Co-chomhairleachadh air Dreach Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba: 2021-2026
Fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 tha dleastanas reachdail aig Riaghaltas na h-Alba Plana Gàidhlig ullachadh. 'S e seo treas ath-thriall a' Phlana. Tha e a' mìneachadh na bun-dhleastanasan tron tèid dealas an Riaghaltais don chànan agus am Plana Cànain Nàiseanta a choileanadh n-ar raointean-obrach.
Caibideal IV – Ceanglaichean ris an Fhrèam-obrach Choileanaidh Nàiseanta
'S ann do dh'Alba gu lèir a tha am Frèam-obrach Coileanaidh Nàiseanta agus e airson:
- dùthaich nas soirbheachaile a chruthachadh
- cothroman a thoirt don a h-uile duine a tha a' fuireach ann an Alba
- sunnd dhaoine a tha a' fuireach ann an Alba a thogail
- fàs seasmhach agus ion-ghabhalach a chruthachadh
- lùghdachadh neo-ionnanachd agus cudromachd cho-ionnan a thoirt do dh'adhartas eaconamaiceach, àrainneachdail agus sòisealta
'S e na luachan a tha aig bonn agus a' stiùireadh ar n-obair:
- bheir coibhneas, urram agus truas don h-uile duine
- bheir urram do riaghal an lagha
- a bhith nar giùlan ann an dòigh fhosgailte agus follaiseach
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun Fhrèam-obrach an seo: NPF_A4_Booklet.pdf
(nationalperformance.gov.scot)
Mar a tha Riaghaltas na h-Alba a' toirt taic don Ghàidhlig
Tha Riaghaltas na h-Alba ag obair le àireamh de phoileasaidhean agus pròiseactan a chaidh a chruthachadh gus tèarainteachd sheasmhach a thoirt don Ghàidhlig san àm ri teachd tro amasan an Fhrèam-obrach Choileanaidh Nàiseanta. Chìthear cuid dhiubh anns na h-earrannan a leanas.
Coimhearsnachdan
Tha Riaghaltas na h-Alba a' toirt taic do dh'obair MG Alba agus ag aithneachadh na taice a bhios iad a' toirt dhaibhsean a tha ag ionnsachadh Gàidhlig anns na coimhearsnachdan againn. Tha sinn air gealltainn taic a thoirt do Speak Gaelic thairis an ath thrì bliadhna.
Bheir pròiseact Cnoc Soilleir buannachdan culturail, eaconamaiceach, agus foghlaim do choimhearsnachd Uibhist a Deas agus àitichean eile. Tha Riaghaltas na h-Alba toilichte taic a thoirt do dh'Ìre 1 den leasachadh agus tha sinn air maoineachadh a bharrachd aontachadh son Ìre 2.
Tha Poileas Alba is Seirbheis-smàlaidh agus Teasargainn na h-Alba air ullachadh is foillseachadh Plana Gàidhlig a' mìneachadh nan gnìomh a tha iad an dùil a chur an sàs mar thaic don Ghàidhlig, a tha a' cur ri seasmachd na Gàidhlig anns an àm ri teachd.
Tha sinn cuideachd air cothroman aithneachadh am broinn CashBack for Communities gus cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh leis an ath-sgrùdadh a tha san amharc son làraich-lìn Cashback for Communities.
Thèid an aithisg sgrùdaidh son ceathramh ìre CashBack for Communities fhoillseachadh ann an Gàidhlig.
Tha Riaghaltas na h-Alba air sgrìobhainnean Democracy Matters – Ath-sgrùdadh Riaghladh Ionadail fhoillseachadh ann an Gàidhlig gus dèanamh cinnteach gu bheil e ruigsinneach.
Tha Plana Nàiseanta nan Eilean ag aithneachadh feumalachdan sònraichte na Gàidhlig fhad 's a tha e a' lìbhrigeadh thoraidhean nas fheàrr do choimhearsnachdan eileanach – gach cuid tro ar poileasaidhean agus le bhith ag obair gu dlùth le ùghdarrasan ionadail agus compàirtichean cudromach tro bhuileachadh Plana Nàiseanta nan Eilean. Nochdaidh Gàidhlig gu mòr tron Phlana agus tha i ceangailte gu dlùth ri 11 Dleastanasan thairis 7 de na 13 Amasan Ro-innleachdail. Tha Plana Nàiseanta nan Eilean ag radh gun:
- Dèan sinn cinnteach gum bi poileasaidhean ag amas luchd-labhairt a ghlèidheadh agus a thàladh gus a bhith a' fuireach 's ag obair ann an coimhearsnachdan eileanach Gàidhlig.
