Co-chomhairleachadh air Dreach Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba: 2021-2026

Fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 tha dleastanas reachdail aig Riaghaltas na h-Alba Plana Gàidhlig ullachadh. 'S e seo treas ath-thriall a' Phlana. Tha e a' mìneachadh na bun-dhleastanasan tron tèid dealas an Riaghaltais don chànan agus am Plana Cànain Nàiseanta a choileanadh n-ar raointean-obrach.


Caibideal III – Dleastanasan a' Phlana

Amasan Àrd-ìre

Tha Riaghaltas na h-Alba air obrachadh còmhla ri Bòrd na Gàidhlig son àireamh de dh'amasan Àrd-Ìre a chruthachadh gus dèanamh follaiseach ar dealas don Ghàidhlig aig ìre ro-innleachdail agus a tha dlùth-cheangailte ris a' Phlana Gàidhlig Nàiseanta 2018-23.

A' Fàs Cleachdadh na Gàidhlig

Amas Àrd-ìre:

Bheir a h-uile roinn de RnA taic don mhodail obrach adhartais is compairteachaidh a chruthaich an iomairt Ìre Adhartais nas Luaithe gus a bhith cinnteach de cho-obrachadh ann a bhith a' toirt taic don Ghàidhlig.

Cleachdadh Làithreach:

Tha Riaghaltas na h-Alba a' toirt prìomhachas don Ghàidhlig agus tha seo follaiseach anns na dleastanasan manifesto agus am Prògram Riaghaltais againn.

Son trì bliadhna tha an iomairt Ìre Adhartais nas Luaithe air a bhith ann an àite 's e a' toirt ri chèile measgachadh de dh'ùghdarrasan poblach a tha ag obair air feadh Alba gus taic a thoirt don Ghàidhlig agus iadsan a bu mhiann a cleachdadh.

Plana Gàidhlig RnA, 2018-23:

'S an iomairt Ìre Adhartais nas Luaithe bun-stèidh do phoileasaidh Ghàidhlig Riaghaltas na h-Alba agus cumaidh seo a' dol còmhla ri com-pàirtichean.

Faodaidh raointean eile de Riaghaltas na h-Alba a thighinn an sàs mar a dh'aontaicheas Ministearan agus leanaidh seo.

Ceann-là:

Leantainneach

Dleastanas:

Sgioba na Gàidhlig is Albais

A' Fàs Ionnsachadh na Gàidhlig

Amas Àrd-ìre:

Fàsaidh Riaghaltas na h-Alba cleachdadh na Gàidhlig 's e a' coluadar leis a' phoball mar aithne de na coimhearsnachdan a tha e a' frithealadh agus a-rèir Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig.

Cleachdadh Làithreach:

Tha tairgse fhosgailte aig Riaghaltas na h-Alba a bhith a' conaltradh tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha sinn toilichte sgrìobhaidhean fhaighinn ann an Gàidhlig agus 's urrainn iarrtasan fòn a chur don Aonad Gàidhlig is Albais ma mhiannas neach còmhradh mu raon anns a bheil ùidh aca.

Plana Gàidhlig RnA, 2018-23:

Leanaidh Riaghaltas na h-Alba orra tairgse fhosgailte a bhith aca don phoball conaltradh ann an Gàidhlig.

Cuideachd, tha Conaltradh RnA toilichte iarrtasan às na meadhanan fhaighinn tron Ghàidhlig.

Ceann-là:

Leantainneach

Dleastanas:

Corporra/Sgioba na Gàidhlig is Albais/Conaltradh

Amas Àrd-ìre:

Nì Riaghaltas na h-Alba oidhirp Gàidhlig a stèidheachadh anns a h-uile iomairt ùr a thaobh poileasaidh foghlaim.

Cleachdadh Làithreach:

Tha Riaghaltas na h-Alba dealasach foghlam Gàidhlig fhàs aig a h-uile ìre agus mar sin thèid aire a thoirt do feumalachdan na Gàidhlig fhad 's a tha poileasaidhean air an leasachadh.

