Co-chomhairle croitearachd 2017
Tha sinn a’ sireadh bheachdan bho chroitearan agus daoine aig a bheil ùidh ann an ath-leasachadh ann an lagh croitearachd.
Beag-fhaclair
Às-mhàladh - An aonta eadar uachdaran agus màladair croite.
- Às-mhàl goirid - ùine nach bi nas fhaide na 10 bliadhna far am faod croitear sealbhadair-còmhnaidh, le cead bho Choimisean na Croitearachd, a' chroit aca às-mhàl gu màladair fo lìos ùine ghoirid.
Barantas-stannardach - pàipear a bheir cuid de chòraichean do sholaraiche morgaids thairis air sealbhachd le morgaids
Còir-sheilbh gun tiomnadh - Nuair a chuireas neach-cùraim tiomnaidh aig croitear a bhàsaich fios gu uachdaran na croit le mion-fhiosrachadh mun neach a tha air còir-sheilbh fhaighinn air a' ghabhaltas: nuair a bhàsaicheas croitear gun e/i air tiomnadh a sgrìobhadh, no nach innis iad san tiomnadh aca cò a tha iad airson còir-sheilbh fhaighinn air gabhaltas na croit, no far a bheil tuisleadh air an dìleib.
Còir-sheilbh le tiomnadh - Nuair a nì croitear Tiomnadh agus gun ainmich iad an neach/na daoine a tha iad airson còir-sheilbh a ghabhail air gabhaltas na croite às deidh dhaibh bàsachadh.
Comataidh an REC - Comataidh Eaconamaidh Dhùthchail is Comas-ceangail Pàrlamaid na h-Alba
Croit air a measadh ( Deemed croft) - Nuair a cheannaicheas croitear fearann na croit agus gu bheil na h-earrannan ionaltraidh a tha a' buntainn ris a' chroit sin fhathast air an cumail ann an gabhaltas tha iad fhèin air am "meas" a bhith mar chroit eadar-dhealaichte agus sònraichte. Mar sin thèid na "croitean measaidhte" sin an clàradh fa leth ann an Clàr Chroitean a' Choimisein
Cùl-cinn - raointean fearainn ionaltraidh air a chleachdadh le grunn chroitearan agus cuid eile aig a bheil còir a thaobh ionaltradh air an fhearainn sin.
- Comataidh Ionaltraidh - comataidh stèidhichte airson cùl-cinn a riaghladh. Thèid an taghadh le croitearan a bhios a' cleachdadh an fhearainn agus airson gum bi iad air an riaghladh (air an dìon fon lagh) feumaidh a' Chomataidh a bhith clàraichte le Coimisean na Croitearachd
- Maor Ionaltraidh - neach air a chur san dreuchd le Coimisean na Croitearachd mura h-eil Comataidh Ionaltraidh ann, agus aig a bheil cumhachdan agus dleastanasan co-ionann ri Comataidh Ionaltraidh
- Roinn Ionaltraidh - còir sprèidh ionaltradh air Cùl-cinn sònraichte.
Cunntas-sluaigh Croitearachd - foirm a thèid a chur a-mach gach bliadhna le Coimisean na Croitearachd gu màladair no croitear sealbhadair-còmhnaidh gus faighinn a-mach a bheil iad a' coileanadh an cuid dhleastanasan. (Cuideachd aithnichte mar "Fios bliadhnail")
Dì-chroitearachd - An teirm a thèid a chleachdadh nuair a thèid fearann a thoirt a-mach à còir-fhearainn às deidh stiùireadh bho Choimisean na Croitearachd.
Dleastanasan Chroitearan - Tha e na dhleastanas air gach cuid màladair agus croitearan sealbhadair-còmhnaidh a bhith a' fuireach air a' chroit, no taobh a-staigh 32 cilemeatair bhon chroit aca; gun a bhith ag ana-cleachdadh no a' dearmad na croit; agus a bhith ag àiteach agus a' cumail suas na croit no a' cur na croit gu feum shusbaintich eile.
- Neo-làthaireachd - nuair nach eil croitear a' fuireach air no taobh a-staigh 32 cilemeatair bhon chroit às aonais cead ro-làimh bho Choimisean na Croitearachd.
- Ana-cleachdadh - nuair a tha croit ga cur gu feum airson rudeigin nach eilear den bheachd a tha na obair àitich. Feumaidh màladairean cead bhon uachdaran aca no, mura fhaigh iad sin, Coimisean na Croitearachd ma tha iad airson a' chroit a chur gu feum shusbaintich eile.
- Dearmad - Tha seo a' buntainn ri riaghladh na croit a bu chòir a bhith a rèir inbhean Suidheachadh Math Àiteachais is Àrainneachdail ( Good Agricultural and Environmental Condition - GAEC).
- Àiteachadh - Tha seo a' buntainn ris a' chroit a bhith air a cleachdadh airson àiteachais no ga cur gu feum shusbainteach eile. Tha seo a' toirt a-steach àiteach-gàrraidh, a' cumail stoc a' toirt a-steach chearcan is seileanan-mil, a' fàs bàrr agus a' planntachadh chraobhan
- Cumail suas - Tha seo a' buntainn ri bhith cumail suas na croit; gus am bi e comasach a' chroit àiteach feumar a cumail suas ann an suidheachadh freagarrach ach a-mhàin far nach eil cleachdadh susbainteach eile neo-chòrdail ri bhith ga cumail anns an t-suidheachadh sin.
- Cleachdadh le rùn - Tha seo a' buntainn ri cleachdadh a chaidh a dhealbhadh is a riaghladh nach eil a' toirt droch bhuaidh air a' chroit, air math a' phobaill, math an uachdarain, no cleachdadh fearainn ri thaobh
Fo-mhàladh - Far an leig màladair croite le cead bho Choimisean na Croitearachd le neach eile (ris an canar an fho-mhàladair) a' chroit aca gu h-iomlan no ann am pàirt agus/no na roinnean aca ann an cùl-cinn obrachadh airson ùine ainmichte.
Sònrachadh - an teirm a thathas a' cleachdadh gus a bhith a' mìneachadh cur thairis le cead Coimisean na Croitearachd gabhaltas croite bhon chroitear gu neach de an roghainn fhèin.
Contact
Email: Crofting Bill Team, croftingconsultation@gov.scot
Phone: 0300 244 4000 – Central Enquiry Unit
The Scottish Government
St Andrew's House
Regent Road
Edinburgh
EH1 3DG
There is a problem
Thanks for your feedback