Carbon Neutral Islands Project: progress report 2023 – 2024 - Gaelic version

Bho 2021, tha sinn air taic a thoirt do shia eileanan Albannach (Barraigh, Cumaradh, Hoy, Ìle, Ratharsair agus Yell) leis an amas làn chothromachadh carboin a bhith aca ro 2040. Tha an aithisg seo a’ mìneachadh an adhartais nach bu bheag a rinneadh thar nan sia eileanan tro 2023 agus 2024.


3. Ro-ràdh

3.1 Eileanan na h-Alba agus Èiginn na Gnàth-shìde

Tha Riaghaltas na h-Alba air èiginn gnàth-shìde a ghairm agus tha e air a ghnìomhan agus geallaidhean gnàth-shìde a neartachadh tro Achd Atharrachadh na Gnàth-Shìde (Alba) 2019. Tha sinn daingeann a thaobh nan geallaidhean reachdail againn a tha ag iarraidh cothromachadh carboin a thaobh eimiseanan gasaichean taigh-glainne ro 2045.

Tha fios againn gu bheil coimhearsnachdan eileanach am measg an fheadhainn as motha a tha ann an cunnart bho bhuaidhean atharrachadh na gnàth-shìde air feadh na cruinne. Tha seo fìor an seo ann an Alba agus tha mòran de na h-eileanan againn gu sònraichte nochdte dhan chunnart bho àrdachadh ìrean mara agus bleith cladaich. Bheir am milleadh a dh'fhaodadh seo adhbharachadh, a' gabhail a-steach fiù 's call àrainnean, buaidh mhòr air an iomadachd nàdarra bheairteach aca.

Aig an aon àm, tha an gluasad gu cothromachadh carboin a' toirt cothrom dhuinn taic a chumail ri seasmhachd choimhearsnachdan eileanach agus ris na h-eaconamaidhean aca san fhad-ùine. Gus dèanamh cinnteach gun tachair seo a rèir prionnsapalan

Eadar-ghluasad Cothromach, tha pròiseact nan Eilean le Cothromachadh Carboin ag obair gus aghaidh a chur ris na dùbhlain shònraichte a tha mu choinneamh nan eilean - bho chosgaisean bith-beò nas àirde, bochdainn connaidh, ceangailteachd no ath- leumachd coimhearsnachd.

Gus taic a chumail ri ghnìomhachd gnàth-shìde san àm ri teachd ann an co-theacs eileanach, tha pròiseact CNI a' cuideachadh oidhirpean air an stiùireadh leis a' choimhearsnachd gus dèanamh cinnteach gun urrainn do dh'eileanaich pàirt a ghabhail gu gnìomhach sa ghluasad gu cothromachadh carboin. Fiosraichidh an t-ionnsachadh a gheibhear bhon phròiseact an t-slighe gu cothromachadh carboin air feadh eileanan uile na h-Alba agus is dòcha sgìrean dùthchail air tìr-mòr cuideachd.

Tha reachdas na h-Alba a thaobh atharrachadh gnàth-shìde a' dèanamh cinnteach cuideachd gu bheil sinn ag ullachadh agus ag atharrachadh a rèir nam buaidhean a tha sinn a' faicinn mar-thà, a' gabhail a-steach àrdachadh ann an ìre na mara agus sìde nas miosa.

3.2 Cùl-fhiosrachadh mu Phròiseact nan Eilean le Cothromachadh Carboin

Bho chaidh a chur air dòigh an toiseach ann an 'A Fairer, Greener Scotland: Programme for Government 2021/22', tha am pròiseact air obair gu dlùth le coimhearsnachdan agus air comas a thogail gus taic a chumail ri gnìomhan dì- charbonachaidh anns na sia eileanan.

Tha an aithisg seo na gheàrr-chunntas air gnìomhan a thachair ann am bliadhna ionmhais 2023/24.

Is iad seo na prìomh phrionnsabalan aig a' phròiseact fhathast:

Tha prìomh amasan Pròiseact nan Eilean le Cothromachadh Carboin a' ceangal gu dlùth ri prionnsapalan farsaing Frèam Planaidh Nàiseanta na h-Alba, mar a leanas:

  • eadar-ghluasad cothromach.Bheir sinn cumhachd do dhaoine gus na

h-àiteachan aca a chumadh agus nì sinn cinnteach gu bheil an t-eadar-ghluasad gu cothromachadh carbon cothromach agus in-ghabhalach.

