Co-chomhairleachadh air Geallaidhean Riaghaltas na h-Alba do Ghàidhlig agus Albais agus Bile nan Cànan Albannach

Co-chomhairleachadh air Geallaidhean Riaghaltas na h-Alba do Ghàidhlig agus Albais agus Bile nan Cànan Albannach


Ro-ràdh

Tha farsaingeachd de gheallaidhean àrd-amasach aig Riaghaltas na h-Alba do Ghàidhlig is Albais. Bidh an eacarsaich cho-chomhairleachaidh seo is na beachdan a gheibh i na chuideachadh leis an adhartas a nì sinn leis na geallaidhean seo.

Geallaidhean Riaghaltas na h-Alba

Tha Riaghaltas na h-Alba air grunn gheallaidhean a dhèanamh a thaobh na Gàidhlig agus Albais. Nam measg tha ceithir prìomh gheallaidhean a dh'fhaodar a mheas mar a bhith gu sònraichte cudromach leis na geallaidhean eile a' tighinn fon bhratach aca. Is iad na ceithir prìomh gheallaidhean – dòigh-obrach ro-innleachdail ùr a stèidheachadh a thaobh FtG, rannsachadh a dhèanamh air Gàidhealtachd oifigeil a chruthachadh, ath-sgrùdadh a dhèanamh air structar agus gnìomhan Bhòrd na Gàidhlig (BnG), agus gnìomhan a ghabhail a thaobh Albais. Far a bheil feum air prìomh reachdas airson seo, dh'fhaodadh an gealladh airson Bile nan Cànan Albannach a bhith mar am meadhan reachdail tron deigheadh adhartas a dhèanamh leis na geallaidhean sin.

Thar nam bliadhnaichean mu dheireadh tha taic mhath air a bhith ann don Ghàidhlig. Chaidh raon de phròiseactan agus iomairtean a chur an sàs agus tha reachdas cudromach air taic fhaighinn ann am Pàrlamaid na h-Alba. Tha àrdachadh cuideachd air tighinn ann an taic do dh'Albais agus fàs anns na goireasan a tha ri fhaighinn. Leis na geallaidhean ùra seo agus an fhianais a tha a' sìor fhàs de thaic dha na cànanan sin bu toil le Riaghaltas na h-Alba ceumannan a bharrachd a ghabhail gus taic a thoirt don Ghàidhlig agus Albais.

Coimheadaidh am pàipear co-chomhairleachaidh aon mu seach air gach fear de na prìomh gheallaidhean, a' mìneachadh a' phrìomh gheallaidh agus na fo-gheallaidhean a tha sinn den bheachd a tha co-cheangailte no a' tighinn fo bhratach nan raon farsaing seo. Feuchaidh e ris an t-suidheachadh a thaisbeanadh tro bhith a' tabhann diofar bheachdan a chaidh a thoirt dhuinn gu ruige seo tro cho-chomhairleachadh neo-fhoirmeil le measgachadh de luchd-ùidhe. Tha seo air a dhealbhadh gus tuilleadh deasbaireachd, bheachdan agus conaltradh a bhrosnachadh leis a h-uile ùidh iomchaidh. Cha deach co-dhùnaidhean sam bith a dhèanamh fhathast a thaobh mar a thèid adhartas a choisinn airson na Gàidhlig agus Albais agus tha sinn gu gnìomhach a' sireadh bheachdan bho air feadh nan coimhearsnachdan air fad. Tha sinn a' sireadh bheachdan air mar a ghabhas tuilleadh adhartais a choisinn agus cuidichidh na beachdan a gheibh sinn ann a bhith a' cumadh nan gnìomhan a thèid a ghabhail sa bhad agus san fhad-ùine gus na geallaidhean sin a lìbhrigeadh.

Tha sinn mothachail gu bheil ceanglaichean agus eadar-eisimeileachdan ann eadar na diofar gheallaidhean Gàidhlig. Mar eisimpleir, tha e coltach gum bi FtG na phàirt de dheasbad sam bith co-cheangailte ri rannsachadh mu Ghàidhealtachd. Mar an ceudna, tha àite aig Bòrd na Gàidhlig a thaobh foghlaim; bidh atharrachaidhean ann am foghlam no gu dearbh rannsachadh mun Ghàidhealtachd a' toirt a-steach beachdachadh air na gnìomhan a bu chòir a bhith aig Bòrd na Gàidhlig gus taic a thoirt do dh'atharrachaidhean san raon sin agus mar sin bidh e a' dol an lùib ath-sgrùdadh structar agus gnìomhan Bhòrd na Gàidhlig fhèin.

Chan eil na geallaidhean gu h-àrd a' toirt iomradh sònraichte air MG ALBA ach tha sinn mothachail gu bheil MG Alba a' cur luach ri grunn raointean cudromach de ghnìomhachd na Gàidhlig ann an dòigh fharsaing is eadar-mheasgte. Tha taic Riaghaltas na h-Alba do MG ALBA air leigeil leis a' bhuidheann seo agus BBC ALBA cur ri ionnsachadh na Gàidhlig, na h-ealain, gnìomhachd coimhearsnachd, sgilean agus an eaconamaidh. Air an adhbhar seo bhitheamaid an dùil gum biodh MG ALBA gu mòr an sàs anns na còmhraidhean seo.

Contact

Email: GaelicAndScotsConsultation@gov.scot

Back to top