Carbon Neutral Islands Project: progress report 2023 – 2024 - Gaelic version

Bho 2021, tha sinn air taic a thoirt do shia eileanan Albannach (Barraigh, Cumaradh, Hoy, Ìle, Ratharsair agus Yell) leis an amas làn chothromachadh carboin a bhith aca ro 2040. Tha an aithisg seo a’ mìneachadh an adhartais nach bu bheag a rinneadh thar nan sia eileanan tro 2023 agus 2024.


6. Na h-ath-cheuman

6.1 Amasan maoineachaidh 2024/25

Às dèidh an tasgaidh agus gnìomhachd a tha air a mhìneachadh gu h-àrd, tha sinn a' leantainn oirnn ag obair ann an com-pàirteachas leis na h-eileanan gus taic a thoirt dhaibh anns na slighean aca gu cothromachadh carboin. Tha seo a' gabhail a-steach maoineachadh leantainneach gus taic a thoirt do bhuidhnean a' gabhail a-steach nam buidhnean acair ionadail, Cumhachd Coimhearsnachd Alba, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean agus Urras na h-Alba airson an Ama ri Teachd..

Is iad seo na prìomh amasan ro-innleachdail airson maoin CNI airson 2024/25:

Amas 1: Cùm oirnn a' toirt taic do na sia eileanan gus na Planaichean Gnìomha Coimhearsnachd airson Atharrachadh Gnàth-shìde a bhuileachadh (foillsichte ann an 2023/24) agus aig an aon àm a' toirt taic dhaibh slighe a chruthachadh a bheir comas dhaibh cothromachadh carboin a ruigsinn ro 2040.

Amas 2: Cruinnich, cuir gleans air agus co-roinn deagh chleachdaidhean bho phròiseact CNI airson leas eileanan Albannach eile (an fheadhainn nach eil air an gabhail a-steach sa phròiseact gu dìreach mar-thà).

Amas 3: Stèidhich dòigh-obrach fharsaing a thaobh lìbhrigeadh agus seasmhachd a' phròiseict san fhad-ùine.

6.2 Ro-innleachdan Maoineachaidh

Chomharraich Aithisg Adhartais 2023 gun cruthaicheadh sinn Ro-innleachdan Tasgaidh gus na Planaichean Gnìomh Coimhearsnachd airson Atharrachadh na Gnàth- shìde a lìbhrigeadh. Bidh iad sin a' cuimseachadh air a bhith a' cruthachadh diofar roghainnean maoineachaidh airson nan Eilean le Cothromachadh Carboin san àm ri teachd. Tha sinn ann an com-pàirteachas le Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) air an t-sruth-obrach seo.

Tha HIE a' cleachdadh an cuid eòlais ionadail agus an eòlas farsaing air pròiseactan leasachaidh gus dòigh-obrach a chomharrachadh a thaobh a bhith a' maoineachadh phròiseactan le sùil ri maoineachadh fhaighinn sa mheadhan ùine/san ùine fhada.

Tha iad ag obair còmhla ri gach eilean gus dèanamh cinnteach gu bheil iad aig cridhe a' phròiseict. Bithear cuideachd a' beachdachadh air mar a tha am pròiseact ag obrachadh taobh a-staigh na cruth-tìre a thaobh cothromachadh carboin san fharsaingeachd.

6.3 Maoineachadh Calpa Leantainneach

A bharrachd air an £1 millean de mhaoineachadh calpa a chaidh a thasgadh ann an 2023/24, tasgaidh sinn £1.3 millean a bharrachd sa bhliadhna ionmhais seo gus iomairtean cothromachadh carboin a chur air adhart thar nan sia eileanan.

Tha seo a' gabhail a-steach ar Maoin Calpa £1m airson Eileanan le Cothromachadh Carboin a tha air a rianachd le Urras na h-Alba airson an Ama ri Teachd. Thathar air fàilte a chur air iarrtasan bho Ùghdarrasan Ionadail a tha ag obair ann an com- pàirteachas le coimhearsnachdan.

Chaidh am pròiseas a dhealbhadh gu faiceallach gus dèanamh cinnteach gum faigh Eileanan le Cothromachadh Carboin am maoineachadh gus pròiseactan nas motha agus nas buadhmhoire a thoirt air adhart nuair a tha an t-àm ceart dhaibh.

Obraichidh sinn leis na h-eileanan ann a bhith a' leasachadh agus ag ùrachadh na loidhne-pìoba de phròiseactan le cothromachadh carboin gus taic a chumail riutha le bhith a' toirt air adhart am miannan a thaobh cothromachadh carboin.

A bharrachd air sin, tha cothrom aig gach eilean air £50,000 gus togail air na rinn iad gu ruige seo agus gus cumail orra le cur an gnìomh nam Plana Gnìomh Coimhearsnachd airson Atharrachadh na Gnàth-shìde.

6.4 A' co-roinn fiosrachadh

Bha e riamh na phrìomh amas aig a' phròiseact dèanamh cinnteach gum faigh eileanan na h-Alba buannachd tro bhith a' co-roinn deagh chleachdaidhean a thig bho bhuileachadh. Gus an t-amas seo a choileanadh tha Cumhachd Coimhearsnachd na h- Alba a' toirt air adhart grunn ghnìomhan.

  • A' taisbeanadh an Leabhair-làimhe Gnìomhachd Gnàth-shìde Coimhearsnachd stèidhichte air an ionnsachadh agus air deagh chleachdaidhean a thàinig bhon phròiseact gu ruige seo, a' gabhail a-steach a bhith a' co-roinn na chaidh ionnsachadh bho mhodh-obrach CNI.
  • A' stèidheachadh dà Choimhearsnachd Cleachdaidh, air an dèanamh suas de 15 eileanan ùra uile gu lèir, le taic bho CES gus na leanas a lìbhrigeadh:
    • sgrùdaidhean carboin;
    • a' dèanamh planaichean gnìomh;
    • sgrùdaidhean ion-dhèantachd; agus
    • trèanadh (ann an raointean leithid sgrùdadh carboin, no far a bheil beàrnan sgilean a' cur bacadh air eileanan bho bhith a' toirt air adhart gnìomhachd gus carbon a lùghdachadh). Na h-eileanan seo (Tiriodh, Muile, Bressay, Colbhasa, Colla, Leòdhas, Uibhist, Luing, Shapinsay, Ronaldsay a Tuath, Papa Westray, Westray, Sanday, Stronsay, Eday).
  • Ag àrdachadh conaltradh pròiseict agus com-pàirteachadh le coimhearsnachdan thairis air Pròiseact nan Eilean le Cothromachadh Carboin (ag obair le Oifigearan Leasachaidh Coimhearsnachd) agus a' meudachadh stòrasan didseatach.
  • A' leantainn air adhart ag obair leis na h-Oifigearan Leasachaidh Coimhearsnachd thairis air na sia eileanan ann am pròiseact CNI a' toirt seachad taic theicnigeach agus a' neartachadh conaltradh agus com-pàirteachadh.

Contact

Email: info@islandsteam.scot

Back to top