- Meòraich sinn cothroman sunnd na Gàidhlig a leasachadh agus àireamh luchd-labhairt a' chànain fhàs mar phàirt de leasachadh eaconamaiceach sheasmhach.
- Dèan sinn cinnteach gun tèid aire a thoirt don bhuaidh air coimhearsnachdan Gàidhlig nuair a tha poileasaidhean taigheadais air an leasachadh.
- Dèan sinn cinnteach gu bheil seirbheisean slàinte, cùraim sòisealta agus sunnd ri fhaighinn tro mheadhan na Gàidhlig gus taic a thoirt do choimhearsnachdan eileanach Gàidhlig.
- Dèan sinn cinnteach gu bheil luchd-labhairt na Gàidhlig air am brosnachadh is a' faighinn taic gus iad fhèin a riochdachadh tro mheadhan na Gàidhlig.
- Toir sinn taic do gach aon de chànain is dualchainntean tùsanach na h-Alba ann an dòighean a tha buntainneach do na coimhearsnachdan a tha nam bruidhinn.
- Dèan sinn cinteach gu bheil na dleastanasan anns a' phlana seo fiosraichte agus cruthaichte a-rèir nan dleastanasan ann am Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig, ag obair gu dlùth le Bòrd na Gàidhlig.
- Dèan sinn cinnteach gun tèid aire a thoirt às a' chiad dol a-mach don bhuaidh a bhios aig poileasaidhean is iomairtean eileanach air leasachadh na Gàidhlig agus gun ceangal iad seo ri planaichean Gàidhlig reachdail.
- Obraich sinn le ùghdarrasan poblach agus buidhnean coimhearsnachd ann a bhith a' fàs cleachdadh agus follaiseachd na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan eileanach Gàidhlig.
- Obraich sinn le ùghdarrasan buntainneach gus solar na Gàidhlig a leasachadh do choimhearsnachdan Gàidhlig eileanach ann a bhith a' lìbhrigeadh na gnìomhan is seirbheisean aca.
- Cùm sinn oirnn a' toirt taic is a' brosnachadh foghlam Gàidhlig aig a h-uile ìre.
As deidh co-chomhairleachadh airson Stiùireadh Measaidhean Buile nan Coimhearsnachd Eileanach (MBCA), smaoinichidh sinn air na dòighean anns am b' urrainn buileachadh Achd nan Eilean (Alba) 2018 MBCAan a chleachdadh gus lùghdachadh droch bhuaidhean sam bith air cànain agus dualchainntean tùsanach na h-Alba, ann an dòighean a tha buntainneach do na coimhearsnachdan eileanach far a bheil iad seo air am bruidhinn.
Cultar
- Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba Ro-innleachd Cultarail airson Alba a tha ag aithneachadh gum bu chòir cultar na Gàidhlig a ghlèidheadh son a sgath fhèin ach gun tabhann e cuideachd cothroman son leasachadh is cuir an cèill sgilean, son ruigsinneachd agus compàirteachadh. Nì seo inbhe is tarraing a' chànain nas làidire agus cuideachd a' mhisneachd leis an tèid a chleachdadh. Gheibhear geàrr-chunntas den Ro-innleachd Cultarail airson Alba an seo.
- Nì sinn cinnteach gum bi an Compàirteachas Nàiseanta airson Cultar a' leantainn air a' sealltainn cudromachd na Gàidhlig do ealainean traidiseanta tron a' phrògram obrach aca.
- Nì sinn cinnteach gun cùm buidhnean cultarail nàiseanta orra a' buileachadh an dleastanasan, mar eisimplir: Plana Gàidhlig Alba Chruthachail 2019-22 agus Plana Gàidhlig Àrainneachd Alba.
- Bheir sinn aire do Ghàidhlig, far a bheil e iomchaidh, anns na leasachaidhean poileasaidh againn airson nan gnìomhachas chruthachail.
- Bheir sinn taic do dh'obair luchd-dèanaimh agus luchd-cleachdaidh anns na gnìomhachsan cruthachail a tha a' cleachdadh cànan agus cultar na Gàidhlig mar mheadhan.
- Sgrùdaidh Riaghaltas na h-Alba an ìre gu bheil ealainean Gàidhlig air taic fhaighinn o chionn ghoirid bho sgeamaichean taice èiginneach do bhuidhnean cultarail.
- Feuchaidh Riaghaltas na h-Alba cuideachd brath a ghabhail air cothroman sam bith a nochdas son cultar agus ealainean na Gàidhlig a bhrosnachadh nuair a bhios buidhnean cultarail Albannach an sàs ann am prògraman leithid Festival UK 2022 agus na Bliadhnaichean Tèamaichte againn, a' gabhail a-steach Bliadhna Sgeulachdan na h-Alba 2022.
- Thog Riaghaltas na h-Alba ar maoineachadh son MG ALBA mar aithne air cudromachd na seanail gus taic a thoirt do choimhearsnachd is luchd-labhairt na Gàidhlig.
- Smaoinichidh Riaghaltas na h-Alba mu ciamar as urrainn taic a thoirt do MG ALBA anns na còmhraidhean aca le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte son co-ionnanachd maoineachaidh le S4C.
- Tha Riaghaltas na h-Alba a-nis a' toirt buin-maoineachaidh dha An Comunn Gàidhealach mar aithne air a' chudromachd aca do chultar na Gàidhlig agus na buannachdan eaconamaiceach a tha na luib. Cumaidh sinn oirnn cuideachd a' sponsaireadh duais Tosgaire Gàidhlig na Bliadhna a thèid a thaisbeanadh aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail.
- Tha Riaghaltas na h-Alba air taic a thoirt do FilmG a bhios a' leigeil le cloinn ann am foghlam Gàidhlig is Beurla sgilean teicniceach is cànain ionnsachadh gus filmichean ùra a dhèanamh.
Eaconamaidh
- Tha comas-ceangail didseatach buileach cudromach ri sunnd eaconamaiceach is sòisealta choimhearsnachdan iomallach agus dùthchail, rud a chur pandemic na bliadhna roimhe am follais agus sinn a' feumachdainn dhòighean ùra a lorg gus ruigsinn is lìbhrigeadh seirbheisean poblach is coimeirsealta, còmhdhail, obair, ionnsachadh agus coinneachadh sòisealta.
- Tha Digital Scotland Superfast Broadband air a lìbhrigeadh an compàirteachas le Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (IGE) a bhios a' cleachdadh roghainn de dhòighean gus dol an sàs ann an coimhearsnachdan Gàidhlig tro luchd-labhairt anns an sgioba aca agus a' foillseachadh fiosrachaidh dà-chànanaich.
- Smaoinichidh sinn ciamar as urrainn pàirtean den seo a chur an sàs thairis prògraman comais-ceangail bann-leathainn agus fòin-làimhe SG Digital Connectivity air fad. Gabhaidh seo a-steach fiosrachadh air a chleachdadh gus eòlas a thoirt do dhaoine is coimhearsnachdan air prògraman a bheir buaidh orra agus far am feum iad fhèin taghaidhean a dhèanamh. Mar eisimplir mu shuidheachadh FTTP, an Scottish Broadband Voucher Scheme (SBVS) agus S4GI air feadh gach seanal a' gabhail a-steach brathan-naidheachd, meadhanan sòisealta, sanasachd agus msaa.
- Tha Còmhdhail Alba air bun-stèidh a leasachadh son shoidhnichean slìghe dà-chànanach a chur air prìomh-rathaidean a tha a' frithealadh choimhearsnachdan Gàidhlig. A' tighinn fo bhratach a' phoileasaidh tha an A9, an A82 bhon Thairbeart gu Inbhir Nis is na prìomh-rathaidean a' leantainn do na puirt aiseig aig Ceann na Creige, an t-Òban, Malaig agus Ulapul.
