrach Gheàrr-bheatha air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig: Aithisg do Rùnaire a' Chaibineit airson Ionmhas is na h-Eaconamaidh
Aithisg air molaidhean na Buidhne-obrach Gheàrr-bheatha air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig.
3 Molaidhean
Tha na molaidhean air an seòrsachadh is tha a’ buidheann a’ sealltainn, a rèir an raoin-ùghdarrais, dè a’ bhuidheann – no buidhnean – aig am bu chòir dleastanas a bhith gus gach moladh sònraichte a thoirt air adhart, is cuideachd an t-òrdugh anns am bu chòir an cuir an sàs mar a leanas:
Sa bhad
Gnìomh èiginneach a dhìth san ùine ghoirid
Meadhan-ùine
Gnìomh a dhìth sa mheadhan-ùine
Ùine fhada
Gnìomh a dhìth san ùine nas fhaide
Chan eil a’ bhuidheann air mìneachadh dè a tha ‘sa bhad’, ‘meadhan-ùine’, is ‘ùine fhada’ a’ ciallachadh ach, mar a chìthear ann an 2.5, thathar an dùil gun nochd èiginneachd ùr ann an leasachadh na Gàidhlig.
3.1 Sluagh agus Bun-structar
Tha an Ro-innleachd Nàiseanta airson Cruth-atharrachadh Eaconamach airson eaconamaidh a thogail a tha ag obair a chum maith dhaoine is a tha stèidhichte air prionnsapalan de phiseach, co-ionannachd, seasmhachd is diongmhaltas. Mhair a’ Ghàidhlig air sgàth gu bheil i diongmhalta is daingeann ach tha seasmhachd is co-ionannachd riatanach.
Chaidh Compàirteachas Eaconamach Sgìreil airson na Gàidhealtachd agus nan Eilean (REP) a stèidheachadh gus taic a chur ri co-obrachadh air cùisean ro-innleachdail a thaobh a bhith a’ fàs eaconamaidh na sgìre. Tha a’ Ghàidhlig air a h-aithneachadh leis an REP mar aon de neartan cultarail brìgheil an àite.
Tha mòran de na dùbhlain mu choinneamh cleachdadh a’ chànain ann am Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig ceangailte ri tàladh is glèidheadh sluaigh. Às aonais bun-structair leithid taigheadais iomchaidh is ceanglaichean còmhdhail anns an gabh earbsa a chur, is cuideachd comas-ceangail didseatach, chan urrainnear sluagh a ghlèidheadh no cur ri àireamh an t-sluaigh. Tha seo na chunnart do sheasmhachd nan coimhearsnachdan ud is, air sgàth sin, na chunnart do Ghàidhlig mar chànan coimhearsnachd.
A rèir rannsachaidh le IGE tha miann a’ fàs am measg dhaoine òga gus cumail orra a’ fuireach san sgìre no gluasad thuice – ach gus seo a bhith comasach dhaibh tha cùisean an crochadh air factaran eadar-dhealaichte leithid ìrean tuarastail matha, obraichean is taigheadas math, cosgaisean bith-beò ìosal (aig àm an rannsachaidh) is cothroman adhartas a choisinn anns na dreuchdan aca.
Tha a’ bhuidheann mothachail den chuideam a tha na h-Eileanan Fàrach a’ cur air ceanglaichean nas fheàrr – an dà chuid didseatach is còmhdhail tro phrògram togail son tunailean – is a bhith a’ dèiligeadh le eilthireachd. Mar eisimpleir, chan eil iad gan sanasachd fhèin tuilleadh mar làraich thurasachd a-mhàin, ’s e a th’ ann a-nis: sàr àite a bhith a’ fuireach is ag obair agus air am bi luchd-turais air an dòigh tadhal.
Bhruidhinn a’ bhuidheann ri riochdairean Riaghaltas na Cuimrigh aig a bheil grunn iomairtean – nam measg, Coimisean ùr son Coimhearsnachdan na Cuimris, a tha a’ toirt ri chèile eòlaichean gus molaidhean poileasaidh a chur an cèill a bhios a’ dìon is a’ neartachadh Cuimris mar chànan coimhearsnachd.
Bha ùidh mhòr gu h-àraidh aig a’ bhuidhinn san ‘sgeama cothrom ceart’ saor-thoileach, a bhios a’ cuideachadh dhaoine co-dhùnaidhean a ruighinn mu mar a reiceas iad an cuid fearainn no thaighean, tro bhith a’ toirt cead do shanasachd aig ìre ionadail a-mhàin son ùine shuidhichte. Chuir a’ bhuidheann fàilte air an t-seòrsa iomairt seo, is cuideachd am miann a bh’ ann obrachadh le buidhnean-reic thaighean gus a bhith a’ seachnadh cainnt mu luach thaighean mar dàrna dachaigh.
Thug a’ bhuidheann fa-near cuideachd do dh’iomairtean a tha air soirbheachadh, m.e. sgeama Comhairle na Gàidhealtachd gus taighean prìobhaideach a cheannach, aig an robh amas mu 100 dachaigh a thoirt seachad ro dheireadh 2022, ged a thugadh fa-near nach robh an sgeama seo air a bhith cho soirbheachail ann an sgìrean dùthchail. Gus fìor bhuaidh a bhith aig sgeama den t-seòrsa seo ann an sgìre dhùthchail mar an t-Eilean Sgitheanach dh’fheumadh ullachadh as ùr gus aire a thoirt do phrìsean taighe nas àirde.
Bheachdaich a’ bhuidheann air a’ Chomhairle do Mhinistearan na h-Alba a thaobh chìsean a rinn Coimisean Fearainn na h-Alba. Ged a tha an t-uamhas de na h-innealan reachdais fhathast glèidhte aig Westminster, tha fhathast cumhachdan cìse tiomnaichte aig Pàrlamaid na h-Alba a b’ urrainn a chur gu feum gus fuasgladh fhaighinn air cuid de na duilgheadasan sluaigh is bun-structair a tha ann am Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig.
Buinidh cuid ri Cisean airson Fearann is Togalaichean a Cheannach. Buinidh cuid ri ath-leasachaidhean air Reataichean Gnothachais gus cleachdadh as ùr a bhrosnachadh air làraichean falamh is trèigte. Thathar a’ moladh cuideachd gum b’ urrainn daoine a bhith air am brosnachadh gus feum as ùr a dhèanamh de làraichean a th’ air a bhith falamh son ùine fhada nan deigheadh lasachadh a bharrachd a thoirt air Reataichean Gnothachais is cìsean comhairle. Buinidh fear eile ri beachdachadh air cumhachd ùr a bheireadh comas do dh’ùghdarrasan ionadail Reataichean Gnothachais a chumail son fearann no togalaichean nach eil air a bhith trèigte fada gus an cùm daoine orra gan càradh.
Dh’fhaodadh ath-leasachaidhean mar seo cur ris an iomadachd dhaoine aig a bheil fearann no taigh is b’ urrainn dha a bhith luachmhor ann a bhith a’ cur ris an taic a th’ ann do Phrìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig. Le bhith ag obair ann an dlùth-chomann gus fuasglaidhean fhaighinn air cùisean is toiseach tòiseachaidh cothromach a chruthachadh, b’ urrainn gun nochdadh suidheachaidhean far an tigeadh fàs air cleachdadh na Gàidhlig a-rithist, gu sòisealta is a thaobh gnìomhachais, anns na coimhearsnachdan ud.
Mar sin, tha a’ bhuidheann a’ creidsinn gu bheil measgachadh de ghnìomhan a dhìth gus dèiligeadh ris a’ ghainnead thaighean aig prìs reusanta, a’ gabhail a-steach ciamar is cò dha a tha taigheadas sòisealta air a thoirt seachad ann am Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig. Bu chòir gun tèid feum a dhèanamh de chumhachdan cìse tiomnaichte is ath-leasachadh fearainn gus a dhèanamh comasach do dhaoine òga fuireach ann am, is tilleadh gu, Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig. Bu chòir gun tèid obraichean a chruthachadh, no a ghluasad, gu na coimhearsnachdan sin gus am bi iad nas seasmhaiche. Bu chòir taic-airgid is làraichean obrach a bhith ann do ghnìomhachasan le ceangal don Ghàidhlig, is sin gu h-àraid ceangailte ri mar a bhios iad a’ cleachdadh a’ chànain.
Bu chòir na h-eileamaidean sin a bhith an teas-meadhan beachdachadh sam bith air sgìre ‘Gàidhealtachd’ oifigeil, ris a bheil a’ bhuidheann a’ cur taic ann am prionnsapal, ged a tha mìneachadh fhathast a dhìth. Faic cuideachd 3.3.
Ceangailte ri Sluagh agus Bun-structar tha a’ bhuidheann a’ moladh:
3.1.1
Mar èiginneachd, thèid dèiligeadh ri dùbhlain bun-structair – taigheadas, còmhdhail is comas-ceangail didseatach – a lagaicheas ‘an cothrom gus tòiseachadh air stèidh cho-ionann’ son amasan NSET.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Riaghaltas na h-Alba
HITRANS
Còmhdhail Alba
HIAL
IGE
Coimisean Fearainn na h-Alba
Coimisean na Croitearachd
Ùghdarrasan Ionadail iomchaidh
Urrasan Coimhearsnachd
Comainn Taigheadais
Clàr-ama
Sa bhad
3.1.2
Beachdaichidh Co-chruinneachadh na Gàidhealtachd is nan Eilean air a’ bhuaidh mhì-chothromach a b’ urrainn gainnead taigheadais aig prìs reusanta toirt air coimhearsnachdan Gàidhlig, gus dèanamh cinnteach gum bi poileasaidhean nas sùbailte ann is gun tèid taigheadas a thoirt seachad nas luaithe.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Co-chruinneachadh na Gàidhealtachd is nan Eilean
Bòrd na Gàidhlig
Ùghdarrasan Ionadail iomchaidh
Buidhnean Poblach iomchaidh
Clàr-ama
Sa bhad
3.1.3
Bu chòir fòcas Tionnsgainneachd NSET a bhith air a leudachadh gu Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig gus taic a thoirt do luchd-tionnsgain Gàidhlig le brosnachaidhean a bharrachd is taic son ghnothachasan a th’ air ùr-thòiseachadh.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Riaghaltas na h-Alba
IGE
Ùghdarrasan Ionadail iomchaidh
Clàr-ama
Sa bhad
3.1.4
Thèid coimhead air ‘sgeama cothrom ceart’ saor-thoileach son a bhith a’ reic thaighean, far a bheilear a’ toirt cuireadh do bhuidhnean iomchaidh obrachadh le buidhnean-reic thaighean gus an gabh taigheadas a thoirt seachad a-rèir feum.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Co-chruinneachadh na Gàidhealtachd is nan Eilean
Ùghdarrasan Ionadail iomchaidh
Buidhnean Poblach iomchaidh
Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan
Buidhnean-reic Thaighean
Clàr-ama
Sa bhad
3.1.5
Thèid sgeama a chruthachadh gus taic a chur ri seasmhachd Phrìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig tro bhith a’ tabhann ghrantaichean a nì e comasach do dhaoine air tuarastal ìosal no meadhanach sealbh fhaighinn air an dachaighean fhèin – an dà chuid sealbh fhaighinn air làrach son togail no àite a cheannach is a leasachadh a th’ ann mu thràth gus a chleachdadh mar an aon àite còmhnaidh aca. ’S dòcha gum b’ urrainnear seo a dhèanamh tro bhith a’ dèanamh feum eadar-dhealaichte de phrògraman a tha mu thràth aig na Maoinean Taigheadais Dhùthchail is Eileanach.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Riaghaltas na h-Alba
Ùghdarrasan Ionadail iomchaidh
Urrasan Coimhearsnachd
Comainn Taigheadais
Clàr-ama
Sa bhad
3.1.6
Ann am Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig, bu chòir uachdarain mìneachadh is sealltainn mar a tha iad a’ cur taic ris a’ chànan anns na h-aithrisean aca air Còraichean is Dleastanasan Fearainn, agus iad gu h-àraid a’ toirt fianais air iomairtean is taic do phròiseactan a tha a’ lìbhrigeadh thoraidhean sòisealta is eaconamach don Ghàidhlig.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Riaghaltas na h-Alba
Bòrd na Gàidhlig
Coimisean Fearainn na h-Alba
IGE
Uachdarain fhearainn a’ gabhail a-steach buidhnean-iomairt poblach
Clàr-ama
Sa bhad
3.1.7
Bu chòir gum bi gu leòr thaighean rim faighinn aig prìs reusanta. Còmhla ri seo bidh ro-innleachd shoilleir ann a nì cinnteach gu bheil sluagh air a ghlèidheadh agus gu bheil slatan-tomhais ann son taighean a thoirt seachad, ’s e na amas cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh is cothroman air a’ chànan a chruthachadh ann an coimhearsnachdan le àireamh nach beag de luchd-labhairt, is a’ mhòr-chuid dhiubh sin sna Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Riaghaltas na h-Alba
Ùghdarrasan Ionadail
IGE
Comainn Taigheadais
Taigheadas Dùthchail na h-Alba
Clàr-ama
Meadhan-ùine
3.1.8
Le bhith ag aithneachadh neartan cultarail brìgheil na sgìre, Gàidhlig nam measg, bu chòir do Chompàirteachas Eaconamach Sgìreil na Gàidhealtachd is nan Eilean plana sòiseo-eaconamach sònraichte a dhealbh a tha stèidhichte air a bhith a’ toirt taic do is fàs air àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Compàirteachas Eaconamach Sgìreil (REP)
Buill a’ Chompàirteachais Eaconamaich Sgìreil
Clàr-ama
Meadhan-ùine
3.1.9
Thèid beachdachadh air ‘sgìrean eaconamach Gàidhlig’, a’ tabhann lasachadh chìsean a bhios a’ gabhail a-steach (ach chan iad seo a-mhàin) lasachadh na cìse luach-leasaichte (VAT) is reataichean do ghnothachasan a tha an sàs ann an gnìomhan ceangailte ri Gàidhlig no a sheallas buaidh Ghàidhlig bhrìgheil. B’ urrainn iad seo a bhith ceangailte ris a’ Ghàidhealtachd oifigeil a thathar am beachd stèidheachadh no pàirt sam bith de dh’Alba le gnothachas freagarrach.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Riaghaltas na h-Alba
Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte
Teachd a-Steach Alba
HMRC
IGE
Iomairt na h-Alba
Iomairt Cheann a Deas na h-Alba
Clàr-ama
Meadhan-ùine
3.1.10
An toiseach, bu chòir beachdachadh air na h-Eileanan Siar is an t-Eilean Sgitheanach airson dòigh-obrach le àrainn thionnsgalach a’ gabhail a-steach Sabhal Mòr Ostaig, UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall, is na gnìomhachasan cruthachail am measg feadhainn eile. B’ urrainn ceannas a bhith aig leithid a dh’àrainn ann a bhith a’ sireadh fhuasglaidhean a thaobh mhion-chànanan a dheigheadh a sgaoileadh air feadh an t-saoghail is a chur an sàs ann an àitichean eile gus barrachd co-obrachaidh a bhrosnachadh.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Riaghaltas na h-Alba
OGE
Sabhal Mòr Ostaig
MG ALBA
BBC ALBA
BBC Radio nan Gàidheal
Alba Chruthachail
Sgrìn Alba
Comhairle nan Eilean Siar
Bòrd na Gàidhlig
IGE
Cnoc Soilleir
Clàr-ama
Meadhan-ùine
3.1.11
Ann am Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig, bu chòir cùisean a thaobh taigheadais is so-mhaoinean fo shealbh na coimhearsnachd a th’ air an adhbhrachadh la bàs gun tiomnadh a bhith air an toirt am follais is bu chòir iomairtean leithid comhairle còir-sheilbh Choimisean na Croitearachd a bhith air a sgaoileadh gu fad is farsaing.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Coimisean na Croitearachd
IGE
Ùghdarrasan Ionadail iomchaidh
Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan
Luchd-lagha is Buidhnean-reic Thaighean
Leasachadh Co-obrachail na h-Alba
Clàr-ama
Meadhan-ùine
3.1.12
Bu chòir beachdachadh a bheil buidheann-ghnìomha a dhìth son tuilleadh measaidh a dhèanamh air a h-uile taobh de phoileasaidhean poblach is a’ bhuaidh a th’ aca air Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig – air an aon sheòrsa stèidhe ri Coimisean nan Coimhearsnachdan Cuimris a chaidh a stèidheachadh o chionn greis.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Riaghaltas na h-Alba
Bòrd na Gàidhlig
NHS na h-Alba
Bùird Slàinte Iomchaidh
Buidhnean Poblach iomchaidh
Ùghdarrasan Ionadail iomchaidh
Clàr-ama
Ùine fhada
3.2 An Roinn Phoblach & Planaichean Gàidhlig
Tro Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 tha uallach air Bòrd na Gàidhlig Plana Nàiseanta na Gàidhlig ullachadh. Tha cuideachd cumhachd aig a’ Bhòrd iarraidh air buidhnean poblach Planaichean Gàidhlig ullachadh.
