Co-chomhairle air Sgìrean Mara Fìor -ghlèidhte (HPMAan) Geàrr-chunntas air Freagairt Riaghaltas na h-Alba dhan Cho-chomhairle

Gaelic language translation of our executive summary response to the public consultation on the proposal to designate 10% of Scottish seas as Highly Protected Marine Areas (HPMAs) by 2026.


Geàrr-chunntas

Dh’fhaighnich sinn:

Chùm Riaghaltas na h-Alba co-chomhairle bho 12 Dùbhlachd 2022 gu 17 Giblean 2023, air Sgìrean Mara Fìor-ghlèidhte (HPMAan). B’ e an dòigh-obrach a bhathar a’ moladh airson HPMAan a bhith a’ dìon a h-uile pròiseas nàdarra ann an eag-shiostam na mara gu teann taobh a-staigh crìochan nan làraichean HPMA, a’ gabhail a-steach grunnd na mara, àrainnean colbhan uisge agus a h-uile càil a tha a’ fuireach san raon dìonte airson dìon agus ath-shlànachadh eag-shiostaman mara. Rinn Riaghaltas na h-Alba co-chomhairle air cò ris a bu chòir HPMAan ann an Alba a bhith coltach, ciamar a bu chòir an taghadh agus an cur an gnìomh, agus mar a dh’fhaodadh iad buaidh a thoirt air ar beatha.

Gu sònraichte, bha a’ cho-chomhairle a’ sireadh bheachdan air poileasaidh nan HPMAan a bhathar a’ moladh airson cumhachdan a thoirt a-steach gus HPMAan a chomharrachadh ann an uisgeachan cladaich na h-Alba. Airson sgìre far-thìreach na h-Alba (nas fhaide na 12 mìle mara a-mach gu crìochan a-muigh sgeilp mòr-thìreach na RA), chaidh aithneachadh gun robh toirt a-steach HPMAan, mar a chaidh a mholadh, an urra ri cumhachdan riatanach a bhith air an gluasad le Riaghaltas na RA gu Riaghaltas na h-Alba. B’ e an rùn, ge-tà, gum biodh am frèam poileasaidh a chaidh a mholadh agus an stiùireadh gus làraichean a thaghadh cuideachd a’ buntainn ri HPMAan ann an uisgeachan far-cladaich, le ùmhlachd do na cumhachdan riatanach a bhith air an gluasad.

Dh’iarr sinn ur beachdan air an dreachd Frèam Poileasaidh, dreachd de Stiùiridhean airson a bhith a’ Taghadh Làraichean, a’ chiad Mheasadh Àrainneachdail Ro-innleachdail, a’ chiad Mheasadh Buaidh Sòisio-eaconamach, Measadh Buaidh air Coimhearsnachdan Eileanach leth-phàirteach agus Measadh Buaidh Gnothachais is Riaghlaidh leth-phàirteach.

Thuirt sibh:

Thug sibh 4,502 freagairtean fa leth dhuinn. Dhiubh sin, b’ e freagairtean susbainteach a bh’ ann an 2,458 dhiubh sin le luchd-freagairt a’ toirt seachad am beachdan fhèin agus bha 2,044 nam freagairtean iomairt anns an do chuir luchd-freagairt beachdan an cèill mar phàirt de dh’iomairt cho-òrdanaichte. Fhuaradh freagairtean susbainteach bho: 289 buidhnean agus 2,169 daoine fa leth.

Bha na leanas am measg prìomh thoraidhean a’ cho-chomhairleachaidh :

  • Bha sgaradh bheachd mòr ann leis a’ mhòr-chuid den luchd-fhreagairt gu làidir airson nam molaidhean no gu làidir nan aghaidh. Chuir 55% den luchd-fhreagairt gu lèir taic ri bhith a’ toirt a-steach HPMAan agus bha 43% den luchd-fhreagairt an aghaidh a bhith a’ toirt a-steach HPMAan le dìreach 2% aig an robh beachdan neodrach no mì-chinnteach.
    • Chuir mòr-chuid mhòr den luchd-freagairt a bha ag aontachadh ris na molaidhean am freagairtean a-steach mar phàirt de dh’aon iomairt. Nuair a thèid freagairtean iomairt a thoirt air falbh, bha beachdan 76% den luchd-freagairt na aghaidh, le 20% a’ cur taic ris a’ mholadh.
  • Bha draghan mun bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith air coimhearsnachdan ionadail, gu h-àraidh ann an sgìrean dùthchail cladaich agus eileanach, aig an dà chuid an fheadhainn a bha a’ toirt taic do na molaidhean agus an fheadhainn a bha nan aghaidh.
    • Chaidh cuideam a chur air cho cudromach ’s a tha beachdan luchd-ùidh agus coimhearsnachd ann a bhith a’ cruthachadh phoileasaidhean agus a’ taghadh agus a’ riaghladh làraichean ann am mòran de na freagairtean sin. Chaidh cuideam a chur air co-obrachadh, obair com-pàirteachais agus togail air eòlas agus luachan muinntir an àite an dà chuid le luchd-freagairt a bha na aghaidh agus air a shon.
    • Thog an luchd-fhreagairt draghan gu tric cuideachd mu bhith a’ cleachdadh na h-aon dòigh-obrach sa h-uile àite a thaobh dìon mara, agus an àite sin mhol iad a bhith a’ togail air eòlas ionadail agus luachan dhaoine a tha a’ fuireach ri taobh na mara agus ag obair aig muir, agus a bhith a’ toirt spèis do chleachdaidhean iasgaich seasmhach ionadail.
  • Bha mòran den luchd-fhreagairt a bha an aghaidh HPMAan a’ ceasnachadh a’ cho-dhùnaidh targaid 10% a bhith ann, agus gu tric bha dragh orra gum faodadh seo a bhith air a chuimseachadh gu ìre ro mhòr ann an sgìre a’ chladaich. Bha an fheadhainn a thug taic dhan targaid seo ag argamaid gun robh seo a’ co-thaobhadh ri geallaidhean eadar-nàiseanta.
  • Gu tric bha luchd-freagairt a bha an aghaidh a’ mholaidh cuideachd den bheachd gun robh an clàr-ama airson lìbhrigeadh ann an 2026 neo-phractaigeach, gu sònraichte a chionn ’s gu bheil feum air conaltradh le coimhearsnachdan ionadail agus air fianais shaidheansail làidir a chruinneachadh.
  • Ged a bha aonta soilleir ann mu cho cudromach ’s a bha dìon agus glèidheadh ar n-àrainneachd mara, chuir mòran luchd-freagairt, a bha na aghaidh, am beachd an cèill nach b’ e poileasaidh HPMA mar a chaidh a mholadh an dòigh cheart gus a’ bhuil seo a choileanadh.

Rinn sinn:

San Ògmhios 2023, thug Rùnaire a’ Chaibineit airson Cothromachadh Carboin agus Eadar-ghluasad Cothromach seachad fiosrachadh às ùr mu HPMAan ann am Pàrlamaid na h-Alba. Anns an aithris, bha Rùnaire a’ Chaibineit soilleir gun robh an sgrùdadh air freagairtean co-chomhairleachaidh a’ dol air adhart agus gun rachadh làn fhreagairt dhan cho-chomhairle agus air na h-ath cheumannan fhoillseachadh às dèidh fosadh an t-samhraidh. Aig an aon àm, chuir Rùnaire a’ Chaibineit cuid de na ciad rùintean aice an cèill anns an aithris ag aithneachadh cho làidir ’s a bha faireachdainn agus draghan gum faodadh buileachadh HPMAan ro 2026 casg a chur air miannan airson fìor cho-obrachadh le coimhearsnachdan, a tha bunaiteach do dhòigh-obrach na h-Alba a thaobh eadar-ghluasad cothromach. Mar sin dh’ainmich Rùnaire a’ Chaibineit a rùn, ged a tha i fhathast gu daingeann airson dìon na mara a neartachadh, nach fheuch Riaghaltas na h-Alba ri HPMAan a chur an sàs thairis air 10% de chuantan na h-Alba ro 2026 tuilleadh.