- Thathar a' cur a' phoileasaidh seo an sàs a-rèir chothroman a nochdas bho leasachaidhean rathaid ullaichte – leithid dà-fhillteadh an A9 – a thuilleadh air obair-ghlèidhidh ullaichte. 'S e seo dòigh neo-chosgail an liuthad shoidhnichean dà-chànanach air an lìonra a leudachadh le maoineachadh làithreach. Chaidh aonta a stèidheachadh le Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Earra Ghàidheal is Bhòid, gus leantainneachd is cunbhalas a chumail leis na rathaidean ionadail a tha ceangailte.
- Leasaich Còmhdhail Alba stiùireadh sònraichte gus dèanamh cinnteach gun tèid soidhnichean slìghe dà-chànanach a dhealbhachadh ann an dòigh cunbhallach is follaiseach, co-ionnan ri stiùireadh an Traffic Signs Manual. Thèid an stiùireadh seo fhoillseachadh air làraich-lìn Còmhdhail Alba gus cuideachadh iadsan a tha a' dealbhachadh shoidhnichdean trafaige air na slìghean seo.
Foghlam
- Chruthaich Riaghaltas na h-Alba Measaidhean Stannardach ann an Gàidhlig. Cumaidh sinn oirnn a' coimhead ri cothroman eile an cànan a thoirt a-steach dhan raon seo.
- Smaoinichidh sinn ciamar as urrainn don Ghàidhlig a bhith mar phàirt de Ro-innleachd Rannsachaidh na Gàidhlig.
- Ag aithneachadh cudromachd thidsearan Gàidhlig do na h-amasan againn an àireamh luchd-labhairt a thogail, tha a' Ghàidhlig a-nis na pàirt den làraich-lìn againn son trèanadh thidsearan.
- Tha bursaraidhean fosgailte dhaibhsean aig a bheil ùidh cuspairean STEM a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig.
- Tha na bliadhnaichean tràth cudromach do leasachadh dhaoine òga agus thug sinn taic do bhagaichean Bookbug Gàidhlig is tha seiseanan a-nis ri fhaotainn. Tha iad seo gu bhith ri fhaighinn air app Urras Leabhraichean na h-Alba.
- Aithnichidh Riaghaltas na h-Alba gu feum an t-uamhas phàrantan taic le oideachadh an cuid chloinne agus tha Gàidhlig na pàirt de làraich-lìn Parent Club.
- Tha sinn a' cumail oirnn a' dèanamh cinnteach gu faigh daoine ruigse air foghlam Gàidhlig tron taic againn do dh'ùghdarrasan ionadail.
- Tha sinn, agus cumaidh sinn, a' toirt taic do dh'ùghdarrasan ionadail le leasachadh sgoiltean agus aonadan ùra air feadh Alba.
- Tha Riaghaltas na h-Alba a' toirt buin-maoineachaidh dha e-Sgoil gus dèanamh cinnteach gu bheil foghlam Gàidhlig ri fhaotainn dhaibhsean a tha na iarraidh.
- Tha Riaghaltas na h-Alba a' toirt buin-maoineachaidh do Shabhal Mòr Ostaig agus cuideachd a' toirt taic do chùrsaichean Adhartach agus Àrd-ìre eile, a' gabhail a-steach trèanadh thidsearan.
- Tha Achd na Cloinne agus Daoine Òga (Alba) 2014 na phàirt chudromach de ro-innleachd Riaghaltas na h-Alba an dùthaich a leasachadh mar sàr àite àrachaidh na cruinne. Tha an t-Achd a stèidheachadh frèam-obrach far an obraich seirbheisean poblach le chèile gus taic a thoirt do chloinn, daoine òga agus teaghlaichean ann an Alba. Gu nàdarra smaoinichidh e air feumalachdan Ghàidheil òga an luib seo.
- Tha sinn air an iomairt Adhartas nas Luaithe a leasachadh ann an compàirteachas le ùghdarrasan poblach air feadh na h-Alba.
