Carbon Neutral Islands Project: progress report 2023 – 2024 - Gaelic version
Bho 2021, tha sinn air taic a thoirt do shia eileanan Albannach (Barraigh, Cumaradh, Hoy, Ìle, Ratharsair agus Yell) leis an amas làn chothromachadh carboin a bhith aca ro 2040. Tha an aithisg seo a’ mìneachadh an adhartais nach bu bheag a rinneadh thar nan sia eileanan tro 2023 agus 2024.
2. Facal-tòiseachaidh Ministreil
Tha atharrachadh na gnàth-shìde agus call bith-iomadachd a' toirt buaidh gu sònraichte dona air eileanan na h-Alba. Tha àrdachadh ìre na mara agus bleith cladaich nan cunnartan follaiseach do sheasmhachd, eaconamaidhean agus dualchas nan eilean againn.Tha e ro-chudromach gun tèid eimiseanan carboin a ghearradh gu luath agus gun tèid obair freagarrachaidh a dhèanamh nas luaithe air feadh na h-Alba agus, gu dearbh, nas fhaide air falbh, ach tha an tuigse agus mothachadh air seo gu tric aig an ìre as àirde am measg ar n-eileanaich. Chan e roghainn a th' ann gun a bhith a' cur aghaidh air ceist na gnàth- shìde.
A dh'aindeoin nan dùbhlain sin, tha ar n-eileanan fhathast a' sealltainn ìre iongantach de dh'ath-leumachd agus, a' tarraing air an spiorad ùr-ghnàthachaidh agus innleachdais aca, tha iad a' cruthachadh fhuasglaidhean ùra a chuireas iad air fìor thoiseach slighe na h-Alba gu cothromachadh carboin.
Tha Riaghaltas na h-Alba gu mòr airson a bhith ag obair còmhla ri ar coimhearsnachdan eileanach gus taic a thoirt do na h-oidhirpean aca agus gus an comas as fheàrr a thoirt dhaibh airson atharrachadh a bheir deagh bhuaidh.
Mar phàirt seo, stèidhich sinn pròiseact nan Eilean le Cothromachadh Carboin ann an 2021. Ag obair còmhla ri eileanan Bharraigh is Bhatarsaigh, Cumaradh Mòr, Hoy is Walls, Ìle, Ratharsair agus Yell, tha sinn air gnìomhan stèidhichte air àite a cho- chruthachadh gus ar ceann-ùidhe àrd-amasach airson cothromachadh carboin a thaobh eimiseanan a ruighinn ro 2040.
Mar a tha an aithisg adhartais seo a' sealltainn, tha an fharsaingeachd de dh'iomairtean a tha a' dol air adhart sna h-eileanan sin brosnachail.
Bho leasachaidhean lùths uaine a tha fo shealbh na coimhearsnachd gu leasachaidhean èifeachdas lùths ann an togalaichean coimhearsnachd, tha pròiseact nan Eilean le Cothromachadh Carboin air atharrachaidhean mòra a dhèanamh ann an dòigh a tha a' freagairt air feumalachdan sònraichte nan coimhearsnachdan a tha an sàs ann. Tha dòigh-obrach phractaigeach aige a thaobh a bhith a' geàrradh eimiseanan, a' cleachdadh eòlas ionadail agus a' toirt feart air prìomhachasan ionadail.
Le bhith a' co-roinn a' chleachdaidh as fheàrr agus an eòlais mhòir a tha am pròiseact air cruthachadh mar-thà, tha sinn gu mòr airson dèanamh cinnteach gum faigh coimhearsnachdan ann an eileanan eile – agus gu dearbh ann an sgìrean eile de dh'Alba – buannachd.
Tro bhith a' cur fòcas air a bhith a' togail ath-leumachd ionadail, a' lùghdachadh sgaoilidhean agus a' lùghdachadh bochdainn connaidh, tha am pròiseact air leasachaidhean farsaing a bhrosnachadh thar nan ceithir prìomh mhiseanan a dh'ainmich am Prìomh Mhinistear - a' dèiligeadh ri èiginn na gnàth-shìde, a' cur às do bhochdainn chloinne, a' toirt piseach air seirbheisean poblach agus a' toirt fàs air an eaconamaidh.
Tha mi a' coimhead air adhart ri bhith ag obair gu dlùth leis na coimhearsnachdan againn sna h-Eileanan le Cothromachadh Carboin agus iad a' dol air adhart air na slighean àrd-amasach aca a dh'ionnsaigh cothromachadh carboin.
Jim Fairlie BPA
Ministear airson Àiteachas agus Comas-ceangail
Contact
Email: info@islandsteam.scot
There is a problem
Thanks for your feedback