Co-chomhairleachadh air Geallaidhean Riaghaltas na h-Alba do Ghàidhlig agus Albais agus Bile nan Cànan Albannach

Co-chomhairleachadh air Geallaidhean Riaghaltas na h-Alba do Ghàidhlig agus Albais agus Bile nan Cànan Albannach


Albais

Bheir sinn air adhart Bile nan Cànan Albannach ùr a ghabhas ceumannan a bharrachd às leth taic na Gàidhlig, a bhios gnìomhach às leth Albais is a dh'aithnicheas gur e dùthaich ioma-chànanach a th' ann an Alba.

Co-theacsa Poileasaidh na h-Albais

Tha poileasaidh Albais aig Riaghaltas na h-Alba a chaidh a chur air bhog gu h-oifigeil ann an 2015. Tha Riaghaltas na h-Alba cuideachd dealasach togail air an seo is ceumannan a bharrachd a ghabhail às leth Albais. Tha grunnn aithrisean is geallaidhean eile ann a dhearbhas an co-theacsa poileasaidh anns a bheil Albais stèidhichte is an ìre de phrìomhachas a tha Riaghaltas na h-Alba a' toirt do dh'Albais.

Tha Albais air a bruidhinn air feadh Alba is sheall Cunntas-sluaigh 2011 gun robh còrr air 1.5 millean neach gan aithneachadh fhèin mar luchd-labhairt Albais. Aithnichidh Cairt Eòrpach nam Mion-chànan Albais. Am measg ullachaidhean na h-Albais tha dleastanas gum bi poileasaidhean stèidhichte air a bhith ag aithneachadh mion-chànanan is cànanan sgìreil mar eisimpleir de bheartas cultarail. Mar phàirt de na h-ullachaidhean tha riatanas gnìomh calma gus mìon-chànanan is cànanan sgìreil leithid Albais a bhrosnachadh. Cuideachd an lùib nan ullachadh tha comasachadh is misneachadh cleachdadh na h-Albais ann an còmhradh is sgrìobhadh, ann am beatha phoblach is prìobhaideach, solarachadh foirmean is dòighean freagarrach son teagaisg is ionnsachadh na h-Albais is tuilleadh.

Tha Albais cuideachd air aithne fhaighinn ann am foghlam Albannach. Tha an Curraicealam airson Sàr-mhaitheis ga dhèanamh follaiseach gu bheil 'cànanan, dualchainntean agus litreachas na h-Alba nan stòras beairteach às an ionnsaich clann agus daoine òga mu chultar, ìomhaigh agus chànanan na h-Alba. Le bhith a' dèiligeadh ri raon farsaing de theacsaichean, cuiridh iad eòlas air dualchas litreachais agus cànanan na h-Alba agus air a cànanan is a dualchainntean dùthchasach. Tha am prionnsapal seo a' sgaoileadh tarsainn air na builean is eòlasan, agus thathar a' sùileachadh gum bi luchd-teagaisg a' togail air na diofar chànanan a tha rim faighinn ann an coimhearsnachdan na h-Alba, a' cur luach air an fheadhainn a tha a' chlann agus na daoine òga a' toirt don sgoil.'

A' leantainn air an seo, dh'aontaich Riaghaltas na h-Alba ann an 2011 am bun-smuain Eòlas Albannach a thoirt air adhart nar sgoiltean. Chruthaich Ùghdarras Teisteanais na h-Alba (SQA) an duais Eòlas na h-Alba is an duais Albais cuimsichte air a bhith a' cruthachadh iall ionnsachaidh fa leth le fòcas air Alba a' gabhail a-steach eachdraidh na h-Alba, litreachas Albannach, Albais agus Gàidhlig, cultar nas fharsaing is cùisean Albannach làithreach. Tha cothrom aig sgoilearan gu lèir air an iall aig ìrean Bun- is Àrd-sgoile.

Chaidh rannsachadh a bhrosnachadh air ìrean buileachaidh am measg sgoilearan a tha a' gabhail nan duaisean seo. Tha misneachd cuideachd air a thoirt do sgrìobhadh chruthachail ann an Albais is air a thaiceadh am broinn nan Teisteanasan Nàiseanta Beurla aig Ùghdarras Teisteanais na h-Alba (SQA). Bha àrdachadh cudromach eadar 2018-2019 san àireamh luchd-ionnsachaidh a' suidhe is a' coisinn nan duaisean seo, aig a h-uile ìre bho ìre SCQF 2-6.

'S e Duaisean na h-Albais tachartas bliadhnail is fa leth bho na duaisean aig Ùghdarras Teisteanais na h-Alba. Chaidh na duaisean seo a stèidheachadh an toiseach ann an 2019 gus gàirdeachas a dhèanamh air obair a th' air a bhith a' dol am broinn coimhearsnachd na h-Albais son iomadh bliadhna a-nis. 'S e prìomh amasan an tachartais inbhe a' chànain a thogail is a bhith a' brosnachadh na h-obrach a th' air a dhèanamh is a thaiceadh anns na meadhanan. Tha na duaisean cuideachd a' toirt àrd-ùrlair do dh'iomadh sgrìobhadair, buidheann is cleasaiche gus iad fhèin a chuideachadh gus an adhartachadh anns na dreuchdan aca.

Tha Foghlam Alba cuideachd a' toirt deagh thaic do dh'àite na h-Albais am broinn foghlaim is tha iad air cùrsaichean leasachaidh proifeiseanta air-loidhne do thidsearan a chruthachadh is a bhrosnachadh.

Ann an 2022 tha Riaghaltas na h-Alba a' toirt maoineachadh do na buidhnean is pròiseactan Albais eile a leanas:

  • Scots Language Centre
  • Dictionaries of the Scots Language
  • Association for Scottish Literature
  • Scots Hoose
  • Scots Radio/Doric Film Festival
  • Doric Board
  • Urras Leabhraichean na h-Alba (Grant Foillseachaidh Albais is app Bookbug Albais)
  • YoungScot (Pannal nan Cànan Albannach)

Còmhraidhean Neo-fhoirmeil

Tha còmhraidhean neo-fhoirmeil air a bhith ann le luchd-ùidhe Albais agus an fheadhainn le ùidh sa chànan. Anns na còmhraidhean sin chaidh grunn cheuman a mholadh airson Albais a neartachadh agus ìomhaigh a' chànain àrdachadh. Bha am fòcas gu mòr air foghlam, na h-ealain, craoladh agus foillseachadh. A bharrachd air sin, bha deasbad ann cuideachd air dè na structaran ùra a dh'fhaodadh a bhith a dhìth gus taic a thoirt do dh'Albais.

Anns na còmhraidhean sin, bha miann farsaing ann barrachd aithne a thoirt do dh'Albais agus ìomhaigh nas àirde a bhith aig Albais ann am foghlam. Chuir riochdairean na h-Albais am follais cuideachd an comas airson cleachdadh Albais àrdachadh anns na h-ealain, craoladh agus foillseachadh. Dh'fhaodadh grunn bhuidhnean cur gu mòr ris na raon seo.

Nochd molaidhean cuideachd gur e an t-slighe air adhart as fheàrr airson Albais a bhith a' togail air obair agus eòlas bhuidhnean a th' ann mu thràth agus a tha a' faighinn taic. Gus cuideachadh leis a' chòmhradh seo, tha grunn bhuidhnean Albais air an liostadh gu h-ìosal le cunntas goirid air an gnìomhachd.

Prìomh Bhuidhnean Albais

The Scots Language Centre

Tha an Scots Language Centre (SLC) a' faighinn maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba gus fiosrachadh agus comhairle a thoirt seachad air Albais, gus mothachadh a thogail agus gus cleachdadh na h-Albais agus a cultar is foghlam a bhrosnachadh. 'S e aon de na prìomh thùsan air-loidhne a th' ann airson goireasan foghlaim eadar tràth-bhliadhnaichean is àrd-sgoil còmhla ri Scots Hoose. Bidh an Scots Language Centre cuideachd a' fastadh tidsear clàraichte le Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba (GTCS) mar an t-eòlaiche foghlaim aca a bhios a' cumail obair chom-pàirteachais a' dol le Foghlam Alba, an SQA, agus buidhnean foghlaim eile, a' cruthachadh ionnsachadh proifeiseanta agus goireasan an dà chuid eadar buidhnean agus air an taobh a-staigh.

Bidh an Scots Language Centre gu cunbhalach a' toirt taic agus comhairle eòlach, a rèir iarrtais, do dhaoine fa leth, do bhuidhnean poblach is do bhuidhnean anns an fharsaingeachd air cùisean thar raon cleachdaidh a' chànain gu lèir. Tha an Scots Language Centre cuideachd os cionn na h-iomairt 'Aye can' a tha ag amas air mothachadh a thogail timcheall air Albais a thaobh ceist na h-Albais ann an Cunntas-sluaigh 2022. Tha an Scots Language Centre air raon ùr de stuthan ionnsachaidh eadar-obrachail Albais air-loidhne ullachadh airson luchd-ionnsachaidh 3-18, tidsearan agus pàrantan. San t-Sultain 2021, chuir an Scots Language Centre air bhog an stiùireadh agus na goireasan "Scots Warks" a bha ag amas air daoine a chuideachadh gus misneachd fhaighinn anns na sgilean litearrachd aca, a' sgrìobhadh ann an Albais. Chaidh an stiùireadh seo a chruthachadh ann an co-chomhairle leis an Scots Language Centre agus a leasachadh tro bhuidheann-obrach eòlach, anns an robh ùghdaran Albais ainmeil an sàs.

Dictionaries of the Scots Language

Tha Riaghaltas na h-Alba a' maoineachadh Dictionaries of the Scots Language aig a bheil an dleastanas airson prìomh fhaclairean a' chànain agus a tha a' dèanamh raon farsaing de dh'obair fhoghlaim fhor-ruigheachd le daoine de gach aois is comas. Tha Dictionaries of the Scots Language air artaigilean fhoillseachadh mu fhaclan Albais anns a' phàipear-naidheachd The Herald gus mothachadh a thogail agus deasbad a bhrosnachadh leis a' phoball. Mar phàirt de Sheachdain Leabhraichean na h-Alba san t-Samhain 2019, chuir Dictionaries of the Scots Language air bhog am foillseachadh "100 Favourite Scots Words". Tràth ann an 2021, chuir Dictionaries of the Scots Language air bhog an app an-asgaidh "Scots Dictionary for Schools" a tha ri fhaighinn do gach cuid a h-uile sgoilear agus neach-ionnsachaidh. Anns an app ùr tha mìltean de fhaidhlichean claisneachd gus luchd-ionnsachaidh a chuideachadh le fuaimneachadh. Chaidh a luchdachadh a-nuas còrr air 1000 uair anns a' chiad seachdain den fhoillseachadh agus tha e fhathast na inneal ionnsachaidh luachmhor do sgoiltean agus luchd-ionnsachaidh.

Association of Scottish Literature

Tha an Association of Scottish Literature (ASL) cuideachd a' faighinn maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba. Bidh an ASL a' toirt seachad stuthan leasachaidh proifeiseanta agus stuthan taice air litreachas is cànanan na h-Alba do thidsearan agus sgoilearan, a' foillseachadh litreachas na h-Alba nach d' fhuair aithne no a tha airidh a bhith air a thaisbeanadh às ùire do luchd-leughaidh an latha an-diugh agus cuideachd a' cur a-mach sreath de iùil is goireasan ionnsachaidh aig ìre sgoile. Tha an ASL cuideachd a' cumail Co-labhairt Sgoiltean a' toirt seachad Leasachadh Ionnsachadh Proifeiseanta Leantainneach (CPLD) do thidsearan àrd-sgoile airson Beurla is Albais.

Scots Hoose

'S e Scots Hoose prìomh sholaraiche ghoireasan foghlaim Albais air-loidhne an-asgaidh do sgoiltean. Ann an 2022/23, bheir Riaghaltas na h-Alba maoineachadh do Scots Hoose, bidh e a' riochdachadh filmichean, beothachaidhean, nobhailean grafaigeach, bàrdachd ùr, sgeulachdan, òrain agus goireasan ionnsachaidh ann an Albais do thidsearan tràth-bhliadhnaichean, bun-sgoile agus àrd-sgoile agus sgoilearan. Is e an rùn aige buileachadh àrdachadh le bhith a' leasachadh solar Albais do luchd-labhairt òga uile na h-Albais, le fòcas sònraichte air luchd-labhairt òga na h-Albais a tha a' fuireach ann an sgìrean bochda. Tha Scots Hoose air a bhith ag obair le raon de luchd-ealain proifeasanta bho dhiofar chùl-raointean agus air sgoiltean a thoirt a-steach ann a bhith a' cur ri goireasan agus fiù 's a' dèanamh am filmichean goirid fhèin.

Scots Radio/Doric Film Festival

Tha Riaghaltas na h-Alba a' toirt maoineachadh do Scots Radio, a stèidhich a' chiad Fhèis Film Doric a-riamh ann an Siorrachd Obar Dheathain ann an 2018-2019. Tha an fhèis a' tabhann àrd-ùrlar follaiseach gus filmichean goirid a thaisbeanadh a rinn daoine fa leth, buidhnean coimhearsnachd agus sgoiltean ann an Ear-thuath na h-Alba. Aig duaisean nam Meadhanan Ceilteach 2021 o chionn ghoirid, choisinn Scots Radio an duais airson prògram radio iriseil. Chaidh am Bòrd Doric a chruthachadh le fòcas làidir air taic a thoirt do bhuidhnean agus phròiseactan ionadail le bhith a' toirt seachad tabhartasan beaga gus taic a thoirt do leasachadh agus iomairtean Doric.

Urras Leabhraichean na h-Alba

Ann an 2018, chaidh an grant foillseachaidh Albais a chur air bhog, air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba agus air a lìbhrigeadh le Urras Leabhraichean na h-Alba. Chaidh a chruthachadh gus taic a chumail ri foillsichearan na h-Albais agus gus sgrìobhadairean Albais a bhrosnachadh. Tha an tabhartas air a bhith air leth soirbheachail a' cruthachadh measgachadh de dh'fhoillseachaidhean leithid bàrdachd, ficsean, obair chloinne agus eachdraidh. Tha e a' sealltainn na tha de thàlant agus ùidh anns a' chànan, agus a' neartachadh na h-argamaid airson taic Riaghaltas na h-Alba do dh'Albais agus dhaibhsan a tha airson a cleachdadh.

Dealas na h-Albais

Bidh an dealas airson Bile nan Cànan Albannach na mheadhan reachdail cudromach airson atharrachaidhean sam bith ri prìomh reachdas a dh'fhaodadh a bhith a dhìth a lìbhrigeadh gus na geallaidhean a thaobh Albais agus aithne ioma-chànanach a lìbhrigeadh. Mar a chaidh a ràdh na bu tràithe, tha dealas farsaing ann gun tèid barrachd aithne agus inbhe a thoirt do dh'Albais agus rinn an deasbad gu h-àrd iomradh air an àite leudaichte a dh'fhaodadh a bhith aig buidhnean Albais.

Tha miann ann cuideachd son brosnachadh is taic a bharrachd do dh'Albais ann am foghlam. Mar an ceudna dh'fhaodadh bile cuideachd dleastanas a chur air buidhnean brosnachadh is taic a thoirt to dh'Albais no smaoineachadh air mar as urrainn dhaibh feart a thoirt air Albais anns an obair aca.

Ceistean Co-chomhairleachaidh

Tha fàilte air freagairtean co-chomhairleachaidh mun cheist de thaic airson Albais.

A' smaoineachadh air obair nam prìomh buidhnean Albais ainmichte sa phàipear seo – Dè ur beachd air obair nam buidhnean Albais? Ciamar a neartaicheadh is a chuireadh sibh ri obair nam buidhnean seo?

Dè ur beachdan air na h-ath-cheumannan a bu chòir gabhail gus taic a thoirt do dh'Albais?

A bheil puingean sam bith a bharrachd ann a bu mhiann leibh dèanamh mun ghealladh taic a thoirt do dh'Albais?

Contact

Email: GaelicAndScotsConsultation@gov.scot

Back to top