Cothrom air Mathas: Slatan-tomhais Beathachaidh is Stiùireadh Practaigeach airson Luchd-solair Tràth-ionnsachaidh is Cùraim-chloinne ann an Alba Geàrr-chunntas
Slatan-tomhais Beathachaidh is Stiùireadh Practaigeach airson Luchd-solair Tràth-ionnsachaidh is Cùraim-chloinne ann an Alba Geàrr-chunntas.
Cothrom air Mathas
Slatan-tomhais Beathachaidh is Stiùireadh Practaigeach airson Luchd-solair Tràth-ionnsachaidh is Cùraim-chloinne ann an Alba
Geàrr-chunntas
Le Cothrom air Mathas: Slatan-tomhais Beathachaidh is Stiùireadh Practaigeach airson Luchd-solair Tràth-ionnsachaidh is Cùraim-chloinne (TCC) ann an Alba, tha e na amas dèanamh cinnteach gum bi clann aois 0-5 ann an cùram-chloinne ann an Alba a' faighinn cothrom air biadh, greimean-bìdh agus deochan a tha freagarrach a thaobh feumalachdan beathachaidh na cloinne agus a tha gan cuideachadh a bhith fallain.
Chaidh an stiùireadh fhoillseachadh le NHS Slàinte na h-Alba (Slàinte Poball na h-Alba a-nis) ann an 2015, agus chaidh ùrachadh ann an 2018 gus ealla a ghabhail ri atharraichean cudromach a thaobh phoileasaidhean agus thoraidhean fianaise.
Bu chòir do luchd-solair cùraim-chloinne a tha fo riaghladh biadh is deochan fallain is freagarrach a thoirt do leanabhan is clann òga a tha fon cùram. Bu chòir cothroman a bhith aig clann air diofar sheòrsaichean bìdh fheuchainn, agus bu chòir coimhead air biadh mar phàirt dhen ionnsachadh aca agus bu chòir dha a bhith mar phàirt bunaiteach dhen chùram.
Tha e cudromach gun obraich luchd-solair cùraim-chloinne còmhla ri pàrantan is luchd-cùraim nuair a tha iad a' cur an stiùiridh seo an sàs. Le bhith ag obair ann an com-pàirt, nithear cinnteach gum faigh a' chlann cùram a tha cunbhalach agus gun tig na builean as fheàrr bhon chùram sin. Feumaidh luchd-solair cùraim agus pàrantan/luchd-cùraim pàirt a ghabhail sna co-dhùnaidhean a thaobh biadh is dheochan gus an urrainn dhaibh fiosrachadh cudromach a thoirt seachad mu fheumalachdan gach pàiste.
Thug Riaghaltas na h-Alba àrdachadh air na h-uairean TCC a tha maoinichte gu 1,140 uair a thìde, agus mar phàirt dhe sin chaidh còir laghail a stèidheachadh a th' aig gach pàist far am faigh iad biadh an-asgaidh mar phàirt dhen latha aca ann an TCC. Tha an cothrom seo air biadh an-asgaidh mar riatanas fon Inbhe Nàiseanta airson TCC, agus faodar am biadh an-asgaidh sin a thoirt seachad mar bhracaist, lòn, no dìnnear. Ann am Maoineachadh dhan Phàiste agus Inbhe Nàiseanta airson Luchd-solair Tràth-ionnsachaidh is Cùraim-chloinne: Stiùireadh Obrach thathar ag ràdh: Feumaidh poileasaidh soilleir is susbainteach a bhith aig ionadan airson a bhith a' tabhann biadh is ghreimean-bìdh fallain do chloinn, agus iad a' cumail ris na thathar a' moladh ann an Cothrom air Mathas agus feumaidh iad dèanamh cinnteach gum bithear a' frithealadh air feumalachdan daitheid is cultarach dhaoine.
Cò dha a tha an stiùireadh?
Bidh e mar dhleastanas air luchd-solair cùraim-chloinne a tha fo riaghladh – a tha a' toirt cùram do chloinn aois 0-5 agus a bhios a' toirt biadh (a' gabhail a-steach ghreimean-bìdh) agus/no deochan dhaibh – an stiùireadh seo a chur an sàs. Bidh aig a h-uile ionad no neach-solair a tha a' toirt biadh no deochan seachad cumail ris an stiùireadh, a' gabhail a-steach ionadan ùghdarrasan ionadail agus ionadan prìobhaideach, saor-thoileach, no neo-eisimeileach, ionadan-teaghlaich, luchd-cùraim chloinne fa leth, buidhnean-cluiche agus solaraichean-bìdh a bheir biadh no deochan seachad airson ionadan thràth-bhliadhnaichean, às bith dè cho fada 's a bhios a' chlann fo chùram aca.
Cò dh'ullaich an stiùireadh seo?
Dh'ullaich buidheann-obrach chom-pàirteach an stiùireadh ùr seo fo stiùir Riaghaltas na h-Alba, air a' bhuidhinn sin bha buidhnean reachdail nàiseanta, eòlaichean clionaigeach is beathachaidh, agus riochdairean bhon roinn. Am measg na ballrachd bha Slàinte Poball na h-Alba, Inbhean Bìdh na h-Alba, Buidheann-sgrùdaidh a' Chùraim, Foghlam Alba, NHS GGC eòlas-daitheid, Lìonra na h-Alba airson Clann is Daoine Òga le Aileirgidh, Tràth-bhliadhnaichean na h-Alba, Comann Nàiseanta nan Sgoiltean-àraich Latha, Comann Luchd-cùraim Chloinne na h-Alba agus Cuidich Alba (a tha a' riochdachadh cheannardan solarachaidh-bhìdh aig Ùghdarrasan Ionadail).
Chuir an t-Ollamh Sir Griogair Mac a' Ghobhainn, Àrd-Oifigear Meidigeach na h-Alba, agus an t-Ollamh Mòr NicIlleBhàin, an Leas Àrd-Oifigear Meidigeach le uallach airson slàinte a' phobaill, aonta ris an stiùireadh.
Carson a tha an stiùireadh seo cudromach?
Ma tha clann gu bhith a' fàs is a' tighinn air adhart gu fallain, tha e riatanach gun gabh iad biadh math. Faodaidh na dòighean san cuir clann eòlas air biadh tràth nam beatha, a' gabhail a-steach am biadh a thèid a thabhann dhaibh agus na cleachdaidhean bìdh is ithe a chì iad, an dà chuid taobh a-staigh agus a-muigh na dachaigh buaidh a thoirt air na cleachdaidhean ithe aca nuair a dh'fhàsas iad mòr. Faodaidh sin buaidh a thoirt air an cuid slàinte san ùine-fhada, leithid a bhith a' cuideachadh gus dèanamh cinnteach gum bi cuideam fallain annta, gum bi deagh shlàinte-inntinn is slàinte-bheòil aca. Ma bhios daithead le measgachadh de bhiadh agus pàtran ithe cunbhalach aig clann tràth nam beatha, faodaidh sin buaidh mhath a thoirt orra a thaobh sunnd, ionnsachadh, dhòighean-giùlain agus a' chomais aca gus aire a chumail air cùisean.
'S e droch dhaithead aon de na prìomh nithean a tha ag adhbhrachadh droch shlàinte is bàs ro-thràth am measg inbheach ann an Alba. Faodaidh droch dhaithead buaidh a thoirt air leasachadh na h-eanchainn, agus bheir sin buaidh air mar a thig comasan ionnsachaidh is sòisealta air adhart.
Thathar dhen bheachd gur e àm fìor chudromach a th' anns na tràth-bhliadhnaichean a thaobh chothroman gus neo-ionannachd slàinte a lùghdachadh. Tha e uabhasach cudromach gun toirear biadh is greimean-bìdh fallain seachad ann an ionadan cùraim-chloinne gus am bithear a' frithealadh air feumalachdan nan teaghlaichean as motha a dh'fhaodadh buaidh fhaighinn bho sin.
Prìomh atharraichean air an stiùireadh
Thathar air ùrachadh a dhèanamh air an stiùireadh seo gus ealla a ghabhail ri atharraichean ann am poileasaidhean a rinneadh bhon ùrachadh mu dheireadh agus ri atharraichean cudromach anns fhianais shaidheansail, feuch am bi na h-inbhean as ùire, stèidhichte air fianais, aig luchd-solair cùraim-chloinne a thaobh biadh agus gus am bi ceumannan ann as urrainn dhaibh a ghabhail gu furasta gus deagh bhuaidh a thoirt air beathachadh na cloinne agus air an t-slàinte aca san àm ri teachd.
'S iad na prìomh atharraichean:
- Chaidh a' chomhairle a thaobh beathachaidh airson a h-uile pàiste bho àm am breith gu 5 bliadhna, sa bheil sampaill de chlàran-bìdh is reasabaidhean, ùrachadh gus ealla a ghabhail ris an fhianais shaidheansail as ùire.
- Chaidh an stiùireadh a bha stèidhichte air earrainnean-bìdh atharrachadh gu inbhean bìdh. Tha 14 inbhean bìdh ann airson biadh aig amannan bìdh is airson ghreimean-bìdh, gus dèanamh cinnteach gum faigh clann taghadh cothromach de bhiadh sa bheil deagh bheathachadh air feadh an latha.
- Chaidh an stiùireadh practaigeach ùrachadh gu bhith a' gabhail a-steach Inbhean Cùraim Shlàinte is Shòisealta agus gus iomradh a thoirt air na stiùiridhean as ùire airson sàr-chleachdaidhean.
- Chaidh ùrachadh a dhèanamh air a' chomhairle air aileirgidhean is neo-fhulangas bìdh gus soilleireachadh a dhèanamh air an eadar-dhealachadh eadar aileirgidh far a bheil cunnart ann gum bi anaphylaxis aig an neach (planaichean-gnìomh aileirgidh, cungaidhean-aileirgidh a tha rim faotainn) agus seòrsaichean aileirgidh/neo-fhulangais eile. Thathar a' cur cuideam air in-ghabhail agus sgilean a thaobh sàbhailteachd bìdh agus 's fheàrr sin seach poileasaidhean far a bheilear a' seachnadh cuid a sheòrsaichean bìdh uile-gu-lèir.
- Tha an stiùireadh nas giorra agus thathar ag iarraidh air daoine coimhead air stiùiridhean eile gus nach bi dùblachadh ann agus gus am bi stiùireadh nas soilleire is nas sgiobalta ann dhan roinn TCC.
Seach gu bheil grunn math atharraichean ann, bu chòir dhuibh an stiùireadh air fad a leughadh.
Thathar an dùil gun tèid a chur an gnìomh air 1 Lùnastal 2025, gus am bi ùine aig ionadan airson eòlas a chur air an stiùireadh agus airson atharraichean a dhèanamh nuair a bhios feum orra.
'S e a th' ann am Buidheann-sgrùdaidh a' Chùraim buidheann-sgrùdaidh a bhios a' cur taic ri leasachaidhean. Nuair a nì iad an obair-sgrùdaidh aca, bidh iad an dùil gun urrainn do luchd-solair cùraim-chloinne sealltainn dhaibh gu bheil iad a' cur an stiùiridh seo an sàs san ionad aca.
Contact
Email: elc@gov.scot
There is a problem
Thanks for your feedback