Co-chomhairleachadh air Geallaidhean Riaghaltas na h-Alba do Ghàidhlig agus Albais agus Bile nan Cànan Albannach

Co-chomhairleachadh air Geallaidhean Riaghaltas na h-Alba do Ghàidhlig agus Albais agus Bile nan Cànan Albannach


Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

Beachdaichidh an earrann seo air dòigh-obrach ro-innleachdail nàiseanta ùr do dh'Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a tha riatanach ma tha sinn a' dol a dh'fhaicinn nan ìrean adhartais nas luaithe a tha sinn a' sireadh airson Gàidhlig.

Tha Riaghaltas na h-Alba air gealltainn tuilleadh adhartais a dhèanamh le foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FtG) tro dhòigh-obrach ro-innleachdail ùr a thaobh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. An lùib seo bidh dèanamh cinnteach gu bheil FtG dha-rìribh bogach, ag amas cuideachd air leasachadh air an taghadh de chuspairean a thèid a theagasg tro FtG aig gach ìre de dh'fhoghlam farsaing coitcheann is an ìre as àirde san àrd-sgoil. Na lùib cuideachd bidh brosnachadh cruthachadh bhun-sgoiltean is àrd-sgoiltean FtG ùra air feadh Alba, is air cùlaibh seo bidh tasgadh a bharrachd gus an àireamh thidsearan as urrainn teagasg tro mheadhan na Gàidhlig àrdachadh.

Tha grunn ùghdarrasan ionadail agus buidhnean ann a tha a' cur gu mòr ri foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Alba. Còmhla riuthasan, nì Riaghaltas na h-Alba cinnteach gum bi e-Sgoil agus Stòrlann fhathast a' faighinn taic gus cuideachadh le foghlam sgoile, ionnsachadh inbheach, taic thidsearan, ionnsachadh coimhearsnachd agus cothrom air goireasan foghlaim Gàidhlig de dheagh chàileachd. Nì sinn cinnteach cuideachd gum bi Sabhal Mòr Ostaig fhathast na ionad sàr-mhathais airson solar ionnsachadh na Gàidhlig, le maoineachadh sònraichte gus cùrsaichean Foghlam Adhartach is Àrd-ìre a thabhann tro mheadhan na Gàidhlig. Tha sinn ag aithneachadh gu bheil prìomh àite aig Sabhal Mòr Ostaig ann a bhith a' toirt taic do FtG aig gach ìre agus do raon farsaing de dh'iomairtean coimhearsnachd Gàidhlig.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag aithneachadh gu bheil na cùisean gu h-àrd riatanach ma tha sinn a' dol a dh'fhaicinn nan ìrean adhartais nas luaithe a tha sinn a' sireadh airson na Gàidhlig. Tha dealas aig Riaghaltas na h-Alba taic a chumail ri foghlam, na h-ealain agus craoladh Gàidhlig le prìomh àite aig MG ALBA. Tha sinn cuideachd ag aithneachadh gu bheil eadar-eisimeileachdan ann thar nan roinnean sin a tha a' toirt taic dha chèile agus a' cur ris an amas iomlan a bhith ag àrdachadh na h-àireimh a tha a' bruidhinn, a' cleachdadh agus ag ionnsachadh a' chànain.

Àrd-shealladh air Foghlam Gàidhlig ann an Alba

Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig na roinn stèidhichte ann am foghlam Albannach. Tha ceangal son dàta foghlam Gàidhlig ri fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig aig a' cheangal a leanas. Dàta Foghlaim – Bòrd na Gàidhlig (gaidhlig.scot) 'S e amas FtG gum bi daoine òga comasach air obrachadh gu misneachail agus gu fileanta ann an dà chànan fhad 's a tha iad a' dol air adhart bho thràth-bhliadhnaichean, tro fhoghlam bun-sgoile agus gu foghlam àrd-sgoile. Tha FtG bhon sgoil-àraich gu deireadh na bun-sgoile na sheòrsa de dh'fhoghlam bogaidh. Leis an t-seòrsa foghlaim seo, 's i a' Ghàidhlig an aon chànan ionnsachaidh, teagaisg agus measaidh anns a' chiad trì bliadhna den bhun-sgoil, ris an canar an ìre bogaidh.

Bho BS4 gu BS7, leanaidh foghlam bogaidh ach, aig an ìre seo, thèid ionnsachadh tro mheadhan na Beurla a thoirt a-steach. Bho BS4 a-mach agus às dèidh toirt a-steach na Beurla, bu chòir gum fuirich a' Ghàidhlig mar phrìomh chànan an t-seòmar-sgoile. Tha FtG air a lìbhrigeadh do chloinn is daoine òga a tha a' tighinn à teaghlaichean far a bheil Gàidhlig air a bruidhinn is cuideachd feadhainn bho theaghlaichean aig nach eil mòran Gàidhlig no aig nach eil Gàidhlig.

Tha foghlam bun-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig (FBSG) ri fhaighinn an-dràsta ann an 14 a-mach à 32 sgìrean ùghdarras foghlaim air feadh Alba. Tha cuideachd àireamh a tha a' sìor fhàs de sgoiltean tro mheadhan na Gàidhlig ann an Alba agus bun-sgoiltean dà-shruth (Gàidhlig agus Beurla) far a bheil FtG sa mhòr-chuid. Tha cuideachd grunn ionadan tràth-bhliadhnaichean agus cròileagain ag obair air feadh Alba.

Tha foghlam àrd-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig (FÀSG) cuideachd ri fhaighinn ann an 33 àrd-sgoiltean ann an Alba. Anns na sgoiltean sin, mar as trice bithear a' tabhann Gàidhlig mar chuspair, le cuid de sgoiltean a' lìbhrigeadh cuibhreann a bharrachd den churraicealam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha foghlam luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig (FLI) eadar-dhealaichte bho FtG leis gu bheil e air a lìbhrigeadh mar chànan a bharrachd dhaibhsan a tha ann am foghlam tro mheadhan na Beurla. Tha FLI a' cur dhaoine òga an aithne Gàidhlig is a cultar.

Tha àite deatamach aig buidhnean foghlaim agus buidhnean poblach ann an Alba ann a bhith a' toirt taic do agus a' leasachadh foghlam Gàidhlig ann an Alba. Tha ionadan foghlaim thidsearan cuideachd a' cur gu mòr ri adhartachadh, taic agus fàs foghlam Gàidhlig ann an Alba. Còmhla ris na buidhnean sin, tha Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig a' toirt taic do sgoilearan, tidsearan agus pàrantan tron obair aca a' solarachadh ghoireasan airson foghlam Gàidhlig.

A' togail air Achd an Fhoghlaim (Alba) 1980, tha Pàrlamaid na h-Alba air grunn phìosan reachdais aontachadh a tha cudromach airson foghlam a lìbhrigeadh, a' gabhail a-steach lìbhrigeadh foghlam Gàidhlig ann an sgoiltean na h-Alba. Nam measg tha, Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, Achd Sgoiltean (Co-chomhairleachadh) (Alba) 2010, Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016 agus an Stiùireadh co-cheangailte ris.

Fàs is Adhartas FtG

Bu mhiann le Riaghaltas na h-Alba cluinntinn bho luchd-ùidhe foghlam na Gàidhlig mu na cnapan-starra no bacaidhean a tha iad den bheachd a dh'fheumas aithneachadh gus am bi e comasach do FtG tuilleadh adhartais a dhèanamh. Bu mhiann leinn cuideachd ur beachdan a chluinntinn air na fuasglaidhean a dh'fhaodadh a bhith ann dha na cùisean seo.

Thairis air na bliadhnaichean mu dheireadh tha an aon chuspair air a bhith aig grunn aithisgean agus freagairtean co-chomhairleachaidh mu FtG. 'S e seo gu bheil cnapan-starra no bacaidhean sònraichte ann a dh'fheumas aithneachadh gus an urrainn FtG deagh adhartas a choisinn. Gus tuilleadh deasbaid agus conaltradh a bhrosnachadh le luchd-ùidhe tha cuid de na cùisean sin air am mìneachadh gu h-ìosal. Ach tha Riaghaltas na h-Alba airson ur beachdan a chluinntinn mu far am feum aire a chur gus adhartas a bharrachd son FtG ann an Alba a chur an comas agus a chuideachadh. Tha sinn airson ur smuaintean ionnsachadh mu na roghainnean a th' ann gus leasachaidhean a thoirt gu buil is mar sin nuair a tha sibh a' freagairt na co-chomhairle seo 's dòcha gum bi sibh airson ur beachdan a thoirt seachad ann am feadhainn de na raointean sin ach cha bu chòir dhuibh a bhith a' faireachdainn gu bheil sibh cuingealaichte ris na cuspairean sin. Tha sinn fosgailte ri agus a' cur fàilte air beachdan is smuaintean a bharrachd.

Dh'fhaodadh na leanas a bhith am measg nan raon buntainneach:

  • Solarachadh FtG, cothrom air solar agus brosnachadh FtG le ùghdarrasan ionadail,
  • FtG mar eòlas 3-18 agus leantalachd FtG,
  • Taghadh chuspairean, curraicealam agus rèiteachadh measaidh FtG
  • Fastadh luchd-teagaisg, greis-obrach, glèidheadh agus ionnsachadh proifeiseanta FtG
  • Taic agus goireasan luchd-teagaisg is sgoilearan,
  • 0-3, solar tràth-bhliadhnaichean agus togail cànain,
  • Meud chlasaichean, luchd-cuideachaidh cànain, bogadh agus fileantachd,
  • A' toirt feart air FtG nuair a thathar a' suidheachadh dhùilean nàiseanta agus ann an gnìomhachd mu thimcheall Sgrùdadh Sgoile
  • Gabhail a-steach FtG ann am planadh agus aithris le sgoiltean far a bheil FtG air a sholarachadh mar phàirt de sgoil dà-shruth.

Tha na raointean gu h-àrd air an liostadh mar chinn fharsaing ach dh'fhaodadh ceistean mionaideach a bhith anns gach fear dhiubh. Mar eisimpleir fon cheann cothrom air foghlam Gàidhlig, tha sinn mothachail gu bheil duilgheadasan air a bhith aig mòran phàrantan le bhith a' faighinn àite FtG far nach eil ach glè bheag de sholarachadh no far nach eil solar idir. Faodaidh seo a bhith fìor cuideachd far a bheil iarrtas nas àirde na na h-àiteachan a tha rim faighinn. Faodaidh cuid de phàrantan a bhith fo ana-cothrom no às aonais comas àite a ghabhail far a bheil cùisean còmhdhail an urra ri ullachaidhean sgìre-sgoile agus leis na poileasaidhean a tha stèidhichte gu h-ionadail a thaobh còmhdhail. A-rithist, fon roinn fharsaing de roghainn chuspairean dh'fhaodadh gum bi dragh ann mu sholar chuspairean FtG san ìre as àirde. Faodar gach aon de na puingean gu h-àrd a roinneadh ann an eisimpleirean eile nas mionaidiche agus nas sònraichte.

'S e amas dòigh-obrach ro-innleachdail ùr sam bith a thaobh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig taic a chur ri fàs is leasachadh agus dèanamh cinnteach gu bheil FtG a' lìbhrigeadh deagh fhoghlam don òigridh air fad ann am FtG. Gus seo a choileanadh feumar a h-uile oidhirp a dhèanamh leasachaidhean a thoirt gu buil far a bheil cùis shònraichte air aithneachadh mar bhacadh air fàs. Mar sin bidh sinn ag iarraidh oirbh beachdachadh air dè na ceumannan, nur beachd-sa, a dh'fheumar gabhail gus adhartas a dhèanamh no fuasglaidhean a sholarachadh. Mar eisimpleir, faodaidh fuasglaidhean a bhith a' toirt a-steach:

  • Ath-sgrùdadh agus atharrachaidhean ris na dleastanasan aig ùghdarrasan ionadail a thaobh FtG,
  • Soilleireachd air nàdar FtG 3-18 agus dè as urrainn pàrantan sùileachadh bhuaithe,
  • Ceumannan a bharrachd gus taic a thoirt do fastadh thidsearan FtG agus leasachadh proifeiseanta,
  • Dèanamh cinnteach gu bheil solar tràth-bhliadhnaichean FtG ann agus a' faighinn taic,
  • A' stèidheachadh mar as urrainn iomairtean agus buidhnean nàiseanta obrachadh nas fheàrr còmhla gus taic a thoirt do FtG.

Dh'fhaodadh fuasglaidhean a chaidh ainmeachadh mar phàirt den dhòigh ro-innleachdail ùr a thaobh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a bhith air an lìbhrigeadh tron reachdas làithreach, atharraichean ris agus ùrachadh air an stiùireadh son FtG. Feumar dèanamh cinnteach cuideachd gu bheil aire air a thoirt don chlàr-obrach ath-leasachadh foghlaim farsaing thairis foghlam Albannach agus gum bi FtG aig cridhe an ath-leasachaidh sin. Far an aithnich thu cùis 's mathaid gum bi thu airson beachdachadh dè na gnìomhan a tha thu a' smaoineachadh a dhèanadh e comasach adhartas a choisinn ann am FtG.

Mar a chaidh ainmeachadh, ged a tha grunn chinn farsaing air ainmeachadh gu h-àrd, chan eil dùil sam bith ann gum bu chòir beachdan co-chomhairleachaidh a bhith cuingealaichte ris na puingean sin. Tha fàilte air beachdan mu bhacaidhean eile agus fuasglaidhean a tha air am moladh.

Ceistean Co-chomhairleachaidh

Tha fàilte air freagairtean Co-chomhairleachaidh mu cheist dòigh-obrach ro-innleachdail ùr son foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

A' smaoineachadh air cnapan-starra, bacaidhean is fuasglaidhean – Dè na prìomh rudan a tha sibh den bheachd a bu chòir a bhith mar phàirt de dhòigh-obrach ro-innleachdail ùr son foghlam tro mheadhan na Gàidhlig?

Dè na ceumannan a tha sibh a' smaoineachadh a bu chòir gabhail gus taic is brosnachadh a thoirt do dh'fhoghlam Gàidhlig is dèanamh cinnteach gun tèid dòigh-obrach ro-innleachdail ùr sam bith son FtG a chur an sàs?

A bheil puingean sam bith eile ann a bu mhiann leibh dèanamh mu dheidhinn solarachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig is foghlam luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann am foghlam Albannach?

Contact

Email: GaelicAndScotsConsultation@gov.scot

Back to top