  • a' glèidheadh agus ag ath-chuairteachadh stòrasan. Nì sinn feum tairbheach de na togalaichean, àiteachan, bun-structar agus seirbheisean a th' ann mar-thà, a' glacadh carboin, a' lùghdachadh sgudal, agus a' togail eaconamaidh chearcallach.
  • beatha ionadail. Cumaidh sinn taic do bheatha ionadail agus bheir sinn piseach air slàinte is sunnd coimhearsnachd le bhith a' dèanamh cinnteach gum faigh daoine cothrom gu furasta air seirbheisean, àiteachan uaine, ionnsachadh, obair agus cur-seachdadan gu h-ionadail.
  • leasachadh ath-chothromaichte. Bidh sinn a' cuimseachadh leasachadh gus cothroman a chruthachadh do choimhearsnachdan agus gus tasgadh a chur ann an sgìrean far an robh crìonadh san àm a dh'fhalbh, agus stiùirichidh sinn leasachadh gu seasmhach ann an sgìrean far a bheil iarrtas àrd ann.
  • ath-bheothachadh dùthchail. Brosnaichidh sinn leasachadh seasmhach ann an sgìrean dùthchail, ag aithneachadh gum feumar fàs agus taic a thoirt do choimhearsnachdan bailteil agus dùthchail còmhla.

Mar a chaidh a chomharrachadh ann an earrann 4, tha mòran de na pròiseactan le maoineachadh calpa a chaidh a thoirt air adhart tron phròiseact gu ruige seo a' co- thaobhadh ri grunn de na prionnsapalan seo, agus iad a' toirt barrachd luach do choimhearsnachdan dùthchail agus a' cumail taic ri eadar-ghluasad cothromach gu cothromachadh-carboin.

3.3 Com-pàirtichean Lìbhrigidh

Tha e na phrìomh amas aig a' phròiseact dèanamh cinnteach gum bi guthan eileanach a' stiùireadh nan slighean dì-charbonachaidh aca fhèin agus gu bheil cumhachd aca ceuman a ghabhail a dh'obraicheas sa cho-theacs ionadail aca fhèin. Gus an gabh am pròiseact a bhith freumhaichte ann an coimhearsnachdan tha Riaghaltas na h-Alba a' toirt seachad maoineachadh do shia buidhnean acair ionadail, le gach tè a' fastadh Oifigearan Leasachaidh Coimhearsnachd (CDO). Tha na h-Oifigearan Leasachaidh Coimhearsnachd sin aig cridhe Pròiseact nan Eilean le Cothromachadh Carboin agus tha iad air oidhirpean mòra a dhèanamh gus am pròiseact a thoirt air adhart.

Eilean

Oifigear Leasachaidh Coimhearsnachd

Buidheann Acair Ionadail

Yell

Comhairle Leasachaidh Yell a Tuath

Alice Mathewson, Hannah Eynon

CumaradhMòr

Companaidh Leasachaidh Coimhearsnachd Chumaraidh

Scott Watson, Dianne Smith

Ìle

Urras Cumhachd Ìle

Ina Glover, Tom Skinner

Ratharsair

Urras Leasachaidh Ratharsair

Tom Lusink, Rosie Macinnes

Barraigh is Bhatarsaigh

Voluntary Action Barraigh is Bhatarsaigh

Shona MacLeòid, Euan Scott

Hoyis Walls

Urras Leasachaidh Eilean Hoy

Aisling Phillips

Sealladh farsaing air Sgrùdaidhean Carboin

Tha e ro-chudromach tuigse fhaighinn air na h-eimiseanan gas taigh-glainne airson gach eilean gus planaichean fhiosrachadh air mar as urrainnear dì-charbonachadh. Chaidh sgrùdaidhean bun-loidhne gasaichean taigh-glainne (GHG) a dhèanamh airson gach eilein, a tha a' coimhead air na prìomh thùsan agus sioncean eimiseanan airson gach eilean. Tha na clàraidhean a' coimhead air na prìomh roinnean: Lùths; Còmhdhail; Sgudal; Àiteachas; agus Cleachdadh Fearainn, Atharrachadh Cleachdadh Fearainn agus Coilltearachd. Tha na sgrùdaidhean a' leantainn a' Phròtacal Chruinneil airson Clàran Gas Taigh-glainne aig Ìre Coimhearsnachd agus Stiùireadh an IPCC airson Clàran Gas Taigh- ghlainne Nàiseanta.

