Co-chomhairleachadh air Geallaidhean Riaghaltas na h-Alba do Ghàidhlig agus Albais agus Bile nan Cànan Albannach

Co-chomhairleachadh air Geallaidhean Riaghaltas na h-Alba do Ghàidhlig agus Albais agus Bile nan Cànan Albannach


Gàidhealtachd Oifigeil

Coimheadaidh an earrann seo ri am bu chòir gealladh mu Ghàidhealtachd oifigeil prìomh fhòcas a chur air àite is mar a thèid a chomharrachadh no air luchd-labhairt na Gàidhlig ge be far a bheil iad is an taic a tha iad a' faighinn.

'S e miann Riaghaltas na h-Alba an cànan a neartachadh agus taic a thoirt do luchd-labhairt na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan ge be càite a bheil iad ann an Alba. Bidh e na amas dhuinn ìrean cleachdadh cànain àrdachadh, barrachd sheirbheisean a sholarachadh tro mheadhan na Gàidhlig agus cothroman a leudachadh. Gu sònraichte, tha ar n-amas a' gabhail a-steach a' mhiann gum faicear àrdachadh ann an cleachdadh na Gàidhlig ann an dà raon deatamach, an dachaigh agus a' choimhearsnachd. Co-cheangailte ri seo tha gealladh gum bi fòcas air cur stad air gluasad cànain ann an sgìrean le àireamhan susbainteach de luchd-labhairt.

Gu traidiseanta bha a' Ghàidhealtachd a' ciallachadh na sgìre ris an canar Highlands anns a' Bheurla. Aig puingean sònraichte nar n-eachdraidh bhiodh cànan is cultar na sgìre seo gu ìre-mhòr Gàidhealach. Ged nach eil an teirm Gàidhealtachd air nochdadh ann am poileasaidh Gàidhlig ann an Alba, 's e amas a' gheallaidh seo meòrachadh dè na ceumannan a bharrachd as urrainn gabhail gus Gàidhlig a thaiceadh is a bhrosnachadh is an àireamh a tha a' bruidhinn, a' cleachdadh is ag ionnsachadh a' chànain àrdachadh. 'S e fòcas na h-earrainn seo den phàipear co-chomhairleachaidh an gealladh rannsachadh a dhèanamh air a bhith a' cruthachadh Gàidhealtachd oifigeil.

Gaeltacht na h-Èireann

Tha sgìrean Gaeltachta na h-Èireann air a bhith aithnichte bho na 1920an agus b' iad sin sgìrean far an robh a' Ghaeilge follaiseach agus a' faighinn taic. 'S e Achd na Gaeltachta 2012 an reachdas as ùire. Rinn an Achd ath-mhìneachadh air sgìrean traidiseanta Gaeilge na h-Èireann a rèir slatan-tomhais cànanach an àite na sgìrean cruinn-eòlasach air an robh iad stèidhichte gu ruige 2012.

Ann am Poblachd na h-Èireann, tha an teirm seo ceangailte nas dlùithe ri taic cànain agus buileachadh poileasaidh. Tha Poblachd na h-Èireann air teirm co-ionann a chleachdadh tron cheud bliadhna mu dheireadh ach tha fiù an siostam sin air atharrachadh agus air leasachadh thar an linn ud agus chan eil e a' toirt seachad fuasgladh soilleir no stadaigeach as urrainn toirt a-steach mar fhreagairt ris a' cheist a thaobh dè th' ann an Gàidhealtachd. Gus beachdachadh agus deasbad a bhrosnachadh ge-tà tha sealladh farsaing air na h-ullachaidhean làithreach air an ainmeachadh gu h-ìosal.

Bha Gàidhlig na h-Èireann aig aon àm air a bruidhinn gu farsaing air feadh eilean na h-Èireann, ach a-nis chan eil ach mu 2% de shluagh na h-Èireann a' fuireach air a' Ghaeltacht, na sgìrean far a bheil a' Ghaeilge beò mar chànan choimhearsnachd.