- Tha sinn air laghan a thoirt air adhart a bheir taic don Ghàidhlig. As ùire, Achd Foghlam (Alba) 2018 agus cumaidh sinn oirnn a' brosnachadh nan ullachadh a tha an luib seo dhaibhsean a tha an sàs ann am foghlam Gàidhlig.
- Chuir Riaghaltas na h-Alba airgead an sealbh ann an cruthachadh e-Sgoil ag aithneachadh an luach aige don Ghàidhlig agus a' leudachadh nan cothroman dhaibhsean a tha airson ionnsachadh tron chànan. Cumaidh an taic seo a' dol.
- Tha Riaghaltas na h-Alba a' toirt taic don thrèanadh Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig anns a' Bhun-sgoil. Tha seo fhathast soirbheachail agus a-nis a' leudachadh gus na tràth bliadhnaichean a ghabhail a-steach.
- Aithnichidh Riaghaltas na h-Alba gu feum solar na Gàidhlig aig àrd-ìre a bhith co-ionnan ris na tha daoine òga a' sùileachadh agus tha sinn ag obair le compàirtichean gus seo a lìbhrigeadh.
- Chruthaich Riaghaltas na h-Alba maoin-chalpa na Gàidhlig gus taic a thoirt do dh'Ùghdarrasan Ionadail agus pròiseactan coimhearsnachd le cosgaisean togail. Cumaidh sinn oirnn ag obair – a' toirt prìomhachas do sgoiltean – le buidhnean a bu mhiann solar agus taic don Ghàidhlig a leudachadh.
Obair Chothromach agus Gnothachas
- Leasaichidh Roinn So-fhastachd Riaghaltas na h-Alba dreachan Gàidhlig de stuthan ùra/ath-chlo-bhuailte mar phàirt de dh'obair mhargaidh.
- Bidh Tèarainteachd Shòisealta na h-Alba a' stiùireadh 17 sochairean a thèid a chur an sàs ann an ceuman aig deireadh a' phròiseas, bidh e a' lìbhrigeadh shochairean do dhaoine air tuarasdalan ìosal, daoine ciorramach, luchd-cùraim agus daoine òga a' tòiseachadh san àite-obrach, agus sochairean gus cuideachadh daoine an dachaighean a theasachadh. Tha seo a' toirt fior ruigsinneachd do Thèarainteachd Shòisealta na h-Alba agus smaoinichidh iad mu ciamar as urrainn iad inbhe na Gàidhlig a thogail. Tha pàipearan fiosrachaidh mu na sochairean seo uile ri fhaighinn ann an Gàidhlig.
- Tha suaicheantas na buidhne dà-chànanach agus air na stuthan margaidh gu lèir. Thèid aire a thoirt do shoidhnichean is sanasachd Ghàidhlig.
- Tha Tèarainteachd Shòisealta na h-Alba fo dhleastanas na sochairean aca a bhrosnachadh agus tha fiosrachadh mun h-uile sochair làithreach, beò mu thràth air a thoirt gu for-ghnìomhach ann an Gàidhlig agus tha seirbheisean mìneachaidh, eadar-theangachaidh agus tar-sgrìobhaidh na buidhne mu thràth a' gabhail a-steach Gàidhlig gus an urrainn daoine còmhradh leinn air am fòn agus litrichean is brathan is msaa. fhaighinn air an eadar-theangachadh. Smaoinichidh a' bhuidheann cuideachd ciamar as urrainn i luchd-cleachdaidh na Gàidhlig a ruighinn tro na fòraman, buidhnean agus lìonraidhean luchd-ùidhe eadar-dhealaichte aice.
- Cuideachd, coinnichidh Tèarainteachd Shòisealta na h-Alba le Bòrd na Gàidhlig gus Plana Gàidhlig ullachadh. Cuidichidh seo gus togail air an obair mu thràth an sàs gus taic a thoirt dhaibhsean a bu mhiann Gàidhlig a chleachdadh.
Eadar-nàiseanta
- Coimheadaidh ar Buidheann-stiùiridh airson Malairt Eadar-nàiseanta agus Tasgadh ri cothroman inbhe na Gàidhlig a thogail mar phàirt de thursan Ministreil thall-thairis agus tachartasan mòra Malairt is Tasgaidh.
- Chruthaich Riaghaltas na h-Alba bursaraidh ionnsachaidh Gàidhlig le Oifis Iomairtean na Gàidhlig ann an Alba Nuadh agus cumaidh sinn oirnn a' toirt taic don seo fhad 's a choimheadas sinn son chothroman Gàidhlig a bhrosnachadh tron Hub againn ann an Canada.
- Thug Riaghaltas na h-Alba taic do Bhliadhna nan Cànan Tùsanach aig UNESCO agus smaoinichidh sinn ciamar as urrainn dhuinn taic a thoirt do Dheichead nan Cànan Tùsanach.
- Tha Riaghaltas na h-Alba a' cumail air mar bhall èasgaidh de Chomhairle Bhreatainn is Èirinn far a bheil ar cànain gu lèir a' faighinn aire is taic.
- A' conaltradh le ar compàirtichean Artaig agus Lochlannach tro bhuileachadh frèam-obrach poileasaidh na h-Artaig aig Riaghaltas na h-Alba gus malairt phoileasaidh is eòlais a bhrosnachadh mu thimcheall togail inbhe agus dìon chànain tùsanach, a' rannsachadh chothroman gus pròiseactan a' leasachadh an comann a bhios a' cur ri Deichead nan Cànan Tùsanach aig UNESCO (2022-2032).
Foillseachadh
A' Foillseachadh A' Phlana
'S e seo an treas ath-thriall de Phlana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba, agus thèid a chur an sàs thairis còig bliadhna bhon cheann-là a gheibh e aonta bho Bòrd na Gàidhlig neo gu bheil Plana ùr ann na àite. Bidh dleastanasan a' phlana seo a' togail air agus a' soillearachadh dhleastanasan an ath-thriall mu dheireadh, an sàs eadar 20XX agus 20XX.
A' Foillseachadh a' Phlana Bidh Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba air fhoillseachadh gu dà-chànanach air làraich-lìn Riaghaltas na h-Alba.
A thuilleadh air an seo, bidh sinn:
- A' brosnachadh a' phlana gu farsaing, leis na meadhanan sòisealta am measg seo
- A' toirt a' Phlana gu aire luchd-obrach tro Eadra-lìon Riaghaltas na h-Alba agus bheir sinn fios do luchd-obrach mu phoileasaidhean agus iomairtean ùra air an leasachadh fon Phlana
- A' dèanamh lethbhreacan den Phlana saor ri fhaotainn nuair a thèid iarraidh
- A' toirt fios do luchd-ùidhe buntainneach le fiosrachadh air mar a gheibh iad grèim air a' Phlana
Goireasachadh A' Phlana
Chan eil Riaghaltas na h-Alba an dùil gum bi cosgaisean sam bith a bharrachd an luib nan dleastanasan seo. Ach, ma nochdas cosgaisean nì e solar iomchaidh airson goireasachadh a' Phlana, a thaobh nan seirbheisean a tha sinn a' lìbhrigeadh gu dìreach. Bidh e an urra ri NDPBan agus Buidhnean-gnìomha, luchd-ionaid agus cunnradairean ullachadh a dhèanamh airson coinneachadh ri cosgaisean gnìomhachadh nam planaichean Gàidhlig aca fhèin.
Sgrùdadh A' Phlana
Thèid aithisg sgrùdaidh a chur gu Bòrd na Gàidhlig mu ghnìomhachadh a' Phlana seo gach bliadhna. Le bhith a' sgrùdadh gnìomhachadh Phlana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba, cuiridh sinn cudrom air na raointean a leanas gu sònraichte: poileasaidhean Riaghaltas na h-Alba agus mar a tha iad a' toirt buaidh air leasachadh na Gàidhlig; gnìomhachadh bun-dhleastanasan sònraichte ann an Caibideil II; na thathar a' cur ri gnìomhachadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig mar a tha air a mhìneachadh ann an Caibideil III; fiosrachadh mu stuthan fhoillseachadh ann an Gàidhlig gu h-iomlan no ann an geàrr-chunntais; an seòrsa agus an àireamh de bheachdan a gheibhear mu lìbhrigeadh nan ceuman a tha anns a' Phlana.
Contact
Email: sgglp@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback