Carbon Neutral Islands Project: progress report 2023 – 2024 - Gaelic version
Bho 2021, tha sinn air taic a thoirt do shia eileanan Albannach (Barraigh, Cumaradh, Hoy, Ìle, Ratharsair agus Yell) leis an amas làn chothromachadh carboin a bhith aca ro 2040. Tha an aithisg seo a’ mìneachadh an adhartais nach bu bheag a rinneadh thar nan sia eileanan tro 2023 agus 2024.
4. Buileachadh Pròiseict ann an 2023/24
Gus taic a chur ri gnìomhachadh tràth Plana Gnìomh Coimhearsnachd airson Atharrachadh na Gnàth-shìde, thug Riaghaltas na h-Alba seachad £1m de thasgadh calpa air a roinn gu co-ionann eadar na sia eileanan. Mar thoradh air seo, tha raon farsaing de phròiseactan air a bhith ann agus cuid dhiubh air maoineachadh a bharrachd a tharraing a-steach à àiteachan eile gus buaidh nas motha fhaighinn. Tha iad sin a' gabhail a-steach grunn chuspairean co-cheangailte ri bhith a' lùghdachadh eimiseanan agus a' cur ri ath-leumachd coimhearsnachd a thaobh atharrachadh na gnàth-shìde.
4.1 Còmhdhail
Chaidh còmhdhail a chomharrachadh mar phrìomh raon ghnìomh thar nan sia eileanan. Tha pròiseactan san raon seo cho eadar-dhealaichte ri brosnachadh siubhal gnìomhach tro E-baidhsagalan agus cruthachadh ceuman-coiseachd, a' neartachadh còmhdhail coimhearsnachd tro charbadan beag-carboin agus rannsachadh gus tuigse nas fheàrr
fhaighinn air cleachdadh charbadan agus iarrtas a thaobh turasachd.
4.1.1 Hoy is Walls - a' Ceannach is a' Cur an sàs E-baidhsagalan
Tha Pròiseact e-baidhsagal Urras Leasachaidh Eilean Hoy a' gabhail a-steach ceannach 10 e-baidhsagalan agus ath-sgeadachadh air seada baidhsagal a bh' ann mar-thà ann am prìomh àite coimhearsnachd. Tha am pròiseact seo a' toirt cothrom dhan choimhearsnachd agus do luchd-tadhail air còmhdhail gun charbon san eilean.
Toraidhean:
- Nas lugha de charbadan air an rathad.
- A' brosnachadh dòighean-beatha gnìomhach.
- A' toirt seachad argamaid airson bun-structar baidhsagail a bharrachd.
4.1.2 Ratharsair - Leasachadh Ceuman Coiseachd
Thathar a' cruthachadh ceum-coiseachd airson siubhal gnìomhach air earrann den rathad eadar an talla coimhearsnachd agus an sgoil. Tha an ceum-coiseachd seo a' ciallachadh gun urrainn dhan fheadhainn a tha a' dol eadar an dà àite seo – gu
- h- àraidh clann a tha a' fàgail na sgoile no a' tighinn dhan sgoil – a bhith a' seachnadh an rathaid.
Toraidhean:
- Nas lugha de charbadan air an rathad agus a' cur ri sàbhailteachd rathaid
4.1.3 Cumaradh - Sgrùdadh air Trafaig Charbadan
Tha sgrùdadh leantainneach ann an dà-phàirt ga dhèanamh gus barrachd ionnsachadh mu thrafaig charbadan aig cidhe an eilein aig na h-amannan as trainge agus amannan eile. Cuidichidh an sgrùdadh seo gus tuigse fhaighinn air ìrean trafaig agus air na h-adhbharan aig daoine airson a bhith a' dràibheadh ann an Cumaradh leis an amas trafaig charbadan a lùghdachadh san àm ri teachd.
Toraidhean:
- Tuigse air mar a tha daoine a' cleachdadh charbadan san eilean
4.1.4 Barraigh - Carbadan Dealain airson Cleachdadh na Coimhearsnachd
Tha CNI Barraigh is Bhatarsaigh air dà charbad Vauxhall Vivaro-e Life agus an uidheamachd co-cheangailte riutha a cheannach. Cuiridh seo an dà chuid ri cothrom air agus air earbsachd còmhdhail coimhearsnachd (a tha gu sònraichte buannachdail do dhaoine ciorramach agus eileanach so-leònte) agus lùghdaichidh e eimiseanan bho bhith a' giùlan luchd-còmhnaidh eileanach.