Dh’fhaodar a ràdh gu bheil, anns na 15 bliadhna mu dheireadh, mòran sheirbheisean is grunn leasachaidhean bun-structair air nochdadh ri linn phlanaichean Gàidhlig is tha fàilte air an adhartas sin. Ach, aig an aon àm, tha e na bhriseadh-dùil gun deach cothroman a chall air sgàth ’s nach robh cuid a bhuidhnean poblach a’ cur am planaichean an sàs mar bu chòir. Nuair a thachras sin, ’s e glè bheag roghainn a th’ ann a chur ceart ach fios a chur gu Ministearan na h-Alba as urrainn an uair sin roghnachadh ìmpidh a chur air buidheann phoblach gealltanasan a’ phlana aca a thoirt gu buil.
Chunnaic sinn gluasad ann am Planaichean Gàidhlig na roinne poblaiche a chum targaidean nas lugha is nas fhasa. Gus fìor atharrachadh a thoirt air cor a’ chànain tha gealltanasan nas susbaintiche a dhìth. Às an seo thigeadh cuideachd tuilleadh chothroman obrach a chruthaicheadh barrachd beairteis aig am biodh a’ bhuaidh a bu motha nan deigheadh an suidheachadh ann am Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig.
Bu chòir ath-sgrùdadh a dhèanamh air an Stiùireadh Reachdail airson Planaichean Gàidhlig is inbhe reachdail na sgrìobhainn a bhith air a dhèanamh follaiseach do bhuidhnean poblach gus am bi tuigse nas fheàrr aca air. Bu chòir do Bhòrd na Gàidhlig a bhith nas dàna ’s iad ag aontachadh cheumannan le buidhnean poblach gus a bhith cinnteach gun tig na toraidhean as fheàrr bho na Planaichean Gàidhlig.
Tha e fìor chudromach, aon uair ’s gu bheil planaichean nas lèirsinniche ann le targaidean brìgheil, nas soilleire, gu bheil inneal ceart is iomchaidh ann gus a bhith cinnteach gun tèid na planaichean a thoirt gu buil.
Ceangailte ri Roinn Phoblach is Planaichean Gàidhlig tha a’ bhuidheann a’ moladh:
3.2.1
Far a bheil dleastanas aig buidheann Plana Gàidhlig ullachadh is raon-ùghdarrais aca anns a bheil cothrom son fàs eaconamach, feumaidh iad beachdachadh air ro-innleachd son Gàidhlig mar stòras is sin a chur an cèill san obair aca a thuilleadh air an toraidhean corporra.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Bòrd na Gàidhlig
Riaghaltas na h-Alba
IGE
Iomairt na h-Alba
Iomairt Cheann a Deas na h-Alba
Buidhnean Poblach iomchaidh
Ùghdarrasan Ionadail iomchaidh
Clàr-ama
Sa bhad
3.2.2
Gun tèid siostam nam planaichean Gàidhlig a sgrùdadh gus a bhith cinnteach gun tèid geallaidhean nas làidire a lìbhrigeadh, siostam anns am bi taic do phlanaichean ullaichte gu saor-thoileach, às aonais iarrtas bho Bhòrd na Gàidhlig, a dh’fhaodadh deagh bhuaidh a thoirt air coimhearsnachdan is cuideachadh le lìbhrigeadh mholaidhean nam planaichean reachdail.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Riaghaltas na h-Alba
Bòrd na Gàidhlig
Clàr-ama
Meadhan-ùine
3.2.3
Gun tèid an Stiùireadh Reachdail air Planaichean Gàidhlig a sgrùdadh le sùil air planaichean nas àrd-amasaiche agus a bhith a’ neartachadh sgrùdadh is lìbhrigeadh nam planaichean.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Bòrd na Gàidhlig
Riaghaltas na h-Alba
Clàr-ama
Meadhan-ùine
3.2.4
Gum bu chòir reachdas a bhith air a neartachadh gus a bhith cinnteach gun tèid planaichean a lìbhrigeadh is gun tèid beachdachadh air an fheum son Coimiseanair na Gàidhlig aig am biodh cumhachd sgrùdadh a dhèanamh air mar a tha buidhnean poblach a’ cumail ri ullachaidhean an reachdais.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Riaghaltas na h-Alba
Pàrlamaid na h-Alba
Bòrd na Gàidhlig
Buidhnean Poblach iomchaidh
Ùghdarrasan Ionadail iomchaidh
Clàr-ama
Meadhan-ùine
3.2.5
Gum bu chòir gum feum iomairtean ann am prìomh roinnean, a tha a’ faighinn airgead poblach, sealltainn gu bheil iad mothachail air a’ Ghàidhlig ann am bathar/seirbheisean, agus/no margaideachd, no feumaidh iad mìneachadh carson a tha iad ga fàgail às.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Riaghaltas na h-Alba
IGE
Alba Chruthachail
Sgrìn Alba
Bòrd na Gàidhlig
NàdarAlba
Àrainneachd Eachdraidheil Alba (AEA)
SpòrsAlba
Ùghdarrasan Ionadail iomchaidh
Clàr-ama
Meadhan-ùine
3.2.6
Gum bu chòir ùrachadh a dhèanamh air Ar Stòras Gàidhlig gus am faighear an dealbh as ùire de dh’fhàs eaconamach ceangailte ri Gàidhlig bho chaidh a’ chiad sgrùdadh fhoillseachadh ann an 2014.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
IGE
Bòrd na Gàidhlig
Alba Chruthachail
NàdarAlba
Ùghdarrasan Ionadail iomchaidh
Clàr-ama
Ùine fhada
3.3 Coimhearsnachdan
Buinidh mòran de mholaidhean na buidhne anns na h-earrannan gu h-àrd ri neartachadh seasmhachd nam Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig is choimhearsnachdan eile far a bheil an cànan air a bruidhinn. B’ urrainn coimhearsnachdan beòthail, fallain cothroman is miann a bharrachd a nochdadh son cleachdadh na Gàidhlig. Dh’fhaodadh gun tigeadh an uair sin tuilleadh bhuannachdan eaconamach, maith is sòisealta às an sin.
Ach, chan urrainnear sùileachadh gun tachair sin leis fhèin, is bidh fhathast feum air measgachadh de ghnìomhan is iomairtean gus taic a chur ri cleachdadh na Gàidhlig ann an co-theacsa sòisealta is cuideachd daoine a dhèanamh nas comasaiche a bhith nas innleachdaiche anns na nì iad às leth na coimhearsnachd.
San fharsaingeachd tha a’ bhuidheann a’ cur taic ri bhith a’ comharrachadh sgìrean Gàidhealtachd oifigeil, ged a tha feum air mìneachadh mionaideach fhathast air dè th’ annta. Taobh a-staigh Gàidhealtachd, tha a’ bhuidheann den bheachd gum bu chòir gun tèid a shùileachadh gum bi foghlam, cur-seachadan sòisealta is measgachadh mòr de sheirbheisean rim faighinn tron Ghàidhlig. Bu chòir gun tèid a shùileachadh cuideachd gum bi poileasaidhean poblach, gu h-àraid iomairtean leithid Planadh Àite Ionadail is Measaidhean Buaidhe nan Eilean, mothachail de dh’fheumalachdan cànain sgìrean a bu chòir a bhith air an comharrachadh gus na feumalachdan ud a chur am follais.
Anns a’ chiad àite, feumaidh comas is cothrom obrach a bhith aig daoine a tha a’ fuireach anns na coimhearsnachdan ud. Feumar obraichean a chruthachadh, no a chumail, ann am Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig is bu chòir gun tèid Gàidhlig a chomharrachadh mar sgil riatanach annta. Bu chòir gun tèid gnìomhachasan anns na coimhearsnachdan ud a bhrosnachadh – tro lasachadh chìsean, taic gus so-mhaoinean a thoirt fo shealbh is làraichean obrach fhaighinn aig prìs reusanta – gus barrachd obraichean a chruthachadh, cleachdadh na Gàidhlig a chur air adhart san àite-obrach is eileamaidean de chultar na Gàidhlig a shanasachd sa bhathar a tha iad a’ reic.
