Culture strategy for Scotland consultation: Gaelic version

Consultation document on the development of a culture strategy for Scotland translated into Gaelic.


3. Miannan-adhartais, amasan agus gnìomhan

Tha an ro-innleachd a' moladh sreath de mhiannan-adhartais, amasan agus gnìomhan airson an lèirsinn a bhuileachadh agus airson na h-atharrachaidhean iomchaidh a dhèanamh a bheir taic do chultar airson buannachd fhaighinn tro na cothroman agus dùbhlain a th' ann an-dràsta agus a tha ri thighinn. Tha dreuchd aig riaghaltas nàiseanta ann a bhith a' cuideachadh le cruthachadh an suidheachadh as fheàrr airson cultar a bhrosnachadh ach airson gun soirbhich leis a h-uile duine ann an Alba tro chultair, tha pàirt aig a h-uile duine ann an Alba le ùidh ann an cultar.

Tha geàrr-chunntas den ro-innleachd a thathar a' moladh – lèirsinn, amasan, gnìomhan a tha air am moladh agus am buil nàiseanta ùr – ri fhaicinn gu h-ìosal.

3.1 Ro-innleachd Chultarach airson Alba: Dreachd Gheàrr-chunntas

Tha an ro-innleachd dàna agus àrd-amasach. Tha e stèidhichte air an luach bunaiteach a th' aig cultar agus na comasan aig cultar gus cumhachdachadh agus atharrachadh a dhèanamh. Tha dealas ann gum bi atharrachaidhean ann san ùine fhada tro bharrachd co-obrachadh agus aonachadh thairis air cultar, coimhearsnachdan agus leasachadh poileasaidh.

AITHRISEAN-RÙIN

  • Tha cultar ann an Alba innleachdail, in-ghabhalta agus fosgailte dhan t-saoghal nas fharsainge.
  • Tha sàr-mhaitheas cultarach – san t-àm a dh’fhalbh, an-dràsta agus a’ tighinn am bàrr – air a chomharrachadh mar bhunait airson soirbheas san àm ri teachd.
  • Tha an cothrom aig a h-uile duine an cumhachd a th’ aig cultar gus rudan atharrachadh fhaireachdainn.

TORADH

Tha sinn cruthachail agus tha ar cultaran de gach seòrsa follaiseach agus tlachdmhor gu farsaing

Contact

Back to top