A bharrachd air na roinnean a tha gan clàradh ann am Pròtacal GHG agus Stiùireadh IPCC, tha Fòram Carbon Gorm na h-Alba ag obair gus 'carbon gorm' – no carbon a thig bho àrainnean mara – a ghabhail a-steach ann an Clàr Gas Taigh-ghlainne na RA. Tha 'Sgrùdadh Freagarrachd Àrainnean' ga chruthachadh taobh a-staigh frèam pròiseact CNI gus tuairmse a dhèanamh air comas carboin gorm nan eilean.

Tha sgrùdaidhean Gasaichean Taigh-ghlainne aig Pròiseact nan Eilean le Cothromachadh Carboin na inneal airson conaltradh coimhearsnachd gus gnìomhachd a dh'ionnsaigh dì-charbonachadh fhiosrachadh. Tha àite cudromach aig na sgrùdaidhean ann an riaghladh gasaichean taigh-ghlainne. Bidh iad a' toirt seachad bun-loidhne air eimiseanan airson gach eilean, a' toirt cothrom do choimhearsnachdan ionadail cuimseachadh air raointean far am faodar eadar-theachdan a dhèanamh gus eimiseanan a lùghdachadh. Le bhith ag ùrachadh a' chlàr carboin às dèidh ùine sònraichte, is urrainn dhan choimhearsnachd an adhartas a thomhas a dh'ionnsaigh amasan lùghdachaidh eimiseanan. Tha am pròiseas gus na h-eimiseanan air fad a nithear ann an eilean obrachadh a-mach gu math dùbhlanach agus iom-fhillte. Tha mì-chinnt agus beàrnan san dàta do-sheachanta agus tha diofar ìrean de mhisneachd aig diofar earrainnean den dàta. Ach 's ann a bhos na sgrùdaidhean a' toirt dhuinn am fiosrachadh as fheàrr a th' againn aig an àm seo. Mar thoradh air èiginn na gnàth- shìde, feumaidh sinn ceuman èiginneach a ghabhail far a bheil am fiosrachadh a tha ri fhaighinn làidir gu leòr gus adhartas a thomhas.

Gu ruige seo, tha Cumhachd Coimhearsnachd na h-Alba (CES) air a bhith na phrìomh chom-pàirtiche ann am pròiseact nan Eileanan le Cothromachadh Carboin aig Riaghaltas na h-Alba bho thòisich e. Bidh CES a' toirt seachad co-òrdanachadh pròiseict, eòlas teicnigeach, goireasan, agus innealan gus taic a chumail ri buileachadh soirbheachail air gnìomhan beag-charboin a tha buannachdail do choimhearsnachdan ionadail air feadh eileanan na h-Alba.

Geàrr-chunntas nan Toraidhean

Tha na toraidhean agus na h-aithisgean slàn bhon phròiseas sgrùdaidh air am foillseachadh air làrach-lìn CNI. Gheibhear geàrr-chunntas de na toraidhean gu h-ìosal:

Lùths

  • Tha na h-eimiseanan as motha a' tighinn bho losgadh ola airson teasachadh dachaigheil, coimeirsealta agus gnìomhachais.
  • Tha an ìre de dh'eimiseanan bho dhealan a tha a' tighinn a-steach do na h-eileanan an crochadh air an ìre de lùths ath-nuadhachail a tha ga chleachdadh.
  • Sa chumantas, chan eil dàta earbsach bhon roinn choimeirsealta ri fhaighinn.

Còmhdhail

  • Mar as trice 's ann bho aiseagan a tha na h-eimiseanan as motha a' tighinn ann an roinn na còmhdhail.
  • Is iad carbadan pearsanta as motha a tha ag adhbharachadh eimiseanan bho chòmhdhail rathaid.
  • Tha e doirbh eadar-dhealachadh a dhèanamh eadar còmhdhail rathaid air- agus far-eilein.

Sgudal

  • Chan eil mòran diofar anns a' mhòr-chuid de dh'eileanan a thaobh meud agus àireamh-sluaigh.
  • Dh'fhaodte gu bheil an sgudal bho ghnothachas, gnìomhachas agus saothrachadh nas cudromaiche na sgudal bho dhachaighean
  • Thathar an dùil gu bheil eimiseanan eile bho chòmhdhail nach deach a chlàradh.

Àiteachas

  • Is e brachadh einteirigeach (enteric fermentation) a' phrìomh adhbhar eimiseanan, a bhios a' tachairt le cnàmhadh sprèidh.
  • Tha àiteachas na thùs mòr de dh'eimiseanan ann an cuid de na h-eileanan.
  • Tha inneir cudromach cuideachd.

Cleachdadh Fearainn, Atharrachadh Cleachdadh Fearainn agus Coilltearachd

  • Tha dàta mu ghnìomhachd ionadail cuingichte agus mì-chinnteach.
  • Thathar an dùil gur e eimiseanan bho mhòinteach millte an t-adhbhar as motha airson eimiseanan.
  • Is e coilltearachd an sionc carboin as motha, a' fàgail gu bheil dà eilean san raon seo nan sioncaichean carboin lom san roinn seo

Na h-Ath-cheuman

Tha na sgrùdaidhean Gasaichean Taigh-ghlainne a-nis deiseil agus tha na clàran eimiseanan a-nis a' dol tro phròiseas 'fìrinn air an talamh' (ground truthing) agus barrachd cruinneachadh dàta gus beàrnan san eòlas againn a lìonadh. Gabhaidh comharraidhean-measaidh nas fheàrr a dhèanamh mar thoradh air seo. Sheall na sgrùdaidhean gun robh àrd-ìrean de mhì-chinnt a thaobh roinn cleachdadh an

fhearainn gu sònraichte, agus tha obair a' dol air adhart gus tuigse nas fheàrr fhaighinn air eimiseanan co-cheangailte ri cleachdadh fearainn agus gus coimhead air mar

a ghabhas fearann a stiùireadh gus eimiseanan a lùghdachadh, agus uaireigin gus carbon a ghlacadh.

A bharrachd air a' phròiseas seo, tha am pròiseact CNI ag obair gus comas-lìbhrigidh agus sgilean ionadail a thogail gus an obair a dhèanamh gus na clàran GHG ùrachadh agus ath-sgrùdadh san àm ri teachd agus gus planaichean riaghlaidh èifeachdach a chruthachadh airson GHG.

3.4 Planaichean Gnìomh Coimhearsnachd airson Atharrachadh na Gnàth-shìde

Bheir am pròiseact taic do dh'eileanan na h-Alba le bhith a' gluasad a dh'ionnsaigh cothromachadh carboin, a' leantainn am prìomhachasan dì-charbonachadh fhèin agus aig astar a tha a' toirt feart air air na feumalachdan coimhearsnachd aca agus cuideachd ag aithneachadh cho èiginneach 's a tha e ceuman a ghabhail a thaobh na gnàth-shìde. Gus seo a dhèanamh, fhuair na sia eileanan le Cothromachadh Carboin taic gus planaichean gnìomha coimhearsnachd a chruthachadh airson atharrachadh na gnàth-shìde, a fhreagras air leas luchd-ùidhe agus coimhearsnachd nan eilean.

Chaidh conaltradh a chumail leis a h-uile coimhearsnachd gus coimhead air na prìomhachasan as motha a bh' ann airson gach eilean agus dè an dòigh as fheàrr air dèiligeadh riutha gus am biodh atharrachadh mòr, maireannach ann.

Nì seo cinnteach gum bi guth choimhearsnachdan eileanach a' stiùireadh a' phròiseis dì-charbonachaidh an da-rìribh agus a' togail ath-leumachd, a' lìbhrigeadh amas cothromachd a' Phròiseict. Lean na ceanglaichean gu h-ìosal gus tadhal air gach plana gnìomh.

Yell

CumaradhMòr

Ìle

Ratharsair

Barraigh is Bhatarsaigh

Hoy is Walls

Contact

Email: info@islandsteam.scot

Back to top