Carbon Neutral Islands Project: progress report 2023 – 2024 - Gaelic version
Bho 2021, tha sinn air taic a thoirt do shia eileanan Albannach (Barraigh, Cumaradh, Hoy, Ìle, Ratharsair agus Yell) leis an amas làn chothromachadh carboin a bhith aca ro 2040. Tha an aithisg seo a’ mìneachadh an adhartais nach bu bheag a rinneadh thar nan sia eileanan tro 2023 agus 2024.
5. Gnìomhan com-pàirteachaidh poblach
Tha fòcas a' Phròiseact CNI a' dol nas fhaide na dìreach tasgadh calpa. Tha gach Oifigear Leasachaidh Coimhearsnachd air prògram farsaing de ghnìomhan conaltraidh a dhèanamh - an dà chuid air agus taobh a-muigh an eilein aca. Tha seo air cur gu mòr ri mothachadh mun phròiseact agus tha e air conaltradh a thogail leis an dà chuid daoine a tha a' fuireach anns na h-eileanan agus nas fhaide air falbh.
5.1 Com-pàirteachadh taobh a-staigh nan eilean
Mar a tha sinn air a chomharrachadh, tha a h-uile eilean air leth agus tha dòighean com-pàirteachaidh anns gach coimhearsnachd air a bhith eadar-dhealaichte, a rèir feumalachdan nan eileanach. Mar eisimpleir, rinn grunn eileanan obair pròiseict gus an conaltradh seo a bhrosnachadh (m.e. ann an Cumaradh chaidh pròiseact ealain a chur air dòigh leis an sgoil ionadail).
Bha pàirt chudromach aig na h-Oifigearan Leasachaidh Coimhearsnachd ann a bhith a' togail mothachadh air obair a' phròiseict CNI anns gach eilean agus iad ag amas air seo a chleachdadh gus conaltradh gnàth-shìde a bhrosnachadh san fharsaingeachd.
A bharrachd air a bhith leabaichte taobh a-staigh buidheann acair ionadail, tha gach eilean cuideachd a' cur prìomhachas air co-obrachadh le luchd-ùidh ionadail, mas as trice buidheann stiùiridh ionadail, gus slighe ro-innleachdail a' phròiseict aontachadh. Choinnich na buidhnean sin gu cunbhalach gus beachdachadh air cùisean co- cheangailte ris an CNI.
Rinn na h-Oifigearan Leasachaidh Coimhearsnachd feum de thachartasan coimhearsnachd air feadh gach eilean mar chothrom gus cuir ris an eòlais ionadail agus gus taic coimhearsnachd fhaighinn. Chruthaich na tachartasan seo cothrom gus obair Eileanan le Cothromachadh Carboin a thaisbeanadh taobh a-staigh co-theacs iomairtean eile a bha a' dol air adhart san eilean agus leis gum biodh gu leòr dhaoine an làthair, ghabhadh barrachd luchd-amais a ruighinn, is dòcha nach biodh air an ruigsinn le conaltradh nas cuimsichte.
Am measg dhòighean com-pàirteachaidh air gach eilean ann am pròiseact nan Eilean le Cothromachadh Carboin, tha:
suirbhidhean. Tha e ro-chudromach gum bi seallaidhean nan eileanach air am filleadh a-steach do phròiseact CNI. Gus dèanamh cinnteach gun tachradh seo, chaidh sgrùdaidhean a dhèanamh gus beachdan eileanach ann an grunn de na CNIan a chruinneachadh gus Planaichean Gnìomha Gnàth-shìde agus obair an CNI san fharsaingeachd fhiosrachadh.
obair le sgoiltean. Tha prìomh àite aig daoine òga san t-slighe gu cothromachadh carboin – tha seo gu sònraichte fìor sna coimhearsnachdan eileanach againn. Tha grunn eileanan CNI air pròiseactan a dhèanamh còmhla ri sgoiltean ionadail. Tha cuid eile air tachartasan com-pàirteachaidh a chumail mar chothrom ionnsachaidh gus tuigse a thogail mu cheumannan lùghdachaidh carboin.
saidheans nan saoranach. Tha eileamaid saidheans nan saoranach aig grunn de na pròiseactan eileanach a tha a' ciallachadh gu bheil eileanach an sàs gu dìreach san àrainneachd ionadail aca, a' togail com-pàirteachadh agus a' cur ri farsaingeachd na h-obrach saidheansail a ghabhas dèanamh sna h-eileanan.
tachartasan taisbeanaidh. Chaidh tachartasan taisbeanaidh a chumail ann an grunn eileanan cuideachd gus an obair a thathar a' dèanamh ann am pròiseact CNI agus sruthan obrach co-cheangailte a chomharrachadh gu dìreach. Chaidh iad sin a chumail gu tric ann an co-obrachadh le buidhnean eile a tha an sàs ann an obair gnàth-shìde agus àrainneachd gus co-obrachadh a thogail eadar na buidhnean sin.
taic do Cheumannan Èifeachdas Lùths nas Fharsainge. Tha na h-Eileanan le Cothromachadh Carboin cuideachd air taic a chumail ri bhith a' gabhail cheumannan èifeachdas lùths tro phrògraman leithid nan Sgeamaichean Stèidhichte air Sgìre.
Tha Cumaradh mar eisimpleir, air àrdachadh mòr fhaicinn ann ìre-cleachdaidh nan ceumannan sin tro na h-oidhirpean sin.
àrdachadh-sgilean nan Oifigearan Leasachaidh Coimhearsnachd. Tha am pròiseact air prìomhachas a thoirt do dh'àrdachadh sgilean nan Oifigearan Leasachaidh Coimhearsnachd far an gabh sin dèanamh gus an cuid eòlais agus sgilean a cho-roinn airson leas nan coimhearsnachdan eileanach aca.
5.2 Com-pàirteachadh far nan eilean
Tha cho furasta 's a tha e tachartasan far-eilean a ruighinn, gu sònraichte ann am meadhan na h-Alba, eadar-dhealaichte ann an diofar eileanan. A dh'aindeoin seo bha e comasach do gach Oifigear Leasachaidh Coimhearsnachd a bhith an làthair agus a bhith a' bruidhinn gu tric aig tachartasan air feadh na h-Alba gus mothachadh a thogail mun phròiseact agus an cuid ionnsachaidh agus eòlas mar Oifigear Leasachaidh Coimhearsnachd a cho-roinn.
Tha liosta gu h-ìosal de na prìomh thachartasan far an robh na h-oifigearan leasachaidh coimhearsnachd no cuid aca an làthair.
- Co-labhairt All-Energy and Dcarbonise san SECC, Glaschu, sa Chèitean 2023
- Thug an tachartas seo luchd-ùidh còmha bho air feadh roinne an lùiths agus thug e cothrom math do na h-Oifigearan Leasachaidh Coimhearsnachd na lìonraidhean aca a leudachadh agus mothachadh àrdachadh mun phròiseact.
- Co-labhairt CARES aig Local Energy Scotland ann an Glaschu san t-Sultain 2023
- Tha Sgeama Coimhearsnachd is Lùths Ath-nuadhachail (CARES) aig Riaghaltas na h-Alba a' toirt taic do choimhearsnachdan, a' gabhail a-steach eileanan ann am Pròiseact nan Eilean le Cothromachadh Carboin, a dhol an sàs, pàirt a ghabhail agus buannachd fhaighinn anns an eadar-ghluasad gu cothromachadh carboin. Thug a' cho-labhairt seo cothrom air leth seachad gus ionnsachadh a cho-roinn le coimhearsnachdan eile air feadh na h-Alba.
- Co-labhairt Bhliadhnail Local Energy Scotland ann an Glaschu 2024
- Thug na tachartasan sin luchd-ùidh còmhla gus beachdachadh air àite choimhearsnachdan ann a bhith lìbhrigeadh dì-charbonachadh cothromach agus in-ghabhalach.
- Ann an 2024, thug na h-Oifigearan Leasachaidh Coimhearsnachd taisbeanadh seachad air leasachadh cumhachd na grèine agus stiùirich iad bùth-obrach air èifeachdas lùtha.
- Pàrlamaid Dhùthchail is Eileanach na h-Alba (SRIP), An Gearasdan, an t-Samhain 2023
- Tha SRIP na seanadh deamocratach aig ìre na coimhearsnachd, a tha a' toirt dhaoine còmhla a tha a' fuireach agus ag obair ann an sgìrean dùthchail agus eileanach na h-Alba gus deasbad a dhèanamh air cùisean cudromach. Tha e na phàirt de phròiseas gus coimhearsnachdan dùthchail is eileanach ann an Alba a thoirt còmhla agus gus na diofar ghuthan aca a mheudachadh. Bha buill CNI an làthair gus an cuid eòlais fhèin air leasachadh a cho-roinn ann an co-theacs eileanach.
Thug na tachartasan seo cothrom do gach oifigear eòlas air cleachdaidhean seasmhach ann an co-theacs eileanach a cho-roinn le luchd-ùidh air feadh saoghail an leasachaidh ionadail – bho oifigearan leasachaidh eile ann an coimhearsnachdan eileanach, cladaich is dùthchail gu eòlaichean gnìomhachais agus acadaimigeach.
Chruthaich iad cothroman ionnsachaidh cuideachd agus an cothrom lìonra a thogail thairis air coimhearsnachdan eileanach, a' neartachadh na h-earrainn den phròiseact a thaobh mhac-samhlachd.
Choinnich na h-Oifigearan Leasachaidh Coimhearsnachd grunn thursan còmhla ri Riaghaltas na h-Alba agus prìomh chom-pàirtichean pròiseict aghaidh-ri-aghaidh, a' toirt cothrom dhaibh ceanglaichean a dhèanamh agus fiosrachadh a cho-roinn agus pàirt chudromach a ghabhail ann a bhith a' dealbhadh a' phròiseict iad fhèin.
5.3 Com-pàirteachadh Luchd-ùidh
Rinn gach eilean conaltradh farsaing le luchd-ùidh ann am prìomh ghnìomhachasan agus buidhnean san treas roinn san eilean agus/no le ùidh anns an eilean aca. Chaidh lìonra a chruthachadh tro seo gus taic a chumail ris an obair air feadh pròiseact CNI agus chuir seo cuideam air na ceanglaichean eadar iomairtean ann an raointean co- cheangailte.
Am measg nam prìomh phàirtean den cho-obrachadh seo air feadh nan eilean bha:
- gnìomhachas ann an eileanan (mar eisimpleir gnìomhachas an uisge-bheatha ann an Ìle).
- buidhnean le fòcas air an àrainneachd (leithid an RSPB, NàdarAlba).
- companaidhean lìonraidhean dealain.
- buidhnean leasachaidh coimhearsnachd.
- ùghdarrasan ionadail.
- luchd-stàlaidh ceumannan lùths beag-carboin agus èifeachdas lùths.
- buidhnean comhairle is taic (leithid Home Energy Scotland).
- companaidhean aiseig.
5.4 Rannsachadh
Tha sinn cuideachd air rannsachadh a dhèanamh gus taic a chumail ris a' phròiseact, a' gabhail a-steach obair air togail sgilean agus ionnsachadh co-roinnte air feadh eileanan na h-Alba.
Bha an obair air togail sgilean gu sònraichte inntinneach ann a bhith a' fiosrachadh an dà chuid leasachadh nam prìomh eileanan sa phròiseact ach cuideachd ann a bhith a' fiosrachadh na h-earrainn den phlana a thaobh mac-samhlachd a tha ag amas air na co-dhùnaidhean sin a leudachadh.
Tha na co-dhùnaidhean sin air cuideachadh gus phlanaichean airson a' phròiseict ann an 2024/25 agus às dèidh sin fhiosrachadh.
Gus cuideachadh le bhith a' leudachadh farsaingeachd na h-obrach dì-charbonachaidh a thathar a' dèanamh air feadh eileanan uile na h-Alba, chaidh leabhar-làimhe a sgrìobhadh le CES mun t-slighe gu cothromachadh carboin tha ri fhaighinn an seo.
Contact
Email: info@islandsteam.scot
There is a problem
Thanks for your feedback