Mar fhreagairt do cho-dhùnaidhean a’ cho-chomhairleachaidh – gu h-àraidh mar thoradh air an fhìor sgaradh bheachd sna freagairtean, draghan mòra a thaobh buaidh air coimhearsnachdan cladaich is eileanach, a bharrachd air draghan mun targaid 10% a thathar a’ moladh agus clàr-ama airson 2026 – chan fheuch Riaghaltas na h-Alba ris a’ phoileasaidh a bhathar a’ moladh sa cho-chomhairle a chur an gnìomh tuilleadh. Tha seo a’ ciallachadh nach tèid HPMAan a thoirt a-steach ann an 10% de chuantan na h-Alba ro 2026 agus nach bi dreachd Frèam Poileasaidh HPMA agus dreachd Stiùiridhean air Taghadh Làraichean, air an deach co-chomhairle a chumail, air an crìochnachadh agus air am foillseachadh. A bharrachd air seo, chan eil Riaghaltas na h-Alba an dùil a bhith a’ dol air adhart le stèidheachadh chumhachdan laghail ùra gus HPMAan a thoirt a-steach ann an uisgeachan cladach na h-Alba tro Bhile ann am Pàrlamaid na h-Alba san teirm phàrlamaidich seo.

A dh’aindeoin ’s gun robh daoine gu làidir an aghaidh a’ mholaidh poileasaidh, sheall toraidhean a’ cho-chomhairleachaidh cuideachd gun robh taic shoilleir ann do na h-amasan gus ar n-àrainneachd mara a dhìon agus a ghlèidheadh. An àite seo, leanaidh Riaghaltas na h-Alba air adhart ag obair gus dìon na mara a neartachadh a rèir ar n-àrd-mhiann ann an dreachd Ro-innleachd Bith-iomadachd gum bi Alba deimhinneach mu nàdar ("nature positive) ro 2030 agus aithnichidh e targaidean Ro-innleachd Bith-iomadachd an AE airson targaidean 2030 thairis air an aon chlàr-ama.

Is e prìomh bhuil ionnsachaidh a chaidh a dhèanamh soilleir leis a’ cho-chomhairle seo cho cudromach ’s a tha beachdan luchd-ùidh agus coimhearsnachd. Bidh ur beachdan air ais mar phàirt den chòmhradh leantainneach againn ribh air mar a bhios sinn ag obair còmhla gus dìon na mara a neartachadh.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ cur luach air an ùine agus an smaoineachadh a chur luchd-freagairt seachad air molaidhean airson dòighean-obrach agus beachdan eile, (le cuid de na h-eisimpleirean rim faighinn ann an Leas-phàipear A) a bhios a’ fiosrachadh nan ath cheumannan againn a thaobh dìon mara nas fheàrr.

Tha e nas soilleire na bha e a-riamh gu bheil èiginn nàdair agus gnàth-shìde ann an-dràsta agus gum feum sinn a bhith deònach gnìomh a ghabhail a rèir meud an dùbhlain sin, ach feumaidh sinn sin a dhèanamh tro eadar-ghluasad cothromach a bheir cumhachd do choimhearsnachdan.

San àm ri teachd, tha e na rùn dhuinn a bhith ag obair le coimhearsnachdan cladaich is eileanach, iasgairean, tuathanasan-uisge, turasachd, agus gach roinn bhuntainneach gus dìon na mara ann an Alba a neartachadh airson math nan uile.

Tha e ro-chudromach gun dèan sinn nas urrainn dhuinn an-diugh gus dèanamh cinnteach gum bi na cuantan againn fhathast nan stòrasan airson soirbheas eaconamach dhan nàisean againn an-diugh agus san àm ri teachd.

Contact

Email: HPMA@gov.scot

Back to top