Plana Gàidhlig RnA, 2018-23:

Leanaidh Riaghaltas na h-Alba orra a' meòrachadh feumalachdan foghlam Gàidhlig agus foghlam luchd-ionnsachaidh Gàidhlig aig a h-uile ìre fhad 's a tha poileasaidhean air an leasachadh.

Tha e an dòchas gum bi riochdairean bho air feadh na Buidhne-stiùiridh Ionnsachaidh an sàs anns a' Bhuidhinn Bhuileachaidh a thathar a' moladh son Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba, gus dèanamh cinnteach gun tèid Gàidhlig a mheòrachadh ann an leasachaidhean foghlaim.

Ceann-là:

Leantainneach

Dleastanas:

Foghlam

A' Toirt Ìomhaigh Fhiughairich Don Ghàidhlig

Amas Àrd-ìre:

Stèidhichidh Riaghaltas na h-Alba buidheann bhuileachaidh airson a' phlana Gàidhlig anns am bidh Buidhnean-stiùiridh bho air feadh RnA air an riochdachadh.

Cleachdadh Làithreach:

An-dràsta 's e sgioba na Gàidhlig is Albais a bhios a' brosnachadh dleastanasan a' Phlana Gàidhlig.

Plana Gàidhlig RnA, 2018-23:

Stèidhichidh Riaghaltas na h-Alba Buidheann Bhuileachaidh a' Phlana Gàidhlig le riochdairean bho air feadh nam Buidhnean-stiùiridh.

Thèid Cumhaichean Iomraidh a chruthachadh don Bhuidhinn agus bidh builean ri lorg air duilleagan Gàidhlig na làraich-lìn Corporra.

Ceann-là:

2022 an uair sin leantainneach

Dleastanas:

Sgioba na Gàidhlig is Albais/Buidhnean-stiùiridh eile

Amasan Seirbheis Corporra

'S e seo treas ath-thriall de Phlana Ghàidhlig Riaghaltas na h-Alba agus bho 2010 tha sinn beag air bheag air ceuman a ghabhail gus taic a thoirt don Ghàidhlig tro ar seirbheisean corporra.

Leanaidh seann dhleastanasan orra mur a h-atharrachaidh an lìbhrigeadh corporra agus far an atharraich sin chì sinn ciamar as urrainn don atharrachadh taic a thoirt don Ghàidhlig.

Inbhe

Buil Mhiannaichte:

Suaicheantas

Suaicheantas agus branndadh corporra a chur gu Gàidhlig is Beurla aig a' chiad chothrom agus mar phàirt de phròiseas ùrachaidh sam bith. Bu chòir an suaicheantas co-ionnanachd a thoirt do gach cànan.

Cleachdadh Làithreach:

Tha suaicheantas dà-chànanach aig Riaghaltas na h-Alba agus tha stiùireadh aig luchd-obrach mun a chleachdadh.

Plana Gàidhlig RnA, 2018-23:

Cumaidh sinn oirnn a' cleachdadh an t-suaicheantais dà-chànanaich air feadh ar gnìomhan agus bheir sinn aire luchd-obrach don stiùireadh tro na duilleagan corporra Gàidhlig againn.

Ceann-là:

Leantainneach

Dleastanas:

Conaltradh/Sgioba na Gàidhlig is Albais

Buil Mhiannaichte:

Soidhneachadh

Thèid Gàidhlig agus Beurla a chur air soidhneachadh mòr sam bith nuair a thèid ùrachadh.

Cleachdadh Làithreach:

Tha soidhneachadh Gàidhlig aig Riaghaltas na h-Alba ann an Cidhe Bhictoria agus cuid de na h-oifisean sgìreil againn.

Plana Gàidhlig RnA, 2018-23:

Leanaidh sinn oirnn ag ùrachadh soidhneachaidh Ghàidhlig far a bheil soidhnichean gu bhith air an ùrachadh.

Smaoinichidh Riaghaltas na h-Alba mun ìre de shoidhneachadh Ghàidhlig anns na h-oifisean hub againn fhad 's a tha iad seo air an leasachadh.