Toraidhean:
- Lùghdachadh air eimiseanan bho charbadan.
- Còmhdhail coimhearsnachd nas fheàrr.
4.1.5 Barraigh - Pròiseact Pìleat E-baidhsagalan
Tha CNI Barraigh is Bhatarsaigh air sia e-baidhsagalan Giant Explore +1 a cheannach tro Oban Cycles. Thèid na baidhsagalan seo a chleachdadh mar sgeama e-baidhsagal pìleit dhan eilein a chuidicheas le bhith a' lùghdachadh na h-àireimh de charbadan air an rathad agus gus siubhal gnìomhach a bhrosnachadh am measg luchd-còmhnaidh agus luchd-turais.
Toraidhean:
- A' brosnachadh siubhal gnìomhach.
- Lùghdachadh air eimiseanan bho charbadan.
4.2 A' dèanamh biadh gu h-ionadail agus a' gàirnealaireachd
Tha iomairtean air a bhith sna h-eileanan air fad a tha an sàs ann am Pròiseact CNI gus fàs a thoirt air measan agus glasraich gu h-ionadail. Leis na dùbhlain agus na h-eimiseanan a tha an lùib a bhith a' giùlan biadh do na h-eileanan sin, tha an toradh ionadail seo na dhòigh gus na h-eimiseanan sin a lùghdachadh agus cuideachd a bhith a' neartachadh spàsan sòisealta agus gnìomhachd coimhearsnachd tro bhith a' toirt fàs air biadh.
4.2.1 Hoy is Walls - Pròiseact Polycrub sa Ghàrradh Coimhearsnachd
Chaidh polycrub a chur a-steach ann an Gàrradh Coimhearsnachd Hoy is Walls a chaidh a stèidheachadh bho chionn ghoirid. Bheir seo seachad àite cruinneachaidh ùr dhan choimhearsnachd far an urrainn dhaibh tighinn còmhla gu sòisealta, agus bheir e cothrom do dh'eileanaich gus fàs a thoirt air glasraich agus measan, a' brosnachadh a bhith a' dèanamh biadh gu h-ionadail agus is dòcha a' cruthachadh sruth teachd a-steach ùr.
Toraidhean:
- Eimiseanan nas lugha bho bhith a' dèanamh biadh.
- A' gluasad a dh'ionnsaigh eaconamaidh chearcallaich.
4.2.2 Hoy is Walls - Pròiseact Gàirnealaireachd nan Eilean le Cothromachadh Carboin
Chaidh togsaid-uisge 100% ath-chuartaichte agus compostair 'Green Johanna' teth a thabhann dhan a h-uile eileanach an-asgaidh. Brosnaichidh seo compostadh dachaigh, cruinneachadh uisge-adhair agus aig a' cheann thall brosnaichidh e eileanaich gus pàirt a ghabhail ann an dèanamh bìdh ionadail.
Toraidhean:
- Eimiseanan nas lugha bho bhith a' dèanamh biadh.
- A' gluasad a dh'ionnsaigh eaconamaidh chearcallaich.
4.2.3 Ratharsair - Ag Ath-nuadhachadh Taigh-glainne
Tha obair ga dèanamh gus sgeadachadh a dhèanamh air taigh-glainne a thogadh san naoidheamh linn deug ann am fearann Taigh Ratharsair a th' air a dhol a dholaidh sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh.
Tha an obair seo a' gabhail a-steach obair talmhainn agus a bhith a' ceangal a' ghàrraidh bhallaich ris a' ghriod dealain. A bharrachd air seo, thathar a' cumail sreath de chlasaichean air fàs biadh a bheir seachad uidheamachd agus stiùireadh tron t-seusan fàs bho chur gu buain.
Bidh an obair ath-nuadhachaidh, còmhla ris na clasaichean seo, a' sealltainn nan cothroman a th' ann gus bìdh ionadail a dhèanamh dhan choimhearsnachd a bharrachd air àite sòisealta ùr a chruthachadh.
Toraidhean:
- A' dèanamh biadh gu h-ionadail.
- A' gluasad a dh'ionnsaigh eaconamaidh chearcallaich/gun sgudal.
4.2.4 Cumaradh - Leasachaidhean air Gàrradh Coimhearsnachd agus Sgoile
Chaidh grunn iomairtean a chur air dòigh gus gàrraidhean coimhearsnachd a leasachadh (a chaidh a stèidheachadh mar phàirt de phròiseact co-obrachaidh coimhearsnachd eadar a' choimhearsnachd agus an sgoil). Tha obair a' gabhail a-steach siostam buain uisge-adhair a chur a-steach, stèisean sìde ann an gàrradh na sgoile agus a bhith a' togail stèisean cumhachd so-ghiùlain a chleachdas cumhachd na grèine a tha a' dol an àite siostam dìosail sa ghàrradh coimhearsnachd. Coltach ris na h-eisimpleirean eile a chunnacas, togaidh leasachaidhean air na gàrraidhean sin com- pàirteachadh coimhearsnachd ann am fàs biadh gu h-ionadail.
Toraidhean:
- A' gluasad a dh'ionnsaigh eaconamaidh chearcallaich/gun sgudal.
- Barrachd eòlais agus com-pàirt a thaobh buaidh na gnàth-shìde air an aimsir.
4.2.5 Barraigh is Bhatarsaigh - Rannsachadh agus Clasaichean air Fàs Coimhearsnachd
Chaidh sgrùdadh ion-dhèantachd a dhèanamh às leth CNI Barraigh is Bhatarsaigh gus coimhead air an iarrtas airson lotaichean no àite co-roinnte airson biadh fhàs ann am Barraigh agus Bhatarsaigh, a bharrachd air an iarrtas airson biadh a bhiodh air fhàs gu h-ionadail.
Toraidhean:
- A' dèanamh biadh gu h-ionadail.
4.2.6 Yell - Polycruban agus Raointean fàs
Chaidh planaichean a dhèanamh gus còig raointean fàis a chruthachadh airson cleachdadh leis a' choimhearsnachd gus biadh a dhèanamh gu h-ionadail. Thèid polycrub a chur a-steach air gach fear dhiubh sin.
Fhuair a' chiad fhear aca cead dealbhaidh agus tha obair leasachaidh a' leantainn air a' chòrr. Nuair a bhios iad deiseil, bheir na polycruban sin grunn àiteachan ùra seachad gus fàs a thoirt air biadh gu h-ionadail agus gus seo a bhrosnachadh air feadh Yell.
Toraidhean:
- A' dèanamh biadh gu h-ionadail.
- A' gluasad a dh'ionnsaigh eaconamaidh chearcallaich.
4.3 A' Lùghdachadh Eimiseanan Carboin Dachaigheil
Tha teasachadh - an dà chuid dachaigheil agus neo-dhachaigheil air aon de na tùsan as motha de dh'eimiseanan air feadh na h-Alba. Tha grunn dhòighean-obrach eadar-dhealaichte air a bhith aig na Eileanan le Cothromachadh Carboin gus na sgaoilidhean sin a lùghdachadh, gach dòigh-obrach air a chumadh le co-theacs ionadail sònraichte gach eilean - bho phrògraman àrd-amasach de dh'ath-fhiotaigeadh air sgèile mhòr gu pìleatan de theicneòlasan ùra gus tuilleadh leasachaidh fhiosrachadh.
4.3.1 Hoy is Walls - Pìleat air Teicneòlas Èifeachdas Cumhachd
Tha am pìleat seo ag amas air a bhith a' tomhas, agus a' clàradh nam buannachdan èifeachdais lùths a ghabhas coileanadh ann an togalaichean eileanach tro bhith a' cleachdadh innealan stòraidh lùths, smachdan luchdan dachaigheil is prìomhachais, uidheamachd clàradh lùths fèin-ghluasadach agus pumpaichean teas adhair. Tha am pìleat seo ag amas air na teicneòlasan sin a dhearbhadh tro bhith a' cur a-steach uidheamachd ann an trì toglaichean thar an dà sgeama taigheadais.
Bidh an t-eòlas a gheibhear bhon phròiseact seo air leth luachmhor ann a bhith a' stiùireadh oidhirpean dì-charbonachadh san eilean.
Toraidhean:
- A' cur a-steach teicneòlas gun eimiseanan.
- A' cur a-steach ceumannan èifeachdas lùths.