Tha Achd na Gaeltachta, 2012, a' toirt bunait reachdail airson pròiseas planadh cànain. Fon phròiseas, thathar a' toirt cothrom do choimhearsnachdan Gaeltachta a bharrachd air coimhearsnachdan ann am Bailtean Seirbheis Gaeltachta agus Lìonraidhean Gaeilge planaichean cànain ullachadh agus a bhuileachadh aig ìre choimhearsnachd le taic leantainneach. Le sin thathar a' tabhann cothrom don leithid choimhearsnachdan pàirt chudromach a ghabhail ann a bhith a' dèiligeadh ris na dùbhlain a tha mu choinneamh na Gaeilge mar a thèid an aithneachadh aig ìre choimhearsnachd. Bheir an Stiùireadh Planaidh Cànain sealladh farsaing air a' phròiseas agus mar a tha e ag obair.

Fon phròiseas planaidh cànain, tha e na dhleastanas air Údarás na Gaeltachta dèanamh comasach buileachadh a' phròiseis ann an Sgìrean Planaidh Cànain na Gaeltachta is Bailtean Seirbheis Gaeltachta taobh a-staigh na Gaeltachta, is tha an aon seòrsa uallach air Foras na Gaeilge son buileachadh a' phròiseis taobh a-muigh na Gaeltachta chun ìre 's gum buin e ri Bailtean Seirbheis Gaeltachta is Lìonraidhean Gaeilge.

Fo Achd na Gaeltachta, 2012, tha a' Ghaeltacht air a roinn ann an 26 Sgìrean Planaidh Cànain Gaeltachta a tha air cothrom fhaighinn planaichean cànain ullachadh agus a bhuileachadh aig ìre choimhearsnachd. 'S e Bailtean Seirbheis na Gaeltachta bailtean ann an, no ri taobh, Sgìrean Planaidh Cànain na Gaeltachta aig a bheil àite cudromach ann an lìbhrigeadh sheirbheisean poblach is goireasan cur-seachad, sòisealta is malairteach anns na sgìrean sin. 'S e Lìonraidhean Gaeilge sgìrean taobh muigh na Gaeltachta aig a bheil bun-ìre riatanach de thaic choimhearsnachd is Stàite don Ghaeilge.

Deasbad mu Ghàidhealtachd

Tha Ceann a tuath, costa an iar agus eileanan air costa an iar na h-Alba air a bhith air a meas gu traidiseanta agus gu h-eachdraidheil mar Ghàidhealtachd na h-Alba. Ach, a thaobh cleachdadh poileasaidh an teirm seo, tha diofar bheachdan agus fhreagairtean ann. Thathas air iomradh a thoirt air cuid dhiubh sin gu h-ìosal agus dh'fhaodadh iad sin cuideachadh le freagairtean don cho-chomhairle seo.

Measaidh cuid an teirm Gàidhealtachd mar àite sònraichte a thèid a mhìneachadh gu cruinn-eòlasach. Chitheadh iad amas a' gheallaidh seo a' Ghàidhlig a neartachadh ann an sgìrean far a bheil i ga bruidhinn le àireamh mhòr sa cheud den t-sluagh. Air cùlaibh seo tha am beachd gu bheil àiteachean sònraichte ann far a bheil ìomhaigh nas àirde aig a' Ghàidhlig agus gum bu chòir iomairtean taice cànain sònraichte tachairt anns na h-àiteachean seo.

Aig an aon àm bha àireamh de bhuidhnean ùidhe den bheachd nach biodh lìbhrigeadh a' gheallaidh seo na chùis shìmplidh. Nochd ceistean mu ciamar a shuidheadh an gealladh seo leis a' bhun-smuain gum bu chòir Gàidhlig a bhith do dh'Alba gu lèir is na cànan nàiseanta. Bha seo ceangailte ri draghan mu thaic leantainneach do Ghàidhlig ann an àiteachean eile, leithid Glaschu no Dùn Èideann, a dh'fhaodadh mìneachadh mar a bhith neo-Ghàidhealtachd. Bha molaidhean ann gum b' urrainn an dòigh-obrach seo a bhith dualtach sgaraidhean adhbharachadh, gum b' urrainn dha a bhith doirbh son riarachadh grantaichean is nan deigheadh loidhne a chur air mapa gum biodh e doirbh aonta a ruighinn air slatan-tomhais a' cho-dhùnaidh.

Bha cuid eile den bheachd gum bu chòir am fòcas a bhith air taic a thoirt dhaibhsan a tha ag ionnsachadh agus a' bruidhinn a' chànain agus anns na lìonraidhean agus na coimhearsnachdan dham buin iad, ge be càite a bheil iad. Chan eil na roghainnean sin neo-eisimeileach dha chèile agus dh'fhaodadh gum feumar beachdachadh air mar a gheibh iad taic nas fheàrr. A bharrachd air seo, feumaidh sinn cuimhneachadh air cho cudromach 's a tha goireasan didseatach air-loidhne air a bheil cothrom aig luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus na coimhearsnachdan a thig às a sin.

Roghainnean Gàidhealtachd

Airson adhbhar na h-eacarsaich co-chomhairleachaidh seo, bidh an earrann seo a' toirt a-steach fòcas air sgìrean cruinn-eòlasach far a bheil cuibhreann nach beag de luchd-labhairt na Gàidhlig agus far a bheil gnìomhachd cudromach às leth na Gàidhlig.

Far a bheil fòcas air cuibhreann chudromach de luchd-labhairt na Gàidhlig bhiodh dùbhlan ann a thaobh mar a bu chòir sgìre den t-seòrsa seo a mhìneachadh agus faighneachd dè an àireamh a-mach às a' cheud den t-sluagh a dh'fheumadh a bhith nan luchd-labhairt Gàidhlig airson sgìre a bhith air a mhìneachadh mar Ghàidhealtachd. 'S i a' cheist a leanadh dè na ceumannan Gàidhlig a bu chòir a bhith air an daingneachadh san sgìre seo – mar eisimpleir am bu chòir:

  • FtG a bhith ri fhaotainn anns a h-uile sgoil?
  • buidhnean dòigh-obrach dà-chànanach a thogail?
  • tomhas de thaic coimhearsnachd a bhith ri fhaotainn don Ghàidhlig?
  • buidhnean poblach agus ùghdarrasan geallaidhean soilleir a dhèanamh a thaobh mar a tha iad an dùil taic don Ghàidhlig a leasachadh agus solar a thoirt do luchd-labhairt na Gàidhlig ann an sgìrean Gàidhealtachd?

Bidh ceistean ann cuideachd a thaobh am b' urrainn goireasan a bharrachd a riarachadh don sgìre seo agus ciamar a ghabhadh seo a sgrùdadh no a riaghladh. Faodaidh an gealladh seo cuideachd a bhith a' toirt a-steach cheistean mu ghnìomhachd iomairtean agus mar as urrainn do roinnean leithid fastadh, slàinte, taigheadas, còmhdhail, comas-ceangail, cùisean coimhearsnachd is eile taic a thoirt don Ghàidhlig ann an leithid choimhearsnachdan. Bidh ceistean ann cuideachd mu na dh'fheumas seo bho raointean poileasaidh eile aig Riaghaltas na h-Alba.

Fa leth dh'fhaodadh àiteachean sònraichte a bhith air am mìneachadh air sgàth ìre de ghnìomhachd Gàidhlig. Dh'fhaodadh argamaid, mar eisimpleir, ann an sgìrean far a bheil sgoiltean agus aonadan foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, gu bheil seo a' cruthachadh lìonraidhean sònraichte agus ìrean de ghnìomhachd Gàidhlig. Nam biodh aithne air a thoirt air a' bhunait seo dh'fheumadh smaoineachadh a-rithist air dè na gnìomhan a tha a' toirt taic don Ghàidhlig a bu chòir suidheachadh, brosnachadh agus stèidheachadh anns na sgìrean sin. Ann an coimhearsnachdan far a bheil FtG gu tric bidh pròiseactan agus tachartasan Gàidhlig eile a' dol a dh'fhaodadh a bhith a' gabhail a-steach Fèisean agus tachartasan ealain Gàidhlig eile, cothroman ionnsachaidh Gàidhlig do dh'inbhich agus obair oifigearan leasachaidh coimhearsnachd Gàidhlig. Gu tric 's e FtG a bhith stèidhichte ann an àite a tha a' cur an comas na gnìomhan eile a tha a' toirt taic don chànan.