Ceann-là:

Leantainneach

Dleastanas:

Manaidsearachd Ghoireasan

A' Conaltradh Leis A' Phoball

Buil Mhiannaichte:

Brosnachadh

Teachdaireachd fhiughaireach gu bheil an còmhnaidh fàilte air conaltradh Gàidhlig bhon phoball.

Cleachdadh Làithreach:

Tha tairgse for-ghnìomhach aig Riaghaltas na h-Alba agus tha sinn a' cur fàilte air conaltradh ann an Gàidhlig.

Plana Gàidhlig RnA, 2018-23"

Leanaidh sinn oirnn a' cur fàilte air conaltradh Gàidhlig agus brosnaichidh sinn an t-seirbheis seo air na h-àrd-ùrlaran compàirteachaidh poblach againn.

Ceann-là:

Leantainneach

Dleastanas:

Aonad Compàirteachaidh Poblach

Buil Mhiannaichte:

Conaltradh Sgrìobhte

Gabhaidh sinn an còmhnaidh conaltradh sgrìobhte ann an Gàidhlig (post, post-d agus meadhanan sòisealta) agus thèid freagairtean a thoirt ann an Gàidhlig a-rèir poileasaidh choitchinn.

Cleachdadh Làithreach:

Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur fàilte air sgrìobhadh Gàidhlig agus thèid freagairt Ghàidhlig a thoirt do sgrìobhadh sam bith a gheibh sinn ann an Gàidhlig.

Tha Sgioba na Gàidhlig is Albais a' cumail orra a' toirt taic air feadh Riaghaltas na h-Alba le seirbheisean eadar-theangachaidh do cho-obraichean.

Tha stuthan eileagtronaigeach fèin-fhreagairt mar brathan-àichidh post-d san dà-chànan.

Gheibhear eadar-theangachadh Gàidhlig den bhileag gearain againn air-loidhne

Tha Sgioba na Gàidhlig is Albais ag obair leis an Aonad Chompàirteachaidh Phoblach gus dèanamh cinnteach gu bheil teamplaidean litreach dà-chànanch ann do Mhinistearan, Buidhnean-stiùiridh agus Roinnean.

Plana Gàidhlig RnA, 2018-23:

Tha siostam conaltraidh ùr aig Riaghaltas na h-Alba agus obraichidh sinn gus:

Dèanamh cinnteach gu bheil fiosan-freagairt gnèitheach dà-chànanach, gum bi teamplaidean airson Ministearan, Buidhnean-stiùiridh agus Roinnean fhathast ullaichte agus luchd-obrach air am brosnachadh iad seo a chleachdadh.

Bidh Stiùireadh Air-loidhne mu chleachdadh an t-siostaim chonaltraidh a' gabhail a-steach comhairle mun Ghàidhlig.

Tha am modh-ghearain an-dràsta fo ath-sgrùdadh. Bidh ro-ràdh Gàidhlig aig an seo.

Ceann-là:

2023

Dleastanas:

Aonad Compàirteachaidh Poblach agus Sgioba na Gàidhlig is Albais

Buil Mhiannaichte:

Ionad-fàilte agus fòn

Far an urrainn luchd-obrach le Gàidhlig an t-seirbheis seo a thabhann gheibh iad taic sin a dhèanamh agus tha an t-seirbheis air a thoirt gu aire a' phobaill.

Cleachdadh Làithreach:

Tha fàiltean Gàidhlig aig Riaghaltas na h-Alba n-ar ionad-fàilte agus soidhneachadh Gàidhlig againn ann an Cidhe Bhictoria.

'S urrainn ar luchd-obrach beulaibh an taighe agus anns a' Phrìomh Aonad Fiosrachaidh iarrtasan (fòn, post, post-d) a ghabhail ann an Gàidhlig 's iad seo a chur gu sgioba na Gàidhlig far am freagar neach-labhairt fileanta.

Plana Gàidhlig RnA, 2018-23:

Thèid an dleastanas seo a ghlèidheadh is luchd-obrach ùr ag ionnsachadh mun Ghàidhlig tro ar inntrigeadh agus duilleagan Gàidhlig ar làrach-lìn chorporra.

Brosnaichidh sinn an luchd-obrach seo na h-abairtean Gàidhlig air an làraich-lìn a chleachdadh còmhla ris a' phoball.

Bu chòir na meadhanan pròtacalan aontaichte a chleachdadh agus tha sinn a' gabhail iarrtasan sgrìobhte ann an Gàidhlig.

Bidh teachdaireachdan fèin-obrachail ùra ann an Gàidhlig air a' bhòrd-suidse againn.

Bidh sinn dealasach, far an urrainn, sanasachd ar n-obraichean PAF a leudachadh gus feuchainn ri luchd-labhairt na Gàidhlig leis na sgilean buntainneach a thàladh don sgioba.

Thèid smaoineachadh mu dheidhinn àireamh fa-leth a stèidheachadh son gairmearan na Gàidhlig. Ma thachaireas seo, thèid fhoillseachadh is a bhrosnachadh.

Thèid smaoineachadh mu dheidhinn na buaidhe a bhios aig ùrachadh teicneolais sam bith de shiostaman a' PhAF gus leasachadh an t-seirbheis do luchd-labhairt Gàidhlig far a bheil seo comasach.

Ceann-là:

Leantainneach

Dleastanas:

ITECS/Manaidsearachd Ghoireasan/Conaltradh

Buil Mhiannaichte:

Coinneamhan poblach

Tha cothroman coinneamhan poblach a chumail gu dà-chànanch neo ann an Gàidhlig tric air an rannsachadh agus air am brosnachadh.

Cleachdadh Làithreach:

Tha Riaghaltas na h-Alba a' brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig aig coinneamhan poblach ann an sgìrean far a bheil àireamh mhòr den t-sluagh na bruidhinn neo far an e Gàidhlig cuspair na coinneimh.

Plana Gàidhlig RnA, 2018-23:

Leasaichidh sinn stuthan sònraichte ann an co-cheangal ri Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba gus a bhith cinnteach gu bheil an t-eòlas aig luchd-obrach a dh'fheumas iad gus ar dleastanasan taice don Ghàidhlig a lìbhrigeadh.

Ceann-là:

Leantainneach

Dleastanas:

Gach Buidheann-stiùiridh/Sgioba na Gàidhlig is Albais

Fiosrachadh

Buil Mhiannaichte:

Meadhanan

Tha brathan-naidheachd mu chuspairean mòra agus gach brath-naidheachd ceangailte ri Gàidhlig air an sgapadh ann an Gàidhlig agus Beurla.

Cleachdadh Làithreach:

Tha Riaghaltas na h-Alba a' foillseachadh bhrathan-naidheachd mu chùisean Gàidhlig ann am Beurla agus Gàidhlig. Ma thèid iarraidh, bheir sinn iomraidhean Ministreil do threas-phàrtaidhean ann an Gàidhlig.

Plana Gàidhlig RnA, 2018-23:

Leanaidh sinn oirnn a' foillseachadh bhrathan-naidheachd Gàidhlig gu na meadhanan Gàidhlig.

Gabhaidh sinn ceuman a bharrachd is foillsichidh sinn brathan-naidheachd Gàidhlig gu na meadhanan Gàidhlig mu chùisean de dh'fhìor àrd ìomhaigh a ghabhas buaidh air coimhearsnachdan Gàidhlig.

Bheir sinn cuideachd beachd sgrìobhte ann an Gàidhlig air cùis sam bith ma thèid iarraidh.

Ceann-là:

Leantainneach

Dleastanas:

Conaltradh (Naidheachdan)

Buil Mhiannaichte:

Meadhanan sòisealta

Stuthan Gàidhlig gu cunbhallach air an sgaoileadh tro na meadhanan sòisealta, a-rèir na h-ìre de luchd-cleachdaidh a tha ann agus a dh'fhaodadh a bhith ann.

Cleachdadh Làithreach:

Tha Riaghaltas na h-Alba a' cleachdadh Gàidhlig anns na meadhanan sòisealta sònraichte againn.

Plana Gàidhlig RnA, 2018-23:

Leanaidh sinn oirnn a' brosnachadh Gàidhlig tron chunntas Twitter Gàidhlig againn agus brosnaichidh sinn obair dhaoine eile tron chunntas seo.

Cuideachd, coimheadaidh sinn ri leasachadh na stuthan Gàidhlig le bhith na cleachdadh nas trice air @scotgovedu agus smaoinichidh sinn mu ciamar as urrainn seo leantainn air seanailean portfolio Twitter eile.

Ceann-là:

Leantainneach

Dleastanas:

Conaltradh/Sgioba na Gàidhlig is Albais

Buil Mhiannaichte:

Làrach-lìn

Bu chòir suthan Gàidhlig a bhith ri fhaighinn air làraich-lìn an ùghdarrais phoblaich, le ìmpidh air na duilleagan a tha dualtach an àireamh as motha de dhaoine a ruighinn.

Cleachdadh Làithreach:

Tha stuthan Gàidhlig air làraich-lìn Riaghaltas na h-Alba.

Plana Gàidhlig RnA, 2018-23:

Àrdaichidh sinn làthaireachd na Gàidhlig air làraich-lìn Riaghaltas na h-Alba fon phrionnsabal spèis cho-ionnan, follaiseachd agus cleachdadh na Gàidhlig

Leasaichidh sinn stuthan sònraichte ceangailte ri Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba gus dèanamh cinnteach gu bheil an t-eòlas aig luchd-obrach a dh'fheumas iad gus ar dleastanasan taice don chànan a lìbhrigeadh.

Ceann-là:

Leantainneach

Dleastanas:

Conaltradh/Sgioba na Gàidhlig is Albais

Buil Mhiannaichte:

Foillseachaidhean Corporra

Air an ullachadh ann an Gàidhlig agus Beurla, le prìomhachas dhan fheadhainn as dualtaiche an àireamh as motha a ruighinn.

Cleachdadh Làithreach:

Aithnichidh Riaghaltas na h-Alba luach na Gàidhlig anns na foillseachaidhean againn.

Nì sinn cinnteach gu bheil co-chomhairleachaidhean air am foillseachadh gu dà-chànanch far a bheil e iomchaidh, agus tha freagairtean Gàidhlig brosnaichte. Thèid freagairtean co-chomhairleachaidh Gàidhlig a fhreagairt ann an Gàidhlig.

Cuideachd, tha eadar-theangachaidhean Gàidhlig de stuthan clo-bhuailte Riaghaltas na h-Alba ri fhaighinn ma thèid iarraidh.

Plana Gàidhlig RnA, 2018-23:

Leanaidh sinn oirnn ag ullachadh fhoillseachaidhean Gàidhlig agus cuiridh sinn stiùireadh mun seo anns na duilleagan corporra Gàidhlig a tha ann am beachd gus dèanamh cinnteach gu bheil an t-eòlas aig luchd-obrach a dh'fheumas iad gus ar dleastanasan taice a lìbhrigeadh don chànan.

Ceann-là:

Leantainneach

Dleastanas:

Gach Buidheann-stiùiridh/Sgioba na Gàidhlig is Albais

Buil Mhiannaichte:

Feumalachd Chànain

Tha pròiseas an sàs gus dèanamh cinnteach gu bheil inbhe agus tuigsinneachd na Gàidhlig ann am fiosrachadh corporra aig àrd ìre.

Cleachdadh Làithreach:

Tha àrd-ìre de chomhairle agus eadar-theangachadh againn ri làimh gus a bhith cinnteach gum bi na stuthan againn aig àrd-ìre.

Plana Gàidhlig RnA, 2018-23:

Leasaichidh sinn stuthan sònraichte ceangailte ri Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba gus dèanamh cinnteach gu bheil an t-eòlas aig luchd-obrach a dh'fheumas iad gus ar dleastanasan taice don chànan a lìbhrigeadh.

Ceann-là:

Leantainneach

Dleastanas:

Sgioba na Gàidhlig is Albais

Luchd-Obrach

Buil Mhiannaichte:

Ion-sgrùdadh

Thèid ion-sgrùdadh a dhèanamh air comasan agus feumalachdan trèanaidh Gàidhlig thairis beatha gach plana.

Cleachdadh Làithreach:

Rinn Riaghaltas na h-Alba suirbhidh luchd-obrach ann an 2010.

Plana Gàidhlig RnA, 2018-23:

Nì Riaghaltas na h-Alba sgrùdadh de chomasan Gàidhlig an luchd-obrach.

Ceann-là:

2022

Dleastanas:

Sgioba na Gàidhlig is Albais/Mìneachadh Ionnsachaidh

Buil Mhiannaichte:

Inntrigeadh

Eòlas de phlana Ghàidhlig an ùghdarrais phoblaich mar phàirt de dh'inntrigidhean luchd-obrach ùr.

Cleachdadh Làithreach:

Tha glè bheag mun Ghàidhlig air a bhith anns a' phròiseas inntrigidh son luchd-obrach ùr.

Plana Gàidhlig RnA, 2018-23:

Cuiridh Riaghaltas na h-Alba earrann Gàidhlig anns a' phasgan inntrigidh son luchd-obrach ùr.

Tha tairgse fhosgailte againn son earrannan Gàidhlig ann am pasgain inntrigidh ionadail sam bith.

Sgioba na Gàidhlig agus Albais gus taic a thoirt aig tachartasan fàilte do luchd-obrach.

Ceann-là:

Leantainneach

Dleastanas:

Leasachadh Dhaoine/Sgioba na Gàidhlig is Albais

Buil Mhiannaichte:

Trèanadh cànain

Trèanadh agus leasachadh son sgilean Gàidhlig air an tabhann do luchd-obrach, gu sònraichte ceangailte ri buileachadh plana Gàidhlig an ùghdarrais phoblaich.

Cleachdadh Làithreach:

Tha ionnsachadh cànain ri fhaighinn don luchd-obrach gu lèir a tha na iarraidh.

Gheibhear buidseatan trèanaidh aig ìre ionadail a bheir cothrom do luchd-obrach smaoineachadh mun thrèanadh a dh'fheumas iad gus na dreuchdan aca a lìbhrigeadh.

Gheibhear comhairle a thaobh chùrsaichean bho Sgioba na Gàidhlig is Albais agus Leasachadh Dhaoine.

Plana Gàidhlig RnA, 2018-23:

Leanaidh Riaghaltas na h-Alba oirnn a' brosnachadh cothroman ionnsachaidh na Gàidhlig

Tha sinn a' leasachadh Àrd-ùrlar Eòlas Ionnsachaidh ùr is nì sinn cinnteach gu bheil Gàidhlig na pàirt dhe gus cothroman ionnsachaidh luchd-obrach a làn-mheudachadh.

Leasaichidh sinn stuthan eadar-ghnìomhach mun Phlana Ghàidhlig.

Ceann-là:

Leantainneach

Dleastanas:

Leasachadh Dhaoine/Sgioba na Gàidhlig is Albais

Buil Mhiannaichte:

Trèanadh mothachaidh

Trèanadh mothachaidh Gàidhlig air a thabhann do luchd-obrach.

Cleachdadh Làithreach:

Còmhla ri trèanadh mothachaidh Gàidhlig anns na tachartasan inntrigidh againn, bidh Sgioba na Gàidhlig is Albais a' tabhann sheiseanan mothachaidh do Roinnean eile.

Plana Gàidhlig RnA, 2018-23:

Leanaidh sinn oirnn a' tabhann sheiseanan mothachaidh Gàidhlig agus smaoinichidh sinn mu stuthan mothachaidh Gàidhlig son an Àrd-ùrlar Eòlas Ionnsachaidh ùr gus cothroman ionnsachaidh luchd-obrach a làn-mheudachadh.

Ceann-là:

Leantainneach

Dleastanas:

Leasachadh Dhaoine/Sgioba na Gàidhlig is Albais

Buil Mhiannaichte:

Trusadh

Ag aithneachadh agus a' toirt spèis do sgilean Gàidhlig am broinn a' phròiseas trusaidh tron ùghdarras phoblach.

Cleachdadh Làithreach:

Tha an ìre de sgilean Gàidhlig air am meòrachadh airson obraichean far a bheil seo riatanach agus air an sanas nuair a thathar a' fastadh na h-obraichean seo.

Ìre de sgilean Gàidhlig air am meòrachadh airson obraichean far a bheil seo riatanach.

Plana Gàidhlig RnA, 2018-23:

Leanaidh an dleastanas seo agus bidh comhairle mu dheidhinn air an làraich-lìn chorporra againn.

Ceann-là:

Leantainneach

Dleastanas:

Poileasaidh agus Lìbhrigeadh HR

Buil Mhiannaichte:

Trusadh

Gàidhlig air ainmeachadh mar sgil riatanach agus/neo miannaichte ann an sònrachaidhean obrach gus lìbhrigeadh am Plana Gàidhlig agus a-rèir comhairle trusaidh Bòrd na Gàidhlig.

Cleachdadh Làithreach:

Tha sinn a' meòrachadh dhreuchdan agus a bheil Gàidhlig riatanach neo miannaichte.

Plana Gàidhlig RnA, 2018-23:

Leanaidh sinn oirnn a' meòrachadh dhreuchdan agus a bheil Gàidhlig riatanach neo miannaichte.

Ìre de sgilean Gàidhlig air am meòrachadh son dhreuchdan mar a bhios feumail.

Ceann-là:

Leantainneach

Dleastanas:

Poileasaidh agus Lìbhrigeadh HR

Buil Mhiannaichte:

Trusadh

Sanasan dà-chànanach neo Gàidhlig son gach obair far an e Gàidhlig sgil riatanach.

Cleachdadh Làithreach:

Dreuchdan Gàidhlig air an sanaschd gu dà-chànanach.

Plana Gàidhlig RnA, 2018-23:

Bidh dreuchdan Gàidhlig fhathast air an sanasachd gu dà-chànanach.

Nochdaidh comhairle air na duilleagan corporra Gàidhlig againn.

Ceann-là:

Leantainneach

Dleastanas:

Poileasaidh agus Lìbhrigeadh HR

Corpas Cànain na Gàidhlig

Buil Mhiannaichte:

Gnàthachas Litreachadh na Gàidhlig

Leanaidh sinn Gnàthachas Litreachadh na Gàidhlig anns a h-uile rud sgrìobhte a dh'ullaicheas an t-ùghdarras poblach.

Cleachdadh Làithreach:

Tha spèis aig Riaghaltas na h-Alba son Gnàthachas Litreachadh na Gàidhlig.

Plana Gàidhlig RnA, 2018-23:

Leanaidh sinn oirnn a' cumail ri Gnàthachas Litreachadh na Gàidhlig.

Cuiridh sinn fiosrachadh mu GLnaG air an làraich-lìn chorporra Ghàidhlig againn gus dèanamh cinnteach gu bheil an t-eòlas aig luchd-obrach a dh'fheumas iad gus ar dleastanasan taice don chànan a lìbhrigeadh.

Ceann-là:

2023

Dleastanas:

Sgioba na Gàidhlig is Albais

Buil Mhiannaichte:

Ainmean-àite

Tha comhairle a thaobh ainmean-àite na Gàidhlig air a shireadh bho Ainmean-Àite na h-Alba is air a chur gu feum.

Cleachdadh Làithreach:

Tha Riaghaltas na h-Alba ag obair gu dlùth le AAA gus a bhith cinnteach gum faigh sinn am fiosrachadh is comhairle cheart.

Tha sinn cuideachd nar ball de chomataidh AAA.

Plana Gàidhlig RnA, 2018-23:

Leanaidh sinn oirnn ag obair còmhla ri Ainmean-Àite na h-Alba airson a bhith cinnteach gum bi ceart-sgrìobhadh cunbhalach sa Ghàidhlig ann an ainmean-àite.

Cuiridh sinn fiosrachadh mu dheidhinn obair AAA dhan làraich-lìn chorporra Ghàidhlig againn gus dèanamh cinnteach gu bheil an t-eòlas aig luchd-obrach a dh'fheumas iad gus ar dleastanasan taice don chànan a lìbhrigeadh.

Ceann-là:

2023

Dleastanas:

Sgioba na Gàidhlig is Albais

Contact

Email: sgglp@gov.scot

Back to top