Culture strategy for Scotland consultation: Gaelic version

Consultation document on the development of a culture strategy for Scotland translated into Gaelic.


2. Lèirsinn airson cultar ann an Alba

Tha cultar ann an Alba ùr-ghnàthach, in-ghabhalta agus fosgailte dhan t-saoghail nas fharsainge. Thathar a' moladh sàr-mhaitheas cultarach – a bh' ann, a th' ann agus a tha ri thighinn – air sàilleabh gu bheil e bunaiteach do shoirbheas agus slàinte san àm ri teachd. Faodaidh a h-uile duine an cumhachd a th' aig cultar gus rudan atharrachadh fhaireachdainn.

Tha deagh thuigse ann mun luach a tha stèidhichte air cultar agus cruthalachd. Thathar ag aithneachadh cho cudromach 's a tha e a bhith a' cumail taic ri seasmhachd raon a' chultair. 'S e pàirt cudromach den chomann-sòisealta a th' ann an cultair, a bhith ga àrach agus a' cur taic ri a leasachadh.

'S e àite a th' ann an Alba far a bheil coimhearsnachdan fa leth fallain a thaobh cultair, agus tha cruthalachd aig cridhe mar a tha sinn a' smaoineachadh mu dheidhinn cothroman ùra a dh'atharraicheas daoine fa leth, coimhearsnachdan, gnìomhachasan agus ar comann-sòisealta.

Tha Alba a' cur luach sònraichte air dòighean foirmeil agus stèidhichte gus cultar a chuir an cèill agus gnìomhan a thachras ann an raointean nach eil cho cumanta. Tha cultar na pàirt de bheatha làitheil don h-uile duine. Tha cruthalachd, iongnadh agus dùbhlan a' mìneachdadh pàirtean de charactar na h-Alba, leis an cothrom aig a h-uile duine cruthachadh agus pàirt a ghabhail ann an diofar sheòrsan cultair, ann an iomadh dòigh agus ann an diofar àitean. Tha Alba a' cur taic ri cultair airson gum bi e fallain airson gun urrainn do luchd-còmhnaidh agus luchd-tadhail buannachd fhaighinn bho na rudan a tha cultar a' tabhann. Tha luach ann an luchd-cruthachaidh airson an dreuchd sònraichte a th' aca sa chomann-sòisealta, agus airson na tha iad a' cur ris.

Tha an dreuchd a thaobh mac-meanmna a th' aig luchd-ealain, luchd-dealbhaidh, luchd-cruthachaidh, luchd-buileachaidh agus buidhnean gnothachais, buidhnean cultarail, buidhnean cruthachaidh agus àiteachan an teis-mheadhain cruthachadh comann-sòisealta a tha deamocratach, eadar-mheasgte, fosgailte agus innleachdach.

Bu chòir urrainn do dhaoine a bhios a' cruthachadh beòshlainte chothromach a chosnadh bho ghnìomhan phroifeiseanta ealanta agus cultarach.

Tha sàr-mhaitheas cultarach agus slighean a bheir an cothrom do dhaoine sgilean teicnigeach a leasachadh agus soirbheachadh air leth nar dreuchdan cruthachail fosgailte don h-uile duine.

Tha luach ann an cultar agus cruthalachd air sàilleabh gu bheil iad nan slighean ionnsachadh bhon t-àm a dh'fhalbh airson an t-àm ri teachd a chruthachadh. Tha iad a' cur nar cuimhne an dìleab aig na tha comann-sòisealta a' cruthachadh airson na ginealaich a tha a' tighinn. Tha dualchas, eachdraidh an àrainneachd eachdraidheil air am measadh gu mòr agus tha innleachd, smuaintean ùra agus deasbad nam pàirtean de bheatha catharra agus coimhearsnachd air feadh na dùthcha.

Chan eil aon sgeulachd a-mhàin ann mu dheidhinn cultar ann an Alba neo bho Alba agus tha gach duine fa-leth agus coimhearsnachd a' cur ri agus a' cruthachadh an cultar aca fhèin, agus aig a' chomann-sòisealta nas fharsainge.

Contact

Back to top