Co-chomhairleachadh air Geallaidhean Riaghaltas na h-Alba do Ghàidhlig agus Albais agus Bile nan Cànan Albannach
Co-chomhairleachadh air Geallaidhean Riaghaltas na h-Alba do Ghàidhlig agus Albais agus Bile nan Cànan Albannach
Ullachaidhean Co-chomhairleachaidh – A' freagairt a' cho-chomhairleachaidh
Tha Riaghaltas na h-Alba a' sireadh bheachdan mu ar geallaidhean do Ghàidhlig is Albais agus Bile nan Cànan Albannach.
Cuiribh freagairt don cho-chomhairleachadh seo a' cleachdadh hub co-chomhairleachaidh Riaghaltas na h-Alba, Citizen Space https://consult.gov.scot/education-reform/gaelic-and-scots-scottish-languages-bill
'S urrainn dhuibh sàbhaladh agus tilleadh gu na freagairtean agaibh fhad 's a tha an co-chomhairleachadh fhathast fosgailte. Dèan cinnteach gun tèid ar freagairtean a chur a-steach ron cheann-là Diardaoin 8mh den Dùbhlachd 2022.
Mur nach urrainn dhuibh freagairt a thoirt tron hub cho-chomhairleachaidh, cleachdaibh Foirm Fiosrachaidh an Luchd-freagairt agus cuiribh sin gu: GaelicAndScotsConsultation@gov.scot
A' laimhseachadh ar freagairt
Ma fhreagras sibh tron hub cho-chomhairleachaidh, thèid ar stiùireadh don dhuilleig About You mus cuir sibh ar freagairt. Seallaibh ciamar a bu mhiann leibh ar freagairt a bhith air a laimsheachadh agus, gu h-àraid, ma tha sibh riaraichte ar freagairt a bhith air fhoillseachadh. Ma b' fheàrr leibh gun fhoillseachaidh, tuigidh sinn gu bheil e dìomhair agus thèid dèilligeadh leis mar sin.
Bu chòir gach neach-freagairt a bhith mothachail gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' tighinn fo ullachaidhean Achd Saorsa an Fhiosrachaidh (Alba) 2002 agus gu feumadh air sgàth seo coimhead ri iarrtas sam bith a gheibheadh sinn fon Achd son fiosrachaidh ceangailte ri freagairtean a' cho-chomhairleachaidh seo. Mur nach urrainnibh freagairt a chur tro Citizen Space, crìochnaichibh is tillibh Foirm Fiosrachaidh an Luchd-freagairt an luib na sgrìobhainne seo.
Gus ionnsachadh mar a laimhsicheas sinn ar fiosrachadh pearsanta, faicibh ar poileasaidh prìobhaideachd: https://www.gov.scot/privacy/
Na h-Ath Cheuman sa Phròiseas
Nuair a tha luchd-freagairt air cead a thoirt am freagairtean a dhèanamh poblach, agus as deidh dhuinne dearbhadh nach eil càil unnt a b' urrainn a bhith cliù-mhillteach, chì am poball na freagairtean aig http://consult.gov.scot Ma chleachdas sibh an hub co-chomhairleachaidh son freagairt, gheibhear lethbhreac den fhreagairt agaibh air post-d. As deidh dùnadh a' cho-chomhairleachaidh, thèid mìneachadh is aire a thoirt do na freagairtean gu lèir còmhla ri fianais sam bith eile a tha ri fhaotainn gus ar cuideachadh.
Thèid freagairtean fhoillseachadh far an d'fhuair sinn cead. Bidh aithisg mhìneachaidh cuideachd ri fhaighinn.
Beachdan agus Gearanan
Ma tha beachdan sam bith agaibh mun dhòigh anns na rinn sinn an co-chomhairleachadh seo, cuiribh iad don t-seòladh chonaltraidh os cionn neo gu ConsultationPSC@gov.scot
Pròiseas Co-chomhairleachaidh Riaghaltas na h-Alba
Tha co-chomhairleachadh na phàirt riatanach de bhith a' cruthachadh poileasaidh. 'S e cothrom a tha ann ar beachdan agus eòlas a mheòrachadh anns na raointean-obrach a tha romhainn. 'S urrainn ar co-chomhairleachaidhean uile a lorg air-loidhne: http://consult.gov.scot Mìnichidh gach co-chomhairleachadh na cùisean a tha fon phrosbaig, a thuilleadh air dòigh dhuibhse ar beachdan a thoirt dhuinn air-loidhne, tro phost-d neo tron phost.
Thèid freagairtean a mhìneachadh san cleachdadh mar phàirt den phròiseas thaghaidh, còmhla ri farsaingeachd de dh'fhiosrachadh is fianais eile a tha ri fhaighinn. Foillsichidh sinn aithisg den mhìneachadh seo son gach co-chomhairleachadh. A-rèir dè seòrsa de cho-chomhairleachadh a tha ann dh'fhaodadh na freagairtean a gheibh sinnn:
- sealltainn gu bheil leasachadh neo ath-sgrùdadh poileasaidh a dhìth
- an leasachadh aig poileasaidh sònraichte a stiùireadh
- cuideachadh taghadh eadar molaidhean poileasaidh eadar-dhealaichte
- a bhith air an cleachdadh gus lagh a chrìochnachadh mus tèid a chur an sàs
Ged as urrainn fiosrachadh mu shuidheachaidhean sònraichte a thèid a mhìneachadh ann am freagairt don cho-chomhairleachadh a bhith feumail do phròiseas a' phoileasaidh, chan urrainn co-chomhairleachaidhean dèiligeadh le draghan neo beachdan fa leth, a bu chòir a bhith air an cuir don bhuidhinn phoblach iomchaidh.
Tha co-chomhairleachaidhean Riaghaltas na h-Alba ag amas chothroman a thoirt do gach neach aig a bheil miann beachd a chur an cèill air raon-obrach a tha air a mholadh agus seo a dhèanamh ann an dòigh a stiùireas agus a chuireas ris an obair.
'S mathaid gum foillsich Riaghaltas na h-Alba freagairtean a' phàipeir cho-chomhairleachaidh seo don phoball agus Pàrlamaid na h-Alba.
Le ar toil, crìochnaichibh na h-earrannann buntainneach den fhoirm fhreagairt seo gus dèanamh cinnteach gun dèilig sinn le ar freagairtean mar bu chòir. Thèid gach freagairt aithneachadh, a mhìneachadh agus a mheòrachadh le Sgioba Gàidhlig agus Albais Riaghaltas na h-Alba.
Bu chòir luchd-freagairt a bhith mothachail gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' tighinn fo ullachaidhean Achd Saorsa an Fhiosrachaidh (Alba) 2002 agus gu feumadh air sgàth seo coimhead ri iarrtas sam bith a gheibheadh sinn fon Achd son fiosrachaidh ceangailte ri freagairtean a' cho-chomhairleachaidh seo.
Contact
There is a problem
Thanks for your feedback