Son deichean de bhliadhnaichean tha pàirt air a bhith aig luchd-brosnachaidh coimhearsnachd ann a bhith a’ neartachadh choimhearsnachdan. Gus iadsan a thàladh a bhios ag obair gu sònraichte ann an dreuchdan Gàidhlig bidh feum air meud de chinnt gur e obair thèarainte a bhios aca. Tha taic fad-ùine a dhìth dha na dreuchdan ud, is cuideachd dh’fhaodadh taic is cothroman air trèanadh iomchaidh cuideachadh le bhith a’ glèidheadh dhaoine sna sgìrean.
Tha fianais ann gu bheil gainnead cùraim-chloinne ann an cuid a choimhearsnachdan eileanach a’ cur stad air daoine bho bhith a’ fuireach ’s ag obair annta. Cluinnear cuideachd fianais air cuid a chinn-chròileigean is Luchd-taic Sgoilearan a’ taghadh a bhith nan tidsearan air sgàth an deagh eòlais a chuir iad air a bhith ag obair le cloinn ann an suidheachaidhean nan tràth-bliadhnaichean is sgoile. Leis an seo, ’s urrainnear sùileachadh gum b’ urrainnear fuasgladh fhaighinn air cuid a dhùbhlain a th’ ann an lùib feachd-obrach is foghlaim (faic 3.4) tro sholar cùraim-chloinne nas fheàrr is tuilleadh chothroman obrach ’s na sgoiltean.
Tha roinn a’ Chùraim Shlàinte is Shòisealta cuideachd cudromach ann am Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig far am bu chòir cùram a bhith ri fhaighinn anns a’ chànan a b’ fheàrr le mòran, is nochdaidh obraichean far a bheil Gàidhlig air a cleachdadh.
Tha feum air tuigse nas fheàrr air an luach shòisealta a tha ri lorg am broinn choimhearsnachdan: na dòighean anns a bheil daoine ann an coimhearsnachdan ag obair còmhla ri chèile gus cùisean a leasachadh is an dlùth-cheangal a tha na ghlaodh is na thogail do bheatha na coimhearsnachd. Bu chòir, chun na h-ìre as motha as urrainnear, gun tig co-dhùnaidhean mu leasachadh a’ chànain ann am Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig bho na daoine a tha a’ fuireach annta is bu chòir gur e a’ choimhearsnachd a gheibh buannachd asta. Chun na h-ìre as motha as urrainnear, bu chòir gum bi riochdachairean coimhearsnachd air a h-uile buidheann phoblach aig am bi buaidh air na h-àitichean anns a bheil iad a’ fuireach.
Feumar ionmhas a chosg air làraichean ùra far an gabh tachartasan Gàidhlig, agus tachartasan sòisealta eile, a chumail a bhios a’ cur ri misneachd choimhearsnachdan, gnìomhan eaconamach a bharrachd is glèidheadh sluaigh. Aig an aon àm, bu chòir gum faighear cothrom aig prìs reusanta air goireasan a th’ ann mu thràth, leithid sgoiltean, gus an urrainn measgachadh nas motha de chur-seachadan Gàidhlig is ionnsachadh inbhich a bhith ann.
Bu chòir dòigh a bhith ann tron tèid fàilte a chur air daoine a tha a’ tighinn a dh’fhuireach ann am Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig agus anns am bi fiosrachadh mu chudromachd na Gàidhlig, na buannachdan a thig bho fhoghlam Gàidhlig is brosnachadh do dhaoine gus urram a thoirt don chànan is pàirt a ghabhail ann an cur-seachadan sòisealta Gàidhlig.
Ceangailte ri Coimhearsnachdan tha a’ bhuidheann a’ moladh:
3.3.1
Gum bu chòir lìonra de dh’Oifigearan Gàidhlig a gheibhear taic cheart a chumail suas thairis air ùine mhaireannach gus an urrainn dhaibh measgachadh de dh’iomairtean sòisealta Gàidhlig a bhrosnachadh ann am Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig is àitichean eile. B’ urrainn measgachadh de dhòighean riaghlaidh a bhith an sàs, ach bu chòir cothroman ionnsachaidh a bhith an lùib nan dreuchdan.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Bòrd na Gàidhlig
Riaghaltas na h-Alba
IGE
Ùghdarrasan Ionadail iomchaidh
Buidhnean Gàidhlig
Urrasan Coimhearsnachd
Clàr-ama
Sa bhad
3.3.2
Gum bu chòir seirbheisean cùraim-chloinne freagarrach a bhith rim faighinn ann am Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig, le trèanadh iomchaidh tro mheadhan na Gàidhlig do chinn-cròileagain, tro phreantasachdan bun-ìre is dòighean eile, ann an dòighean-obrach bogaidh gus a bhith cinnteach gu bheil uimhir a phàrantan ’s a tha ag iarraidh saor a bhith ag obair. Cuideachd, dh’fhaodadh na seirbheisean sin a bhith mar shlighe a-steach do dh’fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Riaghaltas na h-Alba
Bòrd na Gàidhlig
Leasachadh Sgilean na h-Alba
Sabhal Mòr Ostaig
OGE a Tuath, an Iar & Innse Gall
Ùghdarrasan Ionadail iomchaidh
Clàr-ama
Sa bhad
3.3.3
Gum bu chòir dreuchdan na roinne poblaiche ann am Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig, cho fad ’s as urrainnear, a bhith air an aithneachadh mar fheadhainn anns a bheil Gàidhlig riatanach, gu h-àraid iadsan a tha ann am prìomh roinnean a tha a’ tabhann nan cothroman as motha a thaobh bhuannachdan sòisealta is eaconamach don Ghàidhlig. Bu chòir gun tèid Gàidhlig a chomharrachadh mar rud riatanach ann an dreuchd phoblach eileanach sam bith a tha ga choileanadh aig astar.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Riaghaltas na h-Alba
Bòrd na Gàidhlig
Ùghdarrasan Ionadail iomchaidh
Buidhnean Poblach iomchaidh
Clàr-ama
Sa bhad
3.3.4
Gum bu chòir trèanadh tionnsgainneach is mothachadh de ghnothaichean buntainneach ann am planadh cànain a bhith air an tabhann do bhuidhnean Gàidhlig is buidhnean na treas-roinne leithid urrasan coimhearsnachd is dualchais, a thuilleadh air lìonra nan Oifigearan Leasachaidh Gàidhlig, gus a bhith cinnteach gu bheil taic nas fheàrr is comas nas freagarraiche aca airson cothroman eaconamach is sòisealta a thoirt gu buil aig ìre na coimhearsnachd.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Bòrd na Gàidhlig
Riaghaltas na h-Alba
IGE
Buidhnean Gàidhlig
Urrasan Coimhearsnachd
Urrasan Dualchais
Sabhal Mòr Ostaig
Acadamaidh na n Iomairtean Sòisealta
Fearann Coimhearsnachd na h-Alba
Clàr-ama
Meadhan-ùine
3.3.5
Tha cothroman son bhuannachdan eaconamach cudromach san Roinn Chùraim Shòisealta is Slàinte – a thuilleadh air buannachdan cànain is maith. Mar sin bu chòir gun tèid cothroman a leasachadh anns an roinn son trèanadh agus lìbhrigeadh sheirbheisean tro mheadhan na Gàidhlig – gu h-àraid ann an coimhearsnachdan eileanach is dùthchail. B’ urrainn seo tòiseachadh ann an sgoiltean tro leudachadh ann am Preantasachdan Bun-ìre tron Ghàidhlig, a tha mu thràth rim faighinn ann an cùram-chloinne is sna meadhanan ann an àireamh bheag de sgoiltean.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Riaghaltas na h-Alba
Leasachadh Sgilean na h-Alba
Sabhal Mòr Ostaig
OGE a Tuath, an Iar & Innse Gall
Bùird Slàinte iomchaidh
Ùghdarrasan Ionadail iomchaidh
Clàr-ama
Meadhan-ùine
3.3.6
Bu chòir gu bheil taic ann do choimhearsnachdan a bhith a’ cruthachadh no a’ gabhail sealbh air goireasan far am faighear làraichean anns an nochdadh gnìomhan eaconamach is a chruthaicheadh barrachd chothroman gus Gàidhlig a chleachdadh gu sòisealta – no gum faighear cothrom air làraichean a tha mu thràth ann, leithid sgoiltean sa choimhearsnachd.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Riaghaltas na h-Alba
IGE
Bòrd na Gàidhlig
Ùghdarrasan Ionadail iomchaidh
Oighreachd a’ Chrùin ann an Alba
Clàr-ama
Meadhan-ùine
3.3.7
Chun na h-ìre as motha as urrainnear ann am pròiseas nan dreuchdan poblach, bu chòir dòigh a bhith ann son trusadh taiceil a dhèanamh airson luchd-còmhnaidh Gàidhlig, ionadail air bùird bhuidhnean poblach is comataidhean eile a tha an sàs ann an gnìomhan a bheir buaidh air Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Riaghaltas na h-Alba
Coimiseanair nan Inbhean Beusach ann am Beatha Phoblach
Buidhnean Poblach iomchaidh
Clàr-ama
Meadhan-ùine
3.3.8
Gum bu chòir beachdachadh air a’ chomas a bharrachd a dh’fhaodadh a bhith aig Oifigearan Tuineachaidh – a bhios a’ toirt taic do dhaoine gus gluasad gu, is bhith a’ fuireach ann an, coimhearsnachdan eileanach – cudromachd a’ chànain ann am Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig a chur am follais, a thuilleadh air a bhith ag ath-thuineachadh dhaoine aig ìrean eadar-dhealaichte fhad ’s a tha iad a’ gluasad.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Co-chruinneachadh na Gàidhealtachd is nan Eilean
Bòrd na Gàidhlig
Ùghdarrasan Ionadail iomchaidh
IGE
Clàr-ama
Meadhan-ùine
3.3.9
Ann an stiùireadh Riaghaltas na h-Alba mu mholaidhean son Planaichean Àite Ionadail a stèidheachadh, bu chòir Sgìrean Cànain Sònraichte a chomharrachadh far am feum eadar-theachd poileasaidh ’s mathaid taic is neart a chur ris a’ Ghàidhlig. Bhiodh leasachadh is neartachadh comas-gnìomh is compàirteachadh coimhearsnachd na phrìomh amas an seo.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Riaghaltas na h-Alba
Buidhnean Coimhearsnachd iomchaidh
Urrasan Coimhearsnachd
Bòrd na Gàidhlig
Ùghdarrasan Ionadail iomchaidh
Clàr-ama
Meadhan-ùine
3.3.10
Leis an fheum laghail son Measaidhean Buaidh nan Coimhearsnachdan Eileanach, bu chòir dèanamh cinnteach gun tèid beachdachadh ceart a dhèanamh air buaidhean cànain is bu chòir stiùireadh deagh-chleachdaidh a bhith ri fhaighinn son cho-chomhairleachaidhean coimhearsnachd gus an tèid an cur an sàs ann an dòigh a tha mothachail de dh’fheumalachdan na Gàidhlig ann an co-theacsa Phlanaichean Àite Ionadail.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Riaghaltas na h-Alba
Buidhnean Coimhearsnachd iomchaidh
Urrasan Coimhearsnachd
Bòrd na Gàidhlig
Ùghdarrasan Ionadail iomchaidh
Clàr-ama
Meadhan-ùine
3.4 Foghlam
Gu tric, thèid foghlam aithneachadh mar chòir, no seirbheis choitcheann, ach thig cuideachd soirbheachas eaconamach às. Tha iadsan a th’ air am fastadh gus foghlam a leasachadh is a lìbhrigeadh a’ cur ri eaconamaidh an àite far a bheil iad a’ fuireach ’s ag obair. Ann an eaconamaidh a th’ air a leasachadh gu àrd ìre ’s e foghlam is trèanadh feachd-obrach na h-Alba nithean aig a bheil buaidh mhòr air soirbheachadh eaconamaidh na dùthcha.
Thig cothroman sòisealta is eaconamach brìgheil bho bhith a’ leasachadh is a’ leudachadh foghlam na Gàidhlig aig gach ìre is tha a’ bhuidheann a’ creidsinn gum bu chòir cothrom air foghlam Gàidhlig a bhith stèidhichte san lagh. Tha sinn ag aithneachadh gum faodadh e a bhith na dhùbhlan àireamhan luchd-obrach gu leòr a thrusadh. Ach, bhiodh còir laghail – fiù ‘s còir a bha an urra ri cùisean nas fharsainge anns a’ chiad àite – na shamhla cumhachdach den mhiann a th’ ann son a leithid.
Air sgàth Sabhal Mòr Ostaig thàinig ath-bheothachadh air Rubha Shlèite san Eilean Sgitheanach. Tha Ionad Chaluim Chille Ìle is Cnoc Soilleir ann an Uibhist a Deas a’ tabhann chothroman ionnsachaidh is làraichean sònraichte son chur-seachadan is thachartasan Gàidhlig anns an dà eilean ud. Bha leasachadh nam buidhnean ud stèidhichte air leasachadh thogalaichean is air sgàth sin, is air sgàth sgoiltean ùra a chaidh a stèidheachadh, thàinig obraichean togail is glèidhidh a bha nam buannachdan eaconamach sa gheàrr-ùine ach thig buannachdan thairis air ùine nas fhaide bho na h-obraichean a nochdas bho na pròiseactan calpa sin.
‘S e an t-adhbhar as cudromaiche a tha feum air leudachadh air foghlam Gàidhlig gum bi barrachd luchd-labhairt misneachail is foghlamaichte ann. ‘S mathaid gun cleachd cuid an cànan gu sòisealta is mar sin gun cuir iad gu luachmhor ri beatha Ghàidhlig na coimhearsnachd. Dh’fhaodadh cuid eile a bhith an sàs ann a bhith a’ cruthachadh gnìomhachd eaconamach tro bhith a’ cleachdadh a’ chànain sa ghnìomhachas aca, no ann a bhith a’ toirt sheirbheisean poblach seachad le bhith a’ lìonadh àireamh de dhreuchdan ceangailte ri Gàidhlig a bhios a’ fàs, is am measg sin bidh teagasg. Bidh cuid den seo an urra ri luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
Ann an coimhearsnachd sam bith, air an dùthaich no ann am baile, bidh sgoil a tha a’ fastadh thidsearan Gàidhlig a’ cruthachadh bhuannachdan eaconamach a thuilleadh air a bhith na h-àite son a bhith a’ coinneachadh is a’ conaltradh tron chànan. Thig deagh bhuaidh eaconamach à barrachd obraichean foghlaim sa h-uile seòrsa coimhearsnachd. Ann an coimhearsnachdan dùthchail is eileanach leithid iadsan a th’ air an aithneachadh leis a’ bhuidhinn mar Phrìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig bidh buaidh nas motha buileach aig dreuchdan anns am faighear – an coimeas ri cuid eile – tuarastal math. Thairis air an ùine fhada thig luach bho bhith a’ leudachadh foghlam Gàidhlig is anns a’ gheàrr-ùine thig buannachdan is gnìomhan eaconamach bho na h-obraichean togail a thèid a chruthachadh le bhith a’ stèidheachadh sheirbheisean foghlaim ùra.
Tha a’ bhuidheann a’ gabhail làn-ealla ris na dùbhlain feachd-obrach a th’ ann, ach chan e foghlam Gàidhlig a-mhàin a tha a’ fulang le gainnead thidsearan. Tha feum air fuasglaidhean cruthachail leithid bhrosnachaidhean airgid, den t-seòrsa a tha mu thràth air an cleachdadh son rudan eile – mar eisimpleir, an gainnead thidsearan son cuspairean STEM. B’ urrainn Preantasachdan Bun-ìre Gàidhlig miann a thoirt do dhaoine òga a dhol a dh’obair le òigridh is b’ urrainn dhaibh an uair sin slighe a leantainn a theagasg – rud a dh’fhaodadh tachairt cuideachd le cothroman anns na h-ealain agus spòrs. Ach barrachd air rud sam bith, feumaidh teagasg sa Ghàidhlig a bhith na roghainn tharraingeach. ’S e a tha fìor chudromach le sin, gum bithear a’ toirt làn thaice is ghoireasan freagarrach do thidsearan Gàidhlig son a h-uile pàirt den obair aca.
Bu chòir gun urrainn pàrantan sùileachadh gu reusanta gum bi leantainneachd ann eadar a h-uile ìre de dh’fhoghlam Gàidhlig. Tha feum air leudachadh aig a h-uile ìre – ach gu h-àraid aig ìre na h-àrd-sgoile.
Ged a tha daoine gu math mothachail air na trioblaidean trusaidh, tha feum air barrachd taice gus dèanamh cinnteach gun urrainn ùghdarrasan ionadail a bhith a’ toirt chothroman nas fheàrr seachad air foghlam Gàidhlig ’s na h-àrd-sgoiltean. Dheigheadh am miann sin a dhèanamh glè fhollaiseach tro bhith a’ comharrachadh cuid a sgoiltean mar sgoiltean meadhan na Gàidhlig, ged a bhiodh ùine a dhìth gus an leithid a leasachadh ann an cuid dhiubh. Tha feadhainn ann, ge tà, mar Àrd-sgoil Phort Rìgh, a b’ urrainn a bhith air an leasachadh gu luath mar ionad nàiseanta son sàr-mhaitheis ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, le taic iomchaidh a bharrachd bhon ùghdarras ionadail.
Tha a’ buidheann a’ creidsinn gum bu chòir àrd-sgoiltean ann am Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig, no àrd-sgoiltean anns na bailtean mòra dham bi na sgoilearan Gàidhlig a’ dol, a bhith air an comharrachadh mar sgoiltean meadhan na Gàidhlig. A rèir seo, bhiodh an liosta a’ gabhail a-steach Àrd-sgoil MhicNeacail, Sgoil an Tairbeirt, Sgoil Lìonacleit, Àrd-sgoil Bhàgh a’ Chaisteil, Àrd-sgoil Phort Rìgh, Àrd-sgoil Loch Abar, Àrd-sgoil Thiriodh, Àrd-sgoil Ìle is Àrd-sgoil an Òbain. Ann an co-theacsa nam bailtean-mòra, tha àrd-sgoil comharraichte mu thràth ann an Glaschu, tha aon air a gealltainn ann an Dùn Èideann is bu chòir Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis a bhith air a comharrachadh.
Leis gu bheil a’ Ghàidhlig air a teagasg tro ionnsachadh cànain stèidhichte air cleachdadh cànain tha tidsearan Gàidhlig fo uallach a bharrachd. Tha feum air taic nas fheàrr san t-seòmar-sgoile gus an urrainn tidsearan an t-amas a choileanadh, mìnichte san Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig, gun urrainn do chloinn “an aon ìre fileantachd agus litearrachd a ruighinn ann an Gàidhlig agus Beurla, agus ìrean coileanaidh fhreagarrach a ruighinn anns gach pàirt eile den churraicealam tron Ghàidhlig.” Bu chòir cuideachadh a bharrachd san t-seòmar-sgoile aig a h-uile ìre, ach gu h-àraid san ìre bhogaidh, a bhith na phàirt de leasachaidhean a thèid a chur an sàs.
Ged a tha an Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig na dheagh mhìneachadh air na bu chòir do phàrantan sùileachadh bho fhoghlam Gàidhlig, chan eil oifigearan nan ùghdarras ionadail is comhairlichean ro mhothachail air. Tha beàrnan ann cuideachd is bhiodh e math nan deigheadh ath-sgrùdadh is ùrachadh a dhèanamh air an Stiùireadh is nan deigheadh mothachadh dhe a thogail am measg phàrantan, luchd-poileasaidh is solaraichean foghlaim.
A thuilleadh air càil eile, ma tha foghlam Gàidhlig a’ dol a choileanadh a phrìomh amais aig an aon àm ’s a tha e a’ toirt bhuannachdan eaconamach is sòisealta seachad, feumaidh ionmhas is goireasan gu leòr a bhith ann dha. Tha seo a’ gabhail a-steach luchd-obrach cho math ri taic-ionmhais, agus cha bhi luchd-obrach ann gun ionmhas. Feumaidh maoineachadh son foghlam Gàidhlig a bhith air aithneachadh mar phàirt de phrìomh mhaoineachadh is cosgaisean coitcheann foghlam na h-Alba is feumar beachdachadh air feumalachdan na roinne ann am poileasaidhean foghlaim Riaghaltas na h-Alba gu lèir.
Ceangailte ri Foghlam, tha a’ bhuidheann a’ moladh:
3.4.1
Gus buannachdan eaconamach is foghlaim a làn-bhuileachadh feumar, mar èiginneachd, ro-innleachd a dhealbh a thòisicheas a’ cur às don neo-ionannachd ann am foghlam Gàidhlig aig ìre àrd-sgoile, a tha na bhacadh air togail cànain agus misneachd gus an cànan a chleachdadh, leis an amas dèanamh cinnteach gu bheil measgachadh farsaing de chuspairean ri fhaighinn tro mheadhan na Gàidhlig gu ìre teisteanais.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Riaghaltas na h-Alba
Bòrd na Gàidhlig
SQA (no a’ bhuidheann a thig na àite)
Foghlam Alba (no a’ bhuidheann a thig na àite)
Ùghdarrasan Ionadail
Clàr-ama
Sa bhad
3.4.2
Mar èiginneachd, gun tèid iomairt ùr a thòiseachadh gus tidsearan ùra a thàladh is aig an aon àm a bhith gu gnìomhach a’ feuchainn ri toirt air tidsearan a tha uidheamaichte gus teagasg ann an Gàidhlig, ach nach eil an-dràsta a’ dèanamh sin, a thighinn a dh’obair ann am foghlam Gàidhlig. Dh’fhaodadh gum biodh gach iomairt a tha seo feumach air brosnachaidhean maoineachaidh, iomairtean taice is togail misneachd gus cur ri tarraingeachd teagasg na Gàidhlig.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Riaghaltas na h-Alba
Bòrd na Gàidhlig
GTCS
Foghlam Alba (no a’ bhuidheann a thig na àite)
Ùghdarrasan Ionadail iomchaidh
Clàr-ama
Sa bhad
3.4.3
Chun na h-ìre as motha as urrainn, gum bu chòir foghlam thidsearan a bhith air a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig le oidhirpean ùra com-pàirteach gus dèanamh cinnteach gu bheil foghlam Gàidhlig (i) air a bhrosnachadh bhon mheadhan agus (ii) air a dhèanamh cho ruigsinneach ’s a ghabhas, a’ gabhail a-steach a bhith a’ cleachdadh ionnsachadh aig astar, cho fad ’s nach eil sin a’ lagachadh togail nan sgilean cànain Gàidhlig a tha a dhìth gus a bhith ag ullachadh thidsearan soirbheachail.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Riaghaltas na h-Alba
Comhairle Maoineachaidh na h-Alba
Ionadan Foghlam Thidsearan
GTCS
SQA (no a’ bhuidheann a thig na àite)
Foghlam Alba (no a’ bhuidheann a thig na àite)
Ùghdarrasan Ionadail
Clàr-ama
Sa bhad
3.4.4
Gum bu chòir taic fhreagarrach, chunbhalach a chur air dòigh do luchd-cleachdaidh nan tràth-bhliadhnaichean is tidsearan Gàidhlig gus piseach a thoirt air cùisean is glèidheadh luchd-obrach, a’ gabhail a-steach dòighean bogaidh, ionnsachadh leantainneach fad-dreuchd ann an sgilean cànain is a bhith a’ solaradh farsaingeachd nas motha de ghoireasan fìor mhath gus cur às don fheum a th’ aig tidsearan a bhith a’ cruthachadh uimhir de na stuthan teagaisg aca fhèin.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Riaghaltas na h-Alba
Bòrd na Gàidhlig
Sabhal Mòr Ostaig
OGE a Tuath, an Iar & Innse Gall
Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig
Foghlam Alba (no a’ bhuidheann a thig na àite)
Solaraichean ghoireasan eile
Ùghdarrasan Ionadail iomchaidh
Clàr-ama
Sa bhad
3.4.5
Gun cùm measgachadh iomairtean orra a bhith a’ faighinn taic gus ionnsachadh Gàidhlig am measg inbhich a chur air dòigh ann an coimhearsnachdan, sna meadhanan, air-loidhne agus ann an ionadan foghlaim adhartach agus àrd-ìre.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Riaghaltas na h-Alba
Sabhal Mòr Ostaig
MG ALBA BBC ALBA BBC Radio nan Gàidheal
Bòrd na Gàidhlig
Ùghdarrasan Ionadail iomchaidh
OGE a Tuath, an Iar & Innse Gall
Clàr-ama
Sa bhad
3.4.6
Gum bu chòir foghlam Gàidhlig a thoirt air adhart aig a h-uile ìre, le cothrom air a leasachadh tro chòmhdhail is teicneòlas, far a bheil sin freagarrach, is le aithne air na buannachdan eaconamach, is cuideachd foghlaim, a nochdas bho leasachadh agus leudachadh solair. Gu h-àraid, bu chòir beachdachadh air mar a b’ urrainn còir laghail air foghlam Gàidhlig a stèidheachadh mar dhòigh a bhith cinnteach gun tèid solar a leudachadh is cothroman air a leasachadh.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Riaghaltas na h-Alba
Pàrlamaid na h-Alba
Bòrd na Gàidhlig
SQA (no a’ bhuidheann a thig na àite)
Foghlam Alba (no a’ bhuidheann a thig na àite)
Comhairle Maoineachaidh na h-Alba
Ùghdarrasan Ionadail
Co-chruinneachadh Ùghdarrasan Ionadail na h-Alba (COSLA)
Clàr-ama
Meadhan-ùine
3.4.7
Gus tòiseachadh air leasachadh a thoirt air na thathar a’ tairgse son foghlam Gàidhlig aig ìre àrd-sgoile, bu chòir ùghdarrasan ionadail co-chomhairleachadh a dhèanamh air na cothroman a th’ ann àrd-sgoiltean sònraichte a chomharrachadh mar sgoiltean Gàidhlig a b’ urrainn dearbhadh, tro sgrùdadh bliadhnail, gu bheil amasan soilleir aca son solar Gàidhlig a leasachadh aig ìre àrd-sgoile, fiù ’s ma tha dùbhlain ann san ùine ghoirid.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Riaghaltas na h-Alba
Comhairle nan Eilean Siar
Comhairle na Gàidhealtachd
Comhairle Earra-Ghàidheal & Bhòid
Comhairle Baile Dhùn Èideann
Bòrd na Gàidhlig
Clàr-ama
Meadhan-ùine
3.4.8
Gum bu chòir measgachadh de Phreantasachdan Bun-ìre tro mheadhan na Gàidhlig a bhith ri fhaighinn ann an AS5-6 do sgoilearan a tha airson dreuchdan a thoirt a-mach anns na tràth-bhliadhnaichean is cùram-sòisealta, sna gnìomhachasan cruthachail, cultar, dualchas, turasachd, spòrs, biadh & deoch is an àrainneachd nàdarrach far am biodh cleachdadh na Gàidhlig na bhuannachd no far am bite a’ brosnachadh adhartachadh a’ chànain.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Leasachadh Sgilean na h-Alba
Riaghaltas na h-Alba
Bòrd na Gàidhlig
Sabhal Mòr Ostaig
OGE a Tuath, an Iar & Innse Gall
SQA (no a’ bhuidheann a thig na àite)
Foghlam Alba (no a’ bhuidheann a thig na àite)
Ùghdarrasan Ionadail
Clàr-ama
Meadhan-ùine
3.4.9
Gum bi teagasg na Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh riatanach son a h-uile sgoilear AS1-3 ann an àrd-sgoiltean anns na h-Eileanan Siar, san Eilean Sgitheanach is Loch Aillse, Loch Abar Tiriodh is Ìle agus gum bi cothrom ann dhaibhsan a tha airson teisteanas fhaighinn ann an AS4-6. B’ urrainn seo a bhith air a chur an gnìomh cuideachd ann an àitichean eile far a bheil sgoilearan FTMG a’ dol a-steach a dh’àrd-sgoiltean, mar eisimpleir Inbhir Nis, Glaschu agus Dùn Èideann.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Riaghaltas na h-Alba
Bòrd na Gàidhlig
SQA (no a’ bhuidheann a thig na àite)
Foghlam Alba (no a’ bhuidheann a thig na àite)
Ùghdarrasan Ionadail iomchaidh
Clàr-ama
Meadhan-ùine
3.4.10
Gum bu chòir sgrùdadh is ùrachadh a dhèanamh air an Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig is an inbhe aige a bhith air a chur air adhart gu farsaing ann am foghlam na h-Alba le measgachadh de mhodhan-obrach gan cur an sàs, tro phoileasaidh, aithrisean bliadhnail is luchd-sgrùdaidh sgoiltean, gus a bhith cinnteach gu bheil ùghdarrasan ionadail is luchd-poileasaidh foghlaim a’ cumail gu dlùth ris na prionnsapalan aige.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Bòrd na Gàidhlig
Riaghaltas na h-Alba
Comhairle Maoineachaidh na h-Alba
GTCS
SQA (no a’ bhuidheann a thig na àite)
Foghlam Alba (no a’ bhuidheann a thig na àite)
Comann nam Pàrant Nàiseanta
Ùghdarrasan Ionadail iomchaidh
Clàr-ama
Meadhan-ùine
3.4.11
Gun tèid curraicealam Gàidhlig a leasachadh nach eil dìreach na eadar-theangachadh den churraicealam Bheurla. An lùib seo bidh leantainneachd ann an togail cànain, ionnsachadh mu eachdraidh na h-Alba, beartas cultar na Gàidhlig is dòighean-smaoineachaidh sònraichte ceangailte ris a’ Ghàidhlig, mar an dàimh is dleastanas a thaobh na h-àrainneachd a tha an lùib dùthchas. Dh’fhaodadh gu bheil e comasach ceangal a dhèanamh eadar seo is 3.5.5.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Foghlam Alba (no a’ bhuidheann a thig na àite)
Riaghaltas na h-Alba
Bòrd na Gàidhlig
Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig
SQA (no a’ bhuidheann a thig na àite)
GTCS
Ùghdarrasan Ionadail iomchaidh
Ionadan Foghlam Thidsearan
NàdarAlba
Clàr-ama
Ùine fhada
3.5 Prìomh Roinnean
Tha a’ bhuidheann den bheachd gur iad na prìomh roinnean anns a bheil na cothroman as fheàrr son cleachdadh sòisealta is buannachd eaconamach na Gàidhlig foghlam, seirbheisean poblach, na tràth-bhliadhnaichean is cùram sòisealta, na gnìomhachasan cruthachail, cultar, dualchas, turasachd, spòrs, biadh & deoch is an àrainneachd nàdarrach.
Tha Roinn 3.3 a’ mìneachadh mar a b’ urrainn Planaichean Gàidhlig na bu lèirsinniche barrachd obraichean a chruthachadh san roinn phoblaich is tha 3.4 a’ dèiligeadh ris na cothroman sòisealta is eaconamach a b’ urrainn nochdadh bho leudachadh air foghlam Gàidhlig.
Bidh na gnìomhachasan cruthachail, nam measg craoladh is na h-ealain, a’ cur gu mòr ri eaconamaidh na h-Alba. A thaobh Gàidhlig, tha iad cudromach son obraichean is a bhith a’ cruthachadh thoraidhean eaconamach.
Anns a’ Mheasadh Bhuaidh Eaconamach mu dheireadh aig MG ALBA, mar eisimpleir, chithear gu bheil obair na buidhne a’ cumail taic ri obraichean co-ionann ri 310 dreuchd làn-ùine (FTE). Bhon an seo thig cinneas an làn-luach (GVA) de £17.2m - £1.34 son gach £1 a th’ air a thasgadh is e soilleir gu bheil comas fàis aig an sin fhathast. Tha Fèisean nan Gàidheal a’ cur taic ri obraichean co-ionann ri 116.5 dreuchd làn-ùine (FTE) air feadh Alba – agus tha 75 dhiubh sin air a’ Ghàidhealtachd is anns na h-eileanan – agus tha teachd-a-steach luach mu £3m a’ tighinn bho na h-obraichean sin gach bliadhna ann an Alba. Chaidh innse leis a’ Chomunn Ghàidhealach gun tug Mòd Nàiseanta Rìoghail 2022 togail luach £2.5m ri eaconamaidh Pheairt thairis air naoi latha an tachartais. Rinn aithisg le Comhairle Ghlaschu ann an 2022 measadh air na gnìomhachasan cruthachail, còmhla ri dreuchdan ann am foghlam is san roinn phoblaich, is chaidh a thomhas gu bheil còrr air 700 obair co-ionann ri dreuchdan làn-ùine anns a’ bhaile a tha an crochadh air a’ Ghàidhlig. Nochd iad seo cinneas làn-luach de mu thimcheall air £21.6m sa bhliadhna do eaconamaidh Ghlaschu.
’S iad seo dìreach beagan de na gnìomhachasan cruthachail sam faighear cothroman son toraidhean eaconamach is sòisealta nas motha - tro bharrachd leasachaidh a dhèanamh air measgachadh de phròiseactan anns na meadhanan, ceòl, litreachas, taisbeanaidhean cleasachd is fèisean. Bhuineadh seo gach cuid ri buidhnean is daoine fa leth a tha ag obair no gan cur fhèin an cèill tron Ghàidhlig is iadsan dha a bheil a’ Ghàidhlig na rud a tha a’ cur ris no mar phàirt de dh’obair shònraichte.
Bidh na gnìomhachasan cruthachail is prìomh roinnean eile, a’ gabhail a-steach spòrs is cur-seachadan air a’ bhlàr a-muigh, a’ cur gu mòr ri math dhaoine – rud a bha follaiseach rè staing a’ Choròna-bhìorais. ’S iad cuideachd an dòigh tro bheil an t-uamhas dhaoine a’ coinneachadh ris a’ chànan son a’ chiad uair no, mar a tha air a bhith follaiseach o chionn ghoirid, far an tòisich iad ag ionnsachadh a’ chànain gu h-àraid mar inbhich.
Tha àrdachadh mòr ri fhaicinn ann an cur-seachadan dualchais, is turasachd ceangailte ri sin is cultar na Gàidhlig anns an fharsaingeachd, le aon bhon h-uile triùir luchd-tadhail ag ràdh gu bheil ùidh aca ann a bhith ag ionnsachadh barrachd mun Ghàidhlig nuair a thig iad a dh’Alba.
Fhad ’s a tha iarrtas mòr ann son chothroman trom faigh daoine eòlas air a’ bhlàr a-muigh, ’s e an ceangal eadar cànan is cultar na Gàidhlig agus an àrainneachd nàdarrach rud trom b’ urrainn tuilleadh fàis tighinn. Feumaidh na th’ air a thabhann do dhaoine a bhith air a leasachadh gus frithealadh air an iarrtas seo – bhrosnaicheadh seo daoine gu bhith a’ cleachdadh barrachd Gàidhlig, chuireadh e ris an eaconamaidh is chuireadh e ri fèin-urram is math dhaoine.
Mar a chaidh a mhìneachadh le Ar Stòras Gàidhlig, ’s urrainn cothroman turasachd a bhith a’ buntainn ri margaidh labhairt no ionnsachaidh Ghàidhlig ionadail no ri margaidh nàiseanta is eadar-nàiseanta far a bheil àite na Gàidhlig a’ cur ris na feartan sònraichte is tarraingeach a tha a’ tàladh luchd-turais gu sgìrean sònraichte.
O chionn ghoirid tha fàs ri fhaicinn ann an cur-seachadan spòrs tron Ghàidhlig is tha seo air cur ri farsaingeachd nan suidheachaidhean san tèid Gàidhlig a chleachdadh gu sòisealta leis na buannachdan eaconamach, sòisealta is do mhath dhaoine a thig às an roinn seo. Tha seo fìor cuideachd a thaobh chur-seachadan air a’ bhlàr a-muigh trom b’ urrainn ceangal a bhith air a dhèanamh ri cànan is cultar na Gàidhlig.
Ceangailte ri Prìomh Roinnean tha a’ bhuidheann a’ moladh:
3.5.1
Fhad ’s a tha sinn ag aithneachadh comas a’ Phrògraim Àiteachan Com-pàirteach aig Alba Chruthachail, bu chòir gun tèid Ro-innleachd Ealain Ghàidhlig nàiseanta ullachadh a tha a’ mìneachadh dhòighean son a bhith a’ toirt taic is a’ cur ris na cothroman eaconamach a th’ ann dhaibhsan a tha ag obair anns na gnìomhachasan ealain is sgrìn far an i Gàidhlig am meadhan lìbhrigidh no far a bheil i ceangailte ris an obair a thathar a’ dèanamh san t-seòrsa ealain aca.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Alba Chruthachail
Riaghaltas na h-Alba
Bòrd na Gàidhlig
MG ALBA
Sgrìn Alba
EventScotland
Companaidhean Gàidhlig
Buidhnean Ealain Gàidhlig
Clàr-ama
Sa bhad
3.5.2
Mar aithne air cho cudromach ’s a tha craoladh is na meadhanan didseatach gu h-eaconamach, sòisealta is a thaobh foghlaim, bu chòir maoineachadh a bharrachd a bhith ri fhaighinn son MG ALBA, is eile, gus a dhèanamh comasach do dhaoine measgachadh de phrògraman ùra a leasachadh, le barrachd dhiubh air an dèanamh ann am Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig, son an craoladh air telebhisean, radio agus air seirbheisean didseatach le poileasaidh cànain làidir a thogas cleachdadh na Gàidhlig is le fo-thiotalan mar roghainn.
Lead Bodies
Buidhnean eile
Riaghaltas na h-Alba
MG ALBA
BBC
Roinn a’ Chultair, nam Meadhanan & Spòrs
Alba Chruthachail
Sgrìn Alba
Craoladairean didseatach eile
Clàr-ama
Sa bhad
3.5.3
Gum bu chòir leantainn leis a’ chompàirteachas a stèidhich VisitScotland gus taic a thoirt do thurasachd Ghàidhlig le farsaingeachd mhòr de bhuidhnean ag obair gus piseach a thoirt air na cothroman a th’ ann do luchd-tadhail eòlas a chur air a’ Ghàidhlig.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
Visit Scotland
Riaghaltas na h-Alba
Bòrd na Gàidhlig
Alba Chruthachail
EventScotland
AEA
IGE
MG ALBA
Sabhal Mòr Ostaig
Buidhnean Gàidhlig
Urrasan Dualchais
Ùghdarrasan Ionadail iomchaidh
Buidhnean Stiùiridh Ch eann -ùidhe
Clàr-ama
Sa bhad
3.5.4
Gum bu chòir measgachadh de chothroman trèanaidh gnìomhachais a chruthachadh son daoine ullachadh a dhol a dh’obair ‘s na meadhanan, chun na h-ìre as motha as urrainnear tro mheadhan na Gàidhlig, gus barrachd chothroman fastaidh a chruthachadh, cur ri cleachdadh na Gàidhlig is gus sgilean ionnsachadh do dhaoine a thèid a chur an sàs ann an iomadh dreuchd.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
MG ALBA
Companaidhean Riochdachaidh Neo-eisimeileach
Leasachadh Sgilean na h-Alba
Sabhal Mòr Ostaig
OGE
Clàr-ama
Meadhan-ùine
3.5.5
A’ leantainn air na chaidh iarraidh san aithisg Ecosystem Services and Gaelic a dh’fhoillsich NàdarAlba ann an 2021, gun tèid rannsachadh a bharrachd a dhèanamh air an àite aig cànan is cultar na Gàidhlig, is an ceangal aca ri tìr na Gàidhealtachd, ann a bhith a’ brosnachadh fèin-urram, slàinte is math dhaoine le sùil air piseach a thoirt air eòlas, cothroman is a bhith a’ cruthachadh chothroman sòisealta is eaconamach a bhuineas ris an àrainneachd nàdarrach.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
NàdarAlba
Riaghaltas na h-Alba
Bòrd na Gàidhlig
Ùghdarrasan Ionadail iomchaidh
Clàr-ama
Meadhan-ùine
3.5.6
A thuilleadh air na molaidhean sònraichte ann an 3.5.1-3.5.5, gum bu chòir cothroman eaconamach a bhith air an neartachadh tro bhith ag àrdachadh na taice a th’ ann do bhuidhnean is companaidhean Gàidhlig is Gàidheil fa leth a tha ag obair thairis na prìomh roinnean gu lèir gus solar a leudachadh, barrachd dhaoine fhastadh is coimhearsnachdan a neartachadh buileach.
Prìomh Bhuidheann
Buidhnean eile
IGE
Bòrd na Gàidhlig
Alba Chruthachail
VisitScotland
Sgrìn Alba
AEA
Urrasan Dualchais
Foghlam Alba (no a’ bhuidheann a thig na àite)
MG ALBA
SpòrsAlba
Ùghdarrasan Ionadail is buidhnean leth-eisimeileach
Clàr-ama
Meadhan-ùine
Contact
Email: niall.bartlett@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback