Culture strategy for Scotland consultation: Gaelic version

Consultation document on the development of a culture strategy for Scotland translated into Gaelic.


1. Ro-innleachd Chultarach airson Alba – A' meòrachadh air an t-àm a dh'fhalbh, a' togail air na th' againn an-dràsta, a' cruthachadh an t-àm ri teachd

1.1 Ro-ràdh dhan cho-chomhairleachadh

Tha sinn airson ur beachdan a chluinntinn air na thathar a' moladh san dreachd ro-innleachd seo, leis gum bi an ro-innleachd deireannach a' toirt a-steach na beachdan a gheibh sinn. Tha ceistean air an cuir a-mach tron sgrìobhainn agus faodaidh sibh freagairt a chuir thugainn mu dheidhinn àireamh sam bith dhiubh. Tha sinn airson gun innis sibh dhuinn dè tha cudromach dhuibhse gu pearsanta neo mar bhuidheann agus tha sinn cuideachd airson faighneachd dè as urrainn dhuibhse a dhèanamh mar bhuidheann airson an ro-innleachd a lìbhrigeadh agus airson taic a chuir ri miannan-adhartais agus amasan na ro-innleachd.

Ma tha sibh airson tachartas a chuir air dòigh airson beachdachadh air an dreachd ro-innleachd le ur buill, lìonraidhean neo na buidhnean a tha sibh a' riochdachadh, tha beagan de bhuidseat again airson taic a thoirt dhuibh. Cuiribh fios gu culturestrategy@gov.scot airson barrachd fiosrachaidh mu na slatan-tomhais airson am maoineachadh seo a chleachdadh. Faodaidh sibh cuideachd fiosrachadh an tachartais a chuir a-mach air Twitter a' cleachdadh @culturescotgov agus an taga-hais #culturescot.

Tha an ro-innleachd an dùil ceum a thoirt gus atharrachadh mar a tha comann-sòisealta agus riaghaltas a' faicinn agus a' cur luach air cultar. Tha i ag amas gus caidreachasan co-obrachail a chruthachadh a lìbhrigeas na comasan a dh'fhaodadh a bhith aig cultar dhan h-uile duine agus dhan h-uile coimhearsnachd.

Tha an turas seo air tòiseachadh mu thràth le buil nàiseanta ùr airson cultar san Fhrèam-obrach Coileanaidh Nàiseanta, 's e sin:

Tha sinn cruthachail agus tha sinn a' sealltainn agus a' mealadh na cultaran eadar-dhealaichte again gu farsaing.

Tha an leasachadh cudromach seo a' sealltainn gu bheil Ministearan na h-Alba agus Riaghaltas na h-Alba ag aithneachadh na comasan a dh'fhaodadh a bhith aig cultar agus cho cudromach 's a tha e mar phàirt ghnèitheach de shoirbheas na h-Alba agus gum bu chòir raointean poileasaidh eile a bhith mothachail dha.

Bheir beachdan bhon cho-chomhairleachaidh seo buaidh air na gnìomhan a bheir sinn air adhart mar bhunait den Ro-innleachd Chultarail airson Alba a thèid fhoillseachadh nas fhaide air adhart ann an 2018.

1.2 Ro-ràdh ris an dreachd ro-innleachd chultarach

Cùl-fhiosrachaidh

Tha buaidh air a bhith aig beachdan bho iomadh duine air feadh na dùthcha air an dreachd ro-innleachd seo. Nam measg, tha feadhainn a tha an-sàs ann an cultar nan ùine saor, agus cuideachd luchd-ealain, luchd-cruthachaidh agus proifeiseantaich cultarach agus cruthachail a tha a' cosnadh le bhith a' cruthachadh agus a' cumail taic ri cultar ann an Alba. Chaidh beachdan cuideachd fhaighinn bho feadhainn a tha ag obair ann an raointean eile a chi na comasan a dh'fhaodadh a bhith aig cultar ann a bhith a' cumail taic ri atharrachaidhean sòisealta nas fharsainge.

Tha an dreachd ro-innleachd agus co-chomhairle seo a' cumail a' dol an còmhradh cultarach mu dheidhinn cultar a thòisich ann an sàmhradh 2017.

Chaidh coinneamhan poblach mòra, tachartasan, coinneamhan nas lugha agus còmhraidhean an cur air dòigh thairis air 9 mìosan ann an leabharlannan, tallachan coimhearsnachd agus baile, sgoiltean, Pàrlamaid, togalaichean eachdraidheil, eaglaisean, taighean-cluiche, gailearaidhean, oifisean, oilthighean agus colaistean, taighean-tasgaidh agus ionadan a bharrachd air air-loidhne. Thàinig seo mar thoradh air an dleastanas aig Riaghaltas na h-Alba ann am Plana airson Riaghladh: Prògram Riaghlaidh Riaghaltas na h-Alba 2016-17 agus Nàisean a tha Miannach air Adhartas: Prògram an Riaghaltais airson Alba 2017-18 gus Ro-innleachd Chultarach airson Alba a leasachadh.

Anns na còmhraidhean seo chaidh rannsachadh air na rudan as cudromaiche dha daoine air feadh na dùthcha, na rudan a tha ag obair gu math, far a bheil e comasach atharrachaidhean a dhèanamh, agus na miannan-adhartais, amasan agus gnìomhan a bu chòir a bhith ann airson taic a chuir ri cultar airson a h-uile duine ann an Alba an-dràsta agus san àm ri teachd.

Tha na prìomh chuspairean agus beachdan a chaidh a chuir thugainn aig ìre com-pàirteachaidh a chaidh a chleachdadh mar bhunait air an dreachd ro-innleachd air a chuir a-mach san Lèirmheas Com-pàirteachaidh.

Cuspairean bhon ìre com-pàirteachaidh:

  • A' cur luach air luchd-ealain, cruthachalachd agus innleachd
  • A' leudachadh mar a chithear cultar
  • A' stèidheachadh cultar mar phàirt bhunaiteach den chomann-sòisealta
  • Ag aithneachadh an dreuchd a th' aig cultar ann an raointean eile mar slàinte is soirbheas, foghlam, cumhachd agus cumhachdachadh coimhearsnachd.
  • A' cur air adhart iomadachd agus in-ghabhalachd
  • Ag aithneachadh cho cudromach 's a tha òigridh, foghlam formeil agus neo-fhoirmeil fad-bheatha agus leasachadh sgilean
  • A' neartachadh obair eadar-nàiseanta
  • A' cumail maoineachadh a' dol airson cultar
  • A' cumhachdachadh coimhearsnachdan gus am bi guth nas làidire aca san dòigh a tha cultar air a lìbhrigeadh gu h-ionadail
  • A' cur taic ri ceannas cultarach
  • A' mìneachadh buaidh agus buannachdan chultair
  • A' dèanamh ceanglaichean thairis air riaghaltas agus raointean

Contact

Back to top