4.3.2 Ratharsair - Ceannach agus Iar-fhiotaigeadh air Togalach
Tha Urras Leasachaidh Ratharsair air togalach le dà sheòmar leabaidh ann am baile Inbhir Àrais a cheannach ann am pròiseact com-pàirteachais eadar an t-Urras, Pròiseact nan Eileanan le Cothromachadh Carboin, roinnean More Homes aig Riaghaltas na h-Alba, Maoin Fearainn na h-Alba agus Comann Taigheadais Loch Aillse is an Eilein Sgitheanaich. Tha iad ag ath-sgeadachadh an togalaich agus ga thoirt a-steach gu portofolio taigheadais an Urrais. Tha am pròiseact a' feuchainn ri leudachadh gus dà ionad còmhnaidh a bharrachd a cheannach. Le bhith ag iar- fhiotaigeadh nan dachaighean sin bheir sinn seachad taigheadas àrd-inbhe aig prìs ruigsinneach, air a bheil feum mòr agus taigheadas air prìs ruigsinneach cho gann san eilean. Chaidh am pròiseact seo a phàirt-mhaoineachadh tro thùsan eile.
Toraidhean:
- Taigheadas air prìs ruigsinneach.
- A' cur a-steach ceumannan èifeachdas lùths.
- Bochdainn connaidh air a lùghdachadh.
4.3.3 Ratharsair - Èifeachdas Lùths Dachaigheil
Tha CNI Ratharsair còmhla ri com-pàirtichean pròiseict a' cur air dòigh dòigh-obrach iar-fhiotaigeadh choitcheann airson èifeachdas lùths taigheadais ann an Ratharsair àrdachadh. Ag obair ann an com-pàirteachas le Sgioba Atharrachadh Gnàth-shìde is Lùths Chomhairle na Gàidhealtachd agus Home Energy Scotland gus iarrtas airson Pròiseact Sònraichte a chur a-steach fo sgeama Alba le Èifeachdas Lùths aig Riaghaltas na h-Alba: Sgeama Stèidhichte air Sgìre (EES:ABS) gus leasachaidhean èifeachdas lùths maoinichte le tabhartasan agus iar-fhiotaigeadh an taighe gu lèir a lìbhrigeadh gu togalaichean iomchaidh ann an Ratharsair. Tha am pròiseact seo ag amas air piseach a thoirt air an èifeachdas lùths aig cuid mhath de stoc taigheadais
Ratharsair agus e a' lùghdachadh eimiseanan gu mòr air feadh an eilein. Tha sgrùdadh cùise den phròiseact seo ri fhaighinn aig a' cheangal seo.
Toraidhean:
- A' cur a-steach ceumannan èifeachdas lùths.
- Buaidh air bochdainn connaidh.
4.3.4 Cumaradh - Sgrùdadh is Moladh a thaobh Cumhachd na Grèine air Mullach Thoglaichean
Tha rannsachadh a' dol air adhart air solar PV na grèine a tha air a stàladh mar-thà ann an Cumaradh, còmhla ri moladh airson sgaoileadh nas fharsainge taobh a-muigh an raoin glèidhteachais a th' ann mar-thà airson suas ri 130 toglaichean.
Ma thèid seo a sgaoileadh barrachd, lùghdaichidh e eimiseanan air feadh togalaichean an eilein agus e cuideachd a' lùghdachadh nan cunntasan lùths aig luchd-còmhnaidh agus gnìomhachasan.
Toraidhean:
- A' cur a-steach teicneòlas gun eimiseanan.
4.3.5 Cumaradh - Monatairean Lùths Taobh a-staigh Dachaighean
Chaidh monatairean lùths dachaigh a cheannach agus tha prògram a' dol air adhart gus an cur a-steach ann an togalaichean air feadh an eilein. Cuiridh seo ri conaltradh am measg luchd-còmhnaidh ionadail, a' toirt cothrom dhaibh sùil a chumail agus tuigse fhaighinn air an cleachdadh lùths leis nach deach na meatairean tapaidh a sgaoileadh gu ìre mhòr san eilean gu ruige seo.
Toraidhean:
- Tuigse a bharrachd air cleachdadh lùths.
4.3.6 Cumaradh - Sgaoileadh bulbaichean beag-eimiseanan
Chaidh sia ceud bulb lùths-ìosal a sgaoileadh dhan choimhearsnachd, a' brosnachadh dhaoine fa leth gus an cuid eimiseanan a lùghdachadh agus bha e cuideachd na dheagh dhòigh gus conaltraidh feumail a chur air dòigh gus tuigse a thogail air mar as urrainn do dhaoine ceumannan sìmplidh a ghabhail gus an cuid eimiseanan a lùghdachadh.
Toraidhean:
- A' cur a-steach ceumannan èifeachdas lùths.
- Tuigse a bharrachd air cleachdadh lùths.
4.4 A' Lùghdachadh Eimiseanan Carboin Neo-Dhachaigheil
Tha e ro-chudromach gun tèid ceumannan a ghabhail gus eimiseanan a lùghdachadh thar àiteachan gnìomhachais is coimhearsnachd anns gach eilean gus dèanamh cinnteach gu bheil an t-slighe gu cothromachadh carboin cho coileanta 's a ghabhas. Tha na pròiseactan co-cheangailte ris a' chuspair seo a' gabhail a-steach pròiseactan bho leasachaidhean
cuimsichte gus cur ri seasmhachd àiteachan coimhearsnachd gu iomairtean gus gnìomhachasan ionadail a chur air an t-slighe gu cothromachadh carboin.
4.4.1 Ratharsair - Leasachaidhean Lùths air an Talla Coimhearsnachd
Rinneadh grunn leasachaidhean air èifeachdas lùths Talla Coimhearsnachd Ratharsair, air am pàirt-mhaoineachadh le Pròiseact CNI, a' gabhail a-steach:
- Obair-chàraidh air a' phumpa teasa-thalmhainn.
- Chaidh dorsan agus uinneagan lùths-èifeachdach aig ìre choimeirsealta a chur an àite nan seann dorsan agus uinneagan a bha a' leigeil uisge a-steach.
- Thathar a' planadh stàladh grèine photovoltaic, a chaidh a dhealbhadh agus a mhaoineachadh agus a tha a-nis a' feitheamh ri ceangal ris a' ghriod.
Toraidhean:
- Leasachaidhean air èifeachdas lùths ann an co-ionad coimhearsnachd.
- Leasachaidhean air àite sòisealta a thèid a chleachdadh airson iomadh adhbhar.
4.4.2 Cumaradh - Teisteanasan Coileanaidh Lùths Neo-dhachaigheil
Chaidh teisteanasan coileanaidh lùths coimeirsealta ullachadh airson 16 gnìomhachasan gus an cuideachadh le bhith a' tuigsinn agus a' lùghdachadh ìrean cleachdaidh lùths gu seasmhach.
Toraidhean:
- Tuigse a bharrachd air cleachdadh lùths.
4.4.3 Cumaradh – Ceumannan Èifeachdas lùths agus Teasachaidh agus Teas- ghlèidhidh
Chaidh ceumannan èifeachdas lùths agus siostaman teasachaidh gun charbon a chur an sàs aig ceithir togalaichean poblach san eilean. Nam measg tha Club Bòbhlaidh Phort a' Mhuilinn, Eaglais Paraiste Chumaraidh, Club Goilf Phort a' Mhuilinn agus togalach caibeil Our Lady of Perpetual Succour. Am measg nan leasachaidhean tha stòradh bataraidh, solar PV agus teas-ghlèidheadh. Tha an obair mhòr a rinneadh
air na togalaichean sin na mhodail airson togalaichean poblach eile a tha airson dì-charbonachadh – an dà chuid san eilean agus nas fhaide air falbh. Choisinn an stàlaichear, Green Home Systems, duais Pròiseact Beag-sgèile na Bliadhna aig Duaisean Èifeachdas lùths na h-Alba airson na h-obrach seo.
Toraidhean:
- Leasachaidhean air èifeachdas lùths ann an co-ionad coimhearsnachd.
4.4.4 Barraigh - Pròiseact Èifeachdas Lùths ann an Togalaichean Coimhearsnachd
Tha obair air tòiseachadh gus planaichean tasgaidh/leasachaidh a chruthachadh gus measadh a dhèanamh air leasachaidhean teicneòlais a dh'fhaodadh a bhith ann a thaobh èifeachdas lùths agus gun charbon ann an trì togalaichean coimhearsnachd. Tha seo a' gabhail a-steach a bhith a' togail crann-gaoithe beag, stòradh bataraidh agus ionadan cumhachd na grèine. Bidh na leasachaidhean an dàrna cuid a' lùghdachadh eimiseanan bho na togalaichean sin agus cuideachd gan dèanamh nas blàithe agus nas làidire, a bheir buannachd dhan choimhearsnachd air fad.
Toraidhean:
- Lùghdachadh air eimiseanan thogalaichean neo-dhachaigheil.
- A' cur ri ath-leumachd nan spàsan coimhearsnachd.
4.4.5 Barraigh - Sgrùdadh Lùths Togail Gnìomhachais is Coimhearsnachd
Chaidh dusan inneal sgrùdaidh lùths Smappee agus aon Profile Portable Energy Recorder a cheannach airson a chur a-steach Leis na monatairean seo, bidh e comasach do pròiseact nan Eilean le Cothromachadh Carboin gus pròifil luchdaidh a chruthachadh airson gach togalach a tha an sàs sna iomairt, agus bidh e comasach bun-loidhne a chruthachadh airson leasachaidhean a bharrachd.
Tha an cruinneachadh dàta seo air leth feumail ann a bhith a' fiosrachadh na h-a th cheumannan sa phròiseact leis gu bheil an t-eilean ag amas air barrachd dì- charbonachaidh anns na bliadhnaichean ri teachd.
Toraidhean:
- Barrachd tuigse air cleachdadh lùths.
4.4.6 Yell - Leasachaidhean Èifeachdas Cumhachd air Seada Birlinn Cullivoe
Chaidh maoineachadh a thoirt seachad gus àrd-ìre de theas-ghlèidheadh a thoirt do thogalach coimhearsnachd – Seada Birlinn Cullivoe. Tha an togalach seo na àite cofhurtail airson a bhith a' togail bhirlinn airson fèis Up Helly Aa an eilein – fèis Shealtainneach a th' air a bhith ann bho chionn fhada a thig gu crìch le bhith a' losgadh bhirlinnean air feadh nan eilean san Fhaoilleach.
Toraidhean:
- Lùghdachadh air eimiseanan carboin.
- Leasachaidhean air spàs coimhearsnachd.
4.5 Cruthachadh Cumhachd Ath-nuadhachail sa Choimhearsnachd
Tha grunn roghainnean ann airson a bhith a' cruthachadh lùths ath- nuadhachail ionadail anns na h-Eileanan le Cothromachadh Carboin. Tha an cuspair seo a' gabhail a-steach pròiseactan bho chruthachadh dealan air sgèile bheag gu pròiseactan àrd-amasach a' cleachdadh stòrasan lùths
ath-nuadhachail gus biadhadh a-steach dhan ghriod, a bhiodh a' cruthachadh teachd-a-steach gus barrachd phròiseactan coimhearsnachd a mhaoineachadh.
4.5.1 Cumaradh - Sgrùdadh air Bun-structair Lùths agus Lùths Ath-nuadhachail
Chaidh Sgrùdadh farsaing air Bun-structair Lùths agus air Lùths Ath-nuadhachail a dhèanamh airson Cumaradh le Cumhachd Coimhearsnachd na h-Alba às dèidh moladh gus raon mòr de PV grèine agus siostam stòraidh bataraidh co-cheangailte a thogail san eilean. Fhuair cead às dèidh ath-thagradh a dh'aindeoin 's gun robh mòran na aghaidh gu h-ionadail.
Tha an sgrùdadh seo a' taisbeanadh nan roghainnean, nan dùbhlan agus nan cnapan- starra a tha mu choinneamh phròiseactan lùths ath-nuadhachail coimhearsnachd san eilean san àm ri teachd, a' coimhead air ion-obrachadh bho shealladh teicnigeach, reachdail, dealbhaidh agus buannachd coimhearsnachd.
4.5.2 Ìle - Raon Grèine Coimhearsnachd Chnoc a' Chaisteil
Chaidh moladh a chur ri chèile gus a' mhòr-chuid de bhuidseit calpa CNI an eilein a chosg air pròiseact grèine suas ri 135kW, a' cleachdadh a' cheangail a th' ann ris a' ghriod mar-thà airson muillean-gaoithe san eilean leis a' choimhearsnachd. Tha meud a' phròiseict, còmhla ri dùbhlain dealbhaidh agus grunn fhactaran eile a' ciallachadh gu bheil dùil gun tòisich an obair-togail aig deireadh 2024.
Nuair a bhios an raon phannalan-grèine deiseil cruthaichidh e lùths glan a bharrachd, air a bheil feum san eilean an-dràsta. Thèid teachd a-steach a phàigheadh a-steach dhan mhaoin leas coimhearsnachd a th' ann mar-thà, a tha air a rianachd le Comann Leas Coimhearsnachd Lùths Ìle. Tha a' mhaoin seo a' toirt seachad thabhartasan airson leasachaidhean lùths agus èifeachdas lùths ionadail agus ri leas coimhearsnachd san fharsaingeachd. Tha luchd-ùidh a' feuchainn ri faighinn a-mach an urrainn ath-nuadhachadh seann làraich togail na mòna buannachdan nas fharsainge adhbharachadh leithid a bhith a' cur ri bith-iomadachd.
Toraidhean:
- Cumhachd ath-nuadhachail air a chruthachadh san eilean.
- Maoineachadh leas coimhearsnachd.
- Ag ath-bheothachadh àrainnean.
- Dèan sgrùdadh air na co-bhuannachdan ionadail aig cumhachd na grèine agus ath-nuadhachadh talamh mònach.
4.5.3 Ratharsair - Pròiseasair connadh fiodha
Tha CNI Ratharsair air cuideachadh le bhith a' maoineachadh pròiseasair connadh fiodha airson Urras Leasachaidh Ratharsair gus an t-uallach obrach a lùghdachadh agus gus cur ri sàbhailteachd ann a bhith ag ullachadh stòrasan fiodha ionadail.
Toraidhean:
- A' cruthachadh biomass ann an dòigh nas sàbhailte.
- Lùths beag-charboin.
4.6 Freagarrachadh agus Ath-leumachd
Tha eileanan na h-Alba ann an cunnart sònraichte bho bhuaidhean atharrachadh na gnàth-shìde. Mar thoradh air sin, tha Pròiseact CNI air maoineachadh a thoirt seachad do phròiseactan stèidhichte gu h-ionadail gus ath-leumachd coimhearsnachd àrdachadh mu choinneamh gnàth-shìde nas caochlaidiche.
4.6.1 Cumaradh - Lèirmheas air Tuiltean nach eil ris a' Chladach agus Goireasan Dìon Thuiltean Coimhearsnachd
Chaidh ath-sgrùdadh a dhèanamh air freagairtean do thuiltean san àm a dh'fhalbh agus a thaobh tuiltean san àm ri teachd. Tha badan de Phort a' Mhuilinn (prìomh bhaile Chumaraidh) buailteach do thuiltean mar a chunnacas san Dùbhlachd 2023 agus, leis gu bheil dùil gun tachair tuiltean nas trice san àm ri teachd agus gum bi iad nas miosa, comharraichidh an lèirmheas seo raointean far an gabhadh piseach a thoirt air cùisean agus cuidichidh e le bhith a' lùghdachadh milleadh bho thuiltean eile.
Chaidh tasgadh ann an uidheamachd dìon thuiltean a ghabhas ath-chleachdadh, a thèid a chumail air an eilean agus a bhios ruigsinneach dhan choimhearsnachd ionadail agus do na seirbheisean èiginn.
Toraidhean:
- Ath-leumachd meudaichte an aghaidh thuiltean.
4.6.2 Yell - Cò-ionadan Ath-leumachd
Chaidh seachd co-ionadan ath-leumachd a chur air dòigh air feadh an eilein anns a bheil uidheamachd a bhios a dhìth mas e is gum bi briseadh cumhachd ann no ma thèid aiseagan a chur dheth - a rèir amas a' phròiseict taic a thoirt do
choimhearsnachdan gus ceumannan freagarrachaidh a ghabhail gus bacadh a chur air buaireadh bho bhuaidhean atharrachadh na gnàth-shìde.
Toraidhean:
- Ath-leumachd coimhearsnachd.
4.7 Bith-iomadachd agus Cleachdadh Fearainn
Tha tuigse air a bhith againn o chionn fhada gu bheil eag-shiostaman eileanach ann an cunnart sònraichte bho atharrachaidhean àrainneachdail. Tha Pròiseact nan Eilean le Cothromachadh Carboin air feuchainn ri iomairtean a mhaoineachadh a tha a' dìon nan àrainneachdan sin, ag ath-nuadhachadh no a' cur ri bith-iomadachd agus a' togail tuigse air eag-shiostam gach eilein agus air an àrainneachd mara ionadail.
4.7.1 Hoy is Walls - Sgeama Cur Chraobhan sa Choimhearsnachd
Chaidh craobhan agus innealan gus craobhan a chur a cheannach agus a thoirt do ghrunn luchd-còmhnaidh, buidhnean agus gnìomhachasan eileanach. Mar an
ceudna, stèidhichidh na daoine no na buidhnean sin badan beaga de choille anns na gàrraidhean aca no air fearann a tha fo shealbh phrìobhaideach. Uile gu lèir, chaidh 4,500 craobh a sgaoileadh do dhaoine air feadh an eilein.
Toraidhean:
- A' cur ri bith-iomadachd agus ath-choillteachadh.
4.7.2 Ratharsair - A' Riaghladh Ghnèithean Ionnsaigheach
Tha am pròiseact seo ag amas air smachd a chumail air gnèithean ionnsaigheach ann an Ratharsair. Chaidh a' chiad obair mapachaidh le dròn a dhèanamh. Thèid seo a leantainn an uair sin le Plana Riaghlaidh Gnèithean Ionnsaigheach agus às dèidh sin le bhith a' toirt air falbh nan gnèithean ionnsaigheach, a' tòiseachadh ann an raointean prìomhachais. Le bhith a' toirt air falbh na gnèithean ionnsaigheach sin, thèid bith- iomadachd an eilein a dhìon.
A bharrachd air sin, tha CNI Ratharsair air maoineachadh co-ionnan a thoirt do Chompanaidh Coimhearsnachd Thaigh Ratharsair gus an Rhododendron Ponticum, gnè ionnsaigheach, a thoirt air falbh bhon fhearann aca.
Toraidhean:
- A' dìon bith-iomadachd.
- Glacadh carboin nas fheàrr.
4.7.3 Cumaradh agus Hoy - Sgrùdadh air Eimiseanan bho chòmhdach-fearainn
Chaidh mion-sgrùdadh farsaing air Cleachdadh Fearainn, Atharrachadh Cleachdadh Fearainn agus Coilltearachd (LULUCF) air Cumaradh agus Hoy a dhèanamh le Aquatera, a' cleachdadh ìomhaighean saideal hi-res, mapadh, agus dàta cleachdaidh fearainn a th' ann mar-thà - a' togail air obair a rinn Aether roimhe sa Mhàrt 2023.
Tha an t-inneal seo ag amas air co-dhùnaidhean dealbhaidh is leasachaidh fhiosrachadh nas fheàrr san àm ri teachd. Bheir e cothrom obrachadh a-mach dè na buaidhean a thaobh eimiseanan carbon a bhios ann mar thoradh air atharrachadh cleachdadh fearainn taobh a-staigh àite sònraichte, a tha na inneal ro-chudromach airson a bhith a' dèanamh cho-dhùnaidhean seasmhach.
4.7.4 Cumaradh - Sgrùdadh Freagarrachd Àrainn Carbon Gorm
Chaidh pròiseact a dhèanamh gus sgrùdadh bun-loidhne a dhèanamh airson carbon gorm anns na h-uisgeachan timcheall air Cumaradh. Tha buaidh dhìreach aig àrainneachd na mara ionadail air eag-shiostam an fhearainn agus air eimiseanan carboin gach eilean agus mar sin, tha a bhith a' gabhail cheumannan gus an àrainneachd seo a thuigsinn a' toirt seachad cothrom luachmhor gus eimiseanan gach eilean a sgrùdadh ann an co-theacs iomlan.
Toraidhean:
- A' dìon agus a' cur ri bith-iomadachd.
4.7.5 Barraigh - Pròiseact Cur Chraobhan Coimhearsnachd
Chaidh 4,200 craobh (80% craobhan feàrna agus 20% caorann) a cheannach bho Alba Trees agus a thoirt do 55 com-pàirtichean ann am Pròiseact Cur Chraobhan Coimhearsnachd CNI.
Toraidhean:
- A' cur ri bith-iomadachd/ath-choillteachadh.
4.8 An eaconamaidh chearcallach
Tha a bhith a' gluasad a dh'ionnsaigh eaconamaidh chearcallaich na phrìomh cheum ann a bhith a' lùghdachadh eimiseanan. Tha seo gu sònraichte fìor ann an co-theacs nan eilean far a bheil roghainnean airson faighinn cuidhteas nithean gu tric cuingealaichte agus dùbhlanach.
4.8.1 Yell - A' Ceannach ghoireasan airson Ionad Ath-chleachdadh san Eilean
Chaidh uidheamachd agus àite stòraidh a cheannach gus ath-chleachdadh agus ath-chuairteachadh bathar geal a dhèanamh nas fhasa san eilean mar phàirt de bhuidheann gnìomhachd aig Seada nam Fear. Tha buannachdan a' phròiseict seo dà-fhillte: an toiseach tha buidheann nam fear na buidheann sòisealta do dh'fhir ann an Yell a tha air a mholadh gu farsaing san eilean; san dàrna h-àite le bhith a' càradh bathar geal, thathar a' lùghdachadh an fheum a bhith gan giùlan far an eilein airson scrap a bharrachd air lùghdachadh ann an eimiseanan bho bhith ag ath-chleachdadh an uidheim sin.
Toraidhean:
- A' gluasad a dh'ionnsaigh eaconamaidh chearcallaich.
- Leasachaidhean air spàsan sòisealta agus air sgilean.
Contact
Email: info@islandsteam.scot
There is a problem
Thanks for your feedback