Community right to buy: guidance for applications made on or after 15 April 2016

Guidance for community bodies, landowners and creditors in a standard security with the right to buy the land and third parties with an interest in land to be registered under the community right to buy provisions.


RO-RÀDH

1. Chaidh còir-cheannaich coimhearsnachd ann am Pàirt 2 de dh’Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn (Alba) 2003 (“Achd 2003” neo “an Achd”) atharrachadh ann am Pàirt 4 de dh’Achd Cumhachdachadh Coimhearsnachd (Alba) 2015 (“Achd 2015”).

2. Tha an stiùireadh seo a’ buineadh dha tagraidhean sam bith airson ùidh a chlàradh ann am fearann a gheibh Ministearan na h-Alba air neo às dèidh 15 Giblean 2016.

3. Feumaidh tagraidhean a chaidh ullachadh fo Achd 2003 ro 15 Giblean 2016 na solaran reachdail bho Pàirt 2 de dh’Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn (Alba) 2003 a chleachdadh mar a bha iad mus deach an atharrachadh ann am Pàirt 4 de dh’Achd 2015. Bu chòir dhaibh cuideachd an stiùireadh airson còir-cheannaich coimhearsnachd bhon Òg-mhìos 2009 a chleachdadh. Gheibhear seo bhon cheangal a leanas:
www.gov.scot/Publications/2009/06/08101427/0.

Còir-cheannaich coimhearsnachd

4. Tha còir-cheannaich coimhearsnachd a’ toirt an cothrom do bhuidhnean coimhearsnachd a tha a’ riochdachadh coimhearsnachdan air feadh Alba ùidh a chlàradh ann am fearann agus còraichean (às dèidh seo sgrìobhte mar fearann) agus am fearann clàraichte seo a cheannach nuair a thèid a thairgsinn airson a reic. Tha e a’ toirt còir ro-làimh do bhuidhnean coimhearsnachd fearann a cheannach ma tha iad air ùidh coimhearsnachd a chlàradh. Gu ruige seo, tha buidhnean coimhearsnachd air ùidh a chlàradh ann am fearann leithid achaidhean, coilltean, agus iomadh maoin eile mar togalaichean, mar eisimpleir eaglaisean, sgoil agus ionad coimhearsnachd. Tha an Achd cuideachd a’ leigeil le buidhnean coimhearsnachd ùidh a chlàradh ann an còraichean iasgaich bhradain agus còraichean mèinneil (ach còraichean mèinneil ri ola, gual, gas, òr neo airgead) a tha air an cumail air leth bhon fhearann ris a bhuineas iad.

5. Gu h-àbhaisteach, tha tagraidhean airson ùidh a chlàradh ann am fearann air an cur a-steach mus tòisich uachdaran air fearann a reic (“tagradh tràth”). Faodaidh iad cuideachd a bhith air an cur a-steach às dèidh don uachdaran tòiseachadh air fearann a reic neo a thoirt seachad (“tagradh anmoch”), ach cha bu chòir tagradh anmoch a chur a-steach ach ma tha suidheachadh air-leth ann. Anns na suidheachaidhean seo, tha slatan-tomhais eile ann a dh’fheumas ruighinn mus tèid tagradh bho bhuidheann coimhearsnachd aontachadh le Ministearan na h-Alba.

6. Airson còir-cheannaich feumaidh uachdaran a bhith deònach fearann a reic: chan eil ceannach èigneachail ann airson fhearann a tha clàraichte fon Achd. Faodaidh buidhnean coimhearsnachd a bhith a’ feitheamh deagh ùine mus bi uachdaran airson fearann a reic. Tha clàradh ùidhe a’ maireachdainn airson còig bliadhna mura cur buidheann coimhearsnachd fios do Mhinistearan gum bu chòir ùidh a dhubhadh às, mura seachainn iad an cothrom còir-cheannaich a chleachdadh neo mura bheil atharrachadh san t-suidheachadh a’ toirt air Ministearan an clàradh a dhubhadh às. Tha cothrom aig buidhnean coimhearsnachd tagradh a chur a-steach airson ùidh a tha clàraichte ùrachadh airson còig bliadhna eile.

7. Bu chòir don phròiseas airson còir-cheannaich coimhearsnachd a bhith air a chur an gnìomh a-rèir Pàirt 2 den Achd. Gheibhear an Achd, na nòtaichean mìneachaidh agus fo-reachdas a bhuineas dha aig na ceanglaichean a leanas:

http://www.legislation.gov.uk/asp/2003/2/contents (Achd 2003)

http://www.legislation.gov.uk/asp/2003/2/notes/contents (nòtaichean mìneachaidh)

http://www.legislation.gov.uk/asp/2015/6/contents (Achd 2015)

http://www.legislation.gov.uk/asp/2015/6/notes/contents (nòtaichean mìneachaidh)

http://www.legislation.gov.uk/ssi/2015/400/contents/made?regulation-5-d (Riaghailtean 2015)

http://www.legislation.gov.uk/ssi/2016/4/contents/made (Riaghailtean 2016)

http://www.legislation.gov.uk/sdsi/2016/9780111030059/contents (2016 Òrdugh)

Adhbhar an stiùiridh seo

8. Thathar an dùil gun cuidich an stiùireadh seo coimhearsnachdan a tha an dùil fearann a cheannach fo sholaran còir-cheannaich coimhearsnachd ann am Pàirt 2 den Achd, uachdarain/luchd-creideis le tèarainteachd àbhaisteach agus còir fearann a reic, treas-phàrtaidhean air am bi buaidh aig ùidh clàraichte san fhearann neo tagradh bho bhuidheann coimhearsnachd airson còir-cheannaich a chur an gnìomh, agus cuideachd daoine agus companaidhean a tha den bheachd gum bi buaidh aig tagradh mar seo air ùidh a th’ aca ann am pìos fearann air choireigin. Tha an stiùireadh ann an trì pàirtean:

  • tha a’ chiad phàirt a’ toirt stìuireadh sònraichte do bhuidhnean coimhearsnachd;
  • tha an dàrna pàirt a’ toirt stiùireadh sònraichte do dh’uachdarain agus luchd-creideis le tèarainteachd àbhaisteach agus còir fearann a reic; agus
  • tha an treas pàirt gu sònraichte airson pàrtaidhean le ùidh san fhearann a tha ri chlàradh fon Achd.

Tha Leas-phàipearan cuideachd ann a’ toirt barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn gach pàirt.

9. Tha an stiùireadh seo a’ gabhail a-steach riatanasan reachdail ann am Pàirt 2 de dh’Achd 2003 (mar a chaidh atharrachadh a-rèir Achd 2015) agus fo-reachdas ann an Riaghailtean Còir-cheannaich Coimhearsnachd (Alba) 2015 (“Riaghailtean 2015”) agus Òrdugh 2016 (Mion-atharrachaidhean agus Cùmhnaidhean a Leanas) ri Achd Cumhachdachadh Coimhearsnachd (Alba) 2015 (“Òrdugh 2016”). Tha iomraidhean don Achd na chois airson luchd-leughaidh a stiùireadh ri na h-earrainn a bhuineas ma tha iad airson an reachdas a leughadh còmhla ris an stiùireadh seo.

10. Chan eil an stiùireadh seo a’ gabhail àite comhairle phroifeiseanta neo-eisimileach. Bu chòir do choimhearsnachd sam bith a tha an dùil buidheann coimhearsnachd a stèidheachadh airson còir-cheannaich coimhearsnachd a chur an gnìomh comhairle iomchaidh fhaighinn. Bu chòir cuideachd do dh’uachdaran neo duine sam bith eile le ùidh ann am fearann a tha den bheachd gum bi buaidh aig tagradh fo reachdas còir-cheannaich coimhearsnachd air fearann neo ùidh a th’ aca fhèin comhairle iomchaidh fhaighinn. Tha comhairle phroifeiseanta a’ gabhail a-steach comhairle laghail, a bharrachd air comhairle mu luachachadh, an àrainneachd agus rianachd fearainn.

11. Tha an Sgioba Fearann Coimhearsnachd aig Riaghaltas na h-Alba toilichte cuideachadh le ceist sam bith a th’ agaibh mu phròiseas còir-cheannaich coimhearsnachd. Chan urrainn don sgioba seo, ge-tà, comhairle laghail a thoirt seachad neo, leis gu bheil aca ri bhith cothromach sa chomhairle a tha iad a’ toirt seachad do Mhinistearan, comhairle sam bith a thoirt seachad a bheir taic sònraichte do bhuidheann sam bith (m.e. buidheann coimhearsnachd, uachdaran neo treas-phàrtaidh) a tha an-lùib cùis sònraichte.

12. Thèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air an stiùireadh seo bho àm gu àm. Mura bheil sibh cinnteach gu bheil an tionndadh as ùire agaibh, neo ma tha beachdan sam bith agaibh mun stiùireadh fhèin, cuiribh fios don Sgioba Fearann Coimhearsnachd. Tha fiosrachadh conaltraidh ri fhaighinn ann an Leas-phàipear B.

Contact

Back to top