Dh'fhaodadh gur e ath-sgrùdadh Bhòrd na Gàidhlig air an Stiùireadh son Planaichean Gàidhlig roghainn airson adhartas a dhèanamh leis a' ghealladh. Mar eisimpleir, tha Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus an Stiùireadh co-cheangailte a' brosnachadh cur an gnìomh phlanaichean Gàidhlig ann an dòigh iomchaidh. Tha cumhachdan fo Achd 2005 airson riaghailtean a bhith air an dèanamh a nì tuilleadh ullachaidhean mu dè bu chòir a bhith an lùib Phlanaichean Gàidhlig sònraichte. Ann am faclan eile, far a bheil barrachd luchd-labhairt na Gàidhlig 's ann an sin a bu chòir geallaidhean a bhith nas làidire. A bharrachd air sin, tha geallaidhean air a bhith ann am Planaichean Nàiseanta na Gàidhlig gum bu chòir rudan sònraichte tachairt ann an sgìrean far a bheil àireamh nas motha sa cheud de luchd-labhairt na Gàidhlig.

Tha an dòigh-obrach poileasaidh ann am Plana Nàiseanta nan Eilean le Measadh Buaidh Choimhearsnachdan nan Eilean cuideachd buntainneach an seo agus an comas Planaichean coimhearsnachd ionadail a chruthachadh.

Air-loidhne agus Didseatach

Dh'fheumadh gnìomhan Gàidhlig air-loidhne a bhith aithnichte mar phàirt riatanach de dh'oidhirp sam bith coimhead ris an dòigh as fheàrr taic a thoirt do luchd-labhairt na Gàidhlig. Tha gnìomhan Gàidhlig air-loidhne deatamach ris a h-uile oidhirp taic a thoirt do Ghàidhlig ge be an ann am bailtean-mòra is cathair-bhailtean no sgìrean le sluagh ìosal.

Riaghladh is Co-èigneachadh

'S e a' cheist a thaobh ciamar a b' urrainn feumalachdan ann an sgìre Ghàidhealtachd sam bith a bhuileadh is a sgrùdadh cuideachd pàirt chudromach den ghealladh seo. B' e seo cuspair eile a nochd gu follaiseach ann an obair cho-chomhairleachaidh mì-fhoirmeil Riaghaltas na h-Alba, far an deach ceistean fhaighneachd mu na cumhachdan a bh' aig Bòrd na Gàidhlig son sgrùdadh is co-èigneachadh feumalachdan mìnichte ann am Planaichean Gàidhlig no an Stiùireadh aca. Tha a' cheist mu sgrùdadh is co-èigneachadh is far am bu chòir don dhreuchd seo suidhe cuideachd a' dol an lùib a' gheallaidh mu ath-sgrùdadh obraichean Bhòrd na Gàidhlig.

Ceistean Co-chomhairleachaidh

Tha fàilte air freagairtean co-chomhairleachaidh mun cheist a bhith a' rannsachadh cruthachadh Gàidhealtachd oifigeil.

A bheil beachdan sam bith agaibh air na ceumannan a bu chòir a bhith an sàs gus taic a thoirt do luchd-labhairt na Gàidhlig ann an sgìrean le àireamh shusbainteach de luchd-labhairt?

A bheil beachdan agaibh air mar a bu chòir leithid sgìrean a bhith air am mìneachadh?

Ciamar a chothromaicheadh sibh an gealladh ceumannan a chur an sàs ann an sgìrean far a bheil àireamh shusbainteach de luchd-labhairt na Gàidhlig leis a' phrionnsabal gum bu chòir Gàidhlig a bhith na cànan nàiseanta do dh'Alba gu lèir?

A bheil puingean sam bith eile ann a bu mhiann leibh dèanamh mun ghealladh rannsachadh a dhèanamh air Gàidhealtachd oifigeil a chruthachadh is na geallaidhean ceangailte a bhuineas ri cleachdadh na Gàidhlig anns an teaghlach is coimhearsnachd?

Contact

Email: GaelicAndScotsConsultation@gov.scot

Back to top