Co-chomhairleachadh air Dreach Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba: 2021-2026
Fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 tha dleastanas reachdail aig Riaghaltas na h-Alba Plana Gàidhlig ullachadh. 'S e seo treas ath-thriall a' Phlana. Tha e a' mìneachadh na bun-dhleastanasan tron tèid dealas an Riaghaltais don chànan agus am Plana Cànain Nàiseanta a choileanadh n-ar raointean-obrach.
Facal-toisich bhon Mhinistear
Mar Rùnaire a' Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean le dleastanas airson Gàidhlig, tha mi uabhasach toilichte taic a thoirt do dh'fhoillseachadh a' cho-chomhairleachaidh seo air dreach Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba, a chaidh a chruthachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.
Tha Riaghaltas na h-Alba dealasach ann a bhith a' toirt taic don Ghàidhlig agus ag amas dèanamh cinnteach gu bheil iadsan a bu mhiann a bhith an sàs anns a' bheatha aca tron chànan a' faighinn cothrom seo a dhèanamh. Tha na dleastanasan anns an dreach phlana seo a' togail orrasan a tha air a bhith an àite bho fhoillseachadh a' chiad phlana ann an 2010. A thuilleadh air dleastanasan obrach, tha ar Plana a' mìneachadh gu follaiseach na gnìomhan eile anns a bheil sinn an sàs tro ar poileasaidhean ann a bhith a' toirt taic don Ghàidhlig mar phàirt de Fhream-obrach Choileanaidh Nàiseanta Riaghaltas na h-Alba. Bidh na poileasaidhean seo a' dèanamh cinnteach gu bheil Gàidhlig a' faighinn taice air feadh ar raon obrach agus beatha phoblach na h-Alba.
Tha mi an dòchas gun aontaich sibh gu bheil an dreach Plana Gàidhlig seo a' cuideachadh àrainneachd thaiceil a chruthachadh don Ghàidhlig agus tha mi a' cur fàilte air ar beachdan as urrainn an dealas seo a dhaingneachadh.
Shirley-Anne Somerville BPA
Rùnaire a' Chaibineit airson Foghlam & Sgilean
Contact
Email: sgglp@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback