Co-chomhairle croitearachd 2017
Tha sinn a’ sireadh bheachdan bho chroitearan agus daoine aig a bheil ùidh ann an ath-leasachadh ann an lagh croitearachd.
Leas-phàipear A - Co-theacsa nas fharsainge
Chaidh mòran de na cuspairean san leas-phàipear seo a thogail co-cheangailte ri lagh croitearachd, ach gu dearbh cha leig iad a leas atharrachaidhean ann an lagh na croitearachd airson dèiligeadh riutha. Mar sin, ged a tha iad cudromach, feumar sealltainn ri cuid de na cuspairean sin eadar-dhealaichte bho atharrachadh reachdail.
Tha Riaghaltas na h-Alba air gealltainn gu lean iad a bhith a' toirt taic phoblach do chroitearachd agus airson dèanamh cinnteach gum bi coimhearsnachdan croitearachd tèarainte is soirbheachail. A chum na crìche seo, thug iad aithne do na prìomhachasan croitearachd a leanas:
- Thoir a-steach sgeama-inntrigidh ùr
- Dèan sgrùdadh air cruthachadh chroitean-coille
- Foillsich Plana Leasachaidh Nàiseanta airson croitearachd
- Stèidhich targaid airson taic thaigheadais croite dhaibhsan aig a bheil am feum as motha
- Ath-stèidhich sgeama iasad thaighean croite
- Ùraich lagh na croitearachd
Rinn " Plana airson Alba 2016-17" 16, Prògram Riaghlaidh na h-Alba, a chaidh fhoillseachadh san t-Sultain 2016, soilleir gum biodh Riaghaltas na h-Alba a' dol an sàs le luchd-ùidhe croitearachd ann a bhith a' dealbhadh Plana Leasachaidh Nàiseanta ( PLN) airson croitearachd. Bidh an PLN a' coimhead ris na tha sinn ag iarraidh bho chroitearachd san àm ri teachd an àite na chaidh air adhart san àm a dh'fhalbh.
An sàs le luchd-ùidhe agus ag aithneachadh phrìomhachasan
Tha Riaghaltas na h-Alba air a bhith a' leantainn le bhith an sàs le luchd-ùidhe tro Fhòram Luchd-ùidhe na Croitearachd, far an robh a chuid ballrachd a' beachdachadh air dè na molaidhean a bha iad airson cur gu Riaghaltas na h-Alba airson cur a-steach don PLN. B' e na h-àrd phrìomhachasan don tug am Fòram aithne:
- Àrdaich taigheadas aig prìs reusanta
Chaidh aithneachadh gu bheil dìth thaigheadas aig prìs reusanta ann an coimhearsnachdan dùthchail is eileanach, a dh'fhaodadh a bhith na bhacadh do dhaoine airson fuireach no a bhith air an tàladh do na sgìrean sin. Thathas cuideachd den bheachd gu bheil gainnead ionmhas coimeirsealta ri fhaighinn gus am biodh e comasach do chroitearan taighean ùra a thogail no na taighean a th'aca ath-nuadhachadh.
- Leasachadh croitearachd
Chaidh beachd a thogail gum bu chòir buidheann stiùiridh a bhith ann airson croitearachd a bheireadh seirbheis do gach cuid a' choimhearsnachd croitearachd san fharsaingeachd agus taic do chroitearan fa leth.
- Luchd-inntrigidh ùra
Chaidh aithneachadh gu bheil grunn chnapan-starra a tha a' cumail luchd-inntrigidh ùra air ais bho bhith faighinn gabhaltasan croite, agus gu bheil feum air gnìomhachd airson faighinn thairis air na cnapan-starra sin gus am bi croitearachd seasmhach san àm ri teachd.
- Brosnachadh ionmhasail
Nochd beachd gu bheil feum air ìrean iomchaidh de thaic ionmhasail, agus brosnachadh le targaidean gus dèanamh cinnteach gun urrainn croitearachd leantainn mar shiostam ion-obrachail is seasmhach.
- Cùl-cinn
Thathas den bheachd gu bheil cùl-cinn na fhìor ghoireas le comasan airson coimhearsnachdan croitearachd, a dh'fheumas riaghladh èifeachdach gus an comasan eaconamach a thoirt dha-rìribh gu buil.
- Dèan reachdas croitearachd nas sìmplidhe
Thathas air aithneachadh gu bheil reachdas làthaireach na croitearachd fada ro thoinnte agus seann-fhasanta, feumach air ùrachadh gus a dhèanamh nas soilleire, nas fhasa a thuigsinn agus nas fhasa a chur an gnìomh gu prataigeach.
Chaidh grunn phàipearan a dhealbhadh a thaobh prìomhachasan luchd-ùidhe, còmhla ri pàipear co-chomhairle àrd-ìre. Gheibhear leth-bhreacan den fheadhainn sin bhon roinn phàipearan buntainneach, no le iarrtas nuair a thathas a' faighinn lethbhreac pàipeir den cho-chomhairle.
Còmhla bidh na prìomhachasan aig Riaghaltas na h-Alba agus Luchd-ùidhe, agus mòran dhiubh ceangailte gu dìreach, a' stèidheachadh bunait leasachaidh airson PLN do chroitearachd.
Contact
Email: Crofting Bill Team, croftingconsultation@gov.scot
Phone: 0300 244 4000 – Central Enquiry Unit
The Scottish Government
St Andrew's House
Regent Road
Edinburgh
EH1 3DG
There is a problem
Thanks for your feedback