Buidheann-obrach Gheàrr-bheatha air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig: Aithisg do Rùnaire a' Chaibineit airson Ionmhas is na h-Eaconamaidh

Aithisg air molaidhean na Buidhne-obrach Gheàrr-bheatha air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig.


Leas-phàipear 1 Raon-ùghdarrais na buidhne bho Rùnaire a’ Chaibineit airson Ionmhas agus na h-Eaconamaidh

‘S e a tha a’ bhuidheann seo a’ sùileachadh gum bu chòir dàimh a bhith ann eadar Gàidhlig is iomairtean sòisealta is eaconamach a tha na bhuannachd don dà chuid.

Bidh fòcas aig a’ bhuidhinn gus Gàidhlig a neartachadh tro bhith a’ cur fòcas air cothroman eaconamach is gus an eaconamaidh a neartachadh tro bhith a’ dèanamh an fheum as motha de chothroman Gàidhlig.

Gus an urrainn don bhuidhinn seo a dhèanamh bidh i airson còmhraidhean a chumail is beachd fhaighinn air na h-iomairtean Gàidhlig a chaidh a chur an sàs is aig an robh buannachdan sòisealta is eaconamach agus air na h-iomairtean nas fharsainge a chaidh a chur an sàs aig a bheil comas deagh bhuaidh a thoirt air a’ Ghàidhlig.

Tron obair seo, bidh a’ bhuidheann airson faighneachd dè na dòighean san urrainnear leudachadh air na cothroman seo, gus leasachaidhean a dhèanamh is togail air na th’ ann mu thràth.

Bidh a’ bhuidheann cuideachd ag iarraidh beachdachadh air dè na h-innealan is buidseatan a tha mu thràth ann gus adhartas a dhèanamh leis na rudan seo.

Bidh a’ bhuidheann cuideachd ag iarraidh fòcas a chur air cothroman ùra, beàrnan, cothroman nach eilear a’ gabhail.

Feumaidh a’ bhuidheann cuideachd beachdachadh air molaidhean is far am bu chòir na molaidhean seo a stiùireadh. Thèid na molaidhean fhoillseachadh.

Son clàr-ama, coinnichidh a’ bhuidheann sia tursan, le aon choinneamh gach mìos, is bidh molaidhean air an cur gu na ministearan as t-Fhoghar 2022.

Contact

Email: niall.bartlett@gov.scot

Back to top