Buidheann-obrach Gheàrr-bheatha air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig: Aithisg do Rùnaire a' Chaibineit airson Ionmhas is na h-Eaconamaidh

Aithisg air molaidhean na Buidhne-obrach Gheàrr-bheatha air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig.


4 A’ cur molaidhean na buidhne an gnìomh

Chaidh iarraidh air a’ bhuidhinn beachdachadh air molaidhean agus far am b’ urrainn na molaidhean sin a stiùireadh. Cha deach iarraidh oirre plana ullachadh son buileachadh nam molaidhean. Chan eil an aithisg seo na roghainn eile an àite Plana Nàiseanta na Gàidhlig.

Tha a’ cheist ann an uair sin: ciamar a thèid molaidhean na buidhne a chur an sàs?

Leis a’ chuid as motha de na molaidhean bidh prìomh bhuidheann ag obair le buidhnean eile. Mar sin, dh’fhaodadh gur e aon dòigh obrach taghadh de phlanaichean nas lugha ullachadh eadar a’ phrìomh bhuidheann is na buidhnean eile. Dh’fhaodadh gu bheil feadhainn de mholaidhean na buidhne a’ co-fhreagairt air Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2023-28. Mur a h-eil, b’ urrainnear an toirt a-steach dhan Phlana Nàiseanta ma tha sin comasach san ùine mus tèid aontachadh leis na Ministearan.

’S e dòigh-obrach eile – ’s mathaid am fear as dualtaiche – gun ullaich Roinn Ghàidhlig is Albais Riaghaltas na h-Alba, còmhla ri co-obraichean anns a’ Bhuidhinn-stiùiridh airson Leasachadh Eaconamach, plana-gnìomh son molaidhean na buidhne, gun dèan iad sgrùdadh air mar a tha buidhnean eile a’ cur taic ris na molaidhean agus gun dèan iad cinnteach gun tèid na molaidhean a bhuileachadh.

Tha a’ bhuidheann gu mòr airson gun tèid a molaidhean a bhuileachadh, le fiosrachadh soilleir air an adhartas a nithear, is thathar an dòchas gun lorgar dòigh-obrach a dh’adhbhraicheas cho beag ùpraid ’s as urrainnear do na buidhnean Gàidhlig is poblach a tha mu thràth an sàs ann a bhith a’ lìbhrigeadh measgachadh de phlanaichean is iomairtean. A dh’aindeoin seo, thèid cur ri uallach obrach nam buidhnean sin, is tha e cudromach gun aithnich a’ bhuidheann sin is i a’ cur a-steach a molaidhean.

Chuireadh a’ bhuidheann fàilte air còmhradh a bharrachd a thaobh buileachaidh nam biodh sin feumail.

Contact

Email: niall.bartlett@gov.scot

Back to top