Culture strategy for Scotland consultation: Gaelic version

Consultation document on the development of a culture strategy for Scotland translated into Gaelic.


4. A' sgrùdadh buaidh na ro-innleachd

Bidh e cudromach gum bi sgrùdadh air mar a thèid le na miannan-adhartais, amasan agus gnìomhan a thèid an cuir a-mach san ro-innleachd. Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur an gnìomh Buidheann Tomhais Atharrachaidh, air am bi prìomh luchd-ùidhe bho thairis air na raointean uile, sgoilearan bhon Bhuidheann Acadaimigeach a chaidh a stèidheachadh airson comhairleachadh air leasachadh na ro-innleachd, prìomh oifigearan bho na buidhnean-ùidhe buntainneach (a tha air an riochdachadh air Lìonra Fianais Chultarach na h-Alba) agus luchd-rannsachaidh bho Riaghaltas na h-Alba. Bidh uallach aig a' Bhuidheann Tomhais Atharrachaidh airson dòigh-obrach iomchaidh a leasachadh a thaobh sgrùdadh agus measadh, a' gabhail a-steach na dùbhlain a th' ann a bhith a' feuchainn ri gnìomhan cultarach a mheasadh, a chaidh aithneachadh aig ìrean co-chomhairleachaidh na bu tràithe, mar an duilgheadas le bhith a' ceangal atharrachaidhean sa chomann-sòisealta nas fharsainge neo builean poileasaidh air ais ri gnìomhan sònraichte a chaidh a dhèanamh san fhad-ùine neo sa mheadhan-ùine. Thathar cuideachd ag iarraidh nach bi dòigh-obrach measaidh ro chuingealaichte ann, aig am biodh buaidh air neo-eisimileachd agus cruthalachd gnìomhachd cultarach sam bith.

Bidh am Buidheann a' rannsachadh iomadh modh agus feumalachd dàta airson measadh, gus co-obrachadh airson dòigh-obrach aithneachadh a fhreagras feumalachdan na diofar raointean agus buidhnean agus a bheir neo-eisimileachd cruthachail dhaibh. Bidh beachdachadh cuideachd ann air mar a dh'fhaodar modaileadh loidsig a chleachdadh airson sealltainn iomadh buil eadar-mheadhanach a bhios fon lèirsinn ro-innleachdail agus miannan-adhartais, a chuireas fòcas air atharrachadh san fhad-ùine seach buaidh a bhith ann sa mhionaid. Measaidh a' bhuidheann an dàta a tha ri fhaotainn an-dràsta, agus thèid beachdachadh a bheil feum air dàta ùr agus mar a thèid a chruinneachadh. Feumar beachdachadh air aon raon gu h-àraid – gu bheil feum air dàta càileachd san fhad-ùine.

Bidh an obair a' dol ris a' bhuil nàiseanta ùr airson cultar, agus bidh na taisbeanairean air am Frèam Coileanaidh Nàiseanta ùraichte. Bidh an obair air a dhèanamh le bhith a' co-obrachadh le com-pàirtichean cudromach bho air feadh na raoin, agus bheir e a-steach fianais bho iomadh dhiofar thùs.

Measaidhean Buaidh

Chaidh an ro-innleachd seo a sgrùdadh ro-làimh, leis an co-dhùnadh nach bi mòran buaidh air an àrainneachd agus chaidh am fiosrachadh seo a chuir a-steach dha na h-Ùghdarrasan Co-chomhairleachaidh mar phàirt den phròiseas reachdail airson Measadh Ro-innleachdail na h-Àrainneachd.

Chaidh earrainn de mheasaidhean cuideachd a dhèanamh a thaobh buaidhean a dh'fhaodadh a bhith aig an ro-innleachd air co-ionnanachd, còraichean agus sochairean chloinne, gnothachas (a' gabhail a-steach an treas raon) agus riaghladh. Tha an co-chomhairleachadh seo a' sireadh bheachdan air na h-earrainn de mheasaidhean seo agus a bheil iad air aithneachadh na raointean air fad far a dh'fhaodadh buaidh a bhith ann, agus a' sireadh bheachdan air atharrachaidhean neo rud sam bith a dh'fhaodadh a chuir ri na measaidhean deireannach.

'S e an rud as cudromaiche ionnsachadh bho na tha ag obrachadh airson an ro-innleachd a bhuileachadh agus nach bi am measadh air buaidh air a lùghdachadh gu targaidean agus taisbeanairean sìmplidh a-mhàin.

